Search

Prògram Choinnich

Track Information

Summary

How useful are referendums?

Journalist Martin MacDonald and lawyer Angus MacLeod discuss referendums, when they should be held, how useful they are, and whether Britain is about to follow other countries where referendums are needed for everything.

Donald MacDonald lives in California and discusses what they have in place of referendums.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Parish - Stornoway

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Anna NicLeòid (AN): Uill, tha sinn a' dol a chumail oirnn le poilitigs an-dràsta. Tha sinn air tòrr a chluinntinn mu dheidhinn referendum anns na seachdainean a dh'fhalbh, agus Brian Souter a' feuchainn ri fear a mhaoineachadh air ceist Section Twenty-eight. Ach cuin a bu chòir dhuinn referendum a chleachdadh? Agus a bheil sinn an impis dùthchannan eile a leantainn far am feumar referendum a chumail airson a h-uile càil? Cluinnidh sinn beachdan bho thriùir air sin. Am fear-naidheachd poilitigeach Màrtainn Dòmhnallach, Aonghas MacLeòid a tha na fhear-lagh le ùidh shònraichte ann am poilitigs, agus Dòmhnall Dòmhnallach a tha a' fuireach ann an California far a bheil referendum fada nas bitheanta na tha an seo. An toiseach, Aonghais dè cho feumail 's a tha referendum?

Aonghas MacLeòid (AM): Tha mi a' smaointinn gu bheil feum annta. Tha iad a' toirt beachdan a' mhòr-shluaigh gu aire agus tha iad a' toirt, mar gum b' eadh, dligheachas dhan a... dhan a' cheist a tha air fhaighneachd.

AN: Nach eil sin ceart, a Mhàrtainn? 'S e ionnsramaid uabhasach feumail ann an deamocrasaidh a th' ann an referendum.

Màrtainn Dòmhnallach (MD): Uill, chan fhaca mi fhìn a-riamh mar sin e, a bheil fhios a'd. Tha mise caran amharasach mu dheidhinn. Uill, tha mas fhìor gu bheil guth aig a h-uile duine, a bheil fhios a'd. Ach tha mise ga fhaicinn mar rud phoilitigeach, a bheil fhios a'd. Tha e a rèir 's cò tha ag iarraidh an referendum, cò tha a' gabhail ris an referendum, agus càit a bheil crìochan an referendum. Cò dh'fhaodas bhòtadh ann an referendum.

AN: Aonghais, carson a bu chòir dhuinn referendum a chumail?

AM: Uill, feumaidh an rud a bhith gu math bunaiteach. Tha mi ag aontachadh le Màrtainn gu bheil cunnart ann gu bheil cothrom, 's dòcha, beachdan a' mhòr-shluaigh a bhuachailleachd le daoine mòra an airgid, ma tha an cothrom aca a bhith mar a tha sinn a' cluinntinn, 's dòcha, a' ceannach pàipearan-naidheachd airson na beachdan aca a chur seachad. Tha mi a' smaointinn gu... feumaidh an cùis a bhith... a bhith gu math bunaiteach, tha mi a' smaointinn. Mar eisimpleir, am pàrlamaid againn no an Aonadh Eòrpach no rudeigin mar sin.

AN: Ach air ceistean mar sin, tha thu gu math tric a' taghadh riaghaltas air sgàth 's gu bheil iad a' cantainn, 's e seo ar poileasaidh air, can, airgead singilte no air an Roinn Eòrpa. Ma tha fios agad air a sin co-dhiù, carson a tha thu an uair sin a' dol a dh'iarraidh referendum às a dhèidh?

AM: Uill, tha mi a' smaointinn, tòrr... gu math tric co-dhiù, tha an riaghaltas a tha sin, a dh'aindeoin 's gun deach a thaghadh leis na poileasaidhean a tha sin, tha iad ag iarraidh 's dòcha an t-uallach a chur air an luchd-bhòtaidh an àite an t-uallach a bhith orra fhèin, 's tha sin a' ciallachadh ma tha taghaidhean doirbh ann, nach eil iad ag iarraidh na slaicean fhaighinn aig a' cheann thall ma tha... ma thèid cùisean ceàrr, so tha comas aca referendum a thogail agus a' bhòt a chur air beulaibh an luchd-bhòtaidh, agus an uair sin chan fhaod iadsan tionndadh 's a ràdh, uill, thusa an riaghaltas, 's tusa a chuir ceàrr sinn, no, 's tusa a rinn an taghadh ceàrr, oir 's e iad fhèin a rinn e.

AN: A bheil iad mar sin a' seachnadh an dleastanas?

AM: 'S dòcha gu bheil ann an dòigh. Tha e daonnan a rèir 's ciamar a tha an ceist air a chur agus gu dè an ceist a th' ann, agus gu dè dìreach an deasbad a tha a' dol ro làimh.

AN: Bu chaomh leam a dhol a-nise gu Dòmhnall ann an California. A-nise, chan e referendum a chanas sibhse ris. Dè chanas sibh ris?

Dòmhnall Dòmhnallach (DD): Uill, chan eil mise eòlach air, man a tha thu ag ràdh, air am facal referendum ach a-mhàin mar a bhios mi ga chluinntinn air ais aig an taigh agaibh fhèin an sin.

AN: Dè... dè a chanas sibh ris, ma-thà?

DD: 'S e bhios iad ag ràdh ach propositions, agus 's ann... cha bhi aon cheist an-dràsta air... cha bhi... cha bhi iad a' dèiligeadh ri aon cheist mar a tha an rud a tha... air a bheil sibh a' còmhradh an-dràsta. Dh'fheumadh daoine faighinn gu leòr ainmean airson gun cuireadh iad puing thairis, 's nuair a bhios daoine a' tighinn a-mach dhà no thrì thurais anns a' bhliadhna, man a bhios iad a' tighinn an seo co-dhiù, 's ann glè thric... 's ann an-còmhnaidh air Dimàirt a bhios e. Bha fear aca a' mhìos a chaidh seachad, bidh iad a' bhòtadh...

AN: Agus cò air a bha sin air a' mhìos a chaidh seachad?

DD: Uill, tha iad a' bhòtadh air rudan eile. Tha iad a' taghadh, can an-dràsta, governor no tha iad a' taghadh president aig an àm sin, agus bidh an t-uabhas propositions eile air a... air a' bhaileat, agus mar sin dheth, 's e sin na referendums bheaga a tha a' tachairt, ach 's e daoine a bhios ann an grunnan poileatach a bhios glè thric a' cur sin an sàs le cruinneachadh ainmean.

AN: An do bhòtaig thu fhèin air a' mhìos a dh'fhalbh?

DD: Chan eil bhòt agamsa ann an seo idir.

AN: Nach eil?

DD: Tha a' bhòt agam aig an taigh fhathast, ann a... ann am Breatainn fhathast.

AN: Ceart. A bheil beachd agad, a-rèiste, air dè na ceistean eile a bhathas a' cur air a' mhìos a dh'fhalbh?

DD: Na ceistean ann a...

AN: Air a' phrop-... anns a' phroposition mu dheireadh.

DD: Uill, tha... tha feadhainn dhiubh gu bhith nas cudromaiche na feadhainn eile dha daoine. Tha an t-uabhas ann mu dheidhinn sgoiltean agus airgead sgoiltean. Tha sin glè thric a' tachairt. Agus tha aonan aca a bha... ò, 's e seo am fear air an robh daoine a' còmhradh mar as motha, 's e sin am bu chòir dha... dha dà fhireannach no dà bhoireannach cead-pòsaidh a bhith aca anns an stàite. 'S e sin am propos-... proposition twenty-two a bha ann an California, agus cha do... cha deach sin a chur a-steach-... a chur troimhe idir.

AN: A-nise, tha ceist ann cuideachd, a Dhòmhnaill, mu dheidhinn a bhith a' maoineachadh an referendum. Cò phàigheas air a shon. Tha sinne... tha onghail air a bhith a' dol anns an rìoghachd a tha seo agus fear ag iarraidh referendum prìobhaideach a chumail. Ciamar a thathas a' dèiligeadh ris a sin ann an Ameireagaidh, ann an California?

DD: Uill, 's e... tha e gu math duilich dha aon duine sin a dhèanamh gun beagan cuideachadh aige bho dhaoine eile, so shaoilinn, nam biodh... nam biodh e a' dol a dhèanamh sin gum faigh-... gum feumadh e cuideachadh fhaighinn, agus nuair a... cho luath 's a tha e a' faighinn cuideachadh, tha sin an-dràsta, tha na daoine sin a' fàs nan grunnan, agus tha iad an uair sin a' dol a-mach agus a' faighinn... a' seasamh air na sràidean agus ag iarraidh ainmean bho daoine. Feumaidh iad daoine soidhneadh an ainm, agus nuair a gheibh iad a leithid a dh'àireamh, tha iad... cuiridh iad sin... cuiridh iad sin air a' bhaileat.

AN: Ceart. Cò mheud a dh'fheumas tu?

DD: Chan eil fhios agamsa. Bha mi a' faighneachd dhan a' bhean agam a-nochd fhèin mu dheidhinn sin, agus cha robh fhios aicese a bharrachd dè an àireamh. Chan eil e gu mòran diofar. Tha fios agam gum feum... gu bheil... 's dòcha gum feum thu dà... cairteal a mhillean no timcheall air a sin. Tha e gu math mòr.

AN: Feumaidh iarrtas a bhith ann bhon t-sluagh airson referendum a chumail.

DD: Feumaidh. Feumaidh. Tha sin a' dèanamh cinnteach nach eil iad a' dol a chaitheamh airgead a' cruinneachadh ainmean airson rud sam bith.

AN: Dè a-nise mu dheidhinn ma tha luchd-poilitigs ag iarraidh referendum a chumail. Am feum iad airgead a' phobaill a chosg air referendum? No am bi iadsan a' dol gu... gu companaidh no duine beairteach?

DD: Tha mi a' smaoineachadh gur e a th' agadsa ann an seo... tha na politicians, tha iad dìreach ag obair le opinion polls. Tha iad a' feuchainn ri dèanamh a-mach dè tha daoine ag iarraidh. Canaidh iad an-dràsta, uill, tha dùil againn seo a dhèanamh, agus gheibh iad a-mach beachd dhaoine air a sin, agus a rèir dè am freagairt a tha iad a' faighinn, tha iad... tha iad a' dol air adhart leis, no tha iad a' cumail air falbh bhuaithe.

AN: Bidh iad a-rèiste a' riaghladh a rèir opinion polls, gu ìre mhòr.

DD: Tha iad a' cur an òrdag mhòr dhan an uisge a' faicinn dè cho fuar no dè cho blàth 's a tha e.

AN: Aonghais, 's e ceist a tha sin a thaobh ma tha iarrtas dha-rìribh am measg an t-sluaigh airson referendum, nach e?

AM: 'S e. Tha mi a' smaointinn, ma tha thu ga fhàgail ann an làmhan luchd-poilitigs, 's dòcha gun tachair referendum no cha thachair e air adhbhar poilitigs a-mhàin.

AN: Nach eil iad a' dol a thaghadh an t-àm as fhreagarraiche dhaibh fhèin, nuair a tha... nuair a tha iad a' dol a bhuannachadh an rud a tha iad ag iarraidh co-dhiù?

AM: Agus ann an seagh gu math cudromach, an ceist a b' fheàrr bho an taobh fhèin. 'S dòcha gu bheil... gum biodh... gum biodh e glè mhath rudeigin a chur air bhonn far a dh'fhaodadh buidheann referendum iarraidh. 'S e an cunnart, ma tha cus referendums ann, bidh a h-uile duine seachd searbh sgìth dheth, 's cha bhòt duine 's cha bhi ciall sam bith anns a... anns am freagairt. 'S mar sin, feumaidh sinn a bhith gu math cinnteach nach eil... nach eil sinn ga fhàgail... a' fàgail ceistean mòr poilitigs ann an làmhan beagan dhaoine aig nach eil fios 's ciall.

AN: Tha iad gu math bitheanta anns an Eilbheis. Tha Riaghaltas na h-Eilbheis gu ìre mhòr a' riaghladh le referendum. Tha iad a' cur tòrr cheistean a-mach chun an t-sluaigh. Tha e ag obrachadh ceart gu leòr dhaibhsan. Nach bu chòir dhuinne sin a leantainn?

AM: Uill, bha fear... Ball Pàrlamaid anns an ochdamh linn deug, fear Eideard Burke, 's bha esan ag ràdh, nuair a tha daoine a' bhòtadh luchd-poilitigs a-steach, chan e a-mhàin ag iarraidh cuideigin a leanas na beachdan aca fhèin a tha iad, ach ag iarraidh cuideigin le beagan bhreitheanas agus eòlas air a' chùis, a nì co-dhùnadh às dèidh deagh chnuasachadh air a' chùis, agus gum bu chòir aig na luchd-poilitigs a bhiodh a' chuid bu mhotha dhe na ceistean, agus 's dòcha gur e àite an referendum na mòr-cheistean 's chan ann na mion-cheistean.

AN: A Mhàrtainn, bha sinn a' bruidhinn an sin air Brian Souter. A bheil e ceart anns an latha a th' ann an-diugh gum faod thu referendum a chumail ma tha thu beairteach gu leòr? Nach eil sin a ciallachadh nach eil deamocrasaidh aig... ach aig daoine beairteach?

MD: Uill, chan eil mi a' smaoineachadh gur e referendum a th' ann, a bheil fhios a'd. Tha cuideigin le airgead gu leòr a' feuchainn ri...

AN: Tha e a' feuchainn ris a' phuing fhèin a dhèanamh, nach eil?

MD: Tha e a' feuchainn ris an fhreagairt cheart fhaighinn dhan an rud a tha e a' smaoineachadh, a bheil fhios a'd. Uill, bha... bha an Daily Record ga chuideachadh an-dè, a bheil fhios a'd. Ghabh iadsan referendum air referendum, a bheil fhios a'd. Agus aig an ìre sin tha thu a' dol caran beag às do chiall. Air an làimh eile, a bheil fhios a'd, air ceistean Sàbaid ann an Leòdhas 's anns na Hearadh, dhiùlt an comataidh gabhail ri referendum. Bha am BBC air referendum a dhèanamh, no air tomhas-bheachd a dhèanamh. Cha b' e referendum a bh' ann idir.

AN: Bha sinn... bha sinn a' bruidhinn air polls an sin na bu thràithe.

MD: Tha sinn... tha sinn a' bruidhinn air polls mòran.

AN: Bha sinn a' bruidhinn air polls na bu thràithe. Aonghais, a bheil cunnartan an lùib a bhith a' toirt cus spèis dha polls cuideachd?

AM: Och, tha. Tha gun teagamh. Chan eil ann am poll ach dìreach dealbh, agus faodaidh tu ann an dòigh rud sam bith a tha thu ag iarraidh a thogail à poll. Tha e a rèir 's dè am pàrtaidh dha bheil thu. Tha e a rèir 's dè na ceistean a thèid fhaighneachd agus cuin agus càit agus cò dha, 's feumaidh... feumaidh daoine a bhith gu math eòlach air mar a tha na rudan an sin ag amas air freagairt agus na figearan mus dèan thu dad às.

AN: Donaidh, bha mi airson faighinn a-mach bhuatsa, a bheil e mar dhleastanas air daoine bhòtadh ann a... ann am prop-... ann am proposition? Tha fios a'm gu bheil e mar dhleastanas air daoine bhòtadh ann an cuid a dhùthchannan Eòrpach, agus mura bhòt thu, gum faigh thu càin no 's dòcha binn prìosan. A bheil e mar dhleastanas oirbhse a dhol a-mach a bhòtadh?

DD: Ann an... daoine ann a... anns na Stàitean Aonaichte, an e sin a tha thu a' ciallachadh?

AN: Sheadh, gu dearbha.

DD: Uill, tha e na dhleastanas agus tha daoine uabhasach mòr a thaobh a dhol a-mach agus [???] an-dràsta, tha feadhainn ann nach tig a-mach co-dhiù. Chan eil dragh aca. Agus tha feadhainn an seo... feadhainn, chan eil... chan eil bhòt aca co-dhiù, mar a tha mi fhìn. A-nise, nuair a tha thu a' dol a-mach, ge-tà, tha... chan e an-dràsta a' cheist... tha an-dràsta... can an-dràsta gu bheil thu a' taghadh president, 's vice president, 's mar sin air adhart, governor, tha an t-uabhas rudan ga chur air a' phàipear cuideachd agus tha thu a' sealltainn ron an àm dè tha thu a' dol a dhèanamh, an taobh sa, no a bheil thu a' cantainn, gabhaidh mi ri siud 's cha ghabh mi ri seo, agus tha a h-uile càil air a' phàipear romhad. Chan eil thu... an seòrsa... an seòrsa ceist a tha a' tighinn an-àirde an-dràsta agaibhse, 's e mar gum biodh tu a' taghadh aon dhe na rudan as lugha ann an sin agus a' dol a... a' dèanamh... a bheil fhios a'd, a' dol a-mach dìreach airson bhòtadh airson sin, 's chan eil... chan eil a leithid a rud a tha sin a' tachairt idir, bhon feumaidh e a bhith air an aon phàipear ri grunnanan mòr eile, rudan nas cudromaiche, can.

AN: Aonghais, dè do bheachd fhèin air an rud a tha seo a tha Brian Souter a' dèanamh... a' feuchainn ri dhèanamh? A bheil thu a' smaoineachadh gum biodh e ceart do dh'aon duine referendum a mhaoineachadh? A bheil sin dha-rìribh deamocrataigeach?

AM: Tha mi a' smaointinn... tha mi a' smaointinn gu bheil cunnart ann, mar a bha mi ag ràdh roimhe, gun tèid beachdan a' mhòr-shluaigh, mar gum b' eadh, a bhuachailleachd le fear aig a bheil an t-uabhas airgead agus beachdan làidir. Tha mi a' smaointinn gu bheil cunnart ann.

AN: Am bu chòir dhuinn rudan mar sin, ma-thà, a chasg?

AM: Tha mi a' smaointinn gum bu chòir riaghailtean air choreigin a chur air bhonn airson referendum prìobhaideach a tha a' dèanamh cinnteach gu bheil co-dhiù buidheann sònraichte a tha ag iarraidh freagairt sònraichte air a' cheist a tha seo...

AN: Am b' urrainn dhuinn leithid an seòrsa referendum a tha Brian Souter ag iarraidh, am b' urrainn dhuinn a chasg le... a bheil... am biodh sin an aghaidh còraichean a' chinne-daonna?

AM: Uill, tha... faodaidh esan na beachdan poilitigeach aige a chur thairis dha na daoine ma tha e ag iarraidh. A thaobh a bhith a' cur stad air referendum fhèin, chan eil mi buileach cinnteach am biodh an cothrom againn sin a dhèanamh. Ach tha mi a' smaointinn gum bu chòir dòigh a chur... dòigh air choreigin casg air choreigin a chur air daoine a tha ag iarraidh referendum air a h-uile ceist a th' ann a chur air dòigh, oir chan eil mi a' smaointinn gum bi daoine a' bhòtadh air a h-uile rud a tha sin, agus mar sin aig a' cheann thall, gu dè am feum a th' ann am freagairt beagan dhen t-sluaigh air ceist a tha cudromach dhan a' mhòr-shluaigh?

AN: Dè thachradh nan deigheadh an referendum air adhart? Chan eil an electoral reform society deònach a dhèanamh. 'S dòcha gun dèan cuideigin eile e. Agus an uair sin nan deigheadh e an aghaidh an riaghaltais. Chan fheumadh an riaghaltas gabhail ris, ge-tà, am feumadh?

AM: Chan fheumadh. 'S ann... 's ann aig a' phàrlamaid a tha an cumhachd agus an taghadh aig a' cheann thall. 'S iadsan a tha a' dèanamh lagh agus chan e muinntir... na daoine a tha a' bhòtadh anns an referendum. Ach sin... sin ri ràdh, bhiodh e 's dòcha na bu dhuilghe dhaibh a dhol an aghaidh rudeigin mar sin às dèidh... às dèidh bhòt mar sin, ach bhiodh an cumhachd aca sin a dhèanamh.

AN: Gu dearbha. Anns an dealachadh, Donaidh, bha sinn... bha sinn a' bruidhinn air na polls agaibhse. Tha sibh dìreach air a thighinn troimhe... tro na primaries. Dè a' bhuaidh a tha thu fhèin a' smaoineachadh a thug na polls air na primaries a bh' agaibh an sin?

DD: Uill, chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil e a' toirt an t-uabhas. Tha, mar gum b' eadh... tha a h-uile càil thall an seo, mana... mana h-eil thu a' dol taobh na Republicans, tha thu a' dol taobh na Democrats, agus tha tòrr dhen a sin air a... na seasamh ann an teaghlaichean. Tha an-dràsta an teaghlach a tha seo, 's ann dhan dàrna taobh a tha iad, 's an teaghlach eile an taobh eile, agus tha an t-uabhas dhen a sin mar-thà ann an inntinn dhaoine. Ciamar a tha iad a' dol a... dè an taobh a ghabhas iad. Agus mar a bha... mar a bha Màr-... Aonghas ag ràdh, nuair a tha thu a' faighinn an t-uabhas de rudan, tha iad a' call... tha e a' call am buaidh, gus... tha an t-uabhas polls thall an seo, agus nuair a tha thu a' cluinntinn siud, fear ùr a h-uile latha, tha e... tha e, mar gum b' eadh... tha e a' call a bhuaidh. Bha aon ceist agam agamsa. Bha mi... tha mi ag aontachadh ris a h-uile càil a tha mi a' cluinntinn bho... bho Aonghas, bho Màrtainn, gu h-àraid tha mi a' faighinn... tha mi anns an aon... air an aon duilleag riutha nam inntinn, ach ann an Lunnainn nach... nach eil Taigh nam Morairean ann an sin fhathast?

AN: Ò, tha.

DD: 'S nach e sin pàirt dhen an riaghaltas?

AN: 'S e.

DD: Agus nach e sin na daoine aig a bheil an t-uabhas airgead glè thric agus... agus glè thric chan e iad fhèin a choisinn sin, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil a leithid a dhaoine a tha sin gu math air falbh bho meadhan an t-sluaigh, agus tha rudan mar sin agaibh fhathast bho bliadhna... bliadhnachan. A bheil fhios agad, tha e a' dol air adhart bho latha gu latha 's bho bhliadhna gu bliadhna.

AN: Ceist eile a tha sin, a Dhòmhnaill. Thig sinn air ais thugad airson beachd fhaighinn air Taigh nam Morairean a-rithist. Mo thaing dhuibh uile airson a thighinn a-steach. Donaidh, Aonghas agus Màrtainn.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good