Sgeulachd mu Rìgh Èireann, a chaidh a leigheas le trì botail...
Unknown Person
Track Information
Original Tape ID
Summary
How the King of Ireland was cured by three bottles of water from the Well of Tiobartan.
In this story, the King of Ireland has three sons, and each of them in turn goes off in search of the magic well. Two of them are caught and enslaved by the three witches. The youngest, with some wise counselling, manages to avoid those evil wretches. He then continues his journey. After many encounters with different characters, he eventually manages to get the magic water, and subsequently the king is cured. At the end, he marries the beautiful girl he met on his journey, and they become king and queen.
Item Notes
Folktale told from memory at the Mòd in Oban. Five more of Duncan's traditional tales with similar openings can be found in K. C. Craig's 'Sgialachdan Dhunnchaidh'.
Recording Location
County - Argyllshire
Parish - Kilmore and Kilbride
Village/Place - Oban
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Donnchadh MacDhòmhnaill: Chuala mise siud a bh' ann, ma-tà, Rìgh Èireann, agus mar a bha Rìgh Èireann ann phòs e, agus bha triùir mac de theaghlach aige. Agus dh'fhàs na mic suas, fear às dèidh fir dhiubh, gus an tàinig iad gu ìre duine. Agus an sin, gu dè gu mì-fhortanach ach a bhuail bochdainn an rìgh, agus air neo-ar-thaing nach d' fhuaras lighichean ga ionnsaigh airson a leigheas, ach cha robh lighiche a' dèanamh sìon a dh'fheum dha.
Ach gu dè seo ach a bha comhairleach aig an rìgh, agus chuireadh fios air a' chomhairleach.
"An-tà, ma-thà," ars an comhairleach ris an rìgh, "cha dèan lighiche sìon a dh'fheum dhan bhochdainn a th' oirbhse. Ach 's e an aon rud a nì feum, trì botail a dh'uisge Tobar Thiobartain, à fìor iomall an domhain mhòir."
Nist, nuair a chuala na mic seo, sgeadaich am fear bu shine e fhèin anns a' mhionaid, agus fhuair e air dòigh, agus dh'fhalbh e air tòir an uisge. Agus gu dè ach a bha aige ri dhol seachad air talla anns an robh triùir bhuidsichean a' fuireach 's a' còmhnaidh. Agus anns an dol seachad rinn iad grèim air, agus thug iad dha stràc dhen t-slacan-draodhachd, agus aon uair agus gun d' fhuair esan sin, bha e dìreach aig an cumhachd e fhèin rud sam bith a dh'iarradh iad air a dhèanamh. Agus rinn iad sgalag shuarach dheth anns an àite aca fhèin. Bhiodh e a' frithealadh air na mucan, a' toirt dhachaigh uisge, 's a h-uile h-obair bu shuaraiche a bh' aca ri dhèanamh.
Nuair a bhathar an seo ann an taigh an rìgh a' gabhail fadachd nach robh guth a' tighinn air a' mhac a dh'fhalbh, 's ann a sgeadaich am mac bu mheadhanaiche a bh' aig an rìgh e fhèin, agus dh'fhalbh e air tòir an uisge. Ach ma dh'fhalbh, ghabh e a cheart rathad a ghabh a bhràthair roimhe, agus choinnich an triùir bhuidsichean e agus thug iad dha stràc dhen t-slacan-draodhachd. Agus aon uair agus gun d' fhuair esan sin, bha e fon cumhachd-san tuilleadh, agus chàirich iad còmhla ri a bhràthair e ann a shin, aig a h-uile h-obair bu shuaraiche a bh' aca ri dhèanamh.
Nuair a bhathar a-nist ann an taigh an rìgh a' gabhail fadachd nach tàinig guth air an dithis a dh'fhalbh, 's ann a smaoinich am mac a b' òige gum falbhadh e. Ach mun d' fhalbh e, chuir e fios air a' chomhairleach a bh' aig athair, agus dh'innis e dha an nì a bha na bheachd; o nach do thill a bhràithrean gum biodh e freagarrach dhàsan falbh airson an uisge fhaighinn.
"Ma-thà," ars an comhairleach ris, "on a tha thu a' falbh, gabh a leithid seo a rathad agus de cheum," ars esan, "agus tha fìor amharas agam gura h-e na buidsichean a thàinig ceàrr air do dhithis bhràithrean romhad. Ach ma ghabhas tusa an rathad a tha mise ag iarraidh ort, seachnaidh tu iad, agus thèid leat cuideachd."
Agus 's ann mar seo a bha. Sgeadaich am mac a b' òige e fhèin airson a thurais agus dh'fhalbh e. Agus sheachain e a cheart cheum a ghabh a dhithis bhràithrean roimhe. Agus ann am beul na h-oidhche ràinig e coille dhùmhail dhorcha, agus chunnaic e biast a' tighinn na choinneamh ann an sin, air chumadh eich. Agus leis an eagal a ghabh e ron bhèist a chunnaic e ann an seo, 's ann a dhìrich e suas dhan chraoibh. Agus thàinig a' bhiast gu bonn na craoibhe, agus mar bu dlùithe a thigeadh i dhan chraoibh 's ann a b' àirde a rachadh esan suas.
"Thig," ars a' bhiast, "a-nuas às a sin far a bheil thu."
"Ò cha tèid," ars e fhèin.
"Mura tig thu a-nuas," ars i fhèin, "cha bhi mise fada ga do chur às."
Agus dh'fhalbh a' bhiast agus rug i na beul air a' chraoibh agus chrath i i, agus chaith i esan na [???] a dh'ionnsaigh a' chnuic.
"Nach tug mi às a-nist thu?" ars i fhèin.
"Ò thug," ars esan.
"Ò ma-thà," ars ise, "na gabh sìon a dh'eagal romhamsa. Chan eil fhios a'm nach mi an caraid as fheàrr a bhios agad air do thuras. Agus tha mi am beachd nach biodh e furasta dhut do thuras a dhèanamh mura faigh thu mo chuideachadh leat. Agus mise," ars i fhèin, "Meangan Donn à Gleann na Coill' Uaine, 's e a theirear rium. Agus gabhaidh sinn tàmh a-nochd," ars i fhèin, "aig bonn na craoibhe a th' ann an seo, agus thèid sinn air ar turas a-màireach."
Agus 's ann mar seo a bha. Ghabh iad pàirt dhe aon dad de bhiadh a bh' aca an oidhche sin. Agus an làrna-mhàireach:
"Nist," arsa Meangan Donn ri Mac Rìgh Èireann, "dhìrich suas," ars e fhèin, "air mo mhuin-sa agus falbhaidh mi leat."
Agus 's ann mar seo a bha. Dh'fhalbh iad. Agus ann am beul na h-oidhche bha iad aig taigh an Ridire Dhuibh.
"Thalla a-nist," arsa Meangan Donn ri Mac Rìgh Èireann, "a-staigh, agus faighneachd dhiubh am faigh sinn an fhàrdrach a-nochd."
Agus dh'fhalbh mac an rìgh a-staigh, agus dh'fhaighneachd e dhiubh ann an taigh an ridire am biodh iad cho math agus an fhàrdrach a-nochd a thoirt dhaibh agus fasgadh. Chan fhaigheadh, no taing air shon. Ach chaidh a bhreabadh agus a chiùrradh agus a shlaiseadh a-mach às an taigh. Agus nuair a ràinig e a-muigh dh'fhaighneachd Meangan Donn dheth:
"Seadh," ars e fhèin, "ciamar a chaidh dhut?"
"Ò cha deachaidh," arsa mac an rìgh, "ach meadhanach. Chan fhaigh sinn tàmh ann idir."
Ach dh'fhalbh Meangan Donn e fhèin a-staigh, agus shlais agus chiùrr agus bhreab e na bha a-staigh, agus b' e làn dìth am beatha an uair sin a dhol a-staigh, agus chuir iad seachad an oidhche gu dòigheil ann an sin.
Agus an làrna-mhàireach thog Meangan Donn agus Mac Rìgh Èireann orra agus dh'fhalbh iad. Agus ann am beul na h-oidhche an ath oidhch' bha iad aig taigh an Ridire Dhuinn.
"Thalla a-nist," arsa Meangan Donn ri mac an rìgh, "a-staigh agus dèan forfhais feuch am faigh sinn an fhàrdrach a-nochd."
Dh'fhalbh Mac Rìgh Èireann a-staigh, agus dh'fhaighneachd e dhiubh a-staigh gu sìobhalta am biodh iad cho math agus an fhàrdrach a thoirt dhaibh a-nochd, agus fasgadh. Chan fhaigheadh, no taing air a shon. Ach a cheart leithid agus a rinneadh orra ann an taigh an Ridire Dhuibh, chaidh am breabadh agus an ciùrradh a-mach às an taigh. Agus nuair a ràinig mac an rìgh a-muigh, dh'fhaighneachd Meangan Donn dheth ciamar a chaidh dha.
"Ò," ars e fhèin, "Cha deach ach meadhanach. Chan fhaigh sinn fasgadh sam bith an seo."
"Dèan thusa dàil ort," arsa Meangan Donn, agus dh'fhalbh e fhèin a-staigh, agus bhreab 's chiùrr 's dhochainn e na bha a-staigh, agus bu bhuidhe cridhe leotha an uair sin cead a thoirt dhaibh fuireach an oidhche sin. Agus chuir iad seachad an oidhche gu dòigheil ann an sin, agus an làrna-mhàireach, moch sa mhadainn, thog iad orra.
Agus ràinig iad taigh an Ridire Bhàin.
"Thalla a-nist a-staigh," arsa Meangan Donn ri Mac Rìgh Èireann, "agus faighneachd am faigh sinn an fhàrdrach ann an seo a-nochd."
Dh'fhalbh Mac Rìgh Èireann a-staigh agus a cheart leithid agus a thachair dha aig an dà ridire eile, thachair air an turas seo; chan fhaigheadh e fasgadh na h-oidhche. Agus thill e a-mach, agus dh'innis e do Mheangan Donn mar a chaidh dha.
"Dèan thusa foighidinn," arsa Meangan Donn. "Tha mise a' dol a-staigh."
Agus dh'fhalbh Meangan Donn a-staigh, agus ghabh e dha na bha a-staigh leis na breaban, agus dhochainn agus chiùrr e na bh' ann, agus bu bhuidhe cridhe leotha cead a thoirt dhaibh an uair sin fuireach a-staigh an oidhche sin. Agus chuir iad seachad an oidhche gu dòigheil.
Agus madainn an làrna-mhàireach dh'fhalbh iad. Agus thog iad orra agus ràinig iad taobh a' chaolais a bha aca ri dhol tarsainn air. Agus bha taigh greusaiche ann a shin, agus chaidh iad ann, agus air neo-ar-thaing mura robh basan sgaoilte romhpa ann an taigh a' ghreusaiche, chaidh fàilte agus furan a chur orra; fhuair iad biadh agus deoch, agus fasgadh na h-oidhche.
"Agus a-nist," ars an greusaiche ri Mac Rìgh Èireann, nuair a chuala e an turas air an robh e, "thèid thu dhan bhaile," ars e fhèin, "anns a' mhadainn a-màireach, agus gheibh thu caora, agus marbhaidh tu i, agus bheir thu dhith an craiceann, agus nì thu dà leth air a' charcas aice, agus falbhaidh tu agus cuiridh tu an dàrna leth aig taobh a' chladaich. Agus nuair a thig an iolaire a th' air an taobh thall a-nall, 's a chì i leth-carcas, laighidh i aige. Agus nuair a bhios i a' dlùthachadh air a bhith ullamh dheth, gabhaidh tusa suas ga h-ionnsaigh agus dìridh tu suas air cùl an dà sgèithe aice. Agus beir air leth-carcas eile agad ann 'ad achlais gus an ruig thu an taobh thall, agus bheir thu dhi ann an sin e. Agus nì thu tuilleadh chabhag an uair sin air an t-uisge fhaotainn mum bi i ullamh dhe sin ithe, airson gum bi thu a-nall aice a-rithist."
Agus 's ann mar seo a bha. Làrna-mhàireach, nuair a dh'èirich mac an rìgh, dh'fhalbh e agus chaidh e dhan bhaile. Agus fhuair e a' chaora, agus mharbh e i, agus thug e dhith an craiceann, agus rinn e dà leth air a' charcas, agus ghabh e sìos gu taobh a' chladaich agus chàirich e an dàrna leth aig taobh a' chladaich ann a shin. Agus thàinig an iolaire, agus nuair a chunnaic i an leth-carcas, laigh i agus theann i ri ithe.
"Nist," arsa Meangan Donn ri mac an rìgh, "tha thu a' dol a dh'fhalbh a-null. Chan e trì botail a bheir thu a-nall idir," ars e fhèin, "ach bheir thu a-nall a ceithir, agus bidh mise ann an seo gad fheitheamh gus an till thu."
'S ann mar seo a bha. Phaisg mac an rìgh an leth-carcas eile na achlais agus ghabh e sìos a dh'ionnsaigh na h-iolaire, agus dhìrich e suas gu socair, gu cùl an dà sgèithe aice. Agus dh'èirich an iolaire, agus dh'fhalbh i leis tarsainn a' chaolais, agus laigh i air an taobh eile. Agus dh'fhalbh esan an uair sin agus chàirich e an leth-carcas eile air a beulaibh, agus dh'fhalbh e fhèin agus rinn e dìreach suas air aitreabh mhòr a bha e a' faicinn air leathad cnuic thall. Agus chaidh e a-staigh dhan aitreabh a bh' ann an seo, agus bha e a' dol a-staigh do dh'iomadach seòmar air a feadh 's cha robh e a' faicinn duine.
Ach thachair an seo gun deach e a-staigh do sheòmar sònraichte agus bha nighean òg ann an sin ann an leabaidh na cadal, cho brèagha agus cho eireachdail agus a chunnaic e a-riamh. Agus dh'fhalbh e agus chuir e a làmh suas fon chluasaig, agus fhuair e iuchraichean an tobair. Agus dh'fhalbh e leotha, agus ràinig e an tobar agus thaom e na ceithir botail, agus thill e air ais agus chaidh e a-staigh dhan t-seòmar anns an robh an nighean na cadal, agus chàirich e na h-iuchraichean fon chluasaig, mar a fhuair e iad, agus thug e ainm sgrìobhte ann am posta na leaba. Agus bha muileann-cruithneachd, agus calman, agus botal fìon anns an rùm, agus thug e leis na trì chodaichean a bh' ann an sin, còmhla ris na botail uisge agus dh'fhalbh e, agus rinn e cabhag sìos a dh'ionnsaigh a' chaolais.
Agus bha an iolaire roimhe ann an sin, agus dh'fhalbh e agus dhìrich e suas air cùl an dà sgèithe aice. Agus ann an tiotan dh'èirich an iolaire agus dh'fhalbh i leis tarsainn a' chaolais gus an do dh'fhàg i e air an taobh thall. Agus bha Meangan Donn ann an sin ga fheitheamh.
"Tha thu air tighinn," ars e fhèin.
"Ò tha," arsa Mac Rìgh Èireann.
"Ciamar a chaidh dhut?"
"Ò chaidh glè mhath."
"Fhuair thu an t-uisge?"
"Ò fhuair," arsa Mac Rìgh Èireann.
"Ò ma-thà," arsa Meangan Donn, "crath ormsa botal dheth an toiseach."
'S ann mar seo a bha. An ceathramh botal a bh' aige, chrath e air Meangan Donn e, agus bha Meangan Donn an uair sin na fhleasgach òg ciatach, cho eireachdail agus a chunnaic e a-riamh. Agus dh'innis e do Mhac Rìgh Èireann facal air an fhacal, gur ann fo gheasaibh a bha esan anns an riochd a bh' ann an siud sam faca e e. Agus gura h-e an triùir bhuidsichean a chuir na geasaibh air.
"Agus 's e iad," ars e fhèin, "a ghlac do dhithis bhràithrean romhad. Agus," ars e fhèin "'s e làn-charaide dhut a th' annamsa. Agus tillidh tusa a-nist dhachaigh leis an uisge gu d' athair. Agus bheir thu do dheagh aire gun seachain thu an rathad air a bheil na trì buidsichean a th' ann an siud a' fuireach. Agus chan fhaic thu," ars e fhèin, "mise a-nist tuilleadh."
Agus 's ann mar seo a bha. Dhealaich Meangan Donn agus Mac Rìgh Èireann aig a' chladach. Agus chuir Mac Rìgh Èireann aghaidh air an dachaigh. Agus a' chiad oidhche, chaidh e ann an taigh an Ridire Bhàin, agus air neo-ar-thaing nach robh basan sgaoilte roimhe ann an sin. Agus gu dè a-nist ach a thug nighean an ridire an aire dhan mhuileann-chruithneachd, agus dhan chalman agus dhan bhotal fìon. Agus ghabh i tlachd uabhasach dhen mhuileann-chruithneachd.
"Ò a rìgh shaoghail," ars i fhèin, "nach b' fhèarr leam gum fàgadh tu agam fhèin, a Mhic Rìgh Èireann, am muileann-cruithneachd."
"An-tà, nì mi sin," ars e fhèin, "on a tha thu air a leithid a thlachd a ghabhail dheth."
Agus shìn e dhi am muileann-cruithneachd.
Agus chuir e seachad an oidhche ann an sin, agus an làrna-mhàireach dh'fhalbh e. Agus ged a bha coiseachd mhòr fhada aige ri dhèanamh, ràinig e am beul na h-oidhche aig taigh an Ridire Dhuinn. Agus air neo-ar-thaing nach robh basan sgaoilte roimhe ann an sin, ga fhàilteachadh. Agus thug nighean an ridire a bh' ann an sin an aire dhan chalman, agus ghabh i tlachd uabhasach dheth.
"Ò a rìgh shaoghail," ars i fhèin, "nach tu a dh'fhàgadh an calman a th' ann an sineach agam fhèin; 's mi a tha an dèis am meas a ghabhail air."
"An-tà, nì mi sin," arsa Mac Rìgh Èireann.
Agus dh'fhàg e aice an calman.
Agus chuir e seachad an oidhche ann an sin, agus an làrna-mhàireach chuir e aghaidh air an dachaigh, agus ràinig e taigh an Ridire Dhuibh. Agus air neo-ar-thaing nach robh basan sgaoilte roimhe ann an sin. Agus gu dè ach a thug nighean an ridire a-nist fa-near 's a chunnaic i am botal fìona.
"An-tà, gu dearbh fhèin," ars i fhèin, "'s mi bhiodh toilichte nam fàgadh tu agam fhèin am botal fìon a th' ann an sin," ars i fhèin. "'S mi a tha an dèis an tlachd a ghabhail dheth."
"Ma-tà," arsa Mac Rìgh Èireann, "on a tha sibh air a leithid sin a thlachd a ghabhail dheth, fàgaidh mise agaibh e."
Agus shìn e dhi am botal.
Agus chuir e seachad an oidhche ann an sin, agus an làrna-mhàireach, chuir e aghaidh air pàileas athar. Ach gu mì-fhortanach, cha do ghabh e comhairle Meangan Donn. Thachair a dhithis bhràithrean air, dlùth do thalla nam buidsichean, agus thug iad bhuaithe an t-uisge. Agus thug iad dha stràc dhen t-slacan-draodhachd, agus nuair a fhuair iadsan an t-uisge nan làmhan dh'fhalbh an draodhachd dhiubh fhèin, agus laigh i airsan 's e falamh. Agus dh'fhàg iad e na ghille-mhuc nan àite fhèin aig na buidsichean, agus dh'fhalbh iad dhachaigh leis an uisge. Agus dh'innis iad a-staigh gur e iad fhèin a rinn an gnìomh agus a fhuair an t-uisge. Agus theann iad a-nist ri thathainn air an athair.
Ach ge bith dè na gheibheadh an athair dhen uisge, cha robh e a' dèanamh nì de dh'fheum dha. Bha Rìgh Èireann cho bochd 's a bha e roimhe. Thòisicheadh an seo air faotainn a h-uile duine a bh' anns an sgìreachd mun cuairt, 's anns na sgìreachdan a b' fhaisge dhaibh, airson gun tairgeadh iad an t-uisge dhan rìgh, feuch cò am fear aca aig am biodh an sealbh gu 'n rachadh an rìgh am feabhas.
Ach cha robh an rìgh a' faighinn leigheas. Mu dheireadh, chaidh fhaighneachd an robh a-nist a h-uile duine a b' aithnte dhaibh ann an uile sgìreachdan an àite air a chruinneachadh agus air an t-uisge a thairgse dhan rìgh. Ò bha; bha a h-uile duine a b' aithnte dhaibh, ach aon ghille-mhuc a bh' aig na buidsichean.
"Ò tà, dh'fheumte am fear seo fhaotainn."
Agus fhuaras an gille-mhuc, agus chaidh botal dhen uisge a shìneadh dha na dhòrn. Agus anns an spot an d' fhuair esan am botal uisge na dhòrn, dh'èirich an draodhachd dheth. Agus a' chiad ghlainne a lìon e dha athair, dh'òl athair i, dh'èirich e na shuidhe anns an leabaidh. Agus an ath ghlainne a fhuair Rìgh Èireann dhen uisge, thàinig e a-mach às an leabaidh agus theann e ri cur uime. Agus an treas glainne a fhuair e, bha e air a' chnoc, na shlàinte air ais.
Agus dh'innis an uair sin, mac òg Rìgh Èireann dha athair, mar a rinn a dhithis bhràithrean air, agus chaidh breith orra an uair sin agus an càradh ann am prìosan. Agus sgrìobh Rìgh Èireann an uair sin air a' mhac a b' òige, gura h-e b' oighre dligheach air a bheò agus uile-gu-lèir air a bhàs, agus chan fhaigheadh an t-oighre idir an rìoghachd a thaobh cho ceàrr 's a rinn e air a thuras air a bhràthair.
Ach gu dè seo ach a dhùisg an nighean a bha sa chaisteal na cadal. Agus dh'ionndrainn i am muileann-cruithneachd, agus dh'ionndrainn i am botal fìona, agus dh'ionndrainn i an calman. Agus chunnaic i ainm a' ghille a bh' ann an seo sgrìobhte air beul na leapa. Agus thog i oirre agus fhuair i air dòigh air choreigin a-nall air a' chaolas, agus chaidh i a thaigh a' ghreusaiche. Agus dh'fhaighneachd i dhen a' ghreusaiche am faca iad srainnsear sam bith an rathad seo o chionn ùine ghoirid.
"An-tà, chunnaic," ars an greusaiche. "Chunna sinn mac le Rìgh Èireann ann an seo agus e air tilleadh far cuairt air choreigin air an robh e. Agus tha mi am beachd," ars e fhèin, "gun do chuir e seachad oidhche ann an taigh an Ridire Bhàin shuas ann an seo."
Agus dh'fhalbh an nighean agus chaidh i a thaigh an ridire. Agus air neo-ar-thaing nach robh iad coibhneil dhi ann an sin. Fhuair i gabhail aice anns a h-uile dòigh a ghabhadh fialachd dèanamh. Agus thug i an aire dhan mhuileann-chruithneachd, agus dh'fhaighneachd i do nighean an ridire:
"Ach air an t-saoghal," ars i fhèin, "ciamar a thàinig am muileann-cruithneachd a tha ann an sin ann 'ad rathad?"
"An-tà, thàinig," arsa nighean an ridire, "thadhail Mac Rìgh Èireann ann an seo, agus chuir e seachad oidhche ann agus e air tighinn far turais air an robh e, agus dh'fhàg e agamsa am muileann-cruithneachd."
"An-tà," ars an nighean, "'s e mo chuid-sa am muileann-cruithneachd; 's ann agam a bha e."
"Ò ma-thà," arsa nighean an ridire, "'s e làn dìth do bheatha ga ionnsaigh."
Agus fhuair an nighean am muileann-cruithneachd.
Agus chuir i seachad an oidhche ann an sin. Agus an làrna-mhàireach thog i oirre, agus ged a bha coiseachd gu leòr aice ri dhèanamh mun ruigeadh i taigh an Ridire Dhuinn, ràinig i ann am beul na h-oidhche e. Agus air neo-ar-thaing nach deach fàilte 's furan a chur oirre ann an sin, agus gabhail aice agus a h-uile fialachd a shealltainn dhi.
Ach gu dè thug i an aire an oidhche sin ach dhan chalman. Agus anns an spot am faca an calman ise, thòisich seinn. Agus dh'fhaighneachd i do nighean an ridire:
"Gu dè, air an t-saoghal," ars i fhèin, "mar a thàinig an calman a th' ann an sineach gu bhith ann an seo?"
"Ma-thà," arsa nighean an ridire, "thàinig Mac Rìgh Èireann ann an seo agus chuir e seachad oidhche ann. Agus bha an calman sin aige. Agus ghabh mise a leithid a thlachd na chalman," ars i fhèin, "agus dh'fhàg e agam e."
"Ò ma-thà," ars an nighean rithe, "'s e mo chuid-sa an calman; 's ann agam a bha e."
"An-tà, b' fhurasta sin aithneachadh," arsa nighean an ridire. "Cha do rinn e poll ciùil on latha a thàinig e ann an seo, gus an tàinig thusa a-staigh dhan rùm. Agus 's e làn dìth do bheatha ga ionnsaigh agus a thoirt leat."
Nist, chuir an nighean seachad an oidhche ann an sin, an oidhche sin, agus an làrna-mhàireach thog i oirre. Agus ann am beul na h-oidhche ràinig i taigh an Ridire Dhuibh, agus bhathar a cheart cho fialaidh rithe ann an seo. Fhuair i gabhail aice anns a h-uile dòigh.
Agus gu dè thug i an aire anns an t-seòmar còmhla riutha ach am botal fìona.
"Ach air an t-saoghal," ars i fhèin ri nighean an ridire, "ciamar a thàinig am botal fìona a th' ann an sin gu bhith ann an seo?"
"Tha ma-tà," arsa nighean an ridire, "thadhail Mac Rìgh Èireann ann an seo, 's e a' tighinn far turais air an robh e. Agus dh'fhàg e agamsa am botal fìona agus mi an dèis tlachd mhòr a ghabhail dheth."
"Ò ma-thà," ars an nighean, "'s ann leamsa a bha am botal fìona."
"Ò ma-thà," arsa nighean an ridire, "'s e làn dìth do bheatha ga ionnsaigh."
Agus shìn i dhi am botal fìona.
Agus bha a-nist na trì chodaichean aig an nighinn air fhaotainn: am muileann-cruithneachd, agus an calman, agus am botal fìona. Agus chuir i seachad an oidhche ann an sin gu dòigheil an oidhche sin. Agus dh'fhalbh i an làrna-mhàireach, agus chuir i h-aghaidh air pàileas Rìgh Èireann, agus na trì chodaichean a bh' ann an sin aice. Agus nuair a ràinig i, dh'aithnich Mac Rìgh Èireann i anns a' mhionaid am faca e i, agus rinn e fhèin agus i fhèin toileachadh mòr ri chèile.
Agus a bharrachd air a sin, rinn Rìgh Èireann a cheart uiread a thoileachadh nuair a chunnaic e a leithid seo a nighinn chiataich a' tighinn a dh'amharc air a mhac. Agus ann an ùine ghoirid, às a dhèidh seo, chaidh Mac Rìgh Èireann - am mac a b' òige - chaidh a phòsadh, e fhèin agus an nighean a bh' ann an seo. Agus e a-nist na oighre dligheach air athair fhad 's a bhiodh e beò, agus uile-gu-lèir air a bhàs.
Agus nuair a dh'eug Rìgh Èireann, chaidh am mac a b' òige a chrùnadh na rìgh, agus bha an nighean a bh' ann an seo a phòs e na bànrighinn.
Agus tha mise gam fàgail socair sàmhach ann an sin a-nist agus dhealaich mise riutha.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good