Alasdair Mòr, na Bric, 's am Fuath
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
35465
Part 1
Track Information
Original Track ID
CW0172.944
Original Tape ID
Summary
Big Alasdair was forever trout-fishing. One Saturday night, he had caught only two trout before midnight. From then on, he was having no luck. Another fisherman appeared and began to fish alongside Alasdair. The fish were then being caught thick and fast. Alasdair was aware that this was no ordinary human being. When they began to divide the catch, a grouse was heard crowing, and the spectre disappeared in a flash of fire. This was the trout-spectre. Only the two trout caught before midnight remained.
Recording Location
County - Inverness-shire
Island - Canna
Parish - Small Isles
Item Location
County - Inverness-shire
Island - South Uist
Parish - South Uist
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Fear Chanaigh: This is the thirteenth of August nineteen fifty-one. This is Mr Duncan MacDonald, Peighinn nan Aoireann, South Uist, recording on the isle of Canna.
Donnchadh MacDhòmhnaill: Tha e air a chantail o shean, nam bitheadh fios aig duine, am fuath a tha a' ruith às dèidh an èisg ghlais, sin na bric, nach cuireadh e a chas air bruaichean aibhne gu bràth. Agus tha an naidheachd a th' ann an seothach a' cur soilleireachadh air a leithid sin.
Bha fear ann o chionn fada uaireigin agus bha e fuathasach, fuathasach trom air a bhith a' dol a dh'iasgach nam breac. Agus dh'fhalbh e air an oidhche a bh' ann an seothach, agus 's ann air oidhche Shathairne a bh' ann, agus thòisich e ri iasgach. Agus chuir e an tàbh, agus thàinig breac às dèidh bric, agus fhuair e a dhà.
Agus cha robh dad a' tighinn an uair sin, 's bha an oidhche a' dol seachad. Agus thuig e glè mhath gun robh e seachad air a' mheadhan-oidhche agus gun robh an Dòmhnach aige.
Agus cha b' fhada gu 'n tàinig fireannach eile far an robh e, agus theann e ri bruidhinn ris, agus thòisich iad air iasgach còmhla. Agus theann an t-iasg an uair sin ri tighinn, fear às dèidh fir, agus bha iad a' faighinn iasg gu leòr. Agus bha iad ga... mar a thigeadh an t-iasg bha iad ga thoirt às an tàbh agus ga chur ann an tòrr air bruaich na h-aibhne.
Agus ann an ceann treise nuair a bha deagh thòrr èisg aca:
"Seadh," ars an srainnsear a thàinig còmhla ri Alasdair Mòr, a chionn 's e Alasdair an t-ainm a bh' air an duine, "Alasdair Mhòir 'ic Iain Làidir," ars e fhèin, "is mithich roinn, is mithich roinn."
"Ò cha mhithich, cha mhithich," ars Alasdair Mòr. "Tha tuilleadh èisg air an abhainn fhathast."
Chùm iad ag iasgach. A-nist, bha Alasdair Mòr ag aithneachadh, a thaobh gun robh an Dòmhnach aca, nach b' e aon duine ceart a bha còmhla ris idir, idir mu chuairt an iasgaich, agus bha e airson a h-uile maill a b' urrainn dha a chur air a' chùis gun tighinn gu crìch. Ach ann an ceann treise:
"Alasdair Mhòir 'ic Iain Làidir," ars am fear eile, "is mithich roinn, is mithich roinn."
"Ò cha mhithich," ars Alasdair Mòr. "Tha tuilleadh agus gu leòr de dh'iasg air an abhainn fhathast."
Chùm iad ag iasgach, 's bha an t-iasg a' tighinn, 's bha iad a' toirt a-staigh an èisg. Agus an seo an treas uair:
"Alasdair Mhòir 'ic Iain Làidir," ars am fear seo, "is mithich roinn, is mithich roinn."
"Ò," ars Alasdair Mòr. "Cha mhithich. Tha tuilleadh èisg air an abhainn."
Agus an ceann treise an sin:
"Alasdair Mhòir 'ic Iain Làidir," ars am fear seo, "is mithich roinn an-dràsta co-dhiù."
"Ò glè cheart," ars Alasdair Mòr. "Roinnidh sinn e cuideachd. Gu dè a-nist," ars Alasdair Mòr, "an dà roinn a nì sinn air?"
"Ò," ars esan, "sgiollamsag a-null 's sgiollamsag a-nall."
Nist, thòisich an roinn, agus bha sin a' ciallachadh, cinnteach gu leòr, nuair a bhiodh breac a-null 's breac a-nall a' dol às an dà thòrr gur e Alasdair Mòr fhèin a rachadh air an tòrr mu dheireadh, agus gum biodh e dìreach aigesan.
Ach co-dhiù, mun robh an roinn ullamh, ghairm coileach na circe-fraoiche, agus:
"Ò-hò," ars am fear eile. "Mura b' e an fhoill," ars e fhèin, "'s fhada bu chumha an roinn," agus e a' falbh na mheall teine on abhainn.
Agus thug Alasdair Mòr sùil air an iasg an uair sin agus cha robh sìon [?saoghalrach] aige ann às na fhuair e còmhla ris an duine sin ach salchar each, ach an dà bhreac a bha e air fhaotainn aig... mun tàinig e na chòmhdhail.

Source Type
Wire
Audio Quality
Good