Mar a chaidh nighean bheag a bhàthadh le each-uisge.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
22869
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1952.123.1
Original Tape ID
Summary
Story of how a girl was drowned by a waterhorse.
A man in Invergarry was going for the midwife. His horse stumbled in the River Garry when a salmon twisted round its feet. He saw a strange horse. Some time later, a little girl was drowned when she touched the horse.
Item Location
County - Inverness-shire
Parish - Kilmonivaig
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Iain MacDhòmhnaill: Bha duine ann an Inbhir Gharadh agus bha aige ri dhol a dh'iarraidh a' bhean-ghlùine mu dh'uair sa mhadainn. 'S bha aige ri dhol seachad air an Abhainn Garaidh, agus mar a bha e a' dol seachad air an abhainn thàinig tuisleachadh air an each, agus dè thàinig mu na casan aige ach bradan cho mòr 's a chunnaic e riamh, 's thuirt e ris fhèin:
"Chan fhaca 's chan eil forfhais agam air a leithid seo de dh'iasg a bhith air Garaidh riamh."
Ach fhuair e seachad air an abhainn agus thug e taing do Dhia gun d' fhuair, air... leis an turas air an robh e. Sùil gun tug e air lèanag ghorm a bha gu h-àrd bhos a chionn. Chunnaic e each gorm a' tighinn cho bòidheach 's a chunnaic e riamh, agus chùm e air, a dh'iarraidh... air an turas air an robh e. Agus fhuair e a' bhean-ghlùine agus thug e air ais i.
Agus cha do dh'innis e nithean do dhuine. Ach an ceann sia seachdainean an dèidh sin bha cloinn a' cluich mun abhainn shìos, agus bha aon chaileag bheag ann, 's bha an t-each cho càbhalta, sìobhalta agus chaidh i a-nunn agus chuir i a làmh air. 'S dar a chuir i a làmh air, cha b' urrainn dhi an làmh a thoirt air ais, 's theich an t-each leatha dhan abhainn agus chaidh a bàthadh.
Nuair a thill a' chloinn eile dhachaigh dh'fhorfhaisich iad cà 'n robh a' chaileag eile, 's thuirt iad... thuirt iad gun deach an t-each leatha a-staigh don uisge. 'S ann an seo a dh'innis an duine na chunnaic esan air an turas anmoch air an robh e, 's thàinig iad gu co-dhùnadh gur h-e an t-each-uisge a bhàth a' chaileag.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good