Tè nan Cruidhean
Track Information
Original Track ID
CannaOT.1
Original Tape ID
Summary
A farmer had two servants. Every morning, one of them complained that he was shattered. One night, the other servant agreed to take the sufferer's place in the bed whilst he watched to see if anything would happen. The farmer's wife entered and after striking his friend with a horse's rein, he turned into a horse, and she rode him away into the night. They returned in the morning. Armed with the knowledge of what was taking place, the following night, after transformation, he managed to turn the farmer's wife into a horse and had her shod. In the end, she was burnt to death for being a witch.
Item Notes
The English translation of this story is found in John Lorne Campbell's 'Stories from South Uist told by Angus MacLellan', 1997 Ed., Birlinn, p. 105.
Recording Location
County - Inverness-shire
Island - South Uist
Parish - South Uist
Village/Place - Frobost
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Ach an oidhche a bha seo, thuirt e ris an fhear eile:
"B' fheàrr leam," ars esan, "gun caidleadh tu nam àite a-nochd," ars esan. "Chan eil mi a' faighinn cadal ceart an siud idir," ars esan.
"Tà, faodaidh mi sin," ars am fear eile.
Dh'fhalbh e, 's shioft iad, 's chaidh esan ri cùl na leapa an àite an fhir eile.
Bha e a' fuireach na dhùsgadh, 's cha robh e a' faighinn cadal ceart. Ach dè dh'fhairich e an seo a bhith a' fosgladh an dorais, agus gu dè chunnaic e a' tighinn a-staigh ach a' bhana-mhaighstir, agus srian eich aice. Agus chrath i an t-srian ri aghaidh an fhir a bh' air aghaidh na leapa, 's e na chadal, agus thuirt i dha no trì a dh'fhacail agus leum e na each a-mach às an leabaidh, agus chuir i an t-srian na cheann agus ghabh i a-mach leis. "Dia," thuirt e ris fhèin, feumaidh gur e seo an rud bha a' tighinn ris-san. Nach b' iongnadh ged bhiodh esan truagh.
Eadar sin 's toiseach an latha thàinig i air ais leis. 'S ann a thug i an t-srian às a cheann. Bha e na dhuine mar a bha e roimhe 's bha e a-staigh san leabaidh 's e na shuainte chadail. Dhùisg i am fear eile, 's dh'èirich e sa mhadainn agus dh'èigh e dhàsan èirigh. Cha do ghluais e.
"A Dhia m' anam chan èirich, chan urrainn mi," ars esan. "Tha mise ullamh."
"Dè tha ceàrr?" ars esan.
"Ò cha eil fhios a'm," ars esan. "Tha dìreach... tha mi a' smaointinn gu bheil a h-uile cnàimh a th' annam pronn. Gu dearbh ma bha thusa," ars esan, "mar seo a h-uile h-oidhche a bha thu a' cadal ann, chan iongnadh ged a bhiodh tu truagh," ars esan.
"Hod, dh'fhaodadh e bhith," ars esan, "nach dèan thu aon oidhche dheth co-dhiù," ars esan. "Feumaidh gu bheil rudeigin mollaichte ma-tà," ars esan, "far... an seo," ars esan. "Ach feumaidh sinn èirigh co-dhiù."
Dh'èirich iad, 's chaidh iad a-mach a dh'obair. An sin, an ath-oidhch' nuair a bha iad a' dol a chadal:
"An caidil thu a-nochd nam àite?" ars esan.
"Gu dearbh cha chaidil, no 'n ath-oidhch," ars esan, "mise nad àite," ars esan, "agus chan eil sìon a dh'fharmad agam riut fhèin," ars esan, "dol a chadal ann," ars esan.
"Ò uill," ars esan, "feumaidh mise cadal an àiteigin," ars esan.
Chaidh iad dhan leabaidh, agus bha an cadal ga thoir a-mach, 's bha esan feuch am fanadh e na dhùsgadh. Bha e a' breith air fhèin le fhiaclan, feuch am fanadh e na dhùsgadh. Ach dh'fhairich e an seo a' bhana-mhaighstir a' tighinn, agus thàinig i a-staigh 's an t-srian aice, agus chrath i an t-srian ri aghaidh, agus i a' dèanamh a dhà no trì fhacail a bha seo, agus leum e na each a-mach às an leabaidh, agus e na dhùsgadh.
Dh'fhalbh i leis 's chaidh i seachad air cuan leis. Thàinig i an sin gu taigh mòr far an robh gu leòr dhe seòrsa fhèin ri mallachadh agus ris a h-uile mì-riaghailt, agus thug i an t-srian às a cheann, agus nuair a thug i an t-srian às a cheann bha e na dhuine mar a bha e roimhe. Agus bha gu leòr dhe sheòrsa ann, 's iad nan seasamh 's iad nan cadal, dìreach mar gum biodh statues. Bha esan a' coimhead feuch cà 'n do chuir i an t-srian, agus dh'fhalbh e agus fhuair e an t-srian, agus nuair a bha iad an seo a' sgaoileadh air falbh, bha esan aig an doras, agus nuair a bha ise a' tighinn a-mach, chrath e an t-srian ri h-aghaidh agus thuirt e na facail a thuirt i fhèin ris-san, agus leum i na pònaidh gorm glas air a bheulaibh. Chàirich e an t-srian innte 's leum e air a muin. Nuair a bha e a' tighinn a-nall seachad air a' chuan, dh'fhaighneachd ise dheth:
"Dè bhios sibh ag ràdh," ars ise, "nuair a bhios sibh a' dùnadh an dorais?" ars ise.
"Marcraich romhad a dheamhain," ars esan.
"Dè bhios sibh ag ràdh," ars ise, "nuair a bhios sibh ag èirigh sa mhadainn?" ars ise, feuch an toireadh e iomradh dhan Nì Math.
"Marcraich romhad a dheamhain," theireadh esan.
Nuair a thàinig iad an sin air tìr, nuair a thàinig e gu fearann an tuathanaich, bha ceàrdach ann, a bhiodh e a' dol innte daonnan, agus ghabh e a dh'ionnsaigh na ceàrdaich, 's bha an gobha, bha e na chadal. Dhùisg e an gobha, agus dh'èigh e dha èirigh.
"Dè tha ceàrr?" ars an gobha.
"Èirich cho luath 's a rinn thu riamh," ars esan, "oir is gun cruidheadh tu am pònaidh tha seo," ars esan, "dom mhaighstir, 's aige ri falbh bhon taigh," ars esan.
"Ò Mhic an Fhir Mhòir," ars esan, "a bheil thu fhèin 's do phònaidh. Cha b' àm dhut seo tighinn a chruidheadh pònaidh."
"Ò cha robh fios aige gun robh e a' falbh gus o chionn glè ghoirid," ars esan. "Èirich cho luath 's a rinn thu riamh."
Dh'èirich an gobha 's thòisich e air cur teine anns a' cheàrdaich. Thug esan a-staigh am pònaidh. Sheall an gobha air.
"Cuin a fhuair e am pònaidh a tha seo?" ars esan. "Chan fhaca mi am fear seo riamh," ars an gobha.
"Ò am fear ud gun toir thu fhèin 's e fhèin air falbh," ars an gille, ars esan. "Cuir thusa na cruidhean a dhèanamh, 's e tha mise ag iarraidh ort a dhèanamh, 's chan e a' meas pònaidh," ars esan.
Thòisich an gobha an seo air cur nan cruidhean air. Nuair a bha e a' cur nan cruidhean oirre, bha sruthain a-nuas o na sùilean aicese.
"Uill, uill," ars an gobha, "chan fhaca mi beathach riamh cho bog rithe," ars esan. "Seall thusa na sruthain a th' air na sùilean agad."
"Ò gun toir an Donas," ars esan, "sruth od shùilean fhèin. Nach dèan thu cabhag," ars esan.
"Thalla leatha," ars an gobha, "ma-thà a-nis, agus bheir an droch àite ort leatha ma-thà. Tha mise clìoras i."
Dh'fhalbh e leatha 's teine aige às an rathad mhòr, 's nuair a ràinig iad, thug e an t-srian às a ceann. Bha ise na boireannach mar a bha i roimhe, 's ghabh i a-staigh, agus ghabh esan dhan bhothy.
Nuair a dh'èirich e sin, 's a chaidh iad a-mach dhan stàbla sa mhadainn, cò thigeadh a-staigh ach am maighstir, 's e a' tuiream 's a' rànaich, 's a bhean gus a bhith deiseil aige.
"Dè tha ceàrr oirre?" ars an gille.
"Ò, tha am bàs," ars esan. "Tha i dìreach gus a bhith ullamh," ars esan.
"Obh, obh, obh," ars an gille, "a bheil i cho fad sin air ais?" ars esan.
"Ò tha gu dearbh," ars esan.
"Uill, gu dearbh," ars esan, "bu mhath leam fhìn a faicinn," ars esan, "fhad 's a bhiodh i beò."
"Ò uill, ma-thà, faodaidh tu tighinn a-staigh," ars esan.
Dh'fhalbh e fhèin 's an gille a-staigh 's bha ise 's a h-aghaidh a-null.
"Tha sibh bochd, bochd," ars an gille.
"Seachain thusa mi," ars ise.
Agus dh'fhalbh e 's chuir e a làmh a-staigh fon aodach 's rug e air làimh oirre, 's shlaod e a-mach i 's bha an crudha air an dèarnaidh aice.
"Bheil thu a' faicinn siud?" ars esan, 's e a' tionndadh ri mhaighstir.
"Aidh, aidh," ars a mhaighstir.
Rugadh air chois oirre 's thugadh a-mach i, 's bha crudha air gach cois, 's air gach làimh.
"Sin ceithir chruidhean a chuir mise a-raoir oirre," ars esan. "Chan iongnadh," ars esan, "ged a bhithinn-sa truagh agadsa," ars esan, "gam mharcrachd aig an Deamhan a h-uile h-oidhche," ars esan, "ach siud na nì mise dhut," ars esan.
"Ò uill," ars an tuathanach, "cha dèan thu sin idir. Chan fhalbh thu idir," ars esan.
Cha robh ach breith oirre, 's teine a dhèanamh, 's a càradh ann. Chaidh a losgadh. Agus sin an dìol a bhathar a' dèanamh air na bana-bhuisrichean. A h-uile tè a dhèante a-mach oirr' e, cha robhar ach ga losgadh. Sin an lagh a rinneadh dhaibh mu dheireadh, agus bha an gille ceart gu leòr tuilleadh. Dh'fhan e aig an tuathanach ùine mhòr an dèidh ise a losgadh.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good