Prògram Choinnich
Contributors
Interviewers
Date
Track ID
20341
Part 1
Track Information
Original Tape ID
Summary
Archie Fraser discusses the Dutch and Flemish masters Rubens, Frans Hals, Rembrandt and Vermeer.
Recording Location
County - Ross and Cromarty
Island - Lewis
Parish - Stornoway
Village/Place - Stornoway
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Agnes Rennie (AR): Eairdsidh Friseal, a bheil thu còmhla rinn an-diugh?
Eairdsidh Friseal (EF): Tha mi ann a sheo, tapadh leat.
AR: 'S ann anns an Òlaind a tha sinn an-diugh, Eairdsidh, nach ann?
EF: 'S ann. 'S ann.
AR: 'S cò... cò ris a tha sinn a' dol a shealltainn? No cò ris a tha thusa air a bhith a' sealltainn, airson bruidhinn rinn air an-diugh?
EF: Uill, tha ceathrar agam ann a sheo, ach an toiseach feumaidh mi ri ràdh gur e àm sònraichte, àm inntinneach a bha seo, anns an t-seachdamh linn deug, a thaobh ealain, a thaobh peantadh, agus tha sin a' toir a-staigh Flanders cuideachd. 'S e ceann a tuath an Fhraing agus a' Bheilg, a bharrachd air an Òlaind. Agus aig an àm seo cuideachd, bha beagan gluasad air falbh bho bhith a' peantadh deilbh chreidmheach gu bhith a' peantadh deilbh saoghalta, ged nach robh a h-uile peantair mar sin. Mar eisimpleir, Rubens. Peter Paul Rubens. 'S ann à Flanders a bha esan bho thùs, ach ghluais e a-null gu Amsterdam an ceann beagan ùine. Agus nuair a bha e òg, fhuair e cothrom mòran siubhail a dhèanamh, agus dh'ionnsaich e mòran bho peantairean eile, gu h-àraid anns an Eadailt, bho leithid Titian, agus tha mi a' smaointinn gur e sin a thug dha na dathan blàth, soilleir a bh' aige anns na deilbh. Bha iad uabhasach coltach ris na deilbh a bha Titian a' peantadh. Agus bha am peant air a chur sìos gu cinnteach, gu beòthail. Am facal a tha a' tighinn thugam, 's e spontaneous. Agus a' mhòr-chuid dhen obair a bha Rubens a' dèanamh, 's ann airson an Eaglais Chaitligeach, agus fhuair e aig aon àm coimisean airson aon dà fhichead dealbh mòr airson an Eaglais Chaitligeach ann an Antwerp, agus gu fortanach bha stiùidio mòr aige, ach bha an obair a bha seo cho mòr 's gum b' fheudar dha luchd-ionnsachaidh a thoir a-staigh - apprentices - airson a' mhòr-chuid dhe na deilbh a pheantadh dha, ged 's e e fhèin a chuir crìoch air a h-uile gin dhiubh. 'S bha seo gu math cumanta aig an àm seo - daoine eile a bhith a' peantadh pàirt dhe na deilbh dhaibh. Ach...
AR: Ach 's e sin an dòigh ionnsachadh a bh' aca an uair sin, nach e, gu ìre mhòr.
EF: 'S e sin an dòigh ionnsachadh a bh' aca, 's e. Sin mar a bha iad... mar a bha iad ag ionnsachadh.
AR: Agus 's e an rud a bha iongantach mu dheidhinn sin, man a tha mi air a bhith a' leughadh, gun robh uaireannan ann agus bha feadhainn dhe na h-apprentices a bha sin, an luchd-ionnsachaidh, agus dhèanadh iad dealbh cha mhòr cho inntinneach agus cho math ris an duine a bha nan ionnsachadh, ach 's e ainm... 's e ainm an fhir-ealain mhòir, 's e bhiodh an-còmhnaidh ris an dealbh.
EF: 'S e, dìreach. Ò, thachair sin gu math tric. Thachair, gu dearbh.
AR: Agus a-nise, an e... an e dealbhan dhaoine no dealbhan a-muigh air an tuath? Dè bu mhotha a bha Rubens a' dèanamh?
EF: Uill, 's ann... 's ann suidhichte air a' Bhìoball a bha a' chuid mhòr dhiubh, ged a bha e ag obair cuideachd le deilbh saoghalta. Rinn e iomadach portrait dhen teaghlach aige fhèin, agus tha an aon seòrsa dòigh peantaidh air an fheadhainn sin, ged 's e feadhainn bheaga a tha sin, airson gur e dìreach portraits a bh' annta. Tha cuimhn' a'm a bhith anns an Louvre ann am Paris uair, agus tha rùm ann a shin agus tha e loma-làn de dheilbh mòr a rinn Rubens, agus tha iad cho mòr 's nach fhaigh thu faisg orra airson am faicinn ceart.
AR: 'S e càil as duilghe dhe na dealbhan mòra sin, nach e, agus 's e sin a' bhuaidh a bh' aca orm fhìn, dh'fheumainn a ràdh, feumaidh tu seasamh cho fada air falbh bhuapa 's cha mhòr gum faic thu iad.
EF: Sin agad e, dìreach.
AR: 'S e rud... 's e rud annasach a th' ann.
EF: 'S e, dìreach. Agus tha iad cho àrd 's chan fhaic thu... chan fhaic thu an ceann shuas dhiubh idir. Cha mhòr nach fheumadh tu prosbaig air a shon.
AR: Airson seasamh aca.
EF: Dìreach, aidh.
AR: Agus a-nise, cò eile a-nise a bha ag obair aig an àm sin?
EF: Uill, bha Frans Hals ag obair aig an aon àm. Bha e car mun aon aois ri Rubens. Ach bha esan cuideachd, bha dòigh peantaidh aige car coltach ri Rubens. Dh'ionnsaich e mòran bho Rubens, agus chaidh e... bha esan a' peantadh gu cinnteach 's gu cabhagach, cha mhòr, dh'fhaodadh tu ràdh, ach 's e nithean saoghalta a bh' aigesan. Bha tòrr dhe na deilbh aigesan air an suidheachadh ann an taighean-òsta, agus bha dòigh aige air daoine a ghlacadh cha mhòr mar a ghlacadh tu iad le camara. Dìreach aig àm sònraichte. Agus cha mhòr nach robh a h-uile gin dhiubh a' gàireachdaich anns na deilbh aige. Mar eisimpleir, an Laughing Cavalier. Cha mhòr nach cluinn thu an ceòl-gàire aige.
AR: Agus 's e sin aon dhe na dealbhan as iomraiteach a th' againn, nach e?
EF: 'S e, dìreach. 'S e.
AR: Agus 's e càil a tha cho inntinneach mu dheidhinn nan dealbhan sin cuideachd, tha iad a' toirt dhuinn boillseadh de dh'eachdraidh, a tha a' sàbhaladh eachdraidh dhuinn ann an dòigh, nach eil?
EF: Tha gu dearbh, tha.
AR: Nach fhaigheadh tu gu sìorraidh a-mach à... a-mach às rud sgrìobhte.
EF: A-mach à leabhar. Chan fhaigheadh. Tha thu ceart. Tha. Tha dealbh eile cuideachd, the Lute Player, 's cha mhòr nach cluinn thu an ceòl a tha an duine a seo a' cluich. Agus saoilidh tu gu bheil thu fhèin a-staigh anns an taigh-òsta còmhla riutha, 's gu bheil an spòrs agus an ceòl agus an gàireachdainn seo a' còrdadh riut fhèin cuideachd, a bheil fhios agad. Ged nach eil duine dhe na daoine a tha sin air an ainmeachadh anns na... anns na deilbh aig Frans Hals, 's e portraits gu h-àraid a th' annta.
AR: Agus càit a-nis a bheil a' chuid mhòr dhe na dealbhan sin air an gleidheil? No a bheil a iad...
EF: Ò, tha iad anns an Òlaind. Tha mi a' smaointinn gur anns an Rijksmuseum a tha a' chuid mhòr dhiubh.
AR: Ach corra fhear, tha mi a' creidsinn, a tha dìreach anns a...
EF: Tha corra fhear an siud 's an seo. Tha mi cinnteach gu bheil fear no dhà thall ann an Ameireaga, no 's dòcha ann an Japan cuideachd. 'S ann acasan a tha an t-airgead.
AR: Uill, 's ann far am bi an t-airgead 's ann a bhios na dealbhan mòra sin an-diugh...
EF: 'S ann, gu dearbh. 'S ann.
AR: ...gu mì-fhortanach.
EF: Ach 's e Rembrandt, 's dòcha, am fear air a bheil sinn eòlach gu sònraichte às an Òlaind. 'S e... 's e seo duine a bha... thàinig e à teaghlach a bha glè mhath dheth, agus 's ann dhan oilthigh a bha e a' dol a dhol an toiseach, ach b' fheàrr leis... b' fheàrr leis ealain, agus 's e sin an dreuchd a lean e. Agus nuair a bha e òg, uill, bha cùisean a' dol gu math leis, gu h-àraid ann am portraiture. Rinn e grunn group portraits, leithid the Anatomy Lesson of Doctor Tulp, agus the Night Watch. Nist, chan e rud furasta a tha seo idir, airson 's e daoine sònraichte a bh' anns na deilbh a tha sin, agus bha a h-uile gin dhiubh airson, fhios a'd, dèanamh cinnteach gum faigheadh iadsan làmh-an-uachdar anns an dealbh, nach robh... cha robh e furasta idir do Rembrandt dèanamh cinnteach gum biodh an aon suidheachadh aig a h-uile gin dhiubh. Ach bha e gu math sgileil air seo a shealltainn.
AR: 'S e sin an fheadhainn a bha na phàigheadh aig deireadh an latha, tha mi a' creidsinn.
EF: Uill, 's e. Sin an fheadhainn a bha gam pàigheadh, 's e, gu dearbh.
AR: Ach bha esan a-nis, bha e a' dèanamh tòrr dhealbhannan creideimh cuideachd, nach robh?
EF: Bha, o àm gu àm. Ach cha robh e a' dèanamh na h-uimhir 's a bha a leithid Rubens. 'S e deilbh saoghalta bu mhotha a bha e a' dèanamh, agus bha na dathan a bh' aigesan, bha iad làidir agus dorcha, agus blàth cuideachd, leithid dearg 's donn 's buidhe 's orains 's mar sin. 'S ann glè ainneamh a bha e a' cleachdadh dath gorm no dath uaine, agus...
AR: An robh adhbhar... an robh adhbhar air a sin? A bheil sinn... a bheil sinn air sin a lorg a-mach?
EF: Chan eil fhios a'm carson. Agus a bharrachd air a sin, 's e glè bheag solas a bha e a' sealltainn anns na deilbh aige. Bha e math air leth air dìreach biùgan beag solais a shealltainn anns na deilbh aige.
AR: Agus sin a' toirt dhut faireachdainn air cò ris a bha e coltach a-staigh anns an rùm, no a-staigh anns an àite anns an robh...
EF: Bha, dìreach dè seòrsa... dè seòrsa beatha a bh' aig na daoine a bh' anns na deilbh aige. Ach dh'atharraich cùisean dha mus robh e dà fhichead bliadhna a dh'aois. Uill, rugadh an gille aca. Cha robh aca ach an aon duine-cloinne, Titus, agus goirid às dèidh sin, bhàsaich a bhean, agus ge bith carson, cha robh e a' faighinn na h-uimhir a dh'obair 's a bha e roimhe, agus bha e a' cosg cus airgead, 's mu dheireadh thall, thàinig briseadh-creideas air - bankruptcy - agus b' fheudar dha an taigh a reic 's na bh' aige. Ach thug Titus agus searbhanta a bh' aca, thug iad taic dha, agus bha aige... uill, chùm e a' dol ag obair co-dhiù. Ach lean am mì-fhortan a tha seo e, agus goirid mus do bhàsaich e fhèin, bha Titus air bàsachadh, agus an t-searbhanta cuideachd, agus bha e air fhàgail leis fhèin. Agus chì thu a' bhuaidh a bh' aig seo air a bheatha anns na deilbh aige, gu h-àraid anns na self-portraits a rinn e. Rinn e grunn self-portraits, agus chì thu mar a chaidh e o bhith beairteach agus earbsach, na dhuine òg, gu bhith gu bochdainn agus briseadh-creideas, am bankruptcy a bha seo, gu mu dheireadh thall gu bròn agus... agus bàs.
AR: Agus 's ann a-nise, an ann an ola, an ann am peant an ola a bha an triùir a bha sin ag obair?
EF: 'S ann, peant... Ò, 's ann, ann an ola, airson shuas anns an Òlaind, cha b' urrainn dhaibh, fhios agad, leithid a bha iad a' dèanamh anns an Eadailt a dhèanamh, leithid frescos, agus 's e ola bu fhreagraiche dha na deilbh a tha sin.
AR: Nise, an robh duine dhe na peantairean mòra aig an àm sin, an robh iad ag obair a-muigh?
EF: Uill, glè ainneamh. Bha... bha duine no dhithis dhiubh ag obair a-muigh an-dràsta 's a-rithist, ach cha robh mòran dhiubh idir. 'S ann a-staigh an studios a bha a' chuid mhòr dhiubh. 'S tha dà dhealbh ann an Kelvingrove le Rembrandt. Tha aon fhear a tha a' sealltainn closach air a chrochadh ann an rùm dorcha, the Flayed Ox, agus tha an dealbh a tha seo gu math dorcha. 'S e glè bheag solas a th' innte, mar a tha a' mhòr-chuid dhe na deilbh aig Rembrandt. Agus am fear eile, tha Man in Armour, agus tha i sin ainmeil. Agus tha e a' sealltainn cho sgileil 's a tha e air a bhith a' sealltainn beagan solas anns an dealbh aige, agus an gleans a th' air an armachd, agus sin an seòrsa... cha mhòr nach e signature a tha seo de Rembrandt, anns na deilbh aige.
AR: Tha e mìorbhaileach air a smaoinicheas tu na bliadhnachan mòra, na ceudan bhliadhnachan, gu dearbha, bho chaidh na dealbhan a tha sin a dhèanamh, agus cho deàlrach 's a tha iad, ann an dòigh, fhathast.
EF: Tha, dìreach. Tha.
AR: Ri linn dìreach an sgil... an sgil ealain a bha sin, a bh' aig an duine a bha nan dèanamh.
EF: Bha gu dearbha, bha. Tha aon duine eile ann, agus tha na deilbh aige cho eadar-dhealaichte bhon a... bhon an triùir eile. 'S e sin, Jan Vermeer. Chan eil mòran fiosrachaidh againn mu dheidhinn beatha Vermeer. Chuir e seachad, tha mi a' smaointinn, fad a bheatha ann an Delft, far an do rugadh e, ach tha na deilbh aige eadar-dhealaichte bhon fheadhainn eile. Tha iad air am peantadh uabhasach fhèin mionaideach, agus 's e interiors a th' aige, taobh a-staigh rùm, agus tha iad cha mhòr mar sill life, le dìreach duine no dithis innte. Agus an dòigh air a bheil iad air am peantadh, feumaidh gun tug e ùine mhòr, mhòr gam peantadh. Agus tha coltas uabhasach socair agus sèimh air na deilbh a tha seo. Cha mhòr nach eil thu a' coimhead air dealbh a ghabhadh tu le camara, anns na deilbh aig Vermeer, agus tha solas bog, soilleir anns na rumannan a tha seo cuideachd, a tha a' tighinn a-staigh mar bu trice bho aon taobh, 's dòcha bho uinneag. 'S tha iad uabhasach fhèin snog. The Lacemaker, fear dhiubh, agus fear eile, the Milkmaid, far a bheil banarach òg na seasamh le siuga bainne 's ga dhòrtadh. Agus tha fear eile, the Letter. Saoilidh tu gu bheil thu dìreach a' toir sùil beag a-staigh dhan an rùm a tha seo gun fhiosta dhan a... dhan a' bhean-taighe a tha seo agus an t-searbhanta aice, agus eagal ort, fhios agad, gun toir iad an aire gu bheil thu ann. Tha iad... tha iad eadar-dhealaichte buileach bho leithid Frans Hals. Tha an fheadhainn aigesan cho beòthail. Ach tha an fheadhainn aig Vermeer cho socair 's cho sèimh.
AR: Cha mhòr nach ann a tha thu a' tighinn orra gun fhiosta.
EF: Cha mhòr, dìreach, tha. 'S e sin an seòrsa a th' annta.
AR: Uill, taing mhòr, Eairdsidh, airson ar toirt tron an sgrìob a tha sin, tro ealain an Òlaind anns an t-seachdamh linn deug.

Source Type
Dat
Audio Quality
Good