Search

Craobh agus basgaid sa pholl-mhònadh.

Date
Track ID 46274
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1968.138.B5+139.A1

Original Tape ID

SA1968.138

Summary

A tree trunk and a basket found in the peat.

When Angus was cutting peats, he found a large tree trunk and a basket in the peat. The basket had turned to dust the next day when exposed to the air. A similar basket was found in Callanish and it also disintegrated in the air.

Item Location

County - Inverness-shire

Island - North Uist

Parish - North Uist

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Aonghas MacCoinnich (AM): Bidh feadhainn a' cantail mar sin nach robh craobhan an Uibhist riamh, ach chan eil sin ceart idir. Bha craobhan a' fàs an Uibhist aig aon uair, a thoradh tha dearbhadh agamsa air a sin. Bha mi fhèin agus nàbaidh a bh' agam, fear Dòmhnall Dòmhnallach à Hòigearraidh, a' buain mhònadh, ann am Beinn Hòigearraidh. Agus air an dala fàd, bha mise a' cur a-mach an dala fàd, agus Dòmhnall a' gearradh ann. Agus thachair rud cruaidh ris an tairsgeir 's cha d' reigheadh i na b' fhaide ann. [???] gur e clach a bh' ann, ach chan e. 'S e bh' ann ach pìos de chraobh, agus bha mu ochd troighean a dh'fhaid innte. Chan eil fhios a'm dè seòrsa craobh a bh' ann, co-dhiù 's e spruce no fir no gu dè a bh' ann, ach bha aon... eadar a deich 's aon òirleach deug innte tarsainn anns a' chridhe ann. Thòisich sinn air cladhach timcheall oirre, thog sinn a-mach i, chuir sinn air bruthaich a' phuill i. Dh'fhàg sinn a shin i.

Làrna-mhàireach, bha sinn a' buain an ear air a sin, agus 's e Dòmhnall a thug i a-mach a' chiad fhàd agus mise a' cur a-mach an dala fàd. Bha e a' gearradh sìos agus thug mi an aire do rud ann an aghaidh a' phuill, agus thuirt mi ris:

"Dèan air do shocair, feuch am faic mi dè th' ann a sheo."

Thòisich mi air coimhead air agus thuirt mi ris:

"'S e basgaid a th' ann."

Agus labhair esan, agus thuirt e:

"Dè tha thu a' ràdh?"

"Basgaid a th' ann," arsa mise.

"Hod, chan eil thu... tha thu... chan eil thu uile ann."

Ach sguir e a ghearradh co-dhiù, agus thòisich sinn air cladhach timcheall, agus thog sinn a' bhasgaid, agus a' mhòine fòidhpe leis an dà spaid. Chuir sinn air bruthaich a' phuill i. Bha sinn... bha i làn na broinn le mòinidh. Bha sinn a' coimhead oirre, agus le coimhead oirre, chanainn gur e luachair, no luibh air choreigin eile car coltach ri luachair, agus bha i air a fighe a-null 's a-nall, mar a bhiodh na clèibh-chuiseag aig na seann daoine.

Dh'fhàg sinn ann a shin i, agus an làrna-mhàireach, bha latha brèagha grianach ann, agus rinn sinn... chaidh sinn a-mach, a' dol a shealltainn airson na basgaid. Bha i air a dhol na dust, air tuiteam às a chèile. Cha robh [?goinean] dhith slàn ach am màs. Bha i làn na broinn le mòinidh. Bha am màs slàn. Agus feumaidh a-nist, ge be dè a th' anns a' mhòinidh, gun robh a' mhòine ga cumail mar a bha i nuair a chaidh i ann, agus 's ann air an dala fàd a bha i.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Sheadh. Niste, dè a' mheudachd a-rithist a bh' innte?

AM: Agus chanainn, a rèir a' mheudachd aice, gun robh mu ochd òirlich dheug a dh'fhaid innte, agus mu dhà òirleach dheug a leud.

DE: Seadh. Agus dè an cumadh a bh' oirre anns na cinn?

AM: Cha robh... cha robh làn grèim-làimhe idir oirre, ach gun robh am beul aice mar gum biodh e air fhighe na bu ghairbhe, mar nach robh feum air beul... air handle, mar a their sinn...

[Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo, agus an teip air teireachdainn.]

Cha d' fhuair thu sin idir?

DE: Cha d' fhuair. Uill, fhuair mi... fhuair mi pàirt dheth, ach cha d' fhuair mi an deireadh aige idir.

AM: Cuir air i ach an cluinn sinn dè fhad 's a ràinig sinn.

DE: Uill, tha mi air an teip eile a chur dheth an-dràsta.

AM: A bheil?

DE: Tha. Bha mi dìreach a' faighneachd mun a... mun a' mheudachd aig a' bhasgaid a fhuair sibh fhèin anns a' mhòintich a-muigh ann a shin.

AM: Agus am bi e ceart gu leòr dìreach...

DE: Bidh, dìreach cumail oirbh, bidh.

AM: A bheil e a' dol?

DE: Tha. Dè a-nist a' mheudachd...

AM: A' bhasgaid a bha seo, a thachair rinn anns a' pholl-mhònadh 's sinn a' buain na mònadh, 's ann air an dala fàd a bha i. Uill, a' chiad fhàd, bhiodh eadar sia òirlich dheug 's seachd òirlich dheug a dhoimhneachd ann. 'S air an dala fàd, mar gum b' eadh, mu leth an fhòid, 's ann a thachair a' bhasgaid rinn. Agus bha i, a rèir mo bheachd-sa, bhiodh i mu ochd òirlich dheug a dh'fhaid, agus mu throigh a leud.

DE: 'S dè an doimhneachd an uair sin a bhiodh i?

AM: Agus chanainn gum biodh aon cheithir òirlich a dhoimhneachd innte. Bha i làn na broinn le mòinidh. Thog sinn às i le dà spaid 's chuir sinn air beul a' phuill i. Agus bha am beul aice, mar gum b' eadh, chanainn gum biodh aon sia no seachd de dh'fhilltean, dhen an stuff a bha seo. Co-dhiù 's e luachair no gu dè an stuff a bh' innte, chan urrainn dhòmhsa a chantail. Ach cha robh grèim-làimhe idir oirre. Ach bha am beul garbh. Cha robh feum... mòran feum air grèim-làimhe ann. Thogadh tu i leis a' bheul fhèin. Agus bha i air a fighe car coltach ris mar a bhiodh na seann daoine a' dèanamh clèibh-chuiseag. Mar a chanas iad anns a' Bheurla, under and over. Agus bha na spars a bha suas anns an taobh, bha iad rud beag na bu ghairbhe na an fhighe a bh' oirre. Agus chanainn gum biodh iad mu thrì òirlich o chèile.

DE: 'S dè am bonn a bha rithe an uair sin?

AM: Am bonn a bha rithe, bha e air fhighe. Agus cha robh am bonn a bha gu h-ìseal, bha e mu... chanainn gum biodh aon sia no... uill, eadar a ceithir 's a còig dhen an stuff a bha seo, mar gum biodh e air a thoinneamh airson a' mhàis, ach bha am beul, chanainn gum biodh aon ochd no naodh ann dhiubh. Agus on bhonn, ann an ceann a h-uile ceithir òirlich, bha strand dhen an stuff a bha seo air a thionndadh suas, air an aon dèanamh ri na clèibh-chuiseag a bha iad a' dèanamh aon uair. A thoradh, chunna mi fhèin a' dèanamh an cliabh-chuiseag agus...

DE: Uill, tha mi a' dol a dh'fhaighneachd dhuibh mu dheidhinn sin ann an tiotan. Ach, a-nist, an robh a' bhasgaid a bha seo, an ann rudeigin cruinn anns na cinn a bha i? Air neo, an robh i...

AM: Chan ann. Bha i cho square ri bogsa.

DE: Seadh. Agus 's e an aon leud a bh' innte gu h-àrd...

AM: An leud gu h-àrd 's gu h-ìseal. Cha robh... cha robh [?siut] a-mach leatha air dòigh sam bith. Bha i dìreach square, mar gum biodh pìos de bhogsa ceithir òirlich a dhoimhneachd ann.

DE: Agus aon uair 's gun... nuair a fhuair i aona latha teth air a' pholl...

AM: Aon latha grèine 's chaidh i na dust. An aon rud a shàbhail dhith, 's e am màs. Bha am màs làn den mhòinidh, agus nuair a chuir sinn car dhith - na cliathaichean air falbh leis a' ghrèin - nuair a chuir sinn car dhith, bha am màs mar a bha e roimhe, gun fhalbh idir. 'S cho luath 's fhuair a' ghrian chun a' mhàis, dh'fhalbh e fhèin.

DE: Dh'fhalbh am màs fhèin.

AM: Dh'fhalbh am màs fhèin.

DE: Ah, uill. Agus a-nist, bha sibh a' ràdh rium gun robh i seo glè choltach ri tè eile a fhuair iad ann an Calanais.

AM: Fhuair iad ann an Sìthean Chalanais - 's e sìthean a chanadh iad ris - fhuair iad tè eile dìreach car coltach rithe, a thoradh chunna mise i, ach gun canainn gun robh a' bhasgaid a fhuair iad ann an Calanais, nach robh i cho fada ris a' bhasgaid a thachair rinn sa pholl-mhònadh. An aon rud. Agus an fheadhainn a bha a' cladhach, cha robh sìon a dh'fhios aca mu dheidhinn na bu mhotha. Agus thachair an aon rud dhan bhasgaid sin agus a thachair dhan bhasgaid a thachair riumsa agus mo chompanach a' buain na mònadh. Cho luath 's a chaidh i... a bha i os cionn an talmhainn 's a fhuair a' ghrian 's a' ghaoth i, dh'fhalbh i mar gum biodh dust.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good