Search

Am Prionnsa Teàrlach am falach an Uibhist.

Date
Track ID 42050
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1960.12.A5+B1

Original Tape ID

SA1960.012

Summary

Bonnie Prince Charlie hiding in Uist.

Bonnie Prince Charlie was hiding in Uist, with Flora MacDonald. Soldiers came to the house. The Prince and Flora were washing dishes and the soldiers never realised it was him; they thought it was another woman and they left. He then went to the south end of the island, to a cave in Èiseabhal.

People would bring him food. One day, a woman sent her son to him with dinner, but he was met by a group of soldiers about a quarter of a mile from the cave. The lad told them he was taking the food to his father, who was out at the lazy-beds, but they had their suspicions. However, the lad cunningly managed to warn the Prince, who fled the cave. He then went to Eriskay. The place where he came ashore is still known as Coilleag a' Phrionnsa.

Item Subject/Person

Stuart, Prince Charles Edward [Bonnie Prince Charlie]

Recording Location

County - Inverness-shire

Island - South Uist

Parish - South Uist

Item Location

County - Inverness-shire

Parish - South Uist

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Ruairidh MacFhionghain (RM): Tha mi cinnteach... tha bloigheachas beag agam air Prionnsa Teàrlach, mura tuirt mi cheana e.

Calum MacIllEathain (CM): Seadh, dìreach. Ò, b' fhiach sin a thoir sìos, ma-thà.

RM: Ma fhuair sibh reimhid e, chan eil fhios agamsa nach d' fhuair. Chan eil ach bha Prionnsa Teàrlach, mar a bha an ruaig air, bha e ann am falach ann an Uibhist, agus bha e aig Flòraidh MacDonald an Àirigh a' Mhuilinn. Thàinig iad a-staigh, na saighdearan, an latha a bha seo, agus bha Prionnsa Teàrlach a' nighe nan soithichean na shearbhanta còmhla ri Flòraidh, aig a' cheart àm a thàinig na saighdearan a-staigh. Ach co-dhiù, is coltach leam nach do ghabh esan eagal sam bith romhpa ann an dòigh, 's cha mhotha na sin a leig iad sìon orra. Ach bha Flòraidh a' cumail a sùil airsan, 's e ann am falach aice, Flòraidh Àirigh a' Mhuilinn. Bha e ann am falach aice. Agus thug esan sùil air na saighdearan, agus iad nan suidhe, mar gum b' eadh, air a' bheingidh. Agus dh'fhalbh ise agus tharraing i searbhadair air.

"Thoir an aire air tiormachadh nan soithichean a th' ann a shin 's coma leat a bhith a' coimhead air duine sam bith," ars ise.

Agus thug esan an aghaidh an uair sin air a' ghnothach fhèin air a' bhòrd, a' nighe nan soithichean a bh' ann a shin.

Agus cha do rinn duine dhiubh a-mach gura h-e a bh' ann idir. Dhlùth-fhaillich orra a dhèanamh a-mach gura h-e a bh' ann. Chan aithnicheadh iad e gu sìorraidh seach boireannach. Agus 's e tè bhrèagha a dh'fheumadh a bhith ann a bhiodh coltach ris-san.

Agus dh'fhalbh na saighdearan, ach cha d' fhuair iad nì. Agus leig iad an tòir taobh eile air. Agus nuair a fhuair esan iadsan air falbh am pìos a bha sin, 's fios aca an rathad a chaidh iad, tharraing e air ceann a deas Uibhist ann a sheo.

Agus chuala e gun robh uamh a-muigh ann am beinn ann a sheo ris an can iad Èiseabhal. Agus 's ann a smaoinich e air gun teicheadh e dhan uaimh, agus nam faigheadh e leis an ùine, gun toireadh e a-mach Èirisgeigh.

Agus 's e seo mar a rinn e. Agus fhuair e leis an gnothach fad an rathaid agus fhuair e an uamh cuideachd, agus chaidh e innte 's bha e ann am falach innte, san uaimh a bh' ann a shin.

Agus bha fios a-nist aig feadhainn de dhaoine còir ann a sheo anns an àite gun robh e ann. Agus bha fios aca cuideachd gum biodh e gun bhiadh. Agus dh'fhalbh... an duine nach rachadh thuige an-diugh le biadh, rachadh e thuige a-màireach. Agus cha rachadh iad seachd slatan dhen astar nach biodh iad a' coimhead air an cùlaibh, 's a' coimhead thuca 's bhuatha feuch dè chitheadh iad fhèin, mun tigeadh orra.

Ach an latha a bha seo...

[Stad sa chlàradh an seo agus an teip air teireachdainn.]

CM: Ach an latha a bha seo...

RM: Ach an latha a bha seo, bha tè ann agus rinn i deagh dhinnear. Agus anns an àm a bha sin, bha dinnear gu math doirbh a dhèanamh. Cha robh rudan mòra ann airson dinnear airson a leithid-san co-dhiù. Ach bha i glè mhath airson sin nuair ruigeadh i e. Ach 's e an rud an rinn i, smaoinich i gun cuireadh i an gille a bh' aice air falbh leis an dinnear thuige. Agus bha e pìos mòr air falbh on àite an robh còmhnaidh a' ghille.

Ach bha a-nist athair a' ghille a bh' ann a sheo, bha e a' taomadh, a' taomadh buntàta, feannagan buntàta a chanas sinne ris, ann an aghaidh beinne a bh' ann a shin, agus feadhainn eile còmhla ris cuideachd, a' taomadh aig a' cheart àite. Agus chùm an gille air aghaidh gu math leis an dinnear, agus nuair a bha e dìreach a-mach glè theann air an àite an robh athair a' taomadh, bha na saighdearan dìreach roimhe. Agus cha robh sin ach cha robh cairteal a mhìle idir on uaimh a bha na saighdearan. Cha robh iad dad 's cairteal on uaimh aig an àm. Agus dh'fhaighneachd iad dhan ghille cà robh e a' dol, agus thuirt e gun robh e a' dol le dinnear gu athair.

"Cà bheil d' athair?"

"Tha e a' taomadh shìos ann a sheo."

"Ò, seadh. A bheil e fada shìos?"

"Ò, tha e pìos math shìos. Chì sibh fada bhuaibh e, shìos pìos mòr ann a shiud."

"Ò, seadh. Tha coltas deagh dhinneir agad."

"Ò, chan eil fhios agamsa," ars an gille, "dè th' ann. 'S e mo mhàthair a thug dhomh e."

"Ò, seadh. 'S fheàrr dhut am baga a shealltainn... a shealltainn dhuinn."

Thug e treiseag na thàmh.

"Cha seall mi idir dhuibh e," ars esan, "mura faigh mi urchair dhen ghunna."

"Ò, gheibh thu urchair dhen ghunna. Seall dhuinn an dinnear."

Bha iad a' dèanamh gur e... nach ann gu athair a bha e a' dol leis an dinnear idir, ach gun robh iad a' dol... gun robh e a' dol leis an dinnear gu Prionnsa Teàrlach, ge brith cà robh e am falach. Agus dh'fhalbh an gille agus shìn iad dha an gunna, 's an urchair ann. Agus loisg e [???] a-mach dìreach air an uaimh, an gunna... an urchair. Agus sheall iadsan air a' bhaga. 'S fad na h-ùine a bha iad a' dol tron dinnear... tron dinnear a bh' anns a' bhaga, theich Prionnsa Teàrlach às an uaimh, nuair a chuala e an urchair. Thuig e gun robh an gnothach air a... gus a bhith aige.

Tharraing e an uair sin, cho luath agus a ghabhadh dèanamh. Agus thug e a-mach àite ris an can iad an Leacach, a-rithist air Gleann Dail. Agus chaidh e am falach ann an sgor creige anns a' chladach ann a shin.

Agus thill na saighdearan agus cha d' fhuair iad idir e. Ged a ràinig iad pìos math a-mach air a shon, cha d' fhuair iad idir e, 's cha mhotha na sin a bha fios aca gun robh e ann.

Ach co-dhiù, chuir e suas an làrna-mhàireach, no an oidhche sin fhèin - chan eil mise glè chinnteach - teine, smùid ann an sgor a' chladaich air chor agus gum faiceadh iad ann an Èirisgeigh gun robh duine ann a sheo a bha a' feitheamh ri faighinn a-null. Sin an dòigh a bh' aca air a dhol ann co-dhiù a dh'Èirisgeigh. Agus thàinig sgoth a-nall ga iarraidh, a dh'iarraidh an duine a bh' ann, agus nuair a thàinig i a-nall, cò a bh' aca ach Prionnsa Teàrlach.

Agus dh'fhalbh iad leis a' phrionnsa, 's cha robh fios aca gu dè an t-àite a b' fhasa dhaibh a chur air tìr ann an Èirisgeigh na an t-àite a bh' ann a sheo, agus chùm iad orra pìos math gus an deachaidh iad seachad air a' ghualainn as giorra dhuinne dheth co-dhiù, agus chaidh iad a-staigh ann a shin ann an àite glè bhrèagha far an robh gainmheach agus muran roimhe de mhachaire. 'S chaidh e air tìr ann a shin, agus chuir e a làmh na phòca, agus thug e a-mach làn a dhùirn de fras, agus chaith e mar siud e, bhuaithe, agus dh'fhàs sin na fhlùraichean cho brèagha agus a chunnaic duine riamh, na flùraichean a chaith Prionnsa Teàrlach. Tha fras aca ann a shiud. Agus 's e sin chun an latha an-diugh, 's e Coilleag a' Phrionnsa a chanas iad ris an àite a th' ann a shin, agus tha na flùraichean a' fàs ann on latha sin, riamh, a dh'ionnsaigh an latha an-diugh. 'S ged a bheireamaid-ne rud... [?feadhainn] às, chan fhàs iad dhuinn fhìn ann an àite sam bith. 'S tha iad anns an ùine ud a' fàs ann an Èirisgeigh ann a shiud, aig Coilleag a' Phrionnsa. Agus chan urrainn dhòmhsa a-nist a dhol nas fhaide na sin leis an stòiridh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good