Search

Facail co-cheangailte ri crodh is eich.

Date
Track ID 53595
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1972.55.B12; SA1972.55.B13

Original Tape ID

SA1972.055

Summary

Words connected with cattle and horses.

(see Gaelic for names)
1. Name given to a cow which has lost a calf.
2. Name given to the skin from a dead calf, which is put on another calf so that the cow will accept it (also applies to sheep).
3. Device put on a calf's nose to stop it suckling.
4. Rope tied to a cow's hind legs to stop it kicking.
5. Chains on horse's legs to stop it jumping over the township wall.

Item Notes

The volume drops about half a minute from the end of the recording.

Item Location

County - Argyllshire

Island - Jura

Parish - Jura

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Iain MacIllEathain (IM): Nise, thug sibh ceithir facail dhomh an latha eile a bha mi seo. Nach innis sibh dhomh a-nise na facail sin?

Sandy Buie (SB): Ò, 's e... ualaid. A bheil fhios agad dè... tha sin, mart a chaill a laogh. Luaircean - shin agad an craiceann, on a chailleadh mart laogh, bhiodh sinn a' toirt... a' cur fear eile oirre. Bhiodh sinn a' feannadh an fhear sin 's ga chur air an laogh, shin agad luaircean. Cròcach - bhiodh sinn ga chur thar sròn an laogh oir is nach deoghaileadh e am mart [???] a chur dheth bhiodh e a' brogadh a' mhairt.

Buarach - a' ceangal a [?cruidhean] deiridh oir is nach ciceadh i.

IM: 'S e. Ò glè mhath. Glè mhath. Tha mi toilichte sin fhaighinn. Nise, an canadh sibh luaircean ri cracann uan, no am biodh...?

SB: Craiceann uain. Uill, uan air caora, an aon rud, luaircean.

IM: No laoigh air mairt?

SB: 'S e. Tha an luaircean san òran aig Aonghas Mac-... aig MacEacharna. An luaircean, tha sin san òran aig Aonghas MacEacharna. Chan eil cuimhn' a'm [?dè mar...] bidh fhios aig a' bhean. Tha e ann an verse.

IM: Bheil?

SB: Tha. Iomradh air luaircean.

IM: Uill cha robh... cha chuala mi am facal sin riamh. A-nise, tha... 's fheàrr dhuibh innse dhomh mu dheidhinn na langaid a bha seo. Dè bh' anns an langaid?

SB: Ò chan [???] mi sin. An e sin [???].

IM: Chan e. An langaid a tha sin. An rud a bh' air...

SB: Ò 's e, an langaid. Cha robh feansa sa bhaile ann, ach gàrradh-droma a chumail nan eich às a' bhàrr, 's bhiodh iad a' cur langaid orra, air chas-toisich, cros air a' chas-deiridh 's a' chas-toisich. Pìos chain ceangailte ri na hoofs aca, na crodhain aca, agus cha b' urrainn daibh na gàrraidhean sin a leum, agus bha a h-aon each ann agus sheasadh e taobh a' ghàrradh 's [?chròthadh] e a-staigh san achadh agus [???] rachadh e an siud 's bha e sa choirce.

IM: Ò 's e am facal math a tha sin.

SB: Tha, 's e langaid a theireadh iad ris.

IM: 'S am biodh langaid uair sam bith a' ceangal an dà chas-thoisich?

SB: Chan eil. Cas-toisich 's cas-deiridh oir is 's nach fhaigheadh iad ceum fada. Cha b' urrainn daibh leum thar a' ghàrraidh. Agus cros, ga chur timcheall an taobh seo...

IM: Tha, tha. Tha mi a' tuigsinn. An cuala sibh riamh urchail?

SB: Cha chualaidh.

IM: 'S e chain air choreigin a bha sin a bhiodh aca ri... chan eil mi cinnteach dè man a bha e ag obair.

SB: 'S e an aon rud a th' ann?

IM: 'S e.

SB: Urchail...

IM: Nàdar...

SB: 'S e an aon siostam a bhiodh ann.

IM: 'S e. Agus teadhair, a-nis. An cuala sibh teadhair?

SB: Cha chualaidh. Dè th' ann an teadhair a-rithist?

IM: Tha, chain no ròpa, bheil fhios agaibh, a bhith timcheall cas beothach, agus e ceangailte ri post no...

SB: Ò tha. Teadhair, an e a thuirt thu?

IM: Teadhair.

SB: Teadhair. Cha chualaidh mi sin riamh.

IM: Nach cuala?

SB: Cha chualaidh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good