Search

Smeòrach a' comhairleachadh do dhuine uisge-beatha òl.

Date
Track ID 1344
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.127.1

Original Tape ID

SA1952.127.128

Summary

Thrush advising a man to drink whisky instead of going fishing.

A man going fishing interpreted a thrush's song as advice not to go or he would be drowned, and to drink up his half-bottle instead. This he did, and went home.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: ...bodach 's bha e a' falbh a dh'iasgach. 'S e sin dreuchd a bh' aige daonnan, a bhith ag obair air an iasg. Ach bha e latha a bha seo a' falbh agus dè bh' aige ach leth-botal uisge-bheatha na phòcaid agus e ann an sunnd mhath sa mhadainn a' falbh. Chuala e smeòrach a' cur dhith agus i ag ràdh:

"Thèid thu Wick, thèid thu Wick, thèid thu Wick."

"Tà, thèid, a ghalad," thuirt e.

Smaoinich e. Thuirt i:

"Till dachaigh, till dachaigh, till dachaigh," thuirt i.

"Huh! 's mi nach till."

"Thèid do bhàthadh, thèid do bhàthadh, thèid do bhàthadh."

"Saoil thusa an tèid?" thuirt e. "Ach co-dhiù, eadar dà cheist agus a h-uile rud a th' ann, gabhaidh sinn steall às a' bhotal," thuirt e.

Chuir e am botal ri cheann.

"Dìdeag eile fhathast, dìdeag eile fhathast," thuirt i.

Ghabh e siud agus smaoinich e. Chuir an smeòrach dheth a-rithist agus thuirt i:

"Sguab às e, sguab às e, sguab às e."

'S dh'òl e na bha sa bhotal, agus an uair seo 's ann a bha an duine a' gabhail òran ris fhèin, agus is mairg nach gabh comhairle, agus thill e dhachaigh agus cha deach e thun an iasgaich idir, le obair na smeòraich.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good