Taibhse a thàinig gu taigh anns an robh cèilidh.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
2981
Part 1
Part 2
Track Information
Original Track ID
SA1953.50.A2
Original Tape ID
Summary
A ghost that appeared at a cèilidh.
During a blizzard there was a cèilidh in a house and a stranger entered. He was dripping with water and he told them he could be found on the island of Erraid. It was later said to be the ghost of Ian MacPherson from Appin. He had been in the crew of a ship which had grounded in the Northwest of Ireland. The man's body had come 200 miles in nineteen days to be cast ashore on the island of Erraid.
Item Location
County - Argyllshire
Island - Mull
Parish - Kilfinichen and Kilvickeon
Village/Place - Fionnphort
Recording Location
County - Argyllshire
Island - Mull
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
An Caiptean Dùghall MacCormaig: Bha mi latha a bha siud ag iasgach le seann Alasdair, agus a leithid Alasdair air innse sgeulachdan, cha robh ann am Muile air fad. Cha robh, ann an àite sam bith. B' fheàrr leam a bhith ag èisteachd ri Alasdair ag innse sgeulachdan na gun toireadh tu dhomh an leabhar a bu taitniche a leugh thu riamh.
Bha sinn ag iasgach 's thuirt e an latha seo:
"Ah," ars esan, "mura bheil iasg ann," ars esan, "bidh sgeulachd ann."
'S thionndaidh e an sin rium 's thuirt e:
"Bheil thu a' creidsinn," ars esan, "ann an tamhaisg?"
"Ò, chan eil fhios a'm," arsa mi fhìn. "Bidh feadhainn ag ràdh gum bi tamhasg ann agus..."
"Ah, chan eil mi fhìn a' cur mòran creidsinn ann," ars Alasdair. "Ach chan urrainn dhomh a ràdh, a laochain, nach fhaca mi aon tamhasg, agus innsidh mi dhut mu dheidhinnibh."
"Bha mi air chèilidh ann an taigh Dhòmhnaill 'ic Alasdair," agus 's e Dòmhnall mac Alasdair an tàillear a b' àbhaist a bhith san àite. Bha e a' fuireach mu chuairt air mìle gu leth bho Fhionnphort. 'S e taigh math cèilidh a bh' ann, tha e coltach, san àm. "Ach bha sinn ann an siud, ochdnar againn a-staigh, 's cha robh mi leam fhìn. Cha bu mhise an aon fhear a chunnaic an tamhasg. Chunnaic a h-uile duine bha a-staigh e."
"Bha an cur 's cathadh-sneachd ann. Thàinig an sneachd, thòisich an sneachd an dèidh dhuinn an taigh a ruigheachd, ach bha i searbh uile-gu-lèir a-muigh. Bha lanntair os cionn far an robh an tàillear a' fuaigheal agus thàinig plathadh de ghaoth fhuar a-staigh, mar gum fosgladh duine an dà dhoras, cuideigin an dà dhoras, agus chaidh an solas às. Agus thàinig am fear an seo a-staigh ro dhoras na clàraidh. Fear 's feusag dhubh air agus bha aodann cho geal, cho geal ri brèid. Sheas e anns an ùrlar, ach thuirt bean an taighe ris: 'Nach tig thu air d' aghaidh a laochain agus thu cho fliuch.' Nise, bha fhios againn gun robh sneachd ann, ach cha robh coltas sneachd airsan idir. Ach bha an t-uisge a' sruthadh dheth; an t-uisge a' tighinn dheth na ruithean. Agus cha tàinig e na b' fhaide, ach thuirt e: 'Ò,' ars esan, 'chan eil sneachd far a bheil mise, agus ma thèid sibh a-null gu tràigh geal Eilean Earraid, gheibh sibh mi ann an sin, agus an cuaran a bh' air m' òrdaig, tha e dìreach mu thrì troighean bhom cheann.' Agus le sin a ràdh, dh'fhalbh e."
"Nis," ars Alasdair, "chunna mi sin lem shùilean fhèin, agus Peigi, thuit i – agus Anna cuideachd – thuit iad ann an neul, an dithis aca. Bha a h-uile duine a bha a-staigh agus eagal am beatha orra. Stad an stoirm shneachd mu chuairt air aon uair deug 's fhuair mi dhachaigh, tha fios agad, bha an rathad mòr math fom chois, fad an rathad. Ach madainn an làrna-mhàireach bha sgrìob mhath de ghaoth bhon iar-dheas agus chualaig muinntir a bhaile, mun d' innis mise guth dhaibh, chualaig iad mun tamhasg a bh' ann an taigh an tàilleir. 'S bha am fear an seo, Colla, agus Aonghas, agus 's e a smaointich iad, bhon a bha an tràigh... bhon a bhiodh an tràigh freagarrach aig Eilean Earraid, gun rachadh iad a-null dìreach feuch an tachradh dad de dh'fhìrinn a bhith ann."
Nis, Eilean Earraid, chan eil e ach na eilean gu letheach... an dèidh letheach tràghaidh, faodaidh duine dol a-null ann le cas thioram, no letheach lìonaidh. Chan eil e ach na eilean an dèidh letheach lìonaidh. 'S dh'fhalbh an triùir agus ann an tràigh geal Eilean Earraid, fhuair iad ann an siud corp duine. Agus mar a chunnaic Alasdair fhèin, mar a chualaig e mun chuaran a bh' air òrdaig, fhuair e e dìreach far an tuirt e – trì troighean bho cheann. Chuir iad an sin... dh'fhalbh aon dhiubh sin gu taigh muinntir an taigh-sholais a bha a' fuireach anns an eilean. Agus nuair a chualaig muinntir an taigh-sholais gun do thachair a leithid, thug iad leotha barachan 's... barachan-làimhe agus thàinig a h-uile h-aon dhiubh a b' urrainn dhaibh... gum b' urrainn tighinn, 's thug iad an corp sìos gu cidhe Eilean Earraid agus tarsainn an sin air an fhadhail gu na Fidean agus fhuair iad sin cairt a thug do dh'Fhionnphort e.
Agus cha robh fhios aca cò ris... cò dha a thoireadh iad fios gun d' fhuair iad e, gun d' fhuair iad an corp. Ach chaidh fios – cha robh telegraph ann san àm – chuir iad fios suas a Bhun Easain. Agus chaidh craobh-sgaoileadh a dhèanadh an sin cho math 's a dh'fhaodadh iad, gus mu dheireadh, thàinig fear às an Apainn agus dh'aithnich e gur e a mhac a bh' ann, fear Iain Mac a' Phearsain. Bha e na mheit air bàta ris an abradh iad am Fair Holm agus chaidh i air tìr air Tòrraigh, taobh an iar-thuath Èireann agus chailleadh a h-uile h-aon den sgioba a bh' air bòrd. Agus thàradh air clach far an do leugh mi e iomadh uair, gun tàinig e an t-astar dà cheud mìle ann an naoi latha deug de dh'ùine gus an tàinig e air tìr ann an Eilean Earraid.
Nis, chan urrainn dhòmhsa teagamh a chur ann an rud a dh'innis Alasdair dhomh, gum faca e an tamhasg, e fhèin. Chionn, 's e duine fiosrach a bh' ann. Duine a shiubhail an saoghal air luingeas nuair a bha e òg. 'S cha b' e amadan a bh' ann idir. Agus mura bheil daoine eile a' creidsinn gum faca e an tamhasg, tha mise ga chreidsinn co-dhiù. Ach biodh ur barail fhèin agaibhse. Ach 's ann mar sin a thàinig Iain Mac a' Phearsain gu bhith air a thiodhlacadh ann an cladh Fhionnphort. Agus duine sam bith a thèid do dh'Fhionnphort, 's chì iad a' chlach an siud. 'S i an aon chlach a th' anns a' chladh a th' air a dèanadh air clach sglèat.
Nis dhìochuimhnich mi a ràdh: nuair a dh'fhalbh an tamhasg, sheall na feadhainn a bha a-staigh – na feadhainn a b' urrainn sealltainn – air an ùrlar, agus cha robh mìr de choltas uisge air, ged a bha iad a' faicinn an uisge a' sruthadh far an aodach aig an duine a bh' ann. Cha robh mìr de choltas uisge... [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good