Search

Gille nan Cochall Chraiceann.

Date 1955
Track ID 29483
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1955.124

Original Tape ID

SA1955.124

Summary

Gille nan Cochall Chraiceann.

A version of this well-known folktale. It starts with the king going hunting. He visits a house where an old man and a young woman live, and spends the night there. The next morning he finds out that he has actually been there a year and a day, and that he now has a son. When this son reaches adulthood, he goes off on a specific journey and meets Gille nan Cochall Chraiceann, along with other illustrious characters such as Ossian, Fionn, and the Fingalians.

The contributor says he got his stories from his grandmother, Claimie Stewart.

Item Subject/Person

Gille nan Cochall Chraiceann; Oisean; Fionn; an Fhèinn

Recording Location

County - Sutherland

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): Seadh ma-thà. Ciamar a bha i siud a' dol?

Ailig Stiùbhart (AS): Uill, 's e rìgh a bh' ann cuideachd. Agus dh'fhalbh e dhan... dh'fhalbh e dhan taigh-shealg, 's dar a char e dhan an taigh-shealg cha robh... char e air chall air an dachaigh, 's dar a char e air chall air a dhachaigh thàinig e gus an taigh a bha seo, agus 's e bean òg agus seann duine a bh' ann, 's char e a-staigh gus an taigh 's dh'fhaighnich e am faigheadh e cuid na h-oidhche, agus thuirt iad ris gum faigheadh nan gabhadh e bean.

"Uill," thuirt esan, "cha bhi mise a-mach airson a' bhean a ghabhail a-nochd."

'S char e a-staigh 's tha e coltach gun deach e fhèin 's a' bhean san àm a leabaidh.

Dh'èirich e sa mhadainn 's dar a dh'èirich e sa mhadainn thuirt e gum biodh e a' falbh.

"Ò," thuirt an seann duine, "tha barrachd air sin agad ri dhèanamh, a ghille òig."

"Dè th' agam ri dhèanamh?" thuirt esan.

"Tha do mhac agad ri..." thuirt esan, "ri bhaisteadh."

"B' e mac cliobhar e," thuirt esan, "nam b' e mac aon oidhche e."

"Um," thuirt esan, "tha thu bliadhna 's latha an seo."

"Bheil?" thuirt esan.

"Uill," thuirt esan, "thèid mise... Innsidh mise dhut dà chomharradh air," thuirt e, "dar a thèid thu dachaigh a-màireach - an cuilean," thuirt esan, "a dh'fhàg thu gun shùilean, 's e a' chiad còmhlach dhut san doras. 'S an leanabh a dh'fhàg thu air broilleach a' bhean agad, 's e an ath chòmhlach dhut coiseachd," thuirt esan.

Ach co-dhiù, char e dachaigh 's mar a ruig e bha h-uile dad a thuirt am bodach ceart.

Uill, chan eil fhios agamsa dè dh'èirich dhan an rìgh às dèidh sin, ach bha an gille a' fàs mòr 's bha e a' fàs tapaidh gus an tàinig e gu seachd bliadhna deug a dh'aois. Agus thug a sheanair a-mach e a dh'fheuchainn car-gleac ris, 's ghleac e gus a... ghleac a sheanair air a dhà ghlùin e. Ach dar bha e na h-ochd deug ghleacadh esan a sheanair air a dhà ghlùin.

"Ò uill," thuirt a sheanair, "chan eagal dut; faodas thu bhith coma cà 'n tèid thu."

'S bha e cianail gu sealg 's gu poidsigeadh agus gu iasgach. Latha dhe na lathachan char e a-mach a dh'iasgach, 's dar a char e a-mach a dh'iasgach, cha robh an còrr mu dheidhinn: thàinig e dachaigh 's dar thàinig e dachaigh cha robh aige ach... cha robh taigh ri làrach, dad eile ach [?talmhan] dathte uaine agus calman beag [???] fhèin, agus [???] dhearg, 's thuirt an calman:

"Cuir do cheann a-staigh fo mo sgiath."

"Ach, och, chreutair bhochd, bhiodh e na b' fheàrr agad fhèin àite an cuireadh tu do cheann fo sgiath."

Ach chuir e a cheann a-staigh fo sgiath 's chuir e an oidhche seachad ann an sin, 's dh'èirich e sa mhadainn 's dar dh'èirich e sa mhadainn:

"Chalmain bhig bhochd," thuirt esan, 's thilg e a cheann dheth le chorrag, "tha mise a' falbh."

Thog e air 's dh'fhalbh e, 's dar a dh'fhalbh, chùm e a' dol ann an sin 's bha e a' dol gu math air an rathad. Ach chunnaic e fear a' tighinn an sin 's... duine glè mhòr - cha robh esan ach na dhuine beag an taca ris. 'S dar a bha e a' dol seachad air, rinn an duine mòr a bha seo, rinn e gàir, 's ma rinn, rinn Gille... Gille nan Cochall Chraiceann gàir.

"Dè do... fàth do ghàir, 'ille bhig?" thuirt esan.

"Uill," thuirt Gille nan Cochall Chraiceann, "fàth mo ghàire-sa'" ars esan, "thusa do thaobh fhèin dhen rathad a chumail 's cumaidh mise mo thaobh fhèin. Dè fàth do ghàir fhèin?"

"Fàth mo ghàire-sa, nach fhois 's nach tàmh dhòmhsa gu 'n ruig mi Gille nan Cochall Chraiceann fhad 's tha [?chnàimhean boga mìn]."

"Ach, ma-thà," thuirt Gille nan Cochall Chraiceann, "na sir 's na seachain e. Seo agad e."

Agus... no co-dhiù, char iad an uair seo na chèile. Smaointich Gille nan Cochall Chraiceann gum b' e seo a' chiad treun an deach e riamh, gun robh nàir mhòr dha gun cailleadh e. Thug e an togail mhòr èibhinn aighearach dha 's chuir e air slaisneach a dhroma e.

"Thuid," thuirt esan, "na dèanaibh sin," thuirt esan. "Bidh mi na mo ghille 's na mo dhiùnlach dhut gu aon aois deug dhe do shaoghal."

"Ach, ma bhitheas," thuirt Gille nan Cochall Chraiceann, "èirich."

'S thog iad orra is 's ann a char iad dhan an Fhèinn.

Och, dar a char iad dhan Fhèinn bha iad complete an sin. Ach chunnaic Oisean gun robh an Fhèinn a' dol upside-down le Gille nan Cochall Chraiceann. Am fear nach tigeadh a-staigh le lurgainn bhriste thigeadh e a-staigh le sùil ghoirt no rudeigin, agus thuirt Oisean an uair seo ri... thuirt Fionn ri Oisean an uair seo gum feumadh iad feuchainn ri a chur air falbh.

"Ciamar a chuireas sinn air falbh e?" thuirt esan.

"Cuiridh sinn a ruith ri Caoilte a-mach ri aodann bruthaich e," thuirt esan.

'S cha bheireadh a' ghaoth luath Mhàirt air Caoilte 's cha bheireadh Caoilte air a' ghaoth luath Mhàirt a bha roimhe.

"Agus dar a bheir sinn an sin e," thuirt esan, "cuiridh sinn a leum na staing mhòir e an aghaidh a chùlaibh 's an aghaidh a bheulaibh 's bidh e a' tilgeil nan sleaghan... Tilgidh sinne na sleaghan airsan [???] 's bios esan gan glacadh 's gan tilgeil oirnn, [???]," thuirt esan.

Agus eadar a h-uile rud a bh' ann, 's e seo a thachair.

Leum esan a-mach 's:

"Falbh thusa Chaoilte bhochd," thuirt e. "Cha bhi mise fada a' beirsinn ort."

Ruig e 's rug e air Caoilte 's chuir e [???] an cùl amhaich 's [???] dheth. 'S bha Caoilte, bha e sna creagan ag ithe an fheur.

"Ach," thuirt a mhàthair, "nach leig thu às Caoilte?"

"Ò, cha leig," thuirt esan.

Thog e bothan-fàil dha fhèin 's dha a mhàthair.

Ach latha dhe na lathachan, [???] leig e às Caoilte agus... Ghabh e truas ris.

"Falbh sìos a-nis agus can riutha..."

Chan e. Thàinig Caoilte a-nuas.

"Tha iad gar n-iarraidh... tha iad gar n-iarraidh air ais gun an Fhèinn."

"Ò, cha tèid mi idir ann," thuirt esan.

"Ach, tha iad gar n-iarraidh," thuirt Caoilte.

"Uill, innis dhaibh seo," thuirt esan, "ma gheibh mi bhith na mo stiùbhard air an Fhèinn thèid mi air ais, 's mur fhaigh cha tèid," thuirt esan.

Ach dh'fhalbh Caoilte 's cha bheireadh a' ghaoth luath Mhàirt air Caoilte a' dol, 's thàinig Caoilte air ais.

"Gheibh," thuirt esan, "tha sibh a' faighinn a bhith nur stiùbhard oirnn."

"Ceart gu leòr ma-thà," thuirt e.

Am biadh a bha esan a' toir dha na daoine, bha Gille nan Cochall Chraiceann a' tòir dha na coin aca. Bha iad an uair seo - an Fhèinn - ann am full-bloom aca agus... Ach latha dhe na lathachan thàinig Oisean agus fhras gach putan òir 's gach putan airgid à Oisean. Thàinig e [???] a-staigh.

"'Ille nan Cochall Chraiceann an toir thu dhomh m' iarrtas?"

"Bheir mi dhut d' iarrtas, a h-uile sìon," thuirt esan, "ach cha toir mi dhut ach aon àite."

"Dè an t-àite a tha sin?"

"Gu Ban-righinn Eilean nam Muc," thuirt esan.

"Cha tèid mi ann."

"Ò uill," thuirt e, "shin far robh mi ag iarraidh thu..."

"Uill, cha tèid mi an sin," thuirt esan.

"Ach innsidh mi dè nì sinn," thuirt esan. "Falbh suas gu mo mhàthair 's chì sibh taobh an abhainn i 's i a' cìreadh a ceann, 's beiribh air cheann... air bhad mhullach cinn oirre, ach cuimhnich nach goirtich sibh i."

Char e suas 's thachair seo ris 's rug e air bhad mhullach cinn...

"Oich, Oisein, leig mi às."

"Cha leig an-dràstaich," ars esan.

"Uill, ma-thà," thuirt ise, "mura toir thu dachaigh mo leanabh-sa cho sàbhailte 's tha e a' falbh, cha leig thu leas tighinn air ais gu cladach. 'S ma bhios mo leanabh-sa marbh," thuirt ise, "biodh siùil dhubh agad ris a' bhàta, 's ma bhios e beò biodh siùil gheal agad ris."

"Ceart gu leòr," thuirt Oisean.

Dh'fhalbh iad. 'S dar a dh'fhalbh, landaig iad 's chuir iad na siùil gheala ris a' bhàta 's bha iad a' dol a-null gu ban-righinn Eilean nam Muc 's nuair a bha, mus tàinig iad a-staigh gu Eilean nam Muc, na bha air bòrd an t-saothach aige steig an casan ri bòrd an t-saothach, 's an fheadhainn an robh os cinn a-mach tron sky-light, chan fhaigheadh iad na cinn a-staigh.

"Tuasgail do gheasan, 'Ille nan Cochall Craiceann."

"Tuasgail fhèin iad," thuirt esan, "'s tu as luaithe a chuir iad."

Ach co-dhiù, landaig iad a-staigh 's thuirt Gille na Cochall Chraiceann:

"Cà bheil thu a' toir dhuinn taigh?"

"Shin agaibh," thuirt ise, "taigh," thuirt ise. Agus... "Shin agaibh taigh," thuirt ise, "'s cha deach a chartadh bho chionn aon bliadhna deug, 's cairtibh fhèin e."

Cha robh cairt a bha e a' togail nach robh na s-... na [???] a' bualadh air ais anns an... anns an aodann aige. Thàinig Gille nan Cochall Chraiceann 's chairt e a h-uile biod dheth a-mach leis fhèin.

"Cà bheil teine [???] dhuinn?"

"Shin agaibh cruach-mhònadh," thuirt ise, "'s thoiribh eibhle teine às."

Cha robh fòid a bheireadh iad às a' chruach-mhònadh nach robh a' leum air ais, ach eadar a h-uile rud a bh' ann, char Gille nan Cochall Chraiceann 's thug e leis dìreach na... na ultaich i.

Dh'iarr e an uair seo biadh. Char iad a-bhàn 's bha tarbh ann an sin 's dh'fhaillich e orra uile-gu-lèir agus 's e Gille nan Cochall Chraiceann, 's e a mharbh an tarbh.

Bha iad ann an sin.

"Falbh sibhse a laighe," thuirt iad, "a mhaighstir mhath, 's caithrisidh sinne an ceann sa dhen oidhche."

"Cha tèid," thuirt esan. "Ach falbh sibhse a laighe 's caithrisidh mise an ceann sa dhen oidhche."

Cha robh iad fad ann an sin... cha robh e fad ann a shin dar a dh'fhairich e seo a' tighinn a-staigh 's cò bha seo ach...

Leum e fhèin 's i fhèin air a chèile, 's dh'fheuch iad air a chèile cho math 's a b' urrainn dhaibh, 's chuir Gille nan Cochall Chraiceann gu bàs i, 's dh'fhàg e san doras i.

"Dùisgibh 'illean," thuirt esan.

Dhùisg na balaich 's dar a dhùisg iad:

"Ò," thuirt iad, "dè monadh a tha san doras?"

'S nuair a sheall iad 's e ise a bh' ann, 's dh'fhalbh iad 's:

"Cuiribh na casan dhith," thuirt esan.

Chaidh dà phearsa dheug cur nan cas dhith 's cha chuireadh iad dhe... [???] an doras i.

Chuir Gille nan Cochall Chraiceann a' chas dith 's thilg e a-bhàn gun a' chladach i.

Ò bha Oisean air a dhòigh an uair seo cho glan, 's bha e a' dol a dh'fhalbh, agus char iad air bòrd an t-saothaich.

"Ho," thuirt Oisean... thuirt Gille nan Cochall Chraiceann, "tha rud nas miosa na sin againn ri dhol."

Agus dar a dh'fhalbh e dh'iarr iad air...

"Tuasgail do gheasan, 'Ille nan Cochall Chraiceann."

"'S glè chaomh leam," thuirt esan, "mo... mo chrannagan a bhith am fianais mus tuasgail mi mo gheasan."

Ach eadar a h-uile sìon a bh' ann, bha e coltach gun robh e a' tuasgladh a gheasan, 's nuair a bha, cha do thuasgail e na g-... cha do thuasgail e na geasan idir 's chùm e a' dol ann an sin.

"Nis," thuirt e ri Oisean, "chi thu mise," thuirt esan, "ag èirigh na mo mheall ceòthaidh air bòrd an t-saothaich," thuirt esan, "'s chi thu meall ceò a' tighinn on àird an ear," thuirt esan. "Bidh sinn a' sabaid anns an adhar," thuirt esan, "'s cuimhnichibh ma chì thu meall ceò a' tuiteam a-bhàn gun cùm thu bas na slèigh rium, nach e ruinn na slèigh a chumas thu rium."

Ach cha robh [???] dar a chunnaic iad seo. Thàinig e, meall ceò ag èirigh air bòrd an t-saothaich, agus dh'fhalbh esan na mheall ceòthaidh. Thàinig am meall ceò [???] 's dh'fhalbh esan na mheall ceòthaidh air bòrd an t-saothaich, 's dh'fheuch iad air a chèile.

Bha iad a' sabaid nan daoine 's bha iad a' sabaid nam [???] teine 's bha iad a' sabaid nam mill cheò. Uairean bhiodh iad a' sabaid nan tairbh 's eadar h-uile sìon a bh' ann gus an tàinig am meall ceò a-bhàn 's nuair a thàinig, chùm... leis an fhuil... leis a' bhuil san deach Oisean chùm e... chùm e bas na slèigh ris. 'S nuair a... thuit Gille nan Cochall Chraiceann marbh, 's nuair a thuit, rug iad an uair sin na siùil gheala 's chur iad a-bhàn iad, 's chuir iad siùil dhubha rithe 's thuirt... thachair a mhàthair ris air bòrd... aig a' chladach 's thug i a-staigh am bàta, trì [???] air a' chladach, 's dar a thug:

"Cuir mo leanabh nam aparan," ars ise.

Chuir i an leanabh na h-aparan 's char i suas 's shuath i an Claidheamh Gach-solas 's an slacan-[?draoidhean] 's an Cuman Ìochdar 's an Cuman Uachdar ris-san 's bha e [?fo mhaoim] drùchd fhala 's mar a bha e riamh.

Thog e air an uair seo 's bha e a' falbh na dhotair, 's ruig e an t-àite a bha seo 's dar a ruig e an t-àite a bha seo bha am fear seo san leabaidh.

"Saoil," thuirt esan, "am faod mise a dhol a-staigh a shealltainn air?"

"Ò, chan eil dotair a' dèanamh feum."

Cha robh craiceann 's cha robh feòil 's cha robh dad eile air, 's dar a char e a-staigh an sin chuir esan an craiceann 's chuir e an fheòil air 's thug e air a bhith a' coiseachd.

"Uill," thuirt an rìgh, "cha dèan mise dad riut," thuirt esan, "ach mo nighean a thoir dhut ri phòsadh," thuirt esan, "agus an rì-... an oighreachd a thoir dhut."

"Cha toirinn aon latha dhem Fhèinn air."

An sin agaibh an deireadh a th' agamsa air.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good