Search

Nighean a chunnaic an tiodhlacadh aice fhèin.

Date
Track ID 22870
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1952.123.2

Original Tape ID

SA1952.123.126

Summary

The girl who saw her own funeral.

A young girl saw a funeral when was coming home from school one day. She died six weeks later. It was her own funeral that she saw.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacDhòmhnaill: Bha caileag bheag a' tighinn dachaigh às an sgoil - bhiodh i mu ochd bliadhna a dh'aois - agus dar a thàinig i dhachaigh dh'innis i aig an taigh gum faca i tiodhlacadh, agus chuir e iongantas glè mhòr orra mar a thuirt i:

"Bha m' athair ann agus mo bhràithrean, ged nach robh iad ach glè bheag, mo bhràithrean, agus coffin bheag bhàn aca ga giùlan."

Sia seachdainean an dèidh sin bha i a' tighinn dachaigh às an sgoil agus chaidh i thairis air balla, 's chaidh a goirteachadh gu dona, agus dar a dh'innis... Bha iad a' gabhail iongantas nach tàinig i dhachaigh, 's chaidh iad ga h-iarraidh, 's fhuair iad i leònte aig bonn a' bhalla agus an t-uisge gu bhith thairis oirre. 'S cha d' fhuair i seachad air a' chaisleadh a fhuair i, agus mar sin chaochail i, agus 's e an tiodhlacadh aice fhèin a chunnaic i. Dh'innis i a cheart fheadhainn a bh' aig an tiodhlacadh aig a' cheart spot aig an robh e a' dol seachad, 's nuair a ghabh iad beachd air, 's e sin an tiodhlacadh aice fhèin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good