Am Brusach agus na fleiseadairean.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
22895
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1952.125.A3
Original Tape ID
Summary
Robert the Bruce and the fletchers.
When Robert the Bruce was on the run, he stayed with an old woman who had three sons. They were fletchers, making bows and arrows. With their help, he managed to kill many of his pursuers.
Item Subject/Person
Robert the Bruce
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Iain MacDhòmhnaill: Thàinig am Brusach turas eile air allaban, mar a dh'innis mi dhuibh a-cheana, agus 's ann allabanach a bha e. Agus thàinig e thun taigh cailleach. Bhuail e aig an doras 's dh'fhaighnich e am faigheadh e fuireach, agus e a' falbh coltach ri baigear, na phiollag bhochd, acrach.
"Chan fhaigh aon duine fuireach anns an fhàrdach agamsa," thuirt i, "ach Rìgh Raibeart."
"'S mise an duine," thuirt e.
"Thig a-staigh," thuirt i. "Agus tha triùir ghillean agam, agus gheibh thu an triùir leat," thuirt i.
"Agus càit a bheil iad?"
"Tha iad shìos anns an t-seòmar ann an sin, an seòrsa seòmar a th' ann," thuirt i, "agus iad glè thrang ag obair air boghachan saigheid a dhèanamh. Agus tha iad nam fliosadairean matha."
'S e sin an t-ainm a th' air fear a bhios a' dèanadh shaigheadan.
Agus bha iad trang ag obair. Cha robh iad fada ann an sin dar a thàinig buille chun an dorais, agus dh'fhaighnich iad am faca iad coltas duine a' dol seachad an seo, den chailleach.
"Chan fhaca," thuirt i. "Chan fhaca mi duine a' dol seachad."
"Chan urrainn da bhith fad air falbh," thuirt e. "Cha robh dòigh agad gun fhaicinn; bha sinne ga leanachd bho chionn treis."
"Ma-tà," thuirt i, "chan fhaca mi duine, ach chunna mi fear a' dol seachad agus feachd dhaoine còmh' ris."
"A bheil mòran còmh' ris?"
"Ò, bha gràinne mhath," thuirt i.
"Dè an rathad a ghabh iad?"
"Ghabh iad a-staigh am bealach ann an sin," thuirt i. Agus tharraing iad.
Dh'innis i seo don Bhrusach agus do na gillean. Ghabh iadsan rathad falaich am beul na h-oidhche, ann am beul coille. Bha fhios aca air a' phass a bha seo. Agus mar a bha iad a' dol seachad orra ann am beul na h-oidhche, thuirt am Brusach riutha a bhith sàmhach.
"Agus tòisichibh orra leis an t-saighead," thuirt esan, "às an dèidh. Ma leagas sibh air an tòiseach iad, ma thuiteas iad, bheir iad an aire," thuirt esan, "ach bidh mòran againn air am marbhadh," thuirt e, "mun toir iad an aire."
Agus, mar sin, dar a chaidh an t-iomall aca seachad thòisich iad air an tilgeil, agus bha iad a' tuiteam, agus cha mhòr ann am beul na h-oidhche nach robh iad air am marbhadh uile mun tug iad an aire. Bha an t-saighead na h-inneal marbhaidh cho sàmhach 's cha robh iad a' faireachdainn dad, agus bha iad air an tanachadh às mun tug iad an aire dhaibh fhèin.
Sin agad i.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good