Prògram Choinnich
Contributors
Interviewers
Date
Track ID
1646
Part 1
Track Information
Original Tape ID
Summary
Three walrus planes grounded in Ness during the Second World War.
Recording Location
County - Ross and Cromarty
Island - Lewis
Parish - Stornoway
Village/Place - Stornoway
Item Location
County - Ross and Cromarty
Island - Lewis
Parish - Barvas
Village/Place - Port of Ness
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Coinneach MacÌomhair (CM): Bha adhbhar eile agaibh ùidh a bhith agaibh anns na bh' aig Seumas MacÌomhair ri ràdh co-cheangailte ris na h-itealain a bha a' frithealadh Leòdhais aig an àm a bha sin, agus bha sin gu sònraichte ri itealan a thàinig sìos ann an seo fhèin ann an Nis aig an àm sin, nach ann?
Tormod Mac a' Ghobhainn (TM): Bha gu dearbh, a Choinnich. 'S iomadh 's iomadh rud a thug am prògram a bha sin gu cuimhne feadhainn a bh' ann, man a bha mi fhìn aig an àm sin, man a bha mi nam bhalach òg cuideachd man a bha e fhèin, agus cha deach iormadh a thoirt an latha ud air plèanaichean a bh' ann an Steòrnabhagh aig an àm sin, na Walruses. Walrus amphibians. Bha iad sin a cheart cho math air muir 's a bha iad air tìr, agus ma tha mo chuimhne ceart, 's ann ann an nineteen forty-one a bha seo, agus bha training sessions aca a-mach à Steòrnabhagh, ag ionnsachadh balaich òg, 's bha trì dhe na h-itealain a bha sin, bha iad bhos cionn Tràigh a' Phuirt nuair a thachair tubaist air choreigin do dh'aon aca, agus thàinig orra a thighinn a-nuas air a' mhuir, air Tràigh a' Phuirt. Thàinig tè eile a-nuas airson gun cuidicheadh iad a' chiad tè, agus gu mì-fhortanach rugadh air dòigh air choreigin air an tè sin nuair a bha i a' bualadh na mara agus chaidh i straight sìos gu grunnd na mara, air Tràigh a' Phuirt. Bha tè eile còmhla riutha, agus ann an ceann ùine ruith i a-mach às ola airson a cumail a' dol, agus thàinig oirre a thighinn a-nuas air tìr, ann am pàirc faisg an Tràigh a' Phuirt. 'S e latha... 's e latha sònraichte a bha sin dhuinne ann an Nis aig an àm sin. Cha robh... cha robh duine òg co-dhiù anns an sgìre nach robh shìos timcheall Baile a' Phuirt an latha sin.
Agus bha nì sònraichte co-cheangailte ris an tè a thàinig... an tè a landaig air tìr anns a' phàirc a bha seo. Ann an ceann beagan làithean, chaidh an t-itealan a bha sin a chur air trèalair. Tha mi a' creidse gur e seo... gur e an aon trèalair a bh' ann an sgìre Nis a bh' ann an uair sin, agus tractar ga tarraing suas an rathad bho Port Nis suas gu a-mach a Lìonail, gu àite anns am faigheadh i a togail air falbh a-rithist.
CM: 'S fhuair i air falbh?
TM: Fhuair i air falbh. 'S cha do dh'èirich càil do dhuine. Gu fortanach, cha do dh'èirich tubaist do dhuine dhe na bh' annta. Tha feadhainn beò fhathast a bha a-muigh anns na h-eathraichean a dh'fhalbh às a' Phort agus à Sgiogartaigh airson na balaich a bha seo a thoirt sàbhailte gu tìr. 'S cha do dh'èirich càil do dhuine a bha nam broinn.
CM: Agus dè thachair dhan an dà itealan a thàinig sìos, a-rèiste?
TM: Chaidh... chaidh a' chiad tè... chaidh an dàrna tè, chaidh i sìos straight gu grunnd na mara. Chaidh an dàrna... an tè eile... a' chiad tè, a' chiad tè a thàinig a-nuas, aig an robh an tubaist an toiseach, chaidh i sin a tobhaigeadh gu faisg air cidhe a' Phuirt ann an Nis, agus gu mì-fhortanach chaidh i fhèin fodha ann a shin, air na creagan ann a shin.
CM: 'S an tàinig dad dhiubh air tìr? No a bheil iad ann an sin fhathast?
TM: Tha iad ann an sin fhathast. Agus tha iomradh anns an sgìre air pìosan dhe na h-itealain a bha sin a bhith a' tighinn air tìr air Tràigh a' Phuirt agus ann an àiteachan eile timcheall Nis bhon uair sin. Thathas a' smaoineachadh gur e pìosan dhiubh a bh' ann co-dhiù, 's tha mi làn-chreidse gur e.
CM: An e itealain mhòr a bh' anns na Walruses?
TM: Cha b' e. Cha robh iad mòr idir. Bha dà sgiath air na Walruses, agus man a tha mi ag ràdh, bha iad... bha iad cho math air an uisge agus a bha iad... a bha iad air tìr. Chan urrainn dhòmhsa a ràdh an ann aig an aerodrome a bha na h-itealain a bha seo ann an Steòrnabhagh idir, bhon dh'fhaodadh e bhith gur ann am Bàgh Steòrnabhaigh a bha iad.
CM: Na can rium gu bheil thu a' dol gar fàgail le ceist eile, a-rèiste.
TM: Och, uill, nach eil e math gu bheil na ceistean sin ag èirigh agus gu bheil ùidh aig daoine anns na rudan sa a tha a' tighinn gu cuimhne dhaoine an-diugh, a' toirt cuimhne dhaoine air ais gu àm sònraichte, ann am beatha linn anns an robh sinne co-dhiù, toiseach a' chogaidh a bha sin.
CM: A Thormoid, mòran taing dhuibh airson innse dhomh mu dheidhinn Ailig John MacNeacail à Nis a fhuair an George Medal ri linn an nì a rinn e aig Port-adhair Steòrnabhaigh, agus cuideachd innse dhuinn mu dheidhinn na Walruses, na trì aca a thàinig sìos ann an seo ann an Nis, aon aca a fhuair às gu sàbhailte. Tapadh leibhse.
TM: Tapadh leibh fhèin, a Choinnich.

Source Type
Dat
Audio Quality
Good