Search

Cluich an fheadain ann am Beàrnaraigh.

Date
Track ID 42149
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1969.136.A2

Original Tape ID

SA1969.136

Summary

Chanter-playing in Berneray

The contributor's uncle, Calum Fhionnlaigh, was a self-taught piper. Nearly every man in Berneray had a chanter at the time. They were home-made of reeds. The contributor recites a verse which was composed by Calum when the tailor took his chanter.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Berneray

Parish - Harris

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Agus, tha... bha sibh a' ràdh gun robh Calum bràthair ur n-athar ann.

An t-Urramach Fionnlagh MacLeòid (FM): Calum bràthair mo mhàthar.

IP: Bràthair ur màthar.

FM: Calum Fhionnlaigh.

IP: Calum Fhionnlaigh, 's e dìreach. Tha... 's e bha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhuibh, bha Calum math air a' phìob, nach robh? Bha e math air pìobaireachd.

FM: Bhiodh e a' feuchainn ris.

IP: Seadh, agus an do rinn e ach a h-ionnsachadh ann am Beàrnaraigh? No an robh e... an ann air falbh a dh'ionnsaich e i?

FM: Ò chan eil ach mar a dh'ionnsaich e fhèin e aig an taigh.

IP: Seadh, dìreach. Agus a bheil cuimhn' agaibh cò na daoine a bhiodh ri pìobaireachd aig an àm sin am Beàrnaraigh, ma-thà? Seadh, an robh pìobaireachd air tighinn a-nuas tro na ginealaichean?

FM: Chan e a' phìob a bu mhotha a bha... cha mhòr bodach a bh' ann an uair sin nach robh feadan aige air an dreasair.

IP: Seadh, dìreach. Tha, dìreach.

FM: Bha siud a' toir gu mo chuimhne ceathramh Chaluim mun an tàillear. An cuala thu e?

IP: Uill, chan eil fhios a'm.

FM:

Ghoid an tàillear orm am feadan
Nach b' e am mèirleach e a thug leis e
An dèidh dhomh fhàgail air an dreasair
'S e cho deiseil ri mo làimh.

Bha feadan cha mhòr aig a h-uile bodach an uair sin.

IP: Bha dìreach. Seadh, seadh.

FM: Agus na feadain a bh' aca, 's e feadain a bha iad fhèin a' dèanamh air... aig an taigh.

IP: Ò seadh, chan e...

FM: Chan e feadain ghallta idir a bh' aca.

IP: Chan e.

FM: Chan e.

IP: Agus dè... an ann air cuilc a bhiodh iad gan dèanamh?

FM: Air cuilc, 's ann.

IP: Seadh. Seadh, dìreach.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good