Fiosrachadh mun Ghruagaich 's mun Bhrùnaidh.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
38847
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1958.80.B7
Original Tape ID
Summary
Information about the Gruagach and the Brownie.
There were place names such as Leac na Gruagaich. The Gruagach was a woman. If one left the band off the spinning-wheel she might be heard using it during the night, but there would be no sign of that in the morning. They don't exist today [1958].
There was a Brownie in Luing. People left milk out for it.
Recording Location
County - Argyllshire
Item Location
County - Argyllshire
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Calum MacIllEathain (CM): Sin rud eile a bha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhuibh. Nuair a bha sibhse òg an Uibhist, an robh rud aca ris an canadh iad a' Mhaighdeann-bhuana? Nuair a bhiodh iad a' buain as t-fhoghar, gum biodh a' mhaighdeann aca... sguab, a' toir dhachaigh sguab.
Peggy MacDonald (PM): Bhitheadh.
CM: Tha fhios gum faca sibh fhèin e?
PM: Ò, Dhia, chan eil fhios a'm. Bhiodh iad a' dèanamh gruagach a-mach air a... Ò, bha mòran a ghnothaichean ann an uair sin nach eil an-diugh ann. Seall sibh... seall sibh shuas an sineach, tha Rubha na Gruagaich ann, shuas ann an Cromachaidh. Uill, ann an Tiridhe, aig a' [?Bhàillidh], bha Rubha na Gruagaich ann, agus aig taigh m' uncail ann an Togh Mòr bha Leac na Gruagaich ann.
CM: Agus dè... carson... dè bha seo a' ciallachadh?
PM: 'S e boireannach a bh' ann, anns a' Ghruagaich, ach cò às a bha i a' tighinn chan eil fhios aig duine. Agus nam fàgadh tu a' chuibheall, tha fhios agad, gun am bann a bhith oirre, dh'fhaodadh gun cluinneadh tu i a' tighinn a-staigh 's a' tòiseachadh air 'Rull, hurly, hurly', 's nuair a dh'èireadh tu cha robh i ach mar a bha i roimhe. Ach, chan eil a leithid sin an-diugh ann.
CM: Saoil am biodh iad a' toirt... an robh sìon dhi? Am biodh iad a' fàgail dad air a son?
PM: Cha robh, cha robh. Ach chuala mi ann an Luinn, 's e... c' ainm a th' agaibh air... sìobhaire a bh' ann, 's e Brùnaidh a theireadh iad ris. Uill, bha iad a' fàgail... bha iad a' fàgail bainne air a shon, 's bha am Brùnaidh a' tighinn 's ag òl a' bhainne. Co-dhiù tha sin fìor no breugach. Tha teansa gur e fìor a bh' ann.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good