Oisean an dèidh na Fèinne: mar a dh'fhalbh Oisean, am fear m...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1958.2.6
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Oisean an dèidh na Fèinne: mar a dh'fhalbh Oisean, am fear mu dheireadh dhen Fhèinn.
'S e Oisean am fear mu dheireadh den Fhèinn. Bha e a' fuireach còmhla ri a nighean agus a chliamhainn, Pàdraig. Bha Pàdraig a' togail teampall, is dh'iarr e air Oisean clach mhòr a chur os cionn an dorais. Thuirt Oisean gun dèanadh e seo às dèidh dha sia fèidh dheug ithe. Cha tugadh dha ach còig deug, agus le seo bha beagan siobhadh sa chloich. Cha robh a chliamhainn a' creidsinn nan sgeulachdan a chuala e mun Fhèinn. Thug Oisean air a chliamhainn a thoirt gu tom luachrach far an robh coire mòr na Fèinne air a thiodhlacadh. Leig Oisean fead agus nochd faghaid is coin. Dh'fhalbh e còmhla riutha agus chan fhacas tuilleadh e.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Oisean [Ossian]
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Eilean - Tiriodh
Paraiste - Tiriodh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math