Prògram Choinnich
Contributors
Interviewers
Date
Track ID
15541
Part 1
Track Information
Original Tape ID
Summary
Margaret Smith reports on a tornado in Florida.
Recording Location
County - Ross and Cromarty
Island - Lewis
Parish - Stornoway
Village/Place - Stornoway
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Coinneach MacÌomhair (CM): Tha stoirm an dèidh 's call mhòr a dhèanamh ann am meadhan Florida. Chaidh blaighean a dhèanamh de dhachaighean ann am pàircean eadar Tampa air an taobh an iar agus Daytona air an taobh an ear. Sguaib a' ghèile gach nì a bha na slighe, agus 's ann a-nise a tha iad a' cunntadh a' chosgais mu choinneamh na thachair. Tha Barbara Nic a' Ghobhainn a' fuireach beagan deas air far an robh a' chall. Tha i air an loidhne an-dràsta. Uill, dè man a tha an t-sìde agaibh a-nise, a Bharbara?
Mairead Nic a' Ghobhainn (Mn): Ò, tha an t-sìde againn gu math.
CM: Tha sibh gu math eòlach air an àite far an robh iad?
MN: Tha sinn air a bhith ann iomadach uair, bhon tha e faisg air Orlando, far a bheil Disney World, 's tha sinn air a bhith ann... ann a shin iomadach uair.
CM: Dè cho mòr agus a tha an call?
MN: Uill, chan eil fhios aca fhathast dè cho mòr 's a tha an call, ach tha tòrr call ann, agus eadhon aon dhe na h-àiteachan beaga, county... Seminole County an t-ainm a th' air, tha iad a' beachdachadh gu bheil còrr air trì gu leth millean call anns an àite sin na aonar, agus chan eil sin ach àite beag. Agus chan eil sin a-nise ach beachd a th' aca. Chan eil fhios aca ceart gu dè... dè an call a th' air a dhèanamh.
CM: Nise, na h-àitichean a tha seo, na h-àitichean as motha a chaidh am bualadh, 's e pàircean, mar a thuirt mi, le dachaighean. 'S e dachaighean a th' ann far am bi daoine a' fuireach air làithean-saora 's mar sin, nach e, a' chuid as motha aca?
MN: 'S e, a' chuid as motha aca, ach tha feadhainn a' fuireach anns na pàircean sin, tha iad a' fuireach ann, 's e an dachaigh a th' aca fad na bliadhna, ach a' chuid as motha dhe na pàircean, 's e daoine a tha a' fuireach ann anns a' gheamhradh. Tha iad a' tighinn a-nuas an sin bho àiteachan far a bheil geamhradh fuar 's tha iad a' tighinn... 's mathaid dhà no thrì mhìosan, agus fuirichidh iad an sin dha no thrì mhìosan far a bheil e nas blàithe, agus thèid iad air ais nuair a tha an t-sìde a' fàs nas fheàrr gu 'n t-àite às an tàinig iad. Tha a' chuid as motha dhe na pàircean, 's e daoine a tha bho àiteachan eile, 's a th' air... feadhainn a th' air cuairt a th' ann.
CM: 'S a bheil iad eòlach air an seòrsa gèile, an seòrsa tornado man a bh' aca air, a bha seo?
MN: Chan eil man as trice. Chan eil na tornados, chan eil iad aca. Àiteachan às a bheil iad a' tighinn man Canada, chan eil tornados ann dhen t-seòrsa sin. 'S e bhios... 's e bhios ann gèiltean man a bhios agaibh fhèin, ach eadhon cha bhi mòran gèiltean ann. 'S e th' ann fuachd, ach chan eil iad eòlach air tornados. Eadhon ged a bhiodh tu eòlach air tornados, chan eil tìde agad càil a dhèanamh nuair a thig tornado. Chan eil iad mar hurricane. Tha thu a' faighinn fios mus tig a' hurricane. Tha fhios agad uaireachan a thìde 's tha fios agad a' chùrsa a tha e a' dol a ghabhail. Ach chan eil fhios agad le cinnt dè a' chùrsa a tha na tornados sin a' dol a ghabhail, no cà 'il iad a' dol a... gu bheil e a' dol bhualadh talamh no càit a bheil e a' dol a bhualadh talamh.
CM: 'S e rud a tha annasach mu dheidhinn cuideachd, chan eil sibhse na tha sin fada deas air far an do thachair e, agus an dèidh sin, cha do dh'fhairich sibh fiù 's càil.
MN: Cha do dh'fhairich sinne càil. Cha robh càil an seo ach beagan gaoth. Fhios a'd, 's mathaid an-àirde gu dà fhichead mìle san uair. Chan eil sin càil. Ach cha robh sin ach dìreach goirid... cha do dh'fhairich sinne càil. Cha robh dealanaich no am bùrn a bha na chois no càil dhen a sin againn. Ach 's e a rinn... bha e duilich dhaibh cuideachd tron... air an oidhche agus cha b' urrainn dhaibh faicinn. Fhios a'd, le tornados, 's mathaid... chì thu iad a' tighinn, ach cha bhi fhios aca a-nis le cinnt cà 'il iad a' dol... cà 'il iad a' dol a thighinn a-nuas. Cha bhi iad ag iadhadh ach... chan eil iad leathann, a bheil fhios a'd. 'S e th' ann gaoth a tha a' dol timcheall 's timcheall 's tha e a' dol nas luaithe 's nas luaithe, agus far am buail e an talamh tha e a' deocadh rud sam bith a thig na... a bhios anns an rathad. Taighean no carbaidean no craobhan. Ach 's e far am buail e, agus chan eil fhios aca le cinnt cà 'il e a' dol a bhualadh. 'S e an aon àite sàbhailte, tha iad ag ràdh, rùm ann am meadhan taigh, fhios a'd, man bathroom no rùm dhen t-seòrsa sin, bhon tha e man as trice a' deocadh taobh a-muigh far am buail e. Ma bhuaileas e carabhan no taigh, 's e na... 's e an taobh a-muigh a tha a' dol an toiseach. Mullach an taighe 's is mathaid a' chòrr dhen taigh. Tha e a' togail furniture 's rudan dhen t-seòrsa sin a-mach. Agus 's e... tha iad ag ràdh, an rùm as sàbhailte a bhith ann, 's e rùm... ma tha rùm ann am meadhan an taigh.
CM: Tha sinn eòlach air a bhith a' cluinntinn mu dheidhinn na tornados agus gèiltean mhòra timcheall air a' Charibbean ann an sin, ach chan eil sinn cho eòlach a bhith gan cluinntinn... a' cluinntinn mun deidhinn ann am Florida. A bheil iad ann tric?
MN: Uill, tha iad ann... tha iad ann am Florida bho àm gu àm. Cha chanainn tric, tric mar sin, ach tha iad ann bho àm gu àm.
CM: Dè tha a' dol a thachairt a-nise, a-rèiste, cho fad agus as aithne dhaibh, dha na daoine a chaill an dachaighean, dha na h-àitichean a tha sin?
MN: Uill, aig an àm sa, tha iad an dèidh àiteachan fasgaidh a dhèanamh dha na daoine a chaill na dachaighean, agus tha iad a' feuchainn ri dèanamh a-mach dè tha iad a' dol a dhèanamh. Bidh... tha mi cinnteach às gum bi e na... ris an canadh iad disaster area, 's gheibh iad an uair sin, thig... bidh iad a' faighinn airgead bhon a' ghovernment, ach man... chan eil fhios a'm, àiteachan dhen t-seòrsa sin, mana b' urrainn dhaibh insurance fhaighinn no... air na h-àiteachan, tha iad... cha bhi càil aca air fhàgail. Agus tha feadhainn dhe na h-àiteachan, chì thu... chan fhaic thu càil ach bonn far an robh iad. Agus ann am feadhainn dhe na taighean, ged as e ballaichean cement a bh' annta, tha pàirt dhiubh an-àirde, ach chan eil mullach 's chan eil partitions no càil air fhàgail. Agus 's e àiteachan fasgaidh an aon rud a th' aca an-dràsta, agus tha tòrr... tha tòrr de dhaoine a' cuideachadh cuideachd. Tha iad a' toirt donations agus tha an Red Cross agus gnothaichean dhen t-seòrsa sin, tha iad... tha iad a' cuideachadh daoine, agus feadhainn dhe na stòir, tha iad a' toir dhaibh tòrr biadh 's rudan dhen t-seòrsa sin.
CM: 'S a bheil cunnart ann gun can daoine riutha fhèin, 'Uill, chan eil sinn a' dol air làithean-saora tuilleadh a Florida. Àite cunnartach a th' ann.'?
MN: Uill, cha chreid mi gu bheil, bhon tha seo a' tachairt bho àm gu àm. Chan e rud annasach a th' ann a bhith a' tachairt. Ach 's e rud annasach a th' ann stoirm cho làidir ri seo, bhon 's e seo... 's e seo stoirm as làidire a th' air a bhith... tornado a th' air a bhith ann am Florida, bho thòisich iad a' cumail cunntas ann an nineteen fifty-eight. Airson sin nuair a thòisich an National Weather Service a' cumail cunntas, agus 's e seo stoirm as làidire a bhuail Florida bho thòisich iad a' cumail cunntas. Agus tha eadhon barrachd air am marbhadh... tha ochd air fhichead, an cunntas mu dheireadh a bh' aca, marbh, agus tha trì duine deug gun cunntas, agus tha dà cheud gu leth air an goirteachadh, agus tha feadhainn eile nach eil... chan eil fhios aca ceart cò mheud duine a bha a' fuireach anns na h-àiteachan sin. Ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil e... gu bheil e a' dol a chumail daoine gun... gun... gun a bhith a' tighinn agus gun an aon rud a dhèanamh a-rithist. Tha e dìreach mì-fhortanach, fhios a'd, far am buail e, gu bheil an call sa air a dhèanamh. Ach chan eil fhios agad, ged a thigeadh tornado a-rithist, cà 'il e a' dol a bhualadh, cà 'il e a' dol a thighinn, agus ged a tha fhios agad far an do bhuail am fear sa, chan eil fhios agad an ann... chan ann an sin a bhios an ath fhear.
CM: Uill, a Bharbara, tapadh leatsa gu dearbha airson beagan innse dhuinn, agus dealbh a thoirt dhuinn air an t-suidheachadh thall ann an sin ann am Florida an-dràsta. Tapadh leatsa gu dearbha. Barbara Nic a' Ghobhainn ann an sin air an loidhne à Florida.

Source Type
Dat
Audio Quality
Good