Search

Prògram Choinnich

Contributors
Date
Track ID 4560
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 17.02.1997

Summary

Farmer John MacKay discusses the different types of potato that he plants.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Parish - Stornoway

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Bha uair agus bha iomadh seòrsa buntàta gan cur anns an dùthaich a tha seo. Chan ann airson chips a dhèanamh, ach airson a bhith gan ithe bruich, a' chuid as motha dhiubh. An-diugh, 's e glè bheag de sheòrsaichean a bhios aig daoine anns na cùiltean gan ullachadh airson an cur air a' bhliadhna a tha seo. Tha aon duine agus tha e a' cumail air a' cur feadhainn dhen an t-seann fheadhainn. 'S esan Iain MacIllEathain a tha ag obair aig an tuathanas air iomall Baile Ùr an t-Slèibh. Tha e fosgailte dhan a' mhòr-shluagh. Turas Tìm ainm an tuathanais. Tha sinn a' dol air ais ann an tìm còmhla ri Iain - MacAoidh a th' air, chan e MacIllEathain mar a thuirt mi - gus cluinntinn mu chuid dhen a' bhuntàta a tha e a' cur. Madainn mhath, Iain.

Iain MacAoidh (IM): Madainn mhath. Madainn mhath.

CM: Uill, innis dhomh feadhainn dhe na h-ainmean a th' air na... air a' bhuntàta a tha thu a' cur ann an sin.

IM: Uill, 's e seann bhuntàta. Tha sinn a' dol air ais gu nineteen o five 's nineteen o six, mar a chanas iad anns a' Bheurla. Langworthys, Kestrels, Edzell Blues. Tha an uair sin, tha Kerr's Pinks againn. Sin agad the top variety a th' againn. 'S British Queen. Sin agad na dhà top priorities a tha sinn a' cur, fhios a'd.

CM: Sin an fheadhainn as motha a tha sibh a' cur dhiubh?

IM: Sin agad an fheadhainn a tha sinn a' cur, fhios a'd.

CM: Uill, tha sinn eòlach gu leòr air an fheadhainn sin.

IM: Tha.

CM: Ach dè mu dheidhinn an t-seann... na seann fheadhainn a tha seo?

IM: Langworthys. Tha iad glè mhath cuideachd, ach chan eil iad lìonmhor idir.

CM: Nach eil?

IM: Chan eil, 's an Kestrel. Ach Edzell Blues, nuair a bha sinn a' dol dhan sgoil, 's e... 's e buntàta math airson ithe a-staigh a bh' ann, fhios agad.

CM: An e sin, mar a chanadh sinn riutha, am buntàta dubh?

IM: 'S e. Sin agad e, sin agad e. Agus bha fear eile ann, Edzell Blues, agus gheibheadh tu ring ann, nuair a bha sinne a' dol dhan sgoil. Tha mi a' creidse gu bheil fhios aig pàirt dhe na Leòdhasaich a-staigh ann a shin. Tha ring ann. Airson... dhan a' chrodh a bha iad na chur.

CM: Ò, seadh agus ciamar a tha an seann bhuntàta sin? A bheil iad a' fàs ceart gu leòr?

IM: Ach, chan eil. Tha iad... uill, tha iad a' fàs right enough, a Choinnich, ach chan eil iad lìonmhor idir. Dh'fheuch sinn diofar dòighean airson an cur, fhios agad.

CM: 'S an Langworthy a tha seo, dè seòrsa buntàta a tha sin?

IM: Tha buntàta beag geal. Buntàta beag geal, ach cha dhèanadh e... cha dhèanadh e chips idir.

CM: Ach, uill, cha bhiodh sinn ag iarraidh sin.

IM: Chan eil. Ach 's e Kerr's Pink am buntàta mòr lìonmhor a th' ann, fhios a'd, 's am British Queen.

CM: 'S am British Queen a tha seo?

IM: British Queen, buntàta mòr geal. Agus tha e gu math tioram cuideachd.

CM: Ach a ghia, ge-tà, cha b' e sin an seòrsa buntàta a bhiodh aca leis an sgadan anns na seann làithean, an e?

IM: Chan e, chan e. Ach an dèidh sin, tha e gu math... tha e glè mhath, fhios agad, leis a... leis an sgadan.

CM: Dè mu dheidhinn an Kestrel a tha seo, a-rèiste?

IM: Tha, buntàta beag dubh. Ach tha chan eil... chan eil e... chan eil e faisg air a... air an Edzell Blue idir.

CM: Nach eil?

IM: Chan eil. No. No, no. Chan eil. Ach...

CM: A bheil thu fhèin a' smaoineachadh gur e call a th' ann gu bheil sinne, gu bheil sinne gu dearbh a' call na seann bhuntàta a tha sin?

IM: Uill, tha dha-rìribh, tha. Ach anns na linntean a tha seo, chan eil daoine, chan eil... chan eil daoine ag ithe a' bhuntàta sin ann.

CM: Nuair a thig daoine a-steach chun an tuathanas agaibhse ann an sin, 's bidh iad a' tighinn ann a h-uile bliadhna, am bi e a' cur iongnadh orra nuair a chì iad...

IM: Uill, tha.

CM: Am buntàta a tha seo agaibh?

IM: Tha. Fhios agad, chan eil iad nar creidsinn gur e... gur e seòrsa buntàta a th' ann, fhios agad, a-steach dhan a' chiad [???], fhios a'd.

CM: Ach tha sibhse a' dèanamh seo airson 's e tuathanas a th' ann a tha a' sealltainn an seòrsa rudan a bha daoine a' cur anns na seann làithean.

IM: 'S e. That's right. Aidh. 'S e.

CM: Ach an dùil a bheil feadhainn dhen an t-seann fheadhainn aig daoine fhathast, airson bha uaireigin bhiodh daoine a' cumail an sìol-chur aca fhèin.

IM: Ò, tha. Tha shìos rathad Peairt, 's Inbhir Narann ann a shin, tha iad... 's ann às a sin a fhuair sinne tha am buntàta sin an toiseach, o chionn ceithir bliadhna ann a sheo, fhios a'd.

CM: Agus a bheil thu a' smaoineachadh gun tig an latha tuilleadh, ge-tà, far am bi daoine sa bhitheantas a' cur na seann bhuntàta ann an sin? No a bheil sinn gu bhith aig an Kerr's Pinks 's na Maris Pipers agus an fheadhainn a tha sin a tha a' toirt dhuinn buntàta mòr a nì chips?

IM: Uill, chan eil càil... uill, chan eil càil a dh'fhios a'm a-nise air a sin, a Choinnich, ach tha iad... ò uill, tha iad na chur shìos ann an Inbhir Narann ann a shin [???] fhathast cuideachd, fhios agad. Ach chan eil fhios a'm an dèan e... an tig tòrr às idir.

CM: Co-dhiù, tha e math a bhith a' faicinn an t-seann bhuntàta, ach chan eil mi, man a tha thu a' bruidhinn, chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil thu a' dèanamh e dheth gun tig iad air ais idir?

IM: Cha tig mar sin idir. Cha tig, cha tig. Tha bancaichean ann, right enough, fhios a'd, a tha a' cumail... a' cumail a' bhuntàta sin a' dol, ach chan eil airson ithe anns an taigh idir.

CM: Uill, mas e 's gu bheil duine sam bith eile a' cur feadhainn dhen an t-seann bhuntàta a tha sin, 's mas e 's gu bheil fiosrachadh aca mun deidhinn, bhiodh sinn ro-thoilichte cluinntinn mun deidhinn. Tapadh leatsa, Iain. Iain MacAoidh againn ann an sin air an loidhne à Baile Ùr an t-Slèibh.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good