Search

Prògram Choinnich

Date
Track ID 4820
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 19.02.1997

Summary

Developments to arts buildings in the Borders.

Donald Campbell talks about developments in the Borders regarding arts buildings: a new theatre for Castle Douglas and a new cinema for Newton Stewart. He discusses the costs and demands for both projects, and also gives the history of the cinema in Newton Stewart up to the present day [1997].

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Parish - Stornoway

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Kirkcudbrightshire

Parish - Kelton

Village/Place - Castle Douglas

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Bidh sinn a' cluinntinn mòran mu dheidhinn na duilgheadasan ealain a bhith ga chur air adhart ann an ceàrnaidhean iomallach sna làithean a th' ann, fiù's ann am bailtean beaga a tha pìos air falbh bho bhaile mòr. Mar as trice bidh sinn a' smaoineachadh air a' Ghàidhealtachd nuair a bhios sinn a' bruidhinn air a seo, ach tha ceàrnaidh eile san dùthaich far a bheil bailtean beaga, far a bheil cuid a' fuireachd ann an àitichean iomallach, far nach eil baile mòr le goireasan faisg air làimh. Tha mi a' bruidhinn mu na Crìochan. Ach tha dùsgadh ann an sin nuair a thig e gu na h-ealain. An Caisteal Dhùghlais, tha taigh-cluiche theatre air ùr... air fosgladh, agus ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach tha taigh-dheilbh ùr a' fosgladh an ath-oidhch'. Tha Dòmhnall Caimbeul agam air an loidhne à Caisteal Dhùghlais. Dè do chor, a Dhòmhnaill?

Dòmhnall Caimbeul (DC): Tha gu math.

CM: Tha cùisean a' gluasad ann an sin, nach eil, a thaobh obair nan ealain anns an dà... anns an dà bhaile.

DC: San dà bhaile.

CM: Uill, an toiseach am baile anns... far a bheil thu fhèin a' fuireach ann an sin an-dràsta. Theatre. Innis dhomh beagan dhomh mu dheidhinn.

DC: Uill, bha dà eaglais againn ann a sheo, 's thàinig orra tighinn ri chèile, 's reic sinn aon dhe na h-eaglaisean, agus cheannaich buidheann airson taigh-chleas an eaglais, agus chaidh a h-atharrachadh le airgead o iomadach àite, gu sònraichte an lottery. Agus tha iad air theatre ùr a dhèanamh innte a ghabhas faisg air dà cheud duine, agus thòisich iad dìreach ron a' Bhliadhna Ùir leis a' phantomime, 's bha sin a' dol bho cola-deug. 'S tha iad trang an-dràsta air plays.

CM: Agus, uill, tha thu a' bruidhinn air airgead. 'S e airgead mòr a bha... a bha iad a' bruidhinn air, ge-tà, nach e?

DC: Chosg atharrachadh na h-eaglais trì cheud mìle not.

CM: 'S e airgead mòr a tha sin ann an coimhearsnachd, ann am baile nach eil cho mòr ri sin.

DC: 'S e, ann am baile beag. Ach thog... thog muinntir a' bhaile cnap dhen airgead ach...

CM: Dè cho mòr agus a bha an t-iarrtas airson a leithid?

DC: Ò uill, bha feum aig a' bhaile air àite dhen t-seòrsa, a chionn gabhaidh e... gabhaidh e... faodaidh tu taigh-dhealbh a dhèanadh dheth agus cuideachd taigh-chluich.

CM: Gun a sin, ge-tà, càit am biodh daoine a' dol?

DC: Bhiodh daoine a' dol ron a sin, talla a' bhaile, ach leis a h-càil eile, thàinig cosg-... tha cosgais uabhasach air a bhith a' gabhail talla a' bhaile airson aon oidhche san latha sa bheil sinn beò an-diugh.

CM: Dè am baile mòr as fhaisge oirbh, a-rèiste?

DC: Dumfries as fhaisge oirnn.

CM: 'S dè cho fad 's a tha sin air falbh?

DC: Ochd mìle deug.

CM: Agus, uill, cha bhiodh daoine ag iarraidh a bhith a' dol a... a' dol an astar sin a h-uile...

DC: Ò, cha bhi. B' fheàrr leotha a bhith ann a sheo fhèin.

CM: 'S tha a-nise an eaglais, an t-seann eaglais, air a dhèanamh suas na theatre. A bheil thu a' smaoineachadh gun dèan muinntir an àite feum dheth?

DC: Nì. Bha sinn a' dol a... chaidh barrachd airgid a thabhann air an eaglais airson rudan eile, ach dh'aontaich an seisean gum b' fheàrr... gum b' fheàrr dhuinn an eaglais a thoir dhan an t-sluagh, dhan a... muinntir a' bhaile fhèin. Agus chan eil... tha mise deimhinnte gum bi an eaglais... theatre againn airson bliadhna nam bliadhnaichean.

CM: A bheil mi a' tuigse mar a tha thu a' bruidhinn ann an sin gu bheil thu fhèin an sàs anns an eaglais?

DC: Ò uill, tha.

CM: Tha mi dìreach a' dèanamh sin a-mach bhon an dòigh anns a bheil thu a' bruidhinn.

DC: Ò, tha.

CM: Agus a bheil daoine toilichte gu leòr, a-rèiste, gu bheil iad air theatre a dhèanamh dhen an eaglais?

DC: Bha iad na bu thoilichte theatre a dhèanamh dhen eaglais na bhiodh carpet warehouse no rud dhen t-seòrsa sin.

CM: Uill, a-nise, a' gluasad gu... gun a' bhaile eile, Baile Ùr nan Stiùbhartach, agus an ath-oidhch' oidhche mhòr aca ann an sin.

DC: Tha. Uill, chaidh a' chiad taigh-dhealbh fhosgladh ann an Newton Stewart ann an naoi ceud deug 's a sia-deug, ann an shed zinc, far am biodh fear Seòras Goulson a' sealltainn dhealbhannan le lainntir. Nuair a chaidh adhartas a dhèanamh agus thàinig obair an dealain, thog Mr Goulson ann an naoi ceud deug trì-deug air fhichead taigh-dhealbh ùr a ghabhadh faisg air còig ceud, agus 's ann air an aon làrach a tha an taigh-dhealbh ùr a tha gu bhith air fhosgladh leis an actar Iain Cuthbertson an ath-oidhch'. Dà bhliadhna mun do thòisich an cogadh bho dheireadh, cheannaich am bodach seo, Seòras, innealan ùra cho math 's a gheibhte ann an Glaschu. No ann an Lunnainn, tha e coltach. Agus chunnaic muinntir Newton Stewart Mutiny on the Bounty air an sgrìon ùr. Bha cùisean a' dol gu math bhon a sin gu naoi ceud deug trì fichead 's a h-ochd, ged a bha na bu lugha a' dol dhan an taigh-dhealbh. 'S e toiseach an telebhisein a chuir... a mhill cùisean, agus chaidh an togalach a reic ri developer anns a' Ghiblean naoi ceud deug trì fichead 's a h-ochd. Cha do chòrd seo ri muinntir Newton Stewart idir, agus cheannaich fear Forbes-Sempill an togalach agus dh'fhosgail e taigh-dhealbh a-rithist aig deireadh na bliadhna.

Co-dhiù, aig deireadh naoi ceud deug ceithir fichead 's a h-aon, thàinig air dùnadh le cion airgid. Chaidh an uair sin Save the Cinema Committee a chur air chois le fear Iain Brown. 'S dòcha gum faithnich thu e. Bha... tha esan, tha an Stornoway Gazette aige a cheart cho math ris a' Ghalloway Gazette, 's bha esan air a dhèanamh na fhear-cathrach air a' chomataidh a bha seo. Fhuair iadsan cuideachadh airgid às gach àite. Thog an sluagh, 's chan eil... chan eil ann an Newton Stewart ach mu thrì mìle duine, thog iad ceud mìle not, agus fhuaras cùl-taic bho iomadach àite, gu sònraichte an lottery, Dumfries and Galloway Enterprise, agus Co-chomann Ghlaschu agus Ghallaibh. Tha co-chomann làidir eadar Glaschu agus Gallaibh ann a sheo, mar a tha Leòdhas 's na Hearadh agus Glaschu.

CM: Agus gun casg a chur air do chòmhradh, an e togalach ùr a tha iad air a thogail?

DC: Chan e. Thoisich iad... dh'atharraich iad an t-seann togalach a bh' aig... a bh' aig a' bhodach, agus anns a' Mhàrt an-uiridh a thòisich iad ag obair air, agus tha e a' fosgladh, mar a dh'innis mi dhut, an ath-oidhch'.

CM: Agus dè an t-iarrtas a th' ann? A bheil... a bheil muinntir an àite a' smaoineachadh gu bheil iarrtas ann an-diugh far nach robh ann an trì fichead agus a h-ochd, far nach robh nuair a dhùin e bho dheireadh? A bheil atharrachadh air a thighinn? A bheil daoine ag iarraidh air falbh bhon teilidh 's rudan mar sin adhart?

DC: Tha daoine... tha daoine ag iarraidh air falbh bho an teilidh 's tha iad ag iarraidh a dhol a-mach gu rudan a chòrdas riutha, agus chan e a-mhàin gu bheil iad a' dol dhèanamh taigh-dhealbh ann a sheo idir, ach tha taigh-chluiche gu bhith aige cuideachd, agus balach òg a bha sa qhueue... chaidh mi a-null a Newton Stewart feasgar an-dè, agus rinn iad atharrachadh mìorbhaileach air an togalach, agus faodaidh muinntir Newton Stewart a bhith glè phròiseil leis na chaidh a dhèanamh às an leth.

CM: An robh thu a-staigh na bhroinn?

DC: Bha. Bha mi na bhroinn.

CM: An robh thu air an àrd-ùrlar?

DC: Bha. Ò, bha.

CM: An do sheinn thu amhran Gàidhlig?

DC: Ò, dh'innis mi dhaibh diorta... carson a bha mi ann. Bha am balach òg os cionn gnothaich, bha e glè laghach agus glè chuideachail.

CM: Sin agad e.

DC: Agus tha an t-àite air h-ochd ceud mìle not a chosg.

CM: Ò, gun sealladh orm.

DC: Sheadh. 'S gabhaidh e dà... dà cheud agus dà fhichead duine, agus cha do shuidh mise bho chionn fhada nam fada ann an suidheachain cho cofhurtail 's a bha san togalach.

CM: Rud cunnartach a tha sin. Thuiteadh tu na do chadal.

DC: Ò, gu dearbha. Sin an t-eagal.

CM: Às dèidh do shuipeir air an oidhche, co-dhiù. Mar sin dheth, a-rèiste, anns a' bhaile agaibh fhèin, taigh-cluiche a th' ann a dh'fhaodas a bhith air a chleachdadh airson a bhith a' sealltainn dheilbh... deilbh. Tha taigh-dheilbh againn a-nise anns a' bhaile eile a dh'fhaodas a bhith air a chleachdadh na thaigh-cluiche.

DC: Sin agad e.

CM: Agus... ach 's e a' cheist, ge-tà, tha e glè mhath a bhith a' caitheamh airgead air a h-uile càil a tha seo, 's e... 's ann a-nise a tha an duilgheadas ann, a chumail... an cumail a' dol. A bheil sibh a' smaoineachadh gu bheil gu leòr dhaoine gu bhith ann a bhios deònach a bhith a' cleachdadh nan goireasan a tha seo?

DC: Tha. Tha mise a' smaoineachadh seachd àr-... seachd àraid ma chuireas iad... ma dh'atharraicheas iad an seòrsa... prògram a bha mi a' dol a ràdh... a chuireas iad air, a bheil fhios agad. Ann a sheo, a-nochd, an ath-oidhch' 's Dihaoine 's Disathairne, tha dealbhan-cluich gu bhith againn ann an Caisteal Dhùghlais 's bidh an t-àite làn. Tha an t-àite làn a h-uile h-oidhche.

CM: Uill...

DC: 'S bha dà Èireannach againn o chionn cheala-deug, fear dhiubh air an fhidheall 's bha am fear eile air a' bhogsa, 's bha an t-àite làn. Cha robh mise ann ach tha fhios a'm gun robh an t-àite làn.

CM: Uill, tapadh leatsa gu dearbha airson an sgeulachd a tha sin innse dhuinn, mu dheidhinn mar a tha gnothaichean, togalaichean nan ealain co-dhiù, gan leasachadh ann an sin anns na Crìochan. Tapadh leatsa gu dearbha, a Dhòmhnaill. Dòmhnall Caimbeul ann an sin air an loidhne à Caisteal Dhùghlais.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good