Search

Còig air fhichead seanfhaclan.

Date
Track ID 18350
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1963.49.B1(140)-B1(164)

Original Tape ID

SA1963.049

Summary

Twenty-five Gaelic proverbs.

Is math craiceann san fhoghar, is fheàrr sguab san earrach.

Is maise air an t-seann duine an ceann liath.

Is math an sgàthan sùil caraid.

Chan eil dùthchas aig mnaoi no aig ministear.

Aig ceann na bliadhna is ann a dh'innseas an t-iasgair iasgach.

Is fheàrr làn dùirn de dh'fhireannach na dhà dheug de bhoireannaich.

An tì nach smachdaich ris a' ghlùin, cha smachdaich ris a' ghualainn.

Fhuair tuagh cead.

Mar as miann le brùth, bruichidh bonnach.

Is e urram an duine òg a neart.

Saothaichear fada o làimh, pòsadh bun na h-ursainn.

An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach.

Is ioma fear a ghoid caora nach deach a ghaoid an Steòrnabhagh.

Mar a thuirt, bithear.

Gille Calum cosg mar a chosgas gheibh.

Cha tig muir-làn gun tràigh na dèidh.

Chan fhuirich sruth ri bàta, 's chan fhuirich latha ri rìgh.

Ràth an lìonaidh agus ròsaid an tràigh.

Cha chunnt feiteach ach deamhan.

Cha sgal cù ro chnàimh.

Smùdan fhèin an ceann gach fàd.

Teichidh an ciontach gun neach an tòir air.

Is ionmhainn le gach neach a choltas.

Ceann coin air madainn earraich agus earball pheucaig.

Neach nach misnich cha bhuannaich.

Language

Gaelic

Genre

Other

Collection

SoSS

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good