Sgoil-dannsa ann an Tòrr a' Ghoill.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
23236
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1952.139.A5
Original Tape ID
Summary
Dancing school in Torgyle.
The contributor's mother's family were all good singers. His father's family were all good dancers. The contributor won first prize for the Highland Fling when he was a boy at a dancing school in Invermoriston; he learned it from his father. The dancing-master was called MacDougall. Another was Myron. He gives a description of the dancing school in Torgyle.
Item Location
County - Inverness-shire
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Calum MacIllEathain (CM): Ò tha. Bu toigh leinn sin, sin a ràdh, bha a chuimhneachain oirre, fios agaibh, agus bhiodh i a' gabhail òrain Oidhche na Bliadhn' Ùire?
Pàdraig MacDhòmhnaill (PM): Bha mise uaireigin glè eòlach air a bhith a' cluinntinn an òran seo air a ghabhail Oidhche Bliadhn Ùr, nuair a bhiodh beagan dhe na coimhearsnaich a-staigh còmhla rinn air cèilidh, a' toir a-staigh a' Bhliadhn' Ùr. Agus bhiodh aig mo mhàthair ris an òran a sheinn, bhon a bha i air a cunntadh glè mhath air seinn òrain Gàidhlig. Agus bha a h-uile gin dhen teaghlach dhen tàinig i - bràithrean mo mhàthar 's peathraichean mo mhàthar, bha iad uile-gu-lèir math air seinn òrain, ach cha robh... cha dhèanadh iad ceum dannsa. Ach an taobh eile, bho thaobh m' athar, bha iad uile-gu-lèir nan dannsairean math, agus bhite... bhiodh iad an-còmhnaidh air an cunntadh cho math 's a bha a' dol tric air ùrlar anns an t-seann dòighean dannsaichean. Agus 's ann mar sin... dh'fhalbh sin 's chan eil guth mu dheidhinn an-diugh.
[Stad sa chlàradh an seo.]
CM: ...chiad bhonn a thug sibh a-mach, bha sibh ag ràdh?
PM: Bha m' athair glè mhath air dannsa, 's gu h-àraid air na steapaichean ris an can iad na Highland Flings an-diugh. Agus dh'ionnsaich e dhòmhsa iad 's cha robh mi ach dà bhliadhna dheug nuair a bha sgoil-dannsa againn ann an Gleanna Moireasdain. Agus thug mi... choisinn mi a' chiad bonn an sin, am bonn a b' àirde ann. Agus bha beul ri dà fhichead pearsa a' feuchainn ann. Agus cha robh dragh sam bith agam. Agus cha robh fiù brògan orm. Cha robh brògan ri fhaighinn.
CM: Cha robh. Cha robh. Seadh, agus bha suas ri dà fhichead pearsa aig an sgoil-dhannsa. Agus cò bha gan teagasg? Bhur n-athair? Cò bha ag ionnsachadh nan dannsachan dhaibh?
PM: Bhiodh maighstir-sgoil-dannsair a' dol mun cuairt. MacDhùghaill... MacDhùghaill agus... agus Myron. 'S ann aig Myron a bha mise.
CM: 'S tha cuimhn' agaibh orra?
PM: B' àill leibh?
CM: An e feadhainn Ghallta a bh' annta?
PM: 'S e, feadhainn Ghallta a bha a' tighinn. Bha iad a' tèarsadh dà thastan deug air a h-uile duine a bha iad ag ionnsachadh aca.
CM: Seadh. Agus cà 'm biodh iad ag ionnsachadh na cloinne?
PM: [?Cà bheil] an dà fhichead? Bha sgoil-dannsa dà fhichead pearsa ann an Tòrr a' Ghoill. Agus thug mi... choisinn mi agus cha robh brògan... cha robh brògan idir orm. Cha robh brògan ann.
CM: Agus bha sibh ag ràdh gur e... gur e MacDhùghaill a bh' air aonan dhen an fheadhainn? Agus Myron?
PM: MacDhùghaill agus Myron.
CM: Myron?
PM: 'S e. MacDougall.
CM: 'S an robh Gàidhlig aig MacDhùghaill?
PM: MacDhùghaill? Uill, 's e MacDougall a bh' air. Dùghall, shin agad [???] MacDhùghaill.
CM: Seadh. Agus bha iad sin math air dannsa? Bhiodh iad... bha iad math...
PM: Bha iad sin nam maighstrichean-sgoil... bha iad a' teagasg an dannsa. Bha.
CM: Seadh. A' dol bho àite gu àite?
PM: Dìreach. A' siubhal bho àite gu àite, agus nuair a gheibheadh iad talla far am b' urrainn daibh gràinne... badan dhen òigridh a chruinneachadh bha iad gan toir a-staigh, 's bha an dà thastan deug ri phàigheadh - an dala leth aig toiseach an sgoil-dannsa agus dala leth a-rithist às a dhèidh.
Agus bha modh 's ionnsachadh ann. Bha iad a' toir sin duinn [???] dh'fhaodainn sin a ràdhainn.
CM: Tha sin math a-niste. [???] tha sibh ga ghràdh. A h-uile facal.
[Stad sa chlàradh an seo.]
PM: Mu dheidhinn an sgoil-dannsa an uair sin, an t-àm a bha sin. Tha sin beul ri... a-mach thar trì fichead bliadhna air ais. Uill, bidh feadhainn an-diugh an dùil gun robh feadhainn cho fada air ais 's nach robh modh no ionnsachadh aca, 's nach b' urrainn daibh iad fhèin a ghiùlan am measg cuideachd. Ach 's e taobh... chan eil... chan eil sin ceart, bhon as e a' chiad ionnsachadh a gheibhte aig an sgoil-dannsa: nuair a rachadh sinn a-staigh dhan talla, far an robh a' chuideachda, bha a h-uile fireannach gu h-àraid a' dol a-staigh agus a' cumail aghaidh air a' chuideachda. Agus bha aige ri a làimh a chur air ais agus an doras a dhùnadh às a dhèidh, ach chan fhaodadh e coimhead air ais. Agus an sin bha aige ri cromadh mar onair, bow, dhan a' chuideachda. Agus bha e air ionnsachadh mar a dhèanadh e sin. Agus chan fhaodadh e a dhol dìreach thairis air ùrlar na talla. Dh'fheumadh e, ma bha e airson a dhol gu taobh eile na talla, dh'fheumadh e a dhol mun cuairt agus mathanas iarraidh air aon sam bith a dh'fheumadh a dhol gu taobh airson a leigeil seachad. Ach chan fhaodadh e a dhol tarsainn air an ùrlar. Agus nan dèanadh neach sam bith sin, bha e a' faighinn rabhadh, agus nam biodh e coireach an dala h-uair bha e a-mach às an sgoil-dannsa.
Chan fhaodadh na gillean òga suidhe air an aon taobh ri na caileagan. Dh'fheumadh iad suidhe mun coinneimh. Agus chan fhaodadh fear sam bith dannsa tric le aon chaileag. Dh'fheumadh e dannsa a thoir dhan a h-uile gin dhe na caileagan, 's chan fhaodadh e dannsa le [?bhannsrach] fhèin, ma bha i an sin, dà uair gus am biodh e air ruith thairis air càch uile.
Agus nam biodh iad a' dol a-mach a-rithist, na fireannaich gu h-àraid, dh'fheumadh iad a dhol a-mach air an doras a thaobh an cùil agus cromadh... agus dhan a... mar onair dhan a' chuideachda. Agus an sin an doras a dhùnadh às a dhèidh, ach chan fhaodadh e a dhol a-mach a thaobh a bheòil.
CM: Cia mheud uair san t-seachdain a bhiodh sibh a' cruinneachadh? Dà uair...
PM: Aon uair... bha sinn ann a h-uile h-oidhche airson ceala-deug. Agus bha iad uabhasach, na maighstrichean-sgoil-dannsair, bha dithis ann diubh. Ach 's ann aig fear Myron - M Y R O N - 's ann aige a dh'ionnsaich mise. Ach bha nam fhàbhar-sa, bha m' athair, dhannsadh e... dhannsadh e fichead steap dhe na Highland Flings a dh'ionnsaich e bho maighstir-sgoil-dannsair MacDougall, MacDhùghaill. Agus fhuair mise steapaichean m' athar cho math ris na dh'ionnsaich mi aig Myron. Agus 's ann mar sin a fhuair mi cosnadh. Sin agaibh an t-seann sgoil-dannsa.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good