Dòmhnall Moireasdan ann am Pabaigh.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
34356
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1953.117.A4
Original Tape ID
Summary
How Donald Morrison went to Pabbay.
A Morrison in Kilpheder fell out with the factor over improvements to the township. He was put off his land and offered a croft in Lochboisdale. He refused, and went to Pabbay instead. He had the island to himself.
Item Subject/Person
Moireasdan, Dòmhnall
Item Location
County - Inverness-shire
Island - South Uist
Parish - South Uist
Village/Place - Kilpheder
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Calum MacIllEathain (CM): ...mu dheidhinn ur seanair a bhith a' dol a Phabaigh?
Dòmhnall Caimbeul (DC): Bha.
CM: Ciamar a bha i sin?
DC: Ò gu dè bha ach Dòmhnall Moireasdan a bh' ann an Cille Pheadair, agus bha e na dhuine cliobhar agus bha e airson am baile a chur air dòigh, a bheil fhios agad, agus dè thachair ach chaidh am maor a-mach air, 's am bàillidh, a bheil fhios agad. Dh'innis am maor dhan bhàillidh gun robh e a' dèanamh aimhreit sa bhaile, a bheil thu a' tuigsinn, a chionn gun robh e airson, bheil fhios agad, bha e airson ceartas fhaicinn aig a' bhaile - ùtraid dha na beothaichean 's rathad mòr 's rudan mar sin. Cha robh am maor air a shon sin idir, ach fàgte an rud mar a tha e. Chuala tu fhèin mu dheidhinn nan seann tìmeannan.
Sin mar a bha ach bha Eilean Phabaigh bha e clìor co-dhiù 's cha robh ach feumaidh tu dhol ann an siud - clìoraidh tu air falbh às a seo ach bheir mi dhut croit an Loch Baghasdail.
"Ah cha ghabh mise do chroit robach an Loch Baghasdail ann. B' fheàrr leam a dhol a Bharraigh fhèin na dhol a-mach an sin a ghabhail rud grod nach dèan feum fo [???] dhe mo theaghlach. Thèid mi a-null a dh'àite far an tog mi mo theaghlach ceart measail onarach, agus bidh sinn gu math dheth ann."
Agus sin mar a bha. Chaidh e a-null 's bha an t-eilean aige. Bha an t-eilean aige dha fhèin ach bha e a' cumail... chumadh e deich mairt 's dà cheud caora 's dà each... chumadh e trì cheud caora 's dà each 's deich mairt, agus bha e ann a shin gus an do dh'eug e.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Fair