Search

Ban-Cholbhasach a rinn an gnothach air Muilich le gogan.

Contributors
Date 30 July 1953
Track ID 5451
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.121.2

Original Tape ID

SA1953.121

Summary

Colonsay milkmaid defends the island using a wooden pail.

A Colonsay girl milking cows in the open saw Mull cattle raiders about to land. She fought them off with her milking pail as they tried to land on the rocks. They had to retreat.

Item Location

County - Argyllshire

Island - Colonsay

Parish - Colonsay and Oronsay

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Transcription

Bella MacNeil: Bha naidheachd eile aca ma-thà, feadhainn à thàinig, Muilich a bh' annta cuideachd, do dh'àite taobh an iar Cholbhasa, 's cha b' urrainn dhaibh tighinn a-staigh ach anns an aon àite leis a' bhàta. Bha a' chaile òg seo a' bleoghan cruidh 's thàinig iad, 's am bàta a' tighinn 's thuig i dè bha iad... gur ann a' tighinn a-staigh a ghoid rudeigin a bha iad. 'S dh'fhalbh i agus an gogan a bh' aice airson bleoghan, agus chùm i a-mach na Muilich. Bha ceithir dhiubh anns a' bhàta, 's a h-uile fear a bha a' feuchainn ri leum a-mach air a' chreig, bha i a' dalladh air leis a' ghogan gus an do chuir i air ais don a' bhàta e, 's cha d' fhuair iad tighinn a-staigh idir. Chuir i air an ais iad a Mhuile gun mhìr.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good