Bha aig mac Bhobain Shaoir ri dà chaora a reic airson leth-c...
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
30179
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1955.132.B2
Original Tape ID
Summary
The son of Boban Saor was asked to sell two sheep for a half-crown each, and to return with the two sheep. He managed to do this.
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Ailig Stiùbhart (AS): Boban Saor 's bean a mhic. An cuala sibh e?
Calum MacIllEathain (CM): Seadh. Ciamar a bha sin a' dol?
AS: Uill, Boban Saor 's bean a mhic, fhios agaibh, cha robh duine ann a-riamh a rinn an gnothach air Boban Saor. Bha Boban Saor, dh'fhalbh... bha a mhac ann, agus chuir e air falbh a mhac le dà òthaisg, dà chaora, agus dar a chuir e air falbh iad, thuirt esan:
"Tha mi ag iarraidh leth-chrùn an ceann orra," ars esan, "agus na caoraich air ais."
Agus dh'fhalbh a mhac leotha. 'S dar a dh'fhalbh e bha e a' dol 's dol 's dol ann an sin. Bha a h-uile duine a' faighneachd cà robh e a' dol leis na caoraich.
"Tha mi a' dol," thuirt esan, "gan reic."
"'S dè tha thu ag iarraidh orra?"
"Tha mi ag iarraidh leth-chrùn an ceann orra," thuirt esan, "agus a' chaora air ais."
Ò cha toireadh duine sam bith seo dha. Ach ruig e aon bhoireannach ann an seo, agus dh'fhaighnich e dhìse... dh'fhaighnich ise cà robh e a' dol leis...
"Ò," thuirt e, "tha mi a' dol a reic na beothaichean," ars esan.
"Dè tha thu ag iarraidh orra?"
"Tha mi ag iarraidh leth-chrùn an ceann, 's a' chaora air ais."
"Ò ceart gu leòr. Leig a-nall e."
Dh'fhalbh ise 's rug i air a' chaora... air an dà chaora 's ruisg i iad. Thug i dhiubh na rùsgan.
"Seo a-nist," thuirt i. "Thoir leat na caoraich air ais."
Thill esan air ais le na caoraich.
"Nis," thuirt... thuirt Boban Saor, "gu bràth," thuirt esan, "na faigh thusa bean no leannan," thuirt esan, "ach an tè ud," thuirt e ris a mhac.
Cha robh guth air seo. Eadar a h-uile sìon a bh' ann, phòs a mhac agus an tè seo. 'S dar a phòs iad, bha iad an uair seo pòsta glè mhath ann an sin. 'S bha e a' togail taigh ann an eilean. Chan eil cuimhn' a'm dè an t-eilean a bh' ann, ach eilean 's bha dùthaich a bha... crofters eile san eilean. Agus thuirt... thuirt am mac... thuirt a bhean ris:
"Cuimhnich a-nis," thuirt ise, "[?ma thèid] thusa uair sam bith air falbh," thuirt i, "cuimhnich gum bi thu a' suirghe. Bidh thu an-còmhnaidh, bi a' suirghe air boireannach, air nighean. Cuimhnich sin," thuirt i, "ged a tha thu pòsta agamsa, bi a' suirghe."
Ach no co-dhiù, dh'fhalbh esan 's char e a-null gus an eilean, e fhèin 's athair. Bha an taigh gu bhith suas aca, 's bha e a' suirghe air banchag a bha seo, mas fìor dha fhèin gun robh e a' suirghe oirre co-dhiù. Bha e a' suirghe oirre, agus dh'innis a' bhanchag [???].
"Nis," ars ise, "tha sibhse glaiste ann an seo," thuirt ise. "Chan fhaigh sibh à seo gu bràth."
"Ò nach fhaigh?" ars esan.
"Chan fhaigh."
"Uill," thuirt esan, "dè nì mi ma-thà?"
"Chan eil fhios agamsa."
Char esan a-null an uair sin 's dh'innis e dha athair e. Agus nuair a dh'innis e dha athair e:
"Hò," thuirt athair, "gheibh sinn às ge-tà," thuirt esan.
Dh'fhalbh athair 's rinn e litir.
"Nise," thuirt athair ris a' bhoss aige, "feumaidh mise dhol a-null gus an eilean... a-null air ais," thuirt esan, "gus am faigh mi aon article a tha a dhìth orm airson an taigh," thuirt esan.
"Hò," thuirt esan, "cha ruig thu leas a dhol a-null. Thèid mi fhìn ga iarraidh."
"Ò cha dèan e feum sam bith," ars e, ars an saor. "Feumaidh mise a dhol..."
"Ò ge-tà, cuir thusa an litir dhòmhsa," ars esan, "agus thèid mi fhèin ga iarraidh."
"Ceart gu leòr," thuirt esan.
Fhuair esan an litir 's dh'fhalbh e leis an litir gu taigh bean a mhic. Agus dar a thàinig e 's sheall ise air an litir 's leugh i an litir.
"Thig a-staigh," ars esan [sic].
Bha triùir dhiubh ann. Chaidh an triùir dhiubh a-staigh 's ghlais ise an triùir dhiubh. Bha iadsan ag iarraidh a-mach.
"Ò," thuirt ise, "chan fhaigh sibh a-mach," thuirt ise. "Cha tig an acfhainn bheag a-null," thuirt ise, "gu 'n tig an acfhainn mhòr a-nall," thuirt ise. "Cuiridh mise iarann cur," thuirt ise, "an aghaidh car."
Uill bha iad ann an sin. Cha tigeadh... cha leigeadh ise an fheadhainn seo a-null gu 'n tigeadh an fheadhainn eile a-nall.
Uill thàinig Boban Saor 's a mhac a-nall, 's fhuair iadsan a-null, agus sin agaibh mar a fhuair iad a-null.
Uill, bha i latha eile an uair sin, bha an duine aice, bha e air mullach taigh, 's e ag obair, a' cur suas an coileach ann an similear an taigh. Agus bhrist an sgafall. Chan fhaigheadh e a-bhàn 's chan fhaigheadh e an-àird, 's cha robh fhios aige dè a dhèanadh e. Agus chuir e... thàinig fios... chuir e fios air a' bhean aige. Bha grèim aige air a... air stìoball na h-eaglais, air stìoball mhòr a bha seo, ga chumail fhèin an-àird. Chuir e fios air a' bhean aige a thighinn cliobhar gus am faiceadh i e a' dol gu bàs.
"Tha thu gu bhith done," thuirt ise.
"Tha mi gu bhith done," ars esan.
Ach thuirt i:
"Dè na stocainnean a th' ort?" ars ise.
"Tha na stocainnean a rinn thu fhèin [???]."
"Uill feuch gun toir thu dhìot tè dhiubh," thuirt ise, "agus fras i, agus ceangail sèine a' watch agad rithe, a' watch agad ris an ceann aice, 's leig a-nuas an seo i," thuirt ise, "agus feuchaidh mise... nì mi mo dhìcheall [?dhuinn] gun cùm mi suas thu."
Ach no co-dhiù, rinn e seo. Fhras e an stocainn uile, 's cheangail e a' watch aige ris an stocainn, 's thug e an stocainn a-bhàn, an snàth, gus am bottom, 's cheangail ise ròpa ris, 's char... chuir i an còrr ris an t-snàth 's chuir iad suas e 's cheangail iad an còrr ris an ròpa, 's fhuair an ròpa suas... thug an còrr suas an ròpa. 'S bha iad ann an sin. Thug e suas an sgafall, [???] cheangail ise an sgafall ann an sin.
"Nis," thuirt i, "a bheil thu a-nis ceart?"
"Tha mise ceart."
"Uill," thuirt i, "cha tèid thusa tuillidh suas air mullach taigh tuillidh," thuirt i, "'s tha do chuid lathachan ullamh a-nis," thuirt i. "Thug thu feagal gu leòr dhomh, ach mura b' e gur e mise a bh' ann, bha thu an dìth," ars ise.
Nach robh i cliobhar?
CM: Bha i sin.
AS: Ò bha i cliobhar.
CM: Sin agaibh naidheachd mhath a-niste. A-nist, an ann aig... cò aig a chluinneadh sibh i siud?
AS: 'S ann aig... 's ann aig m' athair a chuala mi an tè sin.
CM: Aig ur n-athair a chuala sibh an tè sin?
AS: 'S ann. 'S ann.
CM: Uill a-niste, an cuala sibh riamh iomradh air tè ris an canadh iad Diarmaid 's Gràinne?
AS: Cha chuala.
CM: Aig an Fhèinn.
AS: Cha chuala.
CM: Cha chuala sibh iomradh orra sin?
AS: Cha chuala. Cha chuala.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good