Search

Sgeulachd cnuasachaidh mu Bhiorachan Beag agus Biorachan Mòr...

Date
Track ID 43493
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1967.088.A1

Original Tape ID

SA1967.088

Summary

A cumulative story about Biorachan Beag and Biorachan Mòr gathering nuts in the forest.

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT2030

Transcription

Ceit Dix (CD): Biorachan Beag 's Biorachan Mòr latha a' buain chnòithtean. Mar a bhuaineadh Biorachan Beag dh'itheadh Biorachan Mòr. B' fheudar dha falbh dhan a' choillidh a dh'iarraidh slat a ghabhadh air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhe a chuid chnòithtean.

"Chan fhaigh thu mise," ars an t-slat, "mura fhaigh thu tuagh a ghearras mi."

"Cà 'il thu a' dol?" ars an tuagh.

"Ag iarraidh tuagh a ghearras slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an tuagh, "mura fhaigh thu uisge a fhliuchas mi."

"Cà 'il thu a' dol?" ars an t-uisge.

"Ag iarraidh uisge a fhliuchas clach, clach a bhleitheas tuagh, tuagh a ghearras slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an t-uisge, "mura fhaigh thu fiadh a shnàmhas mi."

"Cà 'il thu a' dol?" ars am fiadh.

"Fiadh a shnàmhas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bhleitheas tuagh, tuagh a ghearras slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars am fiadh, "mura fhaigh thu gadhar a ruitheas mi."

"Cà 'il thu a' dol?" ars an gadhar.

"Gadhar a ruitheas fiadh, fiadh a shnàmhas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bhleitheas tuagh, tuagh a ghearras slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Chan thu mise," ars an... "mura fhaigh thu ìm a shuathas mi ri mo chasan."

"Cà 'il thu a' dol?" ars an t-ìm.

"Ìm chasa gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a ghearradh slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Cà 'il thu a' dol?" ars a... Ò, chan e.

"Chan fhaigh thu mise," ars an t-ìm, "mura fhaigh thu luch a sgròbas mi."

"Cà 'il thu a' dol?" ars an luch.

"Ag iarraidh luch a sgròbas ìm, ìm chasa gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a fhliuchadh clach, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a ghearradh slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an luch, "mura fhaigh thu cat a ruitheas mi."

"Cà 'il thu a' dol?" ars an cat.

"Ag iarraidh cat a ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasa gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bhleitheas tuagh, tuagh a ghearras slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an cat, "mura fhaigh thu deur a dh'òlas mi."

"Cà 'il thu a' dol?" ars an deur... ars an deur.

"Ag iarraidh deur a ghabhas cat, cat a ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasa gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a fhliuchadh clach, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a ghearradh slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an deur, "mura fhaigh thu bò a bhleoghaineas mi."

"Cà 'il thu a' dol?" ars a' bhò.

"Ag iarraidh bò a bheir an deur, deur a gheibh an cat, cat a ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasa gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a fhliuchadh clach, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a ghearradh slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars a' bhò, "mura fhaigh thu sop a dh'itheas mi."

"Cà 'il thu a' dol?" ars an sop.

"A dh'iarraidh sop a gheibh a' bhò, bò a gheibh an deur, deur a gheibh an cat, cat a ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasa gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a fhliuchadh clach, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a ghearradh slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an sop, "mura fhaigh thu sabhal anns an tig mi."

"Cà 'il thu a' dol?" ars an sabhal.

"Ag iarraidh sabhal a bheir sop, sop a gheibh a' bhò, bò a bheir an deur, an deur a gheibh an cat, cat a ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasa gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a fhliuchadh clach, clach a bhleitheas tuagh, tuagh a ghearras slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an sabhal, "mura fhaigh thu gille-sabhail a dh'fhosglas mi."

"Cà 'il thu a' dol?" ars an gille-sabhail.

"Ag iarraidh... ag iarraidh gille-sabhail a dh'fhosglas sabhal, sabhal a gheibh am feur, feur a gheibh a' bhò, a' bhò a bheir an deur, an deur a gheibh an cat, cat a ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasa gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bhleitheas tuagh, tuagh a ghearras slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an sabhal, "mura fhaigh thu gille-sabhail a dh'fhosglas mi."

"Cà 'il thu a' dol?" ars an gille-sabhail.

"Ag iarraidh gille-sabhail a gheibh sop, sop a gheibh a' bhò, a' bhò a bheir an deur, an deur a gheibh an cat, cat a gheibh luch... a ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasa gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bhleitheas tuagh, tuagh a ghearras slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

"Chan fhaigh thu mise," ars an gille-sabhail, "mura fhaigh thu iuchair a dh'fhosglas an sabhal."

"Cà 'il thu a' dol?" ars an iuchair.

"Ag iarraidh iuchair gille-sabhail, sabhal a bheir am feur, feur a gheibh a' bhò, a' bhò a bheir an deur, an deur a gheibh an cat, cat a ruitheas luch, luch a sgròbas ìm, ìm chasa gadhar, gadhar a ruitheadh fiadh, fiadh a shnàmhadh uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bhleitheadh tuagh, tuagh a ghearras slat, slat a ghabhas air Biorachan Beag 's e ag ithe mòran dhem chuid chnòithtean."

Fhuair e an iuchair 's a h-uile nì, 's fhuair e a h-uile càil.

Iain Peatarsan (IP): Agus a-nis, a Cheit, cò aig a dh'ionnsaich thu an sgeulachd a tha seo?

CD: Dh'ionnsaich aig m' athair, o chionn còrr 's... suas ri ceithir fichead bliadhna on uair sin.

IP: Agus an robh i am measg an t-sluaigh am Beàrnaraigh aig an àm sin?

CD: Och, bhiodh i aig na seann daoine ga h-innse dha na daoine òga.

IP: Seadh. Ach 's ann aig d' athair a chuala thu i?

CD: 'S ann, aig m' athair.

IP: Agus 's ann a mhuinntir Uibhist a bha d' athair, nach ann?

CD: 'S ann, 's ann.

IP: À Baile Mhàrtainn?

CD: Baile Mhàrtainn, 's ann.

IP: Ach thàinig e gu math òg a Bheàrnaraigh?

CD: Thàinig e a Bheàrnaraigh glè òg. Thàinig.

IP: Seadh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good