Tha am fiosraiche ag innse mu obair agus a theaghlach.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
51653
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1953.255.B6c
Original Tape ID
Summary
The contributor tells about his employment and family.
Item Subject/Person
MacDonald, John
Recording Location
County - Inverness-shire
Parish - Kilmallie
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Iain MacDhòmhnaill (IMD): An t-Samhain, bhiodh iad còig bliadhna rithe, ach dh'fhosgail i ann an... anns an Liùnastainn roimhe sin. Agus chùm iad an uair seo air an railway, a' chompanaidh a ghabh thairis i, North British a theireadh iad riutha an uair sin, chùm iad i, agus an dòigh a chùm iad mi, 's e chan fhaigheadh iad daoine agus 's e seòrsa de thramp, fear-siubhail a chuir iad a' coimhead thairis air an railway agus thuirt iad gun gabhadh iad bhos làimh e nam fàgadh iad mise leis. Nis, thug mise dà bhliadhna aig firm math, agus chuala mi na h-engineers ag ràitinn nach robh fios aca cà 'n robh a leithid, gun robh aon fhear eile a b' aithne dhaibh, agus bha e cho math 's a bh' ann, agus thòisich sinn air a togail, agus a cur ann an dòigh 's gun ruigheadh trèana ri... an taobh sa den Cheapaich. Tha sin dà mhìle an taobh sa de Loch Buidhe sin. Agus cha do sguir sinn, ach a' falbh às a sin gus an do ràinig sinn gu h-àrd Abhainn Ghamhair, dà mhìle seachad air Raineach. A h-uile car dheth sin thog sinn i, agus mar a theireadh iad anns a' Bheurla, a bheil sibh a' faicinn, putting her to the [?permanent] for running traffic. Agus bha mi leis an duine sin fad na h-ùine. Agus 's iomadh triop a ghabh e smùid mhòr de dheoch, an duine sin, agus 's ann ormsa a dh'earbadh e an rathad a thogail, agus bhithinn uaireannan an sin a' coimhead thairis na mo shleòcaire. Nach e sin a their iad ri gaffer, sleòcaire, an e? Sleòcaire, agus mi a' cumail nan daoine a bha sin ceart agus mi a' togail an rathaid a dh'ionnsaigh sin. 'S cha robh mi an uair sin ach sia bliadhn' deug no seachd bliadhn' deug.
Calum MacIllEathain (CM): Agus chùm sibh ag obair air...
IMD: Chùm mi ag obair an railway gus an robh mi trì fichead bliadhna agus a còig. Agus bhreab iad air falbh an uair sin mi. Thuirt iad rium gun robh an tìm agam airson falbh, agus dh'fhalbh mi. Agus trì fichead... agus tha mi an-dràsta còrr agus dà fhichead... tha mi còrr a-nis agus dà bhliadhn' deug, tha mi còrr 's dà bhliadhn' deug a-nise aig muinntir a' Chounty air an rathad mhòr. Agus mar sin, mar a thuigeas sibh, cha robh an acfhainn riamh aig diabhaltair airson a chur ceart, agus tha na tàirngean a' dol tron druim agam 's tha an t-àm agam stad.
CM: Bha sibh ag ràdh gun robh an uiread seo de theaghlach ann agaibh?
IMD: Teaghlach. An teaghlach a bh' aig m' athair, bha deichnear ann. Còignear gillean agus còignear nighean. Agus tha gràinne dhiubh marbh. Chaochail a' chiad neach anns a h-ochd ceud deug agus còig-deug thar a cheithir fichead. Agus chaochail fear dhiubh anns a naoi ceud deug agus dà fhichead 's a h-aon. Chaochail tè dhiubh beagan làithean an dèidh sin, thall ann an Sydney. Agus caochail piuthar dhomh a-rithist ann am forty-three, naoi ceud deug agus dà fhichead 's a trì. Agus tha tè de na h-igheanan ann an Glaschu na banntraich. 'S tha bràthair dhomh ann an Dùn Èideann, na bhanntraich. Agus tha bràthair aig an taigh. Agus tha mi fhìn ann, agus dà phiuthar dhomh. Shin agad mar a tha an teaghlach. Deichnear a bh' ann.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good