Search

Prògram Choinnich

Date
Track ID 12271
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 14.10.1997

Summary

Information about Tomnahurich graveyard in Inverness.

A man who runs a business in gravestones speaks about Tomnahurich graveyard in Inverness. He discusses when the graveyard was first opened, how big it is, how easy it is to make your way around it, how it is divided up, and a little about how the inscriptions on gravestones are now mainly done by machinery, rather than by hand as it used to be.

Recording Location

County - Inverness-shire

Parish - Inverness and Bona

Village/Place - Inverness

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Inverness and Bona

Village/Place - Inverness

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha mise an-dràsta nam sheasamh air mullach cnuic. Cnoc ann am meadhan Inbhir Nis. An aon chnoc a th' ann am meadhan Inbhir Nis. Air gach taobh dhìom, chì mi baile Inbhir Nis, an cuan mu thuath, faiche Chaledonian mu dheas, an rathad air an ear, agus timcheall orm ann an seo, clachan-uaighe, na mìltean mòra dhiubh. Còmhla rium tha fear a tha gu math eòlach air a' chladh a tha seo, Iain Dòmhnallach, Jon Hearach. Cuin a chaidh an cladh a tha seo fhosgladh an toiseach?

Iain Dòmhnallach (ID): Chaidh an cladh fhosgladh ann an eighteen sixty-four.

CM: Agus dè cho mòr 's a tha e? Dè na tha de dhaoine an seo?

ID: Tha iad a' cumail a-mach gu bheil mu deich mìle fichead gu dà fhichead mìle duine air a thiodhlacadh ann a sheo.

CM: Mar sin dheth, cladh a tha uabhasach mòr. Gheibh thu suas gun an fhìor mhullach, mullach a' chnuic ann an seo, anns a' chàr, rud a dh'fheumainn a ràdh nach robh dad a dh'fhios agam. 'S iomadh duine a tha a' dol seachad air a seo, ach glè bheag a' tighinn ann. Dè cho furasta 's a tha e faighinn timcheall air?

ID: Och tha e furasta gu leòr. Gheibh thu suas an càr... mar a thuirt thu, gheibh an càr suas gun a' mhullach, agus tha e na... tha e furasta... furasta dhuinne clach a lorg ann, a chionn tha fios againn air... tha e ann an sections 's tha e air a litreachadh a-mach, 's tha e furasta gu leòr. Bha duine a' fònadh thugamsa sa mhadainn an-diugh ag iarraidh clach... bha agam ri coimhead oirre, agus chaidh agam air a lorg ann an dà mhionaid.

CM: 'S an dèidh sin, nuair a thig thu a-steach ann, do dhuine nach robh ann a-riamh, chuireadh e tuathal thu?

ID: Ò chuireadh, aidh. Tha e gu math doirbh dha duine nach eil eòlach air.

CM: Càit an do thòisichear a' tiodhlacadh daoine?

ID: Thòisich, air a' mhullach seo fhèin, agus tha iad a' cumail a-mach gur e nighean òg a' chiad tè a chaidh a thiodhlacadh ann a sheo. Agus 's ann an eighteen sixty-four a bha sin. Ach ghabh an council an uair sin thairis e ann an... tha mi a' smaoineachadh gur ann an nineteen o eight no nine a chaidh... ghabh an council thairis air an uair sin.

CM: 'S an robh e cho mòr ri seo an toiseach?

ID: Ò cha robh. Ach b' àbhaist... fon a' chnoc, b' àbhaist na [?tuaithean] a bhith ann, agus bha iad a' cumail a-mach gun robh racetracks aca ann, ann a shin.

CM: Tom na h-Iùbhraich. Sin an t-ainm a th' againn oirre, ach tha mi a' tuigsinn gu bheil ainm eile aig muinntir Inbhir Nis fhèin oirre seo?

ID: Uill, 's e Hill of the Fairies a th' acasan air ann a sheo, ach 's e... tha iad a' cumail a-mach, an t-ainm ceart, Tom na h-Iùbhraich, gur e Hill of the Yew Trees a th' ann.

CM: Agus nuair a tha sinn ag ràdh gur e cladh a th' ann, 's iongantach gu bheil mòran chladhan ann an àite, ann an suidheachadh a tha cho brèagha ris a seo?

ID: Uill, bha iad a' cumail a-mach, ann an nineteen twenty-nine, gur e an cladh a bu bhòidhche a bh' ann san t-saoghal. Bha e air a chumail a-mach an uair sin, ach chan eil e a' coimhead cho math a-nis 's a b' àbhaist dha a bhith idir.

CM: Tha barrachd... tha tòrr chraobhan ann, agus ann an dòigh, tha e rudeigin duilich a bhith a' faicinn timcheall ort a-nis. Tha na craobhan a' cur ris an àite, ach ann an dòigh eile, tha e ga dhèanamh nas duilich a bhith a' faicinn timcheall ort an seo, nach eil?

ID: B' àbhaist, nuair a thòisich mise ag obair ann a sheo, a' tighinn a-mach 's a-steach ag obair ann a sheo, gum biodh... gum faiceadh tu a h-uile sgath dhen a' bhaile, ach mar a tha thu a' ràdh, tha na craobhan air fàs. Chan eil thu a' faicinn an t-àite idir a-nise. Tha e a' dùnadh ort.

CM: Ciamar a tha an cladh air a roinn a-mach?

ID: Uill tha trì sections aca gu h-ìseal dheth, agus tha trì geataichean ann cuideachd. Tha geata airson na Catholics, agus tha na main gates ann, agus geata na h-Iùdhaich.

CM: A bheil mòran Iùdhaich ann an seo?

ID: Cha chreid mi gu bheil. Ach tha fear no dhà... fear no dhà air a thiodhlacadh ann, ceart gu leòr.

CM: Nuair a thèid sinn timcheall ann an seo an-dràsta, nuair a bha sinn a' tighinn ann an seo an-dràsta, bha thusa ag ràdh, 'Ò tha mi ag aithneachadh cò chuir suas sin, cò chuir suas a' chlach sin, cò sgrìobhadh a tha sin.' Dè cho furasta 's a tha sin?

ID: Uill, air na clachan, an fheadhainn a bha mise eòlach air a' gearradh litrichean air a thòisich mise aig mo chiùird, tha a h-uile duine agus an stoidhle fhèin aca, agus faithnichidh mise cò rinn e 's ciamar a chaidh a ghearradh. Ach mar a tha e an-diugh a-nise, 's e machinery a tha a' dèanamh a h-uile càil. Chan eil e cho furasta faithneachadh cò tha a' dèanamh rudan.

CM: Dè a-rèiste cho fada bhuaithe bho sguir daoine ga dhèanamh le obair-làimhe?

ID: Ò uill, tha sinn fhathast ga dhèanamh, ach 's e glè bheag ga dhèanamh an-diugh. Tha mi cinnteach gu bheil... gun do thòisich na machineries a' tighinn a-staigh ann mu... tha deich bliadhna, dusan bliadhna ann.

CM: Agus nuair a choimheadas sinn timcheall air feadhainn dhe na clachan againn ann an seo, tha an sgrìobhadh gu math follaiseach. Chì thu e, ged a tha na clachan fhèin a-nise ceud gu leth bliadhna a dh'aois. Feadhainn eile, agus chan eil an sgrìobhadh cho math idir. A bheil e a rèir a' chlach? A bheil e a rèir an sgrìobhadh?

ID: Uill tha e a rèir a' chlach agus dè seòrsa clach a th' ann. An fheadhainn a tha furasta a leughadh, 's e na clachan... 's e granite a th' aca, agus mairidh a' chlach sin, ach gum feum a glanadh suas an-dràsta 's a-rithist. Ach airson sandstone, tha i cho bog, 's tha i a' cnàmh. Chan eil i cho math idir.

CM: Chan e seo an aon chladh a th' ann an Inbhir Nis, ge-tà, an e?

ID: Ò chan e. Tha... uill tha an cladh ùr aca, Kilvean. Chan eil ach mu dusan bliadhna o dh'fhosgail an fhear sin. Agus tha a-nise, seann chladh am meadhan a' bhaile. Tha Chapel Street ann, agus tha fear eile ann, air cùlaibh an telephone exchange, agus tha an exchange air a thogail mun cuairt air.

CM: A bheil daoine gan tiodhlacadh anns a' chladh seo fhathast?

ID: Ò tha. Ò tha, 's bidh airson bliadhnaichean ri tighinn fhathast. Ach chan eil... tha an t-àite làn. Tha... mar a tha iad a' ràdh an sin, chan eil àite sam bith aca as urrainn dhaibh a reic, airson àite ùr, ach bidh daoine gan tiodhlacadh ann a sheo airson ceudan bliadhna fhathast.

CM: A bheil duilgheadasan sònraichte aca anns a' chladh a tha seo? Can an-dràsta, an taca ri cladhan eile. Mar eisimpleir, tha mi a' smaoineachadh air... nuair a choimheadas sinn sìos ann an siud, tha e ri taobh faiche Chaledonian, uisge gu math àrd, rudan mar sin. Chan eil rian nach eil sin ga dhèanamh rudeigin duilich?

ID: Ò tha an taobh sin dhen... fon a' chanàl, tha e gu math duilich nuair a tha iad a' cladhach uaigh ann. Tha an t-uisge a' tighinn a-staigh orra. Ach bidh iad ag obair air, ga phumpadh air falbh 's a' cumail an àite gun... an t-àite clìor, gun an tig... gun am bi an tiodhlacadh seachad.

CM: Cladh Tom na h-Iùbhraich, ma-thà. Cnoc Tom na h-Iùbhraich ann an seo. Bho far a bheil sinne ann an seo, chì sinn baile Inbhir Nis. Tha e air a bhith a' dol ceud gu leth bliadhna. Bidh daoine gan tiodhlacadh ann airson ùine mhòr romhainn. Tapadh leatsa gu dearbha airson beagan innse dhomh mu dheidhinn ann an seo an-diugh.

ID: Tapadh leibh fhèin.

CM: Iain Dòmhnallach, Jon Hearach, ann an siud.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good