Prògram Choinnich
Contributors
Interviewers
Date
Track ID
15672
Part 1
Track Information
Original Tape ID
Summary
Tunes played on the melodeon.
Donald Campbell plays two tunes on the melodeon and talks about the melodeon he is playing.
Recording Location
County - Inverness-shire
Island - Barra
Parish - Barra
Village/Place - Castlebay
Item Location
County - Inverness-shire
Island - Vatersay
Parish - Barra
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Coinneach MacÌomhair (CM): Ceòl eile a tha sinn a' dol a dh'fhaighinn an-dràsta. Ceòl a' bhogsa. Agus còmhla rinn a' dol a thoirt dhuinn eisimpleir dhen dòigh san còir do bhucas beag nam putanan a bhith air a chluich, tha Dòmhnall Caimbeul. Ciamar a tha thu, a Dhòmhnaill?
Dòmhnall Caimbeul (DC): Tha glè mhath, a Choinnich.
CM: A bheil thu a' dol a thoirt dhuinn port, ma-thà?
DC: Och, uill, nach fhaod mi feuchainn air fear co-dhiù.
CM: Siud agad e, a-nise. Cuin a thòisich thu fhèin a' cluich a' bhucais bhig?
DC: Och, tha greis on uair sin. Uill, a' chiad fhear a bh' agamsa, 's e fear dhe na Double Ray Black Dots a bha siud.
CM: Seadh.
DC: 'S e. Tha am fear sa, tha mi a' creidsinn gu bheil e còrr 's fichead bliadhna co-dhiù.
CM: Seadh. Agus am bi thu... am bi thu ga chluich aig dannsan no cèilidhean no càil mar sin?
DC: Och, bidh uaireannan, bidh. An toiseach bhithinn a' cluich gu math tric, a h-uile seachdain cha mhòr.
CM: Ach cha bhi a h-uile duine... cha bhi a h-uile duine a' cleachdadh an seòrsa bucas a th' agadsa an-diugh. 'S e am piano a th' aca, nach e.
DC: Cha bhi. Uill, tha gu leòr... tha fear dhe na gillean againn fhìn, 's e am piàno a th' aige, 's am fear eile 's e bogsa nam putan a th' aige fhèin, ach 's e fear dhen fheadhainn còig sreathan.
CM: Chan eil...
DC: Chan eil fhios a'm dè chanas tu ris.
CM: Ah, chan eil... chan eil... chan eil am beat air fear nam putan, man a th' agad fhèin ann an sin.
DC: Chan eil, chan eil. 'S e as fheàrr leam fhìn co-dhiù.
CM: Ò, 's e as fheàrr leam fhìn cuideachd, agus bha mi a' feuchainn oidhirp air toiseach... toiseach na bliadhna. Cò aige tha fhios nach fheuch sinn oidhirp air an fhear agadsa mus bi an latha an-diugh seachad. 'S dòcha...
DC: Sibhse a dh'fhaodas sin.
CM: Dè mu dheidhinn port beag eile a thoirt dhuinn an-dràsta? Tha fear le fidheall ri do thaobh ann an sin, Niall MacFhionghain. Tha esan a' dol a thoirt dhuinn port e fhèin a-rithist, ach dè mu dheidhinn port an-dràsta air a' bhucas.

Source Type
Dat
Audio Quality
Good