Search

Prògram Choinnich

Date
Track ID 16233
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 17.02.1998

Summary

Conversation with the new deputy director for the General Teaching Council.

Matthew MacIver discusses what is ahead for him in his new role as deputy director for the General Teaching Council. He also discusses the changes he has seen in teaching in the last few years and comments on how different this job will be for him compared to the work he did in teaching for thirty years.

Item Subject/Person

MacIver, Matthew

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Parish - Stornoway

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): A' fuireachd aig foghlam, 's ann air Comhairle Coitcheann an Teagaisg, an GTC, a tha uallach a dhèanamh cinnteach gu bheil an teagasg ann an sgoiltean na h-Alba mar a tha còir aige a bhith; gu bheil na daoine a tha a' teagasg dha-rìribh comasach air sin a dhèanamh, gu bheil iad fhèin air am foghlam ann an dòigh iomchaidh, mus tèid iad air beulaibh chloinn, agus nuair a tha iad air beulaibh chloinn gu bheil iad gan giùlan fhèin ann an dòigh iomchaidh. Chan urrainn do dhuine a bhith a' teagasg anns na sgoiltean anns an dùthaich a tha seo mur eil iad clàraichte aig an GTC. Ma chailleas iad am ballrachd, chan fhaod iad a bhith a' teagasg sgoile. Tha leas-stiùiriche ùr aca. 'S esan Mata MacÌomhair, a bha gu bho chionn ghoirid na mhaighstir-sgoile air Àrd-sgoil Rìoghail Dhùn Èideann. Tha e anns an stiùidio ann an Dùn Èideann còmhla rium an-dràsta. Ciamar a tha thu, a Mhata?

Mata MacÌomhair (MM): Tha mi uabhasach math ag èisteachd riut fhèin, agus tha mi an dòchas gu bheil na Muilich ag èisteachd riut fhathast.

CM: Nise, tha thu ri mì-mhodh ann an sin, ach tha mi a' tuigse gur beag nàire a th' ort a bhith... a bhith ri mì-mhodh, gun do dh'fheuch thusa sia mìosan 's nach tug thu... sia bliadhna 's nach tug thu port às fhathast.

MM: 'S e an fhìrinn a th' agad, agus tha mo bheannachdan agad, airson thug mise sia bliadhna, dh'ionnsaich mi leughadh ceòl bho duilleag pàipeir, dh'ionnsaich mi leis an làmh cheart, dh'ionnsaich mi leis an làmh chlì, 's cha chuirinn na trì pàirtean còmhla. Cha tàinig piseach orm a-riamh, agus tha mi an dòchas gun tèid gu math leat.

CM: Sin agad e a-rèiste, agus tusa ag iarraidh ormsa maitheanas iarraidh air na Muilich às dèidh deich mionaidean.

MM: Agus chan eil cùrsa againn fhathast ann an Alba airson trèanadh tidsearan airson a' bhogsa, ach 's mathaid gun tèid mi air ais an-diugh dhan oifis 's gun coimhead mi diod a tha sinn a' dèanamh.

CM: Uill, a bheil fhios agad air a seo, chan e bucas idir, ach 's e tha siud ach bucas sònraichte nam putanan.

MM: 'S e an fhìrinn a th' agam. Bu chòir dhuinn coimhead ri dìreach ceòl, dualchas, ceòl... ceòl Alba, 's coimhead dè bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh.

CM: Gu dearbha. Agus a bheil fhios agad, fiù 's bho thòisich mi fhìn a' dèanamh seo, na mo dhòigh bheag fhèin, tha an t-uabhas dhaoine air a bhith a' bruidhinn rinne. Tha bucais air a thighinn a-mach à clòsaidean far a bheil iad air a bhith bho chionn bliadhna, agus bu mhath an rud sin fhèin.

MM: Tha mise a' creidsinn gu bheil daoine a-nis a' gabhail ùidh... ò, chan eil mi a' dol a ràdh a' chòrr.

CM: Air ais gun an GTC, a Mhata, agus an dreuchd ùr a th' agad ann an seo. Uill, an toiseach, innis dhomh beagan mu dheidhinn an dreuchd. Dè tha ann?

MM: Uill, tha an dreuchd a th' agam, tha e beagan inntinneach agus tha beagan uallach orm. Mar eisimpleir, feumaidh mi coimhead ri dè seòrsa cùrsaichean trèanadh a th' aca anns na colaistean dha na tidsearan. Feumaidh mi coimhead ri... ri dè na cuspairean ùr a tha a' tighinn a-steach dha na sgoiltean, agus ciamar man as urrainn dhuinn trèanadh tidsearan airson na cuspairean ùra, agus gluasadan ùra, mar foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Faodaidh sinn bruidhinn mu dheidhinn sin a-rithist. Agus tha cuideachd, tha duilgheadas mòr againn an-dràsta le tidsearan air ùr-thòiseachadh. Nuair a thòisich mise a' teagasg, bha thu a' dol a-steach a sgoil, bha thu a' faighinn obair làn-thìde airson dà bhliadhna, 's bha thu an uair sin a' faighinn clàradh air a... aig an GTC. Chan ann mar sin a tha cùisean an-diugh. Tha e uabhasach duilich do thidsearan òga faighinn obair làn-thìde, 's tha iad a' falbh le cùmhnant dà mhìos an siud 's mìos an seo, 's tha iad an uair sin dìomhain. Agus tha mi a' creidsinn gur e sin an cuspair as motha a tha a' dol a thoirt an-àirde mo thìde.

CM: Uill, tha thu a' bruidhinn air teagasg ann an seo, ach nach e seo an saoghal a th' againn? Às bith cò ris a tha thu a' bruidhinn - banaltraman, dotairean, craobh-sgaoileadairean, luchd-naidheachd, duine sam bith - seo an saoghal a th' againn. Dh'fhalbh latha nan obraichean cunbhalach, nach do dh'fhalbh?

MM: Dh'fhalbh, gu dearbha, agus feumaidh sinne a-nise coimhead air ais ri dè seòrsa taic a tha na tidsearan òga sin a' faighinn. Bha e uabhasach furasta bho chionn deich bliadhna. Chan eil e cho furasta... furasta a-nis, agus chan eil freagairt agamsa ri sin fhathast. Tha an cuspair a tha seo dìreach air a thighinn an-àirde, agus nuair a chaidh mi a-steach airson an obair, 's ann air a' chuspair seo a thug iad barrachd tìde na mo cheasnachadh. Dè seòrsa beachdan a bh' agam... a bh' agam air. Ach tha thu ceart. Tha seo... tha seo a-nise air feadh... air feadh ar dùthaich, agus chan eil fhios agamsa dè tha sinn a' dol a dhèanamh mu dheidhinn.

CM: Uill, 's e an rud a dh'fheumas a bhith air a dhèanamh, nach fheum, feumaidh luchd-phoilitigeach, feumaidh luchd-phroifeiseanta, ceum air ais a thoirt agus cantainn riutha fhèin, chan e cunntasan an latha an-diugh no an latha a-màireach no na sia mìosan a tha romhainn air am feum sùil a thoirt, ach cunntas thairis air còig bliadhna, airson 's ann mu dheidhinn cunntas agus luchd-cunntais a tha seo, nach ann?

MM: 'S ann. 'S ann mu dheidhinn cunntas a tha e, agus feumaidh sinn... feumaidh an riaghaltas fhèin dìreach a' toirt dhuinn stiùir bheag agus tha mi a' smaoineachainn gu bheil iad air dèanamh sin. Tha Brian MacUilleim air ainmeachadh anns an t-seachdain a chaidh seachad gu bheil... gur e seo aon dhe na prìomh amasan a tha gu bhith aige, agus tha mi... tha mi misneachail... tha mi a' faighinn misneachd às a sin. Tha an riaghaltas a-nis mothachail... mothachail gu bheil duilgh-... beagan duilgheadas againn.

CM: Taobh a-staigh gnìomhachas an teagaisg fhèin cuideachd, 's ann agaibhse a tha an cumhachd dheireannach a bheil duine gu bhith a' teagasg no nach eil, agus mar sin, tha uallach oirbh cuideachd a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil luchd-teagaisg, gu bheil iad sgileil gu leòr airson a bhith a' dèanamh na h-obrach a th' orra, nach eil?

MM: Tha. Agus chan e a-mhàin sin, ach gu bheil iad a' toirt taic do thidsearan òga, agus gu bheil an fheadhainn a tha a' sgrìobhadh na... a' sgrìobhadh na beachdan aca fhèin mu dheidhinn tidsearan, gu bheil... gu bheil fiosrachadh aca mu dheidhinn dè tha daoine ag iarraidh 's dè tha pàrantan ag iarraidh, 's dè tha sinne ag iarraidh. Agus tha mi a' smaoineachainn gu bheil obair ann ri dhèanamh mu dheidhinn sin... mu dheidhinn sin cuideachd, gu h-àraid leis na tidsearan ùra a tha a' falbh bho sgoil gu sgoil agus nach eil ann an sgoil fada gu leòr airson gum bi iad aithnichte, can, do mhaighstir-sgoile no mar sin.

CM: Bidh daoine a' coimhead air an seòrsa comhairle air a bheil thu fhèin a-nise, aig a bheil thu fhèin ag obair a-nise, mar aon dhe na comhairlean sin a th' ann an Dùn Èideann agus nach eil buntanas aca riutha fhèin ann an dòigh sam bith idir. Ach 's e an suidheachadh a th' ann, tha buntanas agaibhse, ged 's dòcha nach eil fhios againn air, ri beatha a h-uile duine aig a bheil leanabh ann an sgoil, nach eil?

MM: A bheil thu a' ciallachadh gu bheil... gu bheil sinne, gu bheil uallach a h-uile tidsear ann an Alba oirnn, an e sin...? Tha. Tha suas ri ceithir fichead tidsear air a chlàradh againne agus tha...

CM: Ceithir fichead mìle?

MM: Ceithir fichead mìle, agus tha còrr 's trì fichead mìle dhen a sin a' teagasg a h-uile latha dhe am beatha, agus tha uallach a h-uile duine sin air a' chomhairle againne. Agus... ach chan e a-mhàin sin, ach feumaidh mi ràdh gur e dòigh a th' ann, chan e a-mhàin dìon tidsearan, ach cuideachd a' dìon a' chlann 's na sgoilearan a th' anns na sgoiltean, agus dèanamh cinnteach gu bheil co-dhiù na tidsearan air a thighinn gu ìre trèanadh a tha sinne riaraichte gum faod iad a dhol a-steach dhan an rùm fa chomhair clann 's sgoilearan.

CM: Dè cho diofraichte agus a tha an seòrsa obair a th' agad a-nis ann an seo, a tha thu dìreach a' tòiseachadh air an t-seachdain a chaidh seachad ris an obair a tha thu air a bhith a' dèanamh thairis air iomadh bliadhna na do mhaighstir-sgoile?

MM: Tur eadar-dhealaichte, a Choinnich. Chan eil... tha mise air toirt suas ri deich bliadhna fichead ann an sgoiltean, agus tha sgoiltean... an sgoil mu dheireadh anns an robh mi, sgoil mhòr, trang, pàrantan a' feuchainn ri do choimhead, tidsearan a' feuchainn ri do choimhead, clann, daoine mar sin, comhairlichean. Tha mi a-nis air a dhol gu buidheann nach eil cho mòr. Chan eil anns a' bhuidheann ach suas ri fichead duine làn-thìde. Bha suas ri ceithir fichead tidsear agam anns an sgoil mu dheireadh. Tur eadar-dhealaichte, agus tha e tur eadar-dhealaichte cuideachd gu bheil na coinneamhan a th' agad, gu bheil iad cudromach gu bheil buaidh gu bhith aca air beatha tidsearan air feadh... air feadh Alba. Nuair a bha thu a' coinneachadh ri tidsear anns an sgoil, uill, bha buaidh gu bhith aige sin air an sgoil agad fhèin, ach cha robh air sgoiltean eile, 's tha mi a' smaoineachainn gur e sin, tha mi a' creidse, aon dhe na rudan a tha mi a' coimhead a tha tur eadar-dhealaichte. Ach tha. Tha mo bheatha dìreach cho eadar-dhealaichte 's a b' urrainn dha a bhith.

CM: Na do dhreuchd ùr, tha mi a' tuigse gur e aon dhe na nithean air am bi thusa a' toirt sùil sònraichte, 's e sin a' Ghàidhlig agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha mi a' tuigse gur dòcha gu bheil thu mar-thà air tòiseachadh a' toirt sùil air a seo?

MM: Tha. Tha mi air... thòisich mi anns a' chiad seachdain a' toirt sùil air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a' faighneachd ceistean mu dheidhinn. Tha tòrr obair ri dhèanamh mu dheidhinn seo, le daoine a tha tòrr nas fiosrachail mu dheidhinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig na tha mise, ach tha sinn a-nis a' coimhead ri a bheil e ceart tidsearan a thighinn a-steach gu clasaichean le clann a thathas a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, an e an aon trèanadh 's a tha na tidsearan eile a' faighinn a bu chòir a bhith aca, no am bu chòir iad a bhith eadar-dhealaichte? Uill, 's e mo bheachd fhìn gum bu chòir dhaibh a bhith a' leantainn cùrsaichean gu sònraichte airson trèanadh a thoirt dhaibh tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus gum bu chòir dhaibh faighinn teisteanas às dèidh sin, agus 's ann air an t-slighe sin a tha sinn a' coimhead an-dràsta. Agus feumaidh mi ràdh, feumaidh mi ràdh gu bheil mi air mothachail... mothachadh gu bheil daoine gu math taiceil dhan a' Ghàidhlig anns a' bhuidheann. Chan eil duine anns a' bhuidheann a tha seo aig a bheil Gàidhlig ach mi fhìn, ach feumaidh mi ràdh gu bheil iad taiceil, gu bheil iad a' coimhead air adhart, agus gu bheil iad ag iarraidh gun tig teisteanas air choreigin a-staigh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air feadh Alba, ach mar a tha mi ag ràdh, tha mi air tòiseachadh sin, agus tha e a' toirt misneachd dhomh cho taiceil 's a tha daoine, agus cuideachd na th' air a dhèanamh de dh'obair air cùl dorsan, mar gum b' eadh, anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, gu h-àraid anns na còig bliadhnaichean a chaidh seachad.

CM: 'S dòcha gu bheil ceist ann co-cheangailte ri sin an-dràsta a thaobh agus, ceart gu leòr, 's dòcha gu bheil ùidh aig duine ann a bhith a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, ach cha bhiodh e ag iarraidh e fhèin a bhith air a chuingealachadh gu bràth ris a sin, le teisteanas nach robh a' toirt dhaibh ach cead teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin.

MM: Tha thu ceart. Agus 's mathaid gum feum sinn coimhead ri dè seòrsa trèanadh a tha iad a' faighinn agus am broinn an trèanadh a tha sin, coimhead gu sònraichte ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Ach chan eil càil mì-nàdarrach mu dheidhinn sin. Tha gu leòr... gu leòr de luchd-teagaisg an-dràsta ann an sgoiltean le teisteanasan ann an... ann an dà chuspair 's ann an trì cuspairean. Chan eil... ach 's e rud nach eil againn an-dràsta, chan eil dad againn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

CM: Aon cheist eile agam dhut. Tha thu air a dhol a-steach dhan an dreuchd chudromach a tha seo. Am bi thu a' call làithean-saora na sgoile?

MM: Tha mi a' call làithean-saora na sgoile, 's cha bu tu a' chiad... cha bu tu a' chiad duine a dh'fhaighnich sin dhomh. Tha. Tha mi air call làithean-saora na sgoile.

CM: Seo a-nis dhut, airson a bhith cho mì-mhodhail mu dheidhinn... mu mo dheidhinn-sa agus am meileòidian. Ach siud a tha... bhiodh e math am meileòidian a bhith aig duine airson a dhol a-steach ann an sin agus dìreach beachd eile a thoirt dhaibh air a' chultar agus an dualchas againn.

MM: Uill, cò aig a tha fios.

CM: Ma chì thu Hohner le dà... le dà shreath ann an sin ann an Dùn Èideann, ceannaich dhomh e.

MM: OK, ma-tà.

CM: A Mhata, tapadh leatsa gu dearbha ann an sin. Mata MacÌomhair, leas-stiùiriche ùr aig Comhairle Choitcheann an Teagaisg ann an sin, an GTC ann an Dùn Èideann. Mo thaing do Mhata.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good