Mgr Ailean agus a' ghriùthrach.
Fiosraichean
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir
35102
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
CW0162C.870
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mgr Ailean agus a' ghriùthrach.
Nuair a bha a' ghriùthrach aig nigheanan a' chutaidh, rinn Mgr Ailean freasgairt orra. Nuair a bha iad a' dol seachad air taigh an fhiosraiche, thug a màthair siuga bainne dhaibh. Chuir Mgr Ailean ruma na mheasg is thugadh sin dhaibh ri òl, agus rinn e feum dhaibh. Dh'eug dithis aca leis a' ghriùthraich.
Bhiodh Mgr Ailean daonnan a' cèilidh air muinntir Anndra nam biodh e air an t-slighe a bhadeigin.
Neach/Cuspair a' Chlàir
MacDonald, Fr Allan [Mgr. Ailean]
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - Canaigh
Paraiste - Na h-Eileanan Tarsainn
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - Uibhist a Deas
Paraiste - Uibhist a Deas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Fear Chanaigh (FC): This is Peigi Anndra MacRae about to tell an anecdote about the late Father Allan MacDonald of Eriskay, from her own personal recollection.
Peigi NicRath (PN): Bha nigheanan a' chutaidh a' tighinn latha a bha seo, 's chuir iad brath gun robh iad... gun robh a' ghriùthrach aca. Agus bha Maighstir Ailean, à Èirisgeigh, a' tighinn còmhla riutha, 's bha e gan nursadh 's a' toirt an aire dhaibh a' tighinn air an rathad 's iad glè bhochd. 'S nuair a bha iad a' dol seachad, chuireadh air tìr air a' bhiod iad, 's nuair a bha e a' dol seachad air an taigh againne, thàinig e a dh'iarraidh deoch dhaibh. Am pathadh orra. 'S thug mo mhàthair dha siuga bainne. 'S bha botal ruma aige, agus chuir e am botal ruma ann an ceann an t-siuga bhainne, agus thug e a-null thuca e. Bha iad nan suidhe an taobh thall dhen taigh, 's thug e a-null thuca e. 'S rinn sin cuideachadh mòr dhaibh. Neartaich e iad 's dh'fhàg e làidir iad airson coiseachd a-null gu Taobh a' Chaolais. Agus bha... Chaidh iad a-null. Fhuair iad an t-aiseag a-null an oidhche sin gu Taobh a' Chaolais, 's Maighstir Ailean còmhla riutha. Agus an làrna-mhàireach, bha dithis dhiubh... dh'eug dithis dhiubh leis a' ghriùthraich. Ach thàinig an triùir... an ceathrar eile air aghaidh. 'S bha e uabhasach math dhaibh, cianail math dhaibh, Maighstir Ailean.
FC: Cha do ghabh gin agaibh fhèin a' ghriùthrach an turas a bha sin? Cha do ghabh esan e?
PN: Cha do ghabh. Cha do ghabh Maighstir Ailean a' ghriùthrach idir. Cha do ghabh.
FC: No gin agaibh?
PN: No duine againne. Cha do ghabh e a' ghriùthrach. Chuir e dheth an t-aodach a bh' air 's a h-uile sìon, 's cha tug e a-staigh an t-aodach-uachdair a bh' air idir. Dh'fhàg e a-muigh e. Thàinig e a-staigh agus thuirt e rim mhàthair nach ruigeadh i a leas eagal sam bith a bhith oirre; nach fhàgadh e a' ghriùthrach idir.
"Ghabh mise i," ars esan, "mar-thà, 's cha toir mi leam i," ars esan, "mar sin."
'S bha e cianail math dhaibh, 's uabhasach coibhneil riutha. Bu toigh linn Maighstir Ailean. Bu toigh linn air fad Maighstir Ailean. Duine math a bh' ann.
Thàinig e an sin latha chun an taigh againn, nuair a bha sinn air Gleann Dail. Thadhaileadh e daonnan nuair a bhiodh e a-null 's a-nall. Thadhaileadh e a' tighinn far Dalabrog, nuair a bhiodh e a' dol a dh'Èirisgeigh. Coiseachd a bhiodh e daonnan, daonnan, 's thadhaileadh e a h-uile triop a thigeadh e. 'S latha a bha seo, bha mo mhàthair an dèidh teine mòr a thogail, 's i a' dol a thòiseachadh ri fuine agus bha an taigh làn ceò, làn toit. 'S thàinig esan a-staigh, 's dh'fhalbh mo mhàthair 's rug i air sèithear, a' dol thoirt dha sèithear airson suidhe air.
"Chan eil mi a' dol a shuidhe idir," ars esan.
"Ma-thà," arsa mo mhàthair, "bidh sibh cho dall leis an toit. Falbhaidh na sùilean asaibh leis an toit."
"Ò chan fhalbh," ars esan. "Tha seo," ars esan, "blàth. Far a bheil an toit," ars esan, "bidh am blàths. 'S toigh leamsa," ars esan, "toit na mònadh."
'S bha e uabhasach toilichte. Thug i dha deoch bhainne, 's thàinig am bàta ga iarraidh 's fhuair e a-null a dh'Èirisgeigh.
FC: Bha e air teine a lasadh?
PN: B' fheudar dha. Rinn e smùid. Rinneadh smùid. Dh'fhalbh mise 's cuideigin eile còmhla rium sìos, 's rinn sinn smùid, 's bha esan a-staigh, a-staigh againn fad an t-siubhail. Nuair a thàinig sinn a-nuas, thuirt sinn ris gun robh sgoth a' tighinn. Dh'fhalbh e an uair sin. Bha àite ann airson a bhith a' dèanamh smùid dha daonnan, daonnan, nuair a bhiodh e a' tighinn. Dh'aithnicheadh iad gura h-esan a bhiodh ann nuair a chitheadh iad an smùid.

Cruth Inneal a' Chlàir
Wire
Càileachd an Fhuaime
Math