Search

Rìgh Lochlainn ag iarraidh air an nighean aige Coille Alba a...

Date
Track ID 1349
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.127.6

Original Tape ID

SA1952.127.128

Summary

The King of Norway's Daughter sent to burn the Caledonian Forest.

The King of Norway envied the Caledonian forest because he couldn't sell his own timber and so he sent his witch daughter to burn it. However, before it was burnt completely, someone with more powerful magic got her down out of the air, and she herself was burnt for witchcraft.

Item Subject/Person

Nighean Righ Lochlainn

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Dar a bha an t-àite seo fo choille glè mhòr - bha sin dar a bha na Ròmanaich ann agus fada an dèidh dhaibh a bhith ann - mar a their iad rithe gus an latha an-diugh, an Caledonian Wood, 's tha corra chraobh dhith ri fhaicinn gus an latha an-diugh.

Agus mar sin, bha gamhlas glè mhòr aig Rìgh Lochlainn ris an dùthaich seo, a' choille bhrèagha a bh' ann, agus nach robh e a' faotainn margadh dhan choille aige fhèin. Agus gus an latha an-diugh tha mòran coille thall ann an Lochlann, ann an Norway agus ann an Sweden, agus tha iad ga creic agus a' dèanamh feum dhith. Agus mo thruaighe, tha a' choille againne air a losgadh 's air a lomadh gu talamh.

Ach chuir e an nighean aige, mar a tha a' chùis ag innse dhuinn, a dh'ionnsachadh na sgoil-dhubh, agus dh'fhalbh i anns an adhar agus i a' leigeil teine thall 's a-bhos feadh na coille gus an deach a' choille na teine.

Agus ghabh i feadh na dùthcha, agus bha ceann na coille shuas aig Cinn a' Ghiùthsaich agus their iad gus an latha an-diugh Ceann Giùthasaich ris.

Agus dh'fhalbh i an uair sin agus ràn uabhasach agus... ach bha neach ann a fhuair buaidh air... air an sgoil-dhubh a bh' aice, a thug a-nuas gu talamh i agus 's e an rànaich agus a' ghlaodhaich a bh' oirre, chuir e crith agus oillt air na daoine aig Loch Bhraoin thall, agus fhuair iad grèim oirre, agus mar sin, chaidh a cur a dhìth - chaidh a losgadh airson a bhith na bana-bhuidseach an dèidh dhi fhèin a' choille a chur na teine.

Nach e sin i?

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good