Search

Fiosrachadh mu ghèam ris an canar 'Cia Mheud Adhairc a th' ai...

Date
Track ID 43895
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1977.90.B10

Original Tape ID

SA1977.090

Summary

A game called 'How Many Horns Does the Buck Have'.

Information about a game called 'How Many Horns Does the Buck Have' that the contributor's mother used to play with him. She recited a rhyme while tapping his head with her fingers and he had to guess how many fingers she used.

Recording Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Item Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Language

Gaelic

Collection

SoSS

Transcription

Iain Peatarsan (IP): Seadh a-nise, tha sibh a' dol a dh'innse tuilleadh mun an seòrsa cluich a bhiodh agaibh.

Murchadh MacLeòid (MM): Ò uill, bha aon cluich ann agus chan fhaca mise a bhiodh iad... a bhith ga... riamh e ach aig mo mhàthair. Agus... agus 's e seo man a bha... bha duan aice mu dheidhinn. Chuir... bhiodh i a' brogadh mo chinn mar siud, agus chanadh i:

Hìn a mhicein, hàn a bhuicein
Maide-sùirn, cùl an dùirn
Seall romhad 's às do dhèidh
Cò mheud adhairc a th' air a' bhoc?

Agus... chan eil fhios a'm an cuala sibh fhèin e?

IP: Chuala, chuala, chuala.

MM: Agus bha sibh... bha agamsa ri thomhas cò mheud corrag a bha i... air a bha i... a bha i a' cleachdadh nuair a bha i a' bualadh mo cheann. Agus nan saoilinn gun robh ceithir ann, chanainn:

"Tha ceithir adhaircean air a' bhoc."

Agus mas e trì a bh' air, no mas e còig a bh' air... no mas e trì a bh' air, an àite... bheireadh i aon gnogag bheag air a' cheann.

"Tha trì adhaircean air a' bhoc."

'S nam b' e dhà a bhiodh air... nan canainn-sa dhà 's gun robh ceithir meuran aice, bheireadh i dhomh dà ghnogag bheag 's chanadh i:

"Tha ceithir adhaircean air a' bhoc."

Agus uaireannan a chleachdadh i na h-uilt mar siud. Cha b' e na corragan idir. Agus chanainn... chanainn an uair sin:

"Maol am boc."

Agus ma bha na còig chorragan aice, chanadh sibh:

"Tha còig adhaircean air a' bhoc," tha fios agaibh.

IP: Agus nuair a bha sibh a' toirt seachad an fhreagairt cheart, bha ise a' toir aon ghnogag an uair sin, ma bha sibh...

MM: Cha robh. Ma bha i ceart... ma bha mise a' dèanamh an tomhais cheart, dh'fhaodainn an uair sin an aon rud a dhèanamh oirrese.

IP: Ò seadh, seadh. Tha mi a' tuigsinn a-nis. Ach ma bha sibh a' toir seachad an fhreagairt cheàrr, bha i an uair sin...?

MM: An t-eadar-dhealachadh a bha eadar na thuirt mise agus na bh' aicese. Bha i a' toir gnogag no dà ghnogag dhomh... gnogag no dà ghnogag no... air a' cheann... air mo cheann. Sin man a bha e. 'S e an duan... 's e an duan a thug na mo chuimhne e.

Hìn a mhicein, hàn a bhuicein
Maide-sùirn, cùl an dùirn
Seall romhad 's às do dhèidh
Cò mheud adhairc a th' air a' bhoc?

IP: Glè mhath. Agus a-nise a bheil sibh a' smaoineachadh an robh a' chluich a bha sin coitcheann am measg nan daoine far a...?

MM: Bha am measg nan seann daoine, ach cha robh i againne nar clann idir. Cha robh. Bha e air a dhol à cleachdadh.

IP: Bha e air a dhol à cleachdadh.

MM: Ò bha. Bha e air a dhol à cleachdadh. Ach bhiodh ise... ò, nuair a bhiodh i a' cur orm mo chuid aodaich no rudan dhen t-seòrsa sin - bha mi cho òg an sin - agus... agus... ach tha cuimhn' a'm gum biodh i... gum bithinn fhìn 's i fhèin ga chluich. Bhiodh i a' toirt orm a bhith a' cluich, dìreach airson mo chur seachad air a... airson mo chur seachad fhad 's a bhiodh i a' ceangal mo brògan no rudan dhen t-seòrsa sin. Bhiodh i an-còmhnaidh... bha mi rudeigin fiamhlanach, tha fhios agaibh. Agus bhiodh i airson m' aire a tharraing, nam biodh i a' cur orm mo bhrògan no rudan dhen t-seòrsa sin. Tha ogha beag agam fhìn dhen dearbh sheòrsa an-diugh.

IP: Dìreach. Ach dè a-nise am facal... an deagh fhacal a bh' agaibh ann a shiud? Fiamhlanach, an e?

MM: Fiamhlanach. Restless.

IP: Ò seadh, seadh. Canaibh a-rithist e.

MM: Fiamhlanach.

IP: Fiamhlanach.

MM: Cha robh càil a chuimhn' a'm gun robh fhios a'm air an dearbh fhacal gus an tàinig... thàinig e a-mach nuair a bha mi... bha mi a' bruidhinn air an siud.

IP: Thàinig, dìreach.

MM: Thàinig sin man a bha. Ach, duine a tha a-null 's a-nall... [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good