Search

Nighean a chaidh air chall ann an Sanndraigh.

Fieldworkers
Date
Track ID 21487
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1964.77.B10

Original Tape ID

SA1964.077

Summary

A young girl lost in Sandray.

A mother went visiting and asked her husband to send their daughter to meet her in the evening with a milking-pail to milk the cows on her way home. The girl was never seen again though the pail was found.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Sandray

Parish - Barra

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Nan NicFhionghain (NN): 'S e naidheachd fhìor a tha seo. Chan eil fhios a'm a-nist an e na sìthichean bu choireach ris, ach tha fhios a'm nuair a bha Sanndraigh... chunnaic sibh fhèin Sanndraigh?

Anne Ross (AR): Chunnaic.

NN: Seadh. Uill nuair a bha e fo thuath reimhid, 's ann air an taobh a deas dheth, 's ann a bha am baile. Agus bha a-nist daoine a' fuireach aig a' cheann a-bhos eile cuideachd, far am faca sibh an tràigh ann a shin. Aig a' cheann a-bhos, bha daoine a' fuireach ann an sin cuideachd.

Uill bha feadhainn a' fuireach ann a shineach 's thuirt am boireannach latha gun robh i a' tighinn a-nall gu ceann eile an eilein a choimhead bana-charaid dhi fhèin. Agus thuirt i ris a duine:

"Nist," ars i fhèin, "nuair a bhios e a' tighinn anmoch san fheasgar cuiridh tu an nighean nam choinneamh," ars i fhèin "'s bheireadh i leatha an cuman," ars i fhèin, "ach am bleoghain mi na beothaichean air mo rathad a' tighinn dhachaigh, air eagal a bhith a' tighinn dhachaigh 's a tilleadh a-rithist."

Tha e cho... 's e seòrsa de bheinn a th' ann, ann an Sanndraigh.

Seo mar a bh' ann co-dhiù. Thuirt e gun cuireadh co-dhiù, 's thug ise greis ann a shineach, an taigh a bana-charaid, 's nuair a bha i a' smaointinn a bha an t-àm aice a dhol a bhleoghan nam beothaichean, dh'fhalbh i. 'S cha do thachair an nighean idir rithe.

'S dh'fhan i ùine 's chuir i ùine mhòr far an robh na beothaichean, 's ged a bhiodh i fhathast ann cha tigeadh an nighean. Chaidh i dhachaigh an uair sin. Agus bha a duine a-staigh.

"Cha do chuir thu idir," ars i fhèin, "an nighean nam choinneamh."

"Chuir," ars e fhèin. "Chuir mise air falbh i leis a' chuman."

"Ò," ars i fhèin, "cha do thachair i riumsa idir."

Thog iad a-mach an uair sin ga h-iarraidh. 'S cha d' fhuaradh an nighean riamh. Ach fhuair iad an cuman an làrna-mhàireach 's e na chlàir. Ge brith gu dè rud a thachair dhan nighinn a-nist, cha d' fhuair duine a-mach a dh'ionnsaigh an latha an-diugh gu dè a dh'èirich dhi. Aois dusan bliadhna de nighinn.

AR: 'S cha d' fhuair iad an corp aice?

NN: Cha d' fhuair iad [?tarsmalt] riamh dhith. Cha d' fhuair. 'S thachair sin. Cha d' fhuair iad a-mach riamh dè a dh'èirich dhan nighinn. Cha d' fhuair.

AR: Ò, tha e iongantach.

NN: Tha.

SR: Tha, gu dearbh.

NN: Ge brith a-nist gu dè rinn an gnothach oirre no gu dè thachair dhi. Cha d' fhuair iad riamh i. Cha d' fhuair.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good