Am Brusach anns an uaimh.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
22894
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1952.125.A2
Original Tape ID
Summary
Robert the Bruce and the cave.
Robert the Bruce and his pursuers sleep in one cave. When his young sentry falls asleep they attack, but Bruce kills them all with a brand from the fire.
Item Subject/Person
Robert the Bruce
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Iain MacDhòmhnaill: Bha am Brusach turas eile air an allaban agus 's ann air an allaban a bha e, tric. Agus air dha bhith a' tighinn air adhart agus gun aige ach triùir ghillean còmh' ris, chaidh iad a-staigh don uaimh. Cha robh iad fuathasach fada a-staigh don uaimh dar a thàinig triùir a-staigh nan dèidh. Dh'aithnich e glè mhath gur e feadhainn a bh' air a lorg a bh' ann, agus thuirt e riutha:
"Chan eil sinn a' dol a chadal anns an aon cheàrn den uaimh a tha seo. Gabhaidh sibhse an ceann eile dhith agus fuirichidh sinn ann an seo."
Ò, bha iad làn-deònach seo a dhèanadh. Agus an uair seo thuirt am Brusach:
"Feumaidh feareigin a bhith a' fuireach... furachail ann an seo agus a bhith nar fritheidean air an oidhche."
Agus thuirt gille òg a bh' ann:
"Fuirichidh mise a' chiad treis."
"Ro mhath," thuirt e.
Agus iad a bhith sgìth is allabanach, leig iad iad fhèin a-sìos. Ach thug am Brusach an aire gun do thuit an gille òg na chadal, agus nuair a chunnaic e mar a bh' ann, dh'fhuirich e fhèin na dhùisg. Agus cha robh e fada gus an d' fhairich e an fheadhainn eile... fear eile tighinn a-nuas à ceann eile na h-uaimhe, agus e a' dol a dhèanadh an olc 's a' dol a mharbhadh a' ghille òig.
Cha robh dad aige ach leum às an àite san robh e agus beireachd air athailt a bh' anns an teine, agus spad e air a' chiad bhuille e. 'S chaidh e sin don cheann eile dhen uaimh agus spad e an dithis eile, agus thill e air ais agus thug e purradh don fhear òg.
"Nise," thuirt e, "faodaidh tu cadal gu socrach gu madainn. Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil an triùir eile... gun dùisg iad ann an cabhaig, agus mar sin caidil air gu latha."
Nach robh i glan?

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good