Search

Fear a phòs maighdeann-mhara.

Date
Track ID 1345
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.127.2

Original Tape ID

SA1952.127.128

Summary

A man who married a mermaid.

A man at Kessock near Inverness found a mermaid asleep and hid her skin. They married and had a son. Her son later found the skin and gave it back to her. She went back to the sea, but promised there would always be fish in plenty at Kessock.

Item Notes

The contributor uses both 'cochall' and 'slige' for the skin of the mermaid.

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - Inverness and Bona

Village/Place - Kessock

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Tha àite teann air Inbhir Nis ris an abair iad anns a' Bheurla, Kessock Ferry. Mar a theireadh sibh, Aiseag Cheasaig. Agus bha duine a' gabhail a cheum sìos air a' chladach, agus chunnaic e coltas boireannach na cadal. Agus fhuair e grèim oirre, agus gu dè a bh' ann ach a' mhaighdeann-mhara. Agus thug e dhith an cochall, agus dar a bheir iad dhith an cochall, mar a tha a' chùis air innse, chan eil i nas fheàrr na neach eile sa mhuir. 'S thug e dhachaigh i agus phòs iad, agus chuir e an cochall fad... falach ann an àite dìomhaireach ann am bothan, a-mach. Agus bha i daonnan ag iarraidh a' chochaill, agus an cochall cha robh e a' toirt dì. Nam faigheadh i an cochall dhèanadh i air a' mhuir air ais, agus math a bha fios aige air sin.

Ach dh'fhàs an gille aice an-àirde, na chnapach mòr làidir, agus air dha a bhith a-mach mun bhothan, gu dè thàinig e air an rathad ach gun d' fhuair e an t-slige. Agus thug e an t-slige a bha seo a-staigh, 's dar a thug e an t-slige a-staigh dh'aithnich ise dè a bh' ann agus chuir i oirre an t-slige a bha seo, agus rinn i air a' mhuir. "Agus mar a bha mi daonnan ag ràitinn, nam faighinn an cochall cha bhiodh an t-àite a tha seo gun iasg, ged a bhiodh e gann an àiteachan eile, 's duine sam bith a rachadh a dh'iasgach ann, gheibh e iasg uair sam bith ann." Agus i a' faotainn a' chochaill, tharraing i agus thuirt i:

"Cumaidh mi ri mo bhriathran."

Agus gus an latha an-diugh, aig Kessock Ferry, gheibh thu am pailteas de dh'iasg ann ged a bhiodh e gann an àiteachan eile. Agus cha d' fhuair an duine forfhais riamh oirre, ach dar a thàinig e dhachaigh bho obair thuig e mar a bha a' chùis. Chaidh e a choimhead agus fhuair e an t-slige... an t-àite falamh, agus mar sin tha an naidheachd a' dol. Gheibh thu an t-iasg an siud dar nach eil e an àite eile.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good