Prògram Choinnich
Contributors
Interviewers
Date
Track ID
4556
Part 1
Track Information
Original Tape ID
Summary
GPS equipment gifted to the Skye Mountain Rescue Team.
The Skye Mountain Rescue Team have been gifted three new pieces of GPS equipment. John MacLeod, the team's President, gives more information about these pieces of equipment and explains how they work.
Recording Location
County - Ross and Cromarty
Island - Lewis
Parish - Stornoway
Village/Place - Stornoway
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Coinneach MacÌomhair (CM): Tha uidheam ùr aig Buidheann Teasairginn Beanntan an Eilein Sgitheanaich a chuidicheas iad gu mòr nuair a bhios iad air a' mhonadh bho seo a-mach. Tha an uidheam a' cleachdadh teicneòlas saideal. Ma tha mise ga thuigse ceart, tha e ag obair rudeigin mar a dh'obraich am fear a bh' aig an seòladair Tony Bullimore nuair a chaidh a bhàta fodha air a' mhìos a chaidh seachad. Tha Seonachan MacLeòid, a bha na chathraiche air Buidheann Teasairginn an Eilein airson fichead bliadhna, còmhla rium an-dràsta. Madainn mhath, a Sheonachain
Seonachan MacLeòid (SM): Madainn mhath, a Choinnich.
CM: Uill, a bheil mi ceart a bhith ag ràdh gur e rudeigin a th' ann, an seòrsa rud a bh' aig Tony Bullimore a bh' ann?
SM: 'S e. Tha eòlaichean agus luchd... iasgairean 's feadhainn aig a bheil bàtaichean, tha iad eòlach gu leòr air an inneal a tha seo. 'S e GPS a th' ann. Global Positioning System a th' aca air.
CM: Agus ciamar a tha e ag obair?
SM: Uill, tha e ag obair dhe satellites. Tha mi a' creidsinn gu bheil còrr 's ceithir air fhichead satellites shuas ann a shiud a tha ag obair air an inneal a tha seo, ach ma gheibh thu ochd, ochd dhiubh, ag obair shuas gu h-àrd anns na speuran os do chionn, gheibh thu position ceart fhaighinn anns an... an àite sam bith air an t-saoghal.
CM: Can an-dràsta, anns an Eilean Sgitheanach, bidh sibhse a' dol a-mach ann an sin 's a' dol suas dhan a' mhonadh, am bi uidheam beag agaibh nur cois? Bidh rud agaibh nur cois, nach bi?
SM: Ò, bidh.
CM: Agus am bi fear eile air ais an àite air choreigin eile airson gum bi fios aig...?
SM: Cha leig... cha leig thu leas. Dìreach... dìreach an rud a th' agad na do làimh. Cha leig thu leas dad eile. 'S e rud beag bìodach a th' ann, dìreach mar mobile phone. Tha e cho beag sin.
CM: Agus cò dha a tha e ag innse càit a bheil thu? Dhut fhèin, an ann?
SM: Dhut fhèin. Dhut fhèin, tha. Tha thu dìreach a' putadh nam putanan a-staigh airson position a thoirt dhut, agus tha e dìreach a' tighinn... a' tighinn air sgàthan beag, latitude, longitude, no ann an grid reference. Agus bheir e sìos gu 's dòcha... 's dòcha deich air fhichead troigh far... dìreach gu mionaideach far a bheil thu.
CM: Ach dè am feum a bhios sin dhuibhse nuair a tha sibh shuas air a' mhonadh? Airson tha fios agaibhse càit a bheil sibh co-dhiù, nach eil?
SM: Uill, tha gu tric, ach nuair a tha an ceò ann, tha e... tha e gu math doirbh uaireannan, ach gu h-àraid air an oidhche, agus nuair a tha ceò ann, leis an dorchadas. Seall, anns na Cuiltheann, tha tòrr iarainn anns a' chreag, agus tha sin a' cur an combais dheth gu mòr, agus chan urrainn dhuinn cleachdadh combais shuas gu h-àrd anns na Cuiltheann, faisg air a' mhullach co-dhiù. Chan eil e ag innse dhuinn ceart càit a bheil sinn, no chan urrainn sinn... chan urrainn sinn a chleachdadh idir. Agus nuair a tha sinn suas anns a' cheò ann a shiud anns na coireachan anns na Cuiltheann, tha an t-àite cho cas agus chan eil slighichean ann as urrainn dhut a leantail, agus 's dòcha gu bheil sinn a' coimhead airson cuideigineach a thuit dheth seachad air creag, agus bhiodh an rud a tha seo uabhasach feumail dhuinn airson an t-àite a lorg gu mionaideach.
CM: Nise, mar a tha fhios againn, 's e obair saor-thoileach a th' ann an obair teasairginn nam beann. Tha agaibh ri bhith a' togail airgead an-còmhnaidh airson a bhith a' faighinn na h-uidheaman agus na rudan a th' agaibh ann an sin, ach tha mi a' tuigse gun d' fhuair sibh iad seo an-asgaidh. A bheil sin ceart?
SM: Fhuair. Fhuair sinn trì dhiubh an-asgaidh, a Choinnich, bhon an duine a tha seo a tha shìos ann an Glaschu, Iain Whyte. Thug e... thug e trì dhuinn, agus tha sin... bidh sin uabhasach feumail. 'S cha b' urrainn dhuinne iad sin a cheannach. Tha iad ro chosgail dhuinn an-dràsta. Tha iad cho daor.
CM: Dè bhiodh iad air a chosg dhuibh?
SM: Uill, chosgadh e faisg air... an trì a tha sin, mu, 's dòcha, faisg air còig ceud not.
CM: Ach an dèidh sin, chan e prìs dhaor a th' ann airson teicneòlas a tha comasach air a leithid a dh'obair a dhèanamh, an e?
SM: Tha sin ceart. Ach mar a tha sinne, tha sinn... feumaidh sinn a h-uile sgillinn a thogail dhuinn fhìn, agus tha a leithid eile de rudan tha sinn feumach air le equipment, feumaidh sinn a cheannach, agus tha... bha sinn a' faighinn... tha na prìsean dhe na gnothaichean a tha sin a' tighinn a-nuas fad an t-siubhail, agus bha sinn dìreach am beachd an ceannach 's dòcha am-bliadhna fhèin. 'S dòcha aonan dhiubh an toiseach, gus am faiceadh sinn ciamar a dh'obrach iad, ach a-nise tha trì againne agus tha e uabhasach feumail dhuinn, iad sin...
CM: A bheil iad seo aig buidheannan teasairginn eile?
SM: Tha mi a' smaoineachadh gu bheil. Tha feadhainn eile, tha iad caran nas beairtiche na tha sinne anns an t-eilean seo.
CM: Tha thu an dòchas gun dèan e diofar dhuibh?
SM: Tha mi a' smaoineachadh gun dèan, gu mòr. Cha do dh'fheuch sinn a-mach fhathast iad, ach... cha d' fhuair sinn cothrom fhathast. Cha d' fhuair sinn ach dìreach an t-seachdain sa chaidh iad. Ach tha iad ag innse dhuinn gu bheil iad ag obrachadh glè mhath.
CM: Uill, tha sinn an dòchas gu dearbha gun obraich iad, gun dèan iad feum, agus cò aig a tha fhios nach sabhail iad beatha chuideigin.
SM: Uill, tha sinn an dòchas gun dèan e sin.
CM: Tapadh leatsa airson bruidhinn rium sa mhadainn an-diugh, Iain.
SM: OK.
CM: Seonachan MacLeòid ann an siud. Esan a tha air a bhith airson còrr 's fichead bliadhna na cheann-suidhe air Buidheann Teasairginn nam Beann san Eilean Sgitheanach.

Source Type
Dat
Audio Quality
Good