Search

Prògram Choinnich

Date
Track ID 16212
Part 1

Track Information

Summary

Information about the dangers associated with carbon monoxide.

Information is given about the dangers associated with carbon monoxide and a doctor describes some of the symptoms experienced by people who are suffering from carbon monoxide poisoning.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Parish - Stornoway

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Màiri Anna NicDhòmhnaill (MA): Nise, fhuair am prògram telebhisein Coronation Street a moladh gu mòr an t-seachdain sa nuair a thug iad gu aire sluagh na dùthcha na cunnartan a th' anns a' ghas puinnseanta carbon monoxide. Gas, tha e coltach, às nach eil fàileadh no càil, mar a tha mise ga thuigsinn, agus a dh'fhaodadh duine fhàgail gu math, gu math meadhanach aig a' char as lugha ma tha e a' tighinn à uidheam am broinn an taighe gun fhiosta dhaibh. Gus barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn, cò às a tha e a' tighinn, dè as urrainn dhuinn fhèin a dhèanamh mu dheidhinn, agus airson na taighean a dhèanamh dìonach 's sinn fhèin a chumail sàbhailte, agus dè a' bhuaidh a th' aige air a' bhodhaig, tha dithis gu bhith còmhla rium an-diugh. Oifigear Dìon Cheannachd o Chomhairle nan Eilean, Marina NicSuain, agus cuideachd air a' fòn tha an Dotair Ruairidh MacLeòid à Baile a' Chaolais. Madainn mhath dhuibh le chèile.

Marina NicSuain (MNS): Madainn mhath.

MA: Ma dh'fhaodas mise tionndadh gu Marina an toiseach, a chionn 's chan eil cus eòlas agam fhìn air a' charbon monoxide a tha seo. An ann dìreach à teineachan gas agus a leithid sin a tha e a' tighinn?

MNS: Chan ann. Faodaidh... tha e ag èirigh uair sam bith a tha càil sam bith air a losgadh, ach gu h-àraidh rudan man gual, gas no ola, agus mana h-eil an t-inneal-teasachadh ag obair ceart, 's mathaid gu bheil e a' ciallachadh gu bheil carbon monoxide a' tighinn a-mach às.

MA: Mar sin, bha mise a' smaointinn gun robh mo thaigh fhèin agus 's dòcha taighean dhaoine eile as aithne dhomh sàbhailte gu leòr o nach robh gas againn, ach fiù 's stòbh, ged a bhiodh tu a' losgadh gual...

MNS: Fiù 's stòbh le gual no ola, man a tha a' chuid as motha dhe na daoine anns na h-Eileanan an Iar.

MA: Agus dè mu dheidhinn, can, an t-àite-teine, an t-àite-teine fosgailte, an grèata, mar gum b' eadh, a bheil sin...

MNS: Chan eil sin buileach cho dona, ach mana h-eil ventilation gu leòr anns an rùm, 's mathaid gum bi trioblaid ann.

MA: Agus a bheil mi ceart nach eil dòigh air aithneachadh, nach eil... nach eil fàileadh no nì ann?

MNS: Tha, tha sibh ceart. 'S e gas a th' ann an carbon monoxide, agus chan eil fàileadh dheth, chan eil dath air, agus chan eil blas air, agus le sin tha e gu math duilich faithneachadh a bheil e anns an àite.

MA: Agus bha sibh ag ràdh nam biodh ventilation gu leòr ann, a bheil sin a' ciallachadh, can, dampairean an stòbh? No a bheil sin a' ciallachadh, cùm uinneag fosgailte?

MNS: Bìdeag uinneag fosgailte, no na vents a tha bhon an taigh, no rudeigin mar sin. Ach air sgàth an seòrsa rud a th' ann, airson... air sgàth gur e gas a th' ann, 's man a thuirt mi, nach eil... nach eil blas no càil dheth, 's e the silent killer a th' aca air, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' marbhadh faisg air leth-cheud duine anns a' bhliadhna.

MA: Agus dè... dè... an urrainn do dhaoine, can, a dhol thugaibh fhèin aig a' Chomhairle a dh'iarraidh... a dh'fhaighneachd dè nì mi? Can, cuideigin a tha ag ràdh, a-nis, tha stòbh gas agam anns a' chidsin, no tha Rayburn agam anns a' chidsin, ach tha teine gas agam a' blàthachadh fear dhe na rumannan eile, fear dhe na teineachan gas a tha siud as urrainn dhut putadh timcheall, dè a' chomhairle a bheireadh tu dhaibh?

MNS: Tha mi a' smaoineachadh, anns a' chiad àite, ma tha iad a' smaoineachadh gu bheil càil ceàrr, dèanamh cinnteach gu bheil... gu bheil ventilation gu leòr aca, gu bheil na h-uinneagan fosgailte, na vents fosgailte 's rudan mar sin. Ach ma tha feagal orra gu bheil càil ceàrr, cuir... sguir a chleachdadh an t-inneal-teasachaidh anns a' bhad agus cuir fios air cuideigin aig a bheil fios mu dheidhinn, can, man plumber no an gas board no cuideigin mar sin airson a thighinn a shealltainn ris 's dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile càil all right, airson chan eil dòigh ann faigheil a-mach a bheil carbon monoxide anns an èadhar mana h-eil monitor ann, mana h-eil monitor agaibh.

MA: Dè a-nis am monitor? An e sin rud a dh'fhaodas tu a cheannach?

MNS: 'S e. Tha iad gu math furasta an ceannachd. Tha a' chuid as motha dhe bùithtean, tha iad aca, 's tha iad gu math saor an ceannachd, ach ma tha dùil aig daoine ceannachd rudeigin mar sin, chanainn riutha dèanamh cinnteach gu bheil British Standard air, fhios a'd, airson sàbhailteachd. 'S e sin British Standard seven eight six O. Sin an fhear as fheàrr a th' ann airson an fheadhainn sin. Ach ma tha duine a' dol a cheannachd monitor, chanainn riutha gun cur earbsa aig... cus earbsa air a' mhonitor, airson ma tha iad a' smaoineachadh gu bheil rudeigin ceàrr iad fhèin, dìreach dèan na rudan a thuirt mi mar-thà. Cuir dheth an t-inneal 's fosgail na h-uinneagan 's rudan mar sin.

MA: Ma dh'fhaodas mi tionndadh gu Ruairidh, agus ciamar a tha iadsan... ciamar a tha dotair a' faithneachadh gur e... gur e seo a' bhochdainn a tha roimhe. Ruairidh, nuair a thig sibhse a ghairm 's dòcha gu taigh agus cuideigin meadhanach, ciamar a thuigeas sibh fhèin gur e seo a bha ceàrr?

An Dotair Ruairidh MacLeòid (RM): Uill, ann an dòigh, tha thu dìreach a' dol air na tha thu a' coimhead, na tha romhad nuair a ruigeas tu, agus amharas a bhith agad a bharrachd. Ach 's e rud a th' ann a tha cumanta agus a tha cunnartach dha-rìribh, agus ann an cuid de shuidheachadh, tha sinn ga fhaicinn ro thric, 's dòcha, far a bheil daoine a' gabhail am beatha fhèin. A-nise, tha sin air an aon làmh. Air an làmh eile, gun teagamh, daoine a tha a' fuireach ann an dachaigh no ann an carabhan no a leithid sin far a bheil 's dòcha ventilation nach eil math gu leòr, agus far a bheil inneal-teasachadh, mar a thuirt sibh, tha cunnart ann gu bheil carbon monoxide mun cuairt, agus 's e an cunnart a bharrachd nach eil àileadh dheth 's chan eil mar sin dòigh agad air dèanamh a-mach gu bheil e mun cuairt ort, 's dòcha mura h-eil duine ga do choimhead no mura tachair duine a dhol a-steach aig an àm 's tu fhathast beò. Tha e cho cunnartach sin.

MA: Sin a bha mi dìreach a' dol a ràdh. Do dhuine a bhiodh a-staigh leis fhèin, can, dìreach a' suidhe, 's dòcha fiù 's ann an carabhan mar a thuirt sibh, ri taobh teine gas air latha geamhraidh 's e ag iarraidh a bhith blàth, an aithnicheadh e fhèin càil, leithid fàs cadalach no ceann goirt no rud sam bith?

RM: Uill, chan aithnicheadh, a chionn tha e dìreach mar gum biodh tu a' dol fo cha mhòr gas no anaesthetic. Tha thu anns a' chiad dol-a-mach 's dòcha a' faireachdainn caran neònach, ach chan eil comas agad air... air cùisean a chur air dòigh thu fhèin, a chionn tha thu dìreach mar duine a bhiodh inntinn air a dhol troimhe-a-chèile, tha thu mar cha mhòr duine air am biodh deagh smùid, agus gu math luath a bharrachd tha thu a' dol fann agus tha thu a' dol 's dòcha ann an coma.

MA: A-nise...

RM: [?Math dh'fhaodte] a-rithist gun toir e gu bàs e gu math, gu math luath cuideachd.

MA: Ach nan tigeadh duine eile a-staigh, mar a bha sibh ag ràdh, 's mhothaicheadh iad, tha rudeigin fada ceàrr an seo 's chuireadh iad fios air an dotair, a bheil ìre ann aig an gabh daoine a shàbhaladh mus bheil e air a dhol ro fhada?

RM: Ò, tha gu dearbh, agus mar as luaithe 's ann as fheàrr, ach a' chiad rud 's e dìreach a h-uile uinneag 's doras 's eile fhosgladh, agus èadhar a leigeil a-steach, agus an t-inneal-teasachaidh no inneal-còcaireachd a tha air, a chur dheth. Agus a bharrachd air a sin, dìreach cobhair iarraidh cho luath 's a ghabhas. Gu tric 's dòcha gu bheil an creutair a th' ann cho bochd agus gun tig orra dìreach a chur anns a' bhad dhan ospadal an dèidh resuscitation, agus resuscitation a bharrachd a chur air dòigh anns an ospadal fhèin.

MA: Agus an e rud a tha seo a gheibheadh duine seachad air, can, ogsaidean a thoirt dhaibh no rudeigin a thoirt dhaibh san ospadal ann an oidhche? No an e rud fada a th' ann?

RM: Ò, tha ioma rud na chois, a chionn tha e... tha e a' bualadh air an eanchainn, tha e a' bualadh air a' chridhe cuideachd, agus mar sin dh'fheumadh tu nam bitheadh tu air a dhol a dh'ospadal, dh'fheumadh tu frithealadh gu math mionaideach fhaighinn. Dh'fheumadh tu dhol air leithid monitor, dh'fheumadh tu oxygen cho àrd 's as urrainn a thoir dhut, leithid hundred percent oxygen, dh'fheumadh tu 's dòcha drip a chur an-àirde a bharrachd le chemicals innte a chuireadh cùisean na b' fheàrr 's a stèidheachadh cùisean, agus air a' cheann thall far a bheil cùisean gu math dona 's ma tha e... ma tha dòigh air, bidh cuid ri dhol tro hyperbaric oxygen, agus mar sin tha... tha sin a' dèanamh sàbhaladh gun teagamh. Ach tha e na bhochdainn 's na dhòrainn na h-uiread de chreutairean a tha a' fulang agus a tha a' faighinn bàs air sgàth carbon monoxide.

MA: Agus fiù 's na daoine, can, a thig timcheall on a' choma no a tha a' faighinn seachad air, an e rud a tha seo a dh'fhaodadh dìreach fiù 's airson aon teine gas nach robh ag obair ceart a bhiodh buaidh aig do bheatha gu lèir?

RM: Uill, dh'fhaodadh. Tha cuid dhiubh gu dearbh 's tha iad 's dòcha às dèidh a leithid seo a tha iad a' fulang, agus 's ann a tha iad car coltach ri creutair air am biodh... air am bualadh stroke no a leithid sin, a chionn tha buaidh aige air an inntinn agus air comas agus air, gu dearbh, personality às dèidh a leithid seo tachairt. Tha e a' toirt buaidh air a h-uile càil dhen a sin, agus mar a thuirt mi, tha e dìreach glè choltach ri creutair... uill, creutair a th' air fulang. Tha e glè choltach ri creutair air a bhiodh stroke aig àm.

MA: A-nise, ma dh'fhaodas mi tilleadh thugaibhse Marina, tha sinn a' cluinntinn ann a shiud aig Ruairidh, fhios agad, gur e rud gu math doirbh a dh'fhaodadh a bhith ann a sheo agus gur e dìreach an t-àite a dhìon. Bha thu fhèin a' bruidhinn roimhe air 's dòcha monitor fhaighinn agus a bhith cinnteach gun robh a h-uile càil air a dhèanamh ceart 's gun robh 's dòcha uinneag fosgailte, no èadhar gu leòr ann, ach can monitor no fiù 's cuideigin a' cur a-steach an teine gas agad, ciamar a tha thu cinnteach gu bheil fhios aig na daoine sin dè tha iad a' dèanamh? Ciamar a bhiodh làn-earbsa agad annta?

MNS: Uill, tha an lagh ag ràdh a-nis, gu h-àraid rudan air a chur a-steach le gas man cooker no heater no rudeigin mar sin, gum feum e a bhith air a chur a-steach le cuideigin a tha... aig a bheil ballrachd dha CORGI. 'S e sin an Confederation of Registered Gas Installers. Agus tha sin a' sealltainn dhut gu bheil fios aca dè tha iad a' dèanamh agus... agus gu bheil... gu bheil sàbhailteas agad, dìon sàbhailteas agad an sin.

MA: Agus faodaidh tu sin iarraidh air an duine, a' ràdh a bheil cairt agad no...?

MNS: Feumaidh tu dèanamh cinnteach gu bheil... gu bheil sin, am ballrachd sin aca.

MA: Ach chan eil fhios a'm a-nis an tàinig mi faisg air a seo roimhe, ach anns a' chiad cheum, can dhaibhsan a tha ag èisteachd an-dràsta, can, tha mi cinnteach gun iomadh duine 's dòcha a tha ag èisteachd agus a cheannaich teine gas o chionn ghoirid no a tha ag ràdh riutha fhèin, tha mi a' dol a chur às dhan an electric, tha mi a' smaointinn gum bi mi nas fheàrr air a' gheamhradh nam biodh a leithid seo a stòbh agam no rudeigin, 's tha e a-nis 's dòcha a' fàs rudeigin iomagaineach às dèidh a bhith gar n-èisteachd, dè a' chiad cheum a dhèanadh iad? An deigheadh iad gu ur leithid fhèin? No an deigheadh iad dìreach a dh'fhaighneachd dhan a' phlumair no luchd an teasachaidh?

MNS: Uill, tha mi... tha mi a' smaoineachadh ma tha... ma tha feagal sam bith orra, a dhol chun a' phlumair agus cantainn riutha sealltainn ris. Ach rud eile, fhios agad, feumaidh iad a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil na h-innealan-teasachadh, gu bheil cuideigin a' sealltainn, aig a bheil fios, a' sealltainn riutha a h-uile bliadhna no 's mathaid nas trice, a' dèanamh cinnteach gu bheil iad ag obair ceart 's gu bheil iad air an càradh. Agus rud eile a bu chòir dha duine dèanamh, dèanamh cinnteach gu bheil ventilation gu leòr anns an taigh aca, gun urrainn dhaibh fosgladh na h-uinneagan, gu bheil tuill ann airson an èadhar a thighinn troimhe, agus cuideachd gu bheil iad a' glanadh nan similearan aca 's na flues, 's nach eil... gu bheil a' cheò 's na gasaichean a' falbh suas an t-similear, nach eil... nach eil càil a' stad sin.

MA: Comhairle gu math glic ann a shin, 's tha mi cinnteach gun aontaicheadh sibhse, a Ruairidh, 's gum biodh ur dreuchd fhèin na b' fhasa nan gabhadh a h-uile duine a' chomhairle sin?

RM: Ò, gu cinnteach. 'S e dìreach ventilation agus a bhith ag amharc ri na h-innealan a tha sin gu mionaideach agus gu tric a tha a' dèanamh sàbhaladh.

MA: Uill, mòran taing dhuibhse, a Ruairidh, agus mòran taing a Mharina airson tighinn a-staigh cho tràth seo sa mhadainn agus a leithid de dheagh chomhairle a thoirt dhuinn. Tha na h-uinneagan agam fhèin fosgailte an-còmhnaidh. Tapadh leibh gu mòr le chèile.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good