Muinntir Nis a' marbhadh nan gugachan.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
57483
Part 1
Part 2
Track Information
Original Track ID
SA1966.060
Original Tape ID
Summary
The guga-hunters of Ness.
An account of the yearly guga cull on Sùlaisgeir. Mention of the best time for collecting, and of the initial task of cleaning out the three houses in which the twelve men stay for the duration of the task. The houses are named. An account of the following is given: catching the guga with rods and ropes, singeing, splitting, scraping, cleaning, salting, and making the guga-stack.
Recording Location
County - Ross and Cromarty
Island - Lewis
Item Location
County - Ross and Cromarty
Island - Sula Sgeir
Parish - Barvas
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Uilleam MacLeòid (UM): 'S e sin an t-àm a b' fhasa na h-eòin breith orra, agus a bha iad deiseil airson am marbhadh.
Iain MacAonghuis (IM): Seadh, dìreach. Nise, bha iad a' ràdh rium nach... nach bu chòir an guga a mharbhadh gu 'm biodh e... gu 'm biodh a' chlòimhteach dheth, gu 'n robh... gu 'n robh an ite ghlas air, mar gum bitheadh.
UM: Tha sin ri... tha sin ri 'g ràdh... 's e sin man a tha sinne gam marbhadh. Bha uaireigin, bho chionn... even bho chionn deich bliadhna air ais, bha iad a' marbhadh feadhainn na b' òige na tha sinne a' marbhadh an-diugh. Feadhainn ris an canadh iad guga nan trì tuim. Bha sin a' minigeadh tom dhen an ite ghlas, no dhen a' chlòimh iteach, a' chlòimh gheal, tom air gach slinnean, agus tom air chùl na h-amhaich. 'S e sin guga nan trì tuim, agus bha sin...
IM: Seadh, thuirt an sgiobair... thug Dòmhnall... thuirt Dòmhnall Coinneach rudeigin mu dheidhinn sin roimhe, tha mi a' smaoineachadh.
UM: Thuirt. Agus 's e sin guga, bha iad ag ràdh, guga cho math 's gheibheadh tu. Ach tha sinne a' lorg a-mach gu bheil guga seachdain nas sine na sin, gu bheil e a cheart cho math, mana h-eil nas fheàrr. Ach tha mi a' creidsinn, anns an linn a bha siud, bha thu a' dol ann le... bodaich a' dol ann le na h-eathraichean agus bha an guga aig an àm ud na b' fhasa dhaibh fhaighinn na tha e dhuinne le na bàtaichean mòra.
IM: Na b' fhasa... na b' fhasa dhaibhsan?
UM: Bha e... bha e na b' fhasa dhaibh fhaighinn... fhaighinn aig an àm ud, man a bha e mar siud, na b' òige. Bhon, 's urrainn dhuinne feitheamh ris gu 'm bi e beagan nas sine, rud nach robh e furasta dhaibhsan le eathraichean le siùil.
IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach. Bha mi... 's ann a bhuail e mise gum faodadh gur e cleachdadh ùr a bha seo a thaobh na lagha no rudeigin, ach bha an sgiobair a' ràdh rium gun robh an guga, nuair a bha... nuair a bha a' chlòimhteach, mar a chanas sinne, air, gun robh e tuilleadh 's reamhar, a bheil fhios agaibh, gun robh cus saill air uile-gu-lèir. Ach nach canadh sibh anns na seann làithean gu h-àraid, nuair a bha biadh 's dòcha tric gu leòr gu math gann, gum biodh biadh mèath dhen t-seòrsa seo, gum biodh e... gum biodh e math le daoine? Saoil sibh anns na seann làithean, an robh daoine a' sealltainn air seo mar bhiadh a bha tuilleadh 's reamhar?
UM: Chan eil fhios a'm cionnas a tha sibh a' minigeadh, le a' cheist sin?
IM: Uill, uill...
UM: An e gum biodh beathaichean eòin na b' òige...
IM: Eòin na b' òige...
UM: Gum biodh iad na b' fheàrr.
IM: Eòin leis a' chlòimhteach orra, 's ann a bhuail e mise, eòin a bha reamhar 's trom le saill mar sin, gum biodh iad... gum biodh iad math rin ithe, ach 's ann a bha an sgiobair a' ràdh rium air an rathad air ais gun robh iad ro reamhar.
UM: Tha iad ro reamhar, agus...
IM: An robh cus ola annta?
UM: Cus ola annta, agus rud eile, tha tòrr dhen t-saill sin tha thu a' sadadh às cuideachd. Agus 's e bhiodh tu a' faighinn tòrr saill a bha thu a' dol a shadadh às an àite a bhith a' feitheamh gu 'm faigheadh tu feòil.
IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach. Agus rud eile... rud eile a bha e... uill spìon sinn cuid air an rathad air ais 's bha e gam feannadh, 's bha e a' sealltainn dhomh mar a bha... mar a bhathas gam feannadh. Nise, saoil sibh an robh iad a' dèanamh seo o shean? An robh iad gam feannadh dìreach anns an dòigh seo, agus a' tilgeil a' chlosaich air falbh agus a' cumail dìreach an fheòil air... timcheall air a' bhroilleach 's air an dà shliasaid?
UM: Bha. Bha iad ga dhèanamh mar sin cho fad 's a b' aithne dhòmhsa, bhon... uill tha aon adhbhar air co-dhiù, 's e sin an aon dòigh fhaighinn [???] sailleadh anns a' chreig, bhon cha robh baraillean, tha thu a' sailleadh a' ghuga ann an cliathaich na creige. Tha e air a stèidheadh an-àirde man cruach-mhònach, agus tha amhaich a' ghuga, no cracann amhaich a' ghuga, air fhàgail fada ann an dòigh 's gu bheil thu ga thionndadh a-steach air ais air dhòigh 's gu bheil e a' cumail na picil, a' gleidheadh na picil airson a shailleadh, agus chuireadh tu timcheall air dà mhìle guga air pìle. 'S e pìle ghugannan a chanadh sinne ri seo, ma tha e air a stèidheadh an-àirde ceart, grinn. Agus dh'fheumadh an guga a bhith air a dhèanamh mar seo, mus b' urrainn dhut seo a dhèanamh, bhon dh'fheumadh e bhith na laighe còmhnard airson na picil laighe na bhroinn.
IM: Tha mi a' tuigsinn. Ò, tha mi a' tuigsinn. Seadh. Nise ma-thà, a' dol air ais gu far a bheil sibh... canaibh, tha sibh... tha sibh air a' chreig a-nise... Nise, a' chiad latha, nuair a... nuair a thèid sibh air tìr, no a thèid sibh air an sgeir, tha na taighean rin sealltainn riutha an toiseach, tha mi cinnteach, a bheil?
UM: Ò tha. Tha na taighean rin glanadh a-mach, bhon tha tòrr de dh'eòin, chan e an guga ach eòin eile...
IM: Am fulmair?
UM: Gu h-àraid am fulmair, ri neadachadh annta, agus feadhainn de sgairbh 's eòin eile, agus tha sin ri ghlanadh a-mach, agus teintean ri chur air, anns na trì taighean, 's leapannan ri dhèanamh an-àirde, agus... bhon tha obair gu leòr air a dhèanamh a' chiad latha. Tha mi a' creidsinn gu bheil tunnachan de... man a chunna sibh fhèin, de stuth 's de chargu ri thoirt suas aghaidh na creige. Ach thathas an-còmhnaidh a' feuchainn ri na taighean a dhèanamh deiseil airson a dhol... gu 'm faigh thu tàmh na h-oidhche.
IM: Seadh. Agus gabhaidh sin a' chuid mhòr dhen an latha ga dhèanamh, tha mi cinnteach?
UM: Ò gabhaidh. Gabhaidh.
IM: Seadh. Agus 's e a' mhòine... 's e teine am meadhan an ùrlair a th' aca anns na... anns na bothagan?
UM: 'S e, man a chanas sinne, teine meadhan an làir.
IM: Teine meadhan an làir, seadh.
UM: 'S e. Agus tha iad... dearbh tha iad blàth cuideachd.
IM: Seadh. Agus a bheil an teine ga chumail a' dol, ga thasgadh no ga smàladh a h-uile feasgar, no... thathas ga chumail a' dol fad an t-siubhail fhad 's a tha iad a-muigh, a bheil?
UM: Thathas ga chumail a' dol fad an t-siubhail, gu h-àraid anns an taigh anns am bite ri còcaireachd. Tha an teine sin a' dol an-còmhnaidh, ach thathas a' fàgail tasgaidh, man a chanas sinne, tasgaidh, anns na taighean eile. Chan eil an teine ri chumail air, no chumail a' dol, ach tha e ga chumail... tha e air a chumail beò, le fàd air uachdar fad an latha, gu 'n tig 's mathaid aon teine ceart air feasgar nuair a bhios na daoine deiseil a dh'obair.
IM: Seadh. Agus an e aon duine a tha a' dèanamh na còcaireachd an-còmhnaidh?
UM: 'S e aon duine tha a' dèanamh na còcaireachd an-còmhnaidh.
IM: 'S a bheil e a' dèanamh dad eile?
UM: Chan eil e uabhasach furasta dha mòran eile a dhèanamh. Bidh e a' feuchainn ri cuideachadh sam bith as urrainn dha aig amannan, ach nuair a bhios tu a' còcaireachd do dhà dhuine dheug leis an acras ann an àite anns nach eil cungannan airson deasachadh, 's gun cothrom agad air uisge no air rudan dhen t-seòrsa sin, chan eil air fhàgail mòran tìde agad airson mòran a' chòrr a dhèanamh.
IM: Seadh. Seadh. Agus a-nise, a bheil na... 's e dà dhuine dheug a th' ann gu lèir?
UM: 'S e dà... dà dhuine dheug a bhios a' dol ann.
IM: A h-uile bliadhna?
UM: Bho chionn grunn mòr bhliadhnachan air ais. Tha adhbhar no dhà air a sin. A' chiad adhbhar, tha dà dhuine dheug ri freagairt glè mhath anns na trì taighean, le ceathrar anns gach taigh. Agus nuair a thathas ri 'g obrachadh, thathas ri dàthadh, thathas ri feannadh, no spliotadh, 's e a chanas sinne ris a... ris an fheannadh a tha sin, agus thathas ag obair gan glanadh a-rithist le sgrìoban, man a chunna sibh fhèin, tha a h-uile càil a tha sin a' dol air adhart aig an aon àm, 's a' gearradh nan sgiathan dhiubh cuideachd, agus tha thu ag iarraidh dà dhuine dheug, 's ma tha ro bheag... ma tha nas lugha na sin agad, tha thu... tha ro bheag a dhaoine agad. Tha thu a' cur maill air a h-uile càil a th' ann. 'S ma tha barrachd dhaoine, dà dhuine dheug agad, 's ann a shaoileas tu gu bheil duine a bharrachd, gu bheil duine dìomhain agad. Agus air an adhbhar sin fhathast 's e dà dhuine dheug as freagarraich airson a dhol a Shùlaisgeir.
IM: Seadh. Agus bho chionn fhada, saoil sibh, an robh barrachd dhaoine a' dol a-mach an sin? No an robh na bu lugha, no...
UM: Bhiodh amannan ann agus bhiodh iad a' dol a-mach... 's e criuthaichean eathraichean a bhiodh a' dol ann an uair sin agus glè thric 's e seachdar a bhiodh anns a' chriutha. Bliadhnachan dheigheadh seachdar ann le aon eathar, ach uaireannan eile 's mathaid gum faigheadh dà eathar ann le dà... le ceithir duine deug gu lèir. Agus bhiodh iad ag obair mar sgiobadh, ag obair air leth, ach cha robh iad a' dèanamh uimhir a ghugannan, no àireamh cho mòr a ghugannan 's a tha sinne an-diugh, gu h-àraid ann an cho beag a thìde 's tha sinne ga dhèanamh. Agus cha robh dòighean aca cho math 's a th' againne an-diugh air an dèanamh.
IM: Seadh. Seadh, dìreach. Agus dè cho fada, saoil sibh, 's a bhiodh iad a' fuireach air an sgeir, o chionn fhada?
UM: Bho chionn fhada bhiodh iad a' fuireach na b' fhaide, man bu trice, na tha sinne. Bhiodh iad a' fuireach timcheall air fichead latha. Agus nise, bha tòrr dhen a sin an urra ri sìde 's aimsir, cuin a gheibheadh iad às. Nam biodh iad... ged a bhiodh iad deiseil, 's mathaid nach fhaigheadh iad às an eilean.
IM: Seadh. Agus nuair a bha iad a' dol a-mach le na sgothan a bha sin, bha iad... bha iad a' tarraing nan sgothan a bha sin suas gu bàrr na creige, an robh?
UM: Cha robh iad a' dol gu bàrr na creige. Ò, ged a bha... chaidh aonan, cha chreid mi, a thoirt tarsainn air an eilean 's a chur sìos air an taobh eile. Ach bha iad a' dol letheach slighe, 's tha mi a' creidsinn gu bheil e suas ri trì... tha trì fichead troigh suas an aghaidh na creige, man a chunna sibh fhèin. 'S ann ann an sin. 'S uaireannan bhiodh dà eathar ann, air an tarraing ann a shin.
IM: Seadh. Seadh. Agus ciamar a bha iad gan ceangal leis a' chreig? An robh bobhtaichean iarainn aca, no an robh dòigh shònraichte sam bith aca air a...?
UM: Anns na bliadhnachan mu dheireadh, chuir iad dà bhobhta iarainn ann, ach ron a sin, ma mhothaich sibh do charra mòr a bha an aghaidh na creige, na laighe ann an sgòrr, sòrnach... sòrnach mhòr, 's tha mi a' creidsinn gu bheil dà thunna... còig tunna a chuideam innte, agus bha ròpaichean air an ceangal timcheall an carra bha seo.
IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach. Seadh. Uill ma-thà, tha an còcaire a tha sin ann, agus tha aon duine deug eile ag obair air a' chòrr dhen obair, a bheil obair fhèin aig gach... aig gach duine dhen a... dhen a' chòrr? No a bheil iad uile ag obair mar gum biodh, dìreach còmhla ach gum faodadh aon duine a bhith a' dèanamh a leithid seo aig aon àm 's a leithid seo eile aig àm eile?
UM: Man as trice, man a theann sinne a' dol ann bho chionn dhà no thrì bhliadhnachan an seo, bho chionn deich bliadhna air ais, bhiodh an aon sgiobadh againn, or glè fhaisg air co-dhiù, a h-uile bliadhna, agus bhathas a' lorg a-mach bliadhna bho bhliadhna cò bu sgiobalta aig a h-uile h-obair, agus 's e am fear bu sgiobalta aig an obair sin, bhathar ga chumail aig an obair sin. Le sin dheth, bhiodh feadhainn ann, agus tha feadhainn ann, a tha tòrr nas fheàrr air dàthadh na feadhainn eile. 'S tha feadhainn ann a tha [?a cheathramh] mhath air spliotadh 's a tha feadhainn eile. 'S e th' ann an spliotadh ach rud a tha garbh duilich a dhèanamh. 'S tha feadhainn ann a tha math air glacadh nan eun, agus ri dhol dhan a' chreig, bhon tha feadhainn ann nach eil glè mhath airson a dhol dhan a' chreig ann, ged a... Nise, bu chòir dhomh a ghràdh gu bheil feadhainn ann nas fheàrr na feadhainn eile airson a dhol sìos ann an aodann creige. Agus le sin dheth, bliadhna bho bhliadhna bha sinn a' lorg a-mach cò bu chòir fhàgail aig an obair, 's bhathas ga chumail aig an obair sin a h-uile bliadhna, gus bho dheireadh bha a h-uile càil a bh' ann a' dol man factaraidh. Man a thathas... man a bha mi a' bruidhinn air an spliotadh a tha sin, bheireadh e bho duine aineolach, bheireadh e còig mionaidean bhuaithe ri spliotadh aon guga, co-dhiù. Dithis bhalaich dhe na th' againne ga spliotadh an-diugh, bha mise a' feuchainn rin tìdeachadh le... leis a' ghleoca, agus spliotaidh iad guga ann an deich diogan fichead.
IM: An spliot gu dearbh?
UM: Agus 's e sin man a bha mi ag ràdh, ged a bha mise a' dol a Shùlaisgeir deich bliadhna bheireadh e ceithir mionaidean bhuamsa, mi fhìn, bhon cha b' e sin mo job-sa ann. Ach an fheadhainn a bha a' dèanamh an job sin, dhèanadh iad e ann an deich diogan fichead.
IM: Seadh, dìreach. Agus cò mheud an-diugh, canaibh dhen an dusan a chaidh a-mach a sin, cò mheud a bhios sa mharbhadh, glacadh nan eun 's gam marbhadh?
UM: Bidh iad a' marbhadh glè thric... 's ann anns a' mhadainn a bhios iad a' marbhadh. Chan ann ro thràth anns a' mhadainn, bhon bidh a' chreag fliuch le dealt agus sleamhainn. Thathas an-còmhnaidh a' feitheamh gu 'm bi a' ghrian an dèidh tiormachadh na creige.
IM: Dè an uair... dè an uair a bhios sin?
UM: An dèidh na bracaist, mu naoi uairean. Agus tha a h-uile duine a th' ann a' dol a-mach, ach an còcaire. 'S mana chunna sibh tha trì slatan aca, le na glamaire air bàrr na slaite, agus tha ceathrar a' dol gun a h-uile slat. Tha fear leis an t-slat, 's tha fear le ròpa, no le ball, a' cumail fear na slaite nuair a bhios e shìos anns a' chreig, grèim air bàrr... ceann shuas an ròpa, 's tha feadhainn le camain airson marbhadh an t-eun air am beir am fear sin. Agus nuair a tha am fear sin, fear a' chamain, air a mharbhadh tha e ga shadadh gu fear eile, bhon... airson an ceann a thoirt bhon an eun, bhon feumaidh tu an ceann a thoirt dheth ann am broinn ceithir mionaidean gus an ruith an fhuil às. Mana dèan thu sin, chan eil an guga cho math, agus tha an fhuil cunnartach ri dhol air uachdar na feòla, air an fheòil. Le sin dheth, tha iad ag obair man gum biodh iad nam buidheannan le ceathrar gun a h-uile slat.
IM: Seadh, dìreach. Agus nise, tha iad a' dol sìos seachad air aghaidh na creige, aghaidh a' bhearraidh. Chan ann a-mhàin air mullach a' bhearraidh a tha iad ag obrachadh, ach sìos leis an aghaidh?
UM: Ò chan ann. Ged a tha àireamh mhòr dhiubh a' neadachadh air uachdar na creige, tha an t-uabhas dhiubh ann an aodann na creige, agus thig thu sìos cho domhain ri ceithir fichead troigh, ceangailte air ròpa. Gu math tric bha mise mi fhìn shìos ann, agus feadhainn eile. Feumaidh tu a dhol an sin, ag iarraidh eòin, agus tha thu crochaichte air ròpa, agus às dèidh sin tha na daoine agus na gugannan ri slaodadh suas air an ròpa gu uachdar na creige.
IM: Seadh. Agus a bheil... a bheil an ròpa sin, a bheil e... a bheil e ceangailte ri bacan de sheòrsa sam bith?
UM: Chan eil. Chan eil.
IM: 'S e aon duine...
UM: 'S e duine...
IM: A tha ga chumail?
UM: 'S e an duine tha a ga chumail.
IM: Seadh. 'S an do chaill sibh duine riamh, no a bheil eachdraidh gun do chailleadh... gun do chailleadh duine riamh?
UM: Cha do chaill sinne duine riamh, agus bha e na... tha e ann an eachdraidh gun deach aon duine a chall, ach ma chaidh, 's ann bliadhnachan mòra air ais.
IM: Chan eil ainm air an duine?
UM: Chan eil ainm air an duine. Bhathas... bha e air a shealltainn dhuinne càit an deach a chall, 's e àite... àite cho cunnartach 's a tha anns an eilean a th' ann, agus...
IM: Agus càit a bheil sin?
UM: Ann an aodann a-staigh Palla an Taighe, 's e a chanadh sinne ris. Aodann a-staigh Palla an Taighe.
IM: 'S e na... canaibh nam biodh sinn nar seasamh caran os cionn an teampaill, 's e na... a' chreag a tha air an làimh cheàrr, an e?
UM: Chan e. 'S e sin Sgeir an Teampaill.
IM: Sgeir an Teampaill.
UM: Sgeir an Teampaill, 's e sgeir a tha a' dol a-mach air an làimh cheàrr agaibh. Feumaidh sibh a dhol tarsainn... seachad mu dhoras an teampaill airson a dhol a-mach a sin. 'S ann tha Palla an Taighe, ann an dìreadh suas gu mullach an eilein, air an làimh cheàrr anns a' chiad... anns a' chiad leathad a dhìreas sibh...
IM: Tha càrn... tha càrn ann.
UM: Tha càrn ann, agus air an làimh dheis tha e man palla, no man pàirc a-mach, man leac mhòr a-mach gun an làimh cheàrr agaibh, 's e sin an t-àite ris an can sinne Palla an Taighe.
IM: Palla?
UM: Palla.
IM: Dè th' ann am palla?
UM: Palla. Cha b' e sibh a' chiad duine a dh'fhaighnich dhòmhsa gu dè th' ann am palla. Tha e coltach nach eil e aca. Tha e againne ga chleachdadh an seo glè thric. Anns a' Bheurla, ledge. 'S e palla a bhios againne air. Bhon tha tòrr de dh'àitichean air ainmeachadh ann an Sùlaisgeir, tha agus timcheall an àite a tha seo, agus 's e palla man Palla an Taighe, 's Palla rud air choreigin eile, 's palla... 's na h-àitichean air an ainmeachadh às... palla.
IM: Seadh. Tha am facal cumanta gu leòr?
UM: Tha. Ò tha. 'S e sin... 's e sin a' Ghàidhlig a th' againn air ledge. Palla.
IM: Dìreach. Dìreach. 'S a-nise, nuair a tha an duine a' dol sìos air a' bhall, a bheil e a' greimeachadh ris a' chreig, le chasan, no a bheil e dìreach saor air ceann an ròpa
UM: Ò chan eil. Tha e na sheasamh air a' chreag, air pallachan, man a bha mi ag ràdh, ach tha a chuideam gu tric air an ròpa. Chan eil an-còmhnaidh air an ròpa. 'S ann tha an ròpa gu h-àraid mus taom thu a-mach, agus airson do thoirt suas air ais, ach tha thu na do sheasamh air do chasan dìreach gu leòr, nuair a bhios... bhon glè thric nuair a thig do leigeil sìos a' chreag, 's ann ann an àite anns a bheil 's mathaid fichead guga ri neadachadh, bhon [???] cha b' e... cha deigheadh tu 's cha bu [???] dhut a dhol sìos cho domhain ri sin a dh'iarraidh aon ghuga.
IM: Seadh, dìreach. Agus nuair a... nuair a thathar gan slaodadh a-nuas, a bheil an duine a' toirt nan gugannan leis, no a bheil e gan cur suas air ròpa eile, no a bheil dòigh...?
UM: Chan eil. 'S mathaid gum marbh e fichead no dà fhichead guga, 's cha shlaod thu suas creag nas motha na ceithir ghugannan air ceann ròpa, 's tha an duine a' cur dheth fhèin an ròpa agus a' ceangal nan gugannan, ceithir air an ròpa, gu 'n tig an slaodadh, 's tha an ròpa a' dol sìos air ais thuige, gu 'n tig a h-uile guga gu bàrr an eilein, 's an uair sin tha e fhèin a' tighinn suas air an ròpa.
IM: Seadh. Nise, ciamar a tha an ròpa air a cheangal timcheall air? An ann fo na h-achlaisean no...?
UM: Timcheall achlaisean, 's ann.
IM: Agus snaidhm ann a sheo, air a bhroilleach, no...?
UM: Chan ann, air a chùlaibh.
IM: Air a chùlaibh?
UM: Air a chùlaibh.
IM: Seadh, dìreach. Agus dè seòrsa snaidhm a bhios ann? An e...?
UM: Ò am bowline.
IM: Seadh, dìreach. Nise, thathas a' tòiseachadh, bha sibh a' ràdh, canaibh mu naoi uairean. A bheil iad a' tòiseachadh... a bheil iad a' cumail orra a' marbhadh fada an latha?
UM: Chan eil. Tha thu a' marbhadh gu 'm bi suas ri mìle guga agad air a mharbhadh. Chan eil math dhut barrachd air a sin a mharbhadh, gun fhios a bha thu air an dèanamh... gun fhios a bha thu air an spìonadh 's air an spliotadh 's air an dàthadh 's air an sailleadh. Ma thig droch shìde 's uisge chan fhaigh thu air sin a dhèanamh, agus tha e tòrr nas fheàrr na h-eòin a bhith beò na bhith nan laighe marbh, 's nach urrainn dhut càil dhèanamh riutha. Agus cumaidh mìle guga thu ri 'g obair... gan obrachadh dà latha air cho math 's gun dèan thu.
IM: Seadh. Ach dè cho fad 's a bheireadh sibh a' marbhadh... a' marbhadh mìle?
UM: Bheireadh sinn timcheall air ceithir no... ceithir uairean a thìde a' marbhadh mìle.
IM: Seadh, dìreach. Agus cò mheud a thathar a' marbhadh uile-gu-lèir, fhad 's a tha iad a-muigh?
UM: Ò timcheall air ceithir mìle.
IM: Timcheall air ceithir mìle, seadh dìreach.
UM: Timcheall air ceithir mìle.
IM: Seadh. 'S tha iad a' dol air adhart mar sin, ma-thà, agus an uair sin, cumaidh iad a' dol a' dàthadh 's a' spliotadh 's a' sailleadh gu 'm bi am mìle sin air a chur air dòigh...
UM: Air an dèanamh aca. 'S tha iad... dheigheadh iad an uair sin a-mach a' marbhadh mìle eile. Sin man a tha an gnothaich a' dol air adhart.
IM: Seadh, dìreach. 'S an fheadhainn sin a tha 's dòcha math air a dhol sìos an aodann na creige, bidh iadsan... bidh cuid aca math air gnothaichean sònraichte eile cuideachd, mar a tha spliotadh no sailleadh no...?
UM: Ò bidh, bidh.
IM: Seadh dìreach. Nise, na taighean fhèin anns an... ò uill, an toiseach, an àireamh sin a tha iad a' marbhadh, an e sin an àireamh a bhathas a' marbhadh riamh? No an robh àireamh shònraichte ann?
UM: Chan e. Riamh gu às dèidh a' chogaidh mu dheireadh, cha robh an àireamh sa ri fhaighinn ann, bhon tha na h-eòin, tha barrachd eòin air Sùlaisgeir an-diugh na bh' ann a-riamh, agus a dh'aindeoin 's na tha sinne a' marbhadh, bha e a' dol... an àireamh a' dol na b' àirde 's na b' àirde, bliadhna às dèidh bliadhna man a bha sinn a' dol ann. Bha na h-eòin a' sgapadh air feadh an eilein 's bha iad na bu tighe ann, 's bha barrachd ann dhiubh, bliadhna às dèidh bliadhna. Aig uaireigin 's e timcheall air dà mhìle... a' chiad bhliadhna a bha mise ann, 's e dà mhìle 's ceithir cheud a thug sinn às. Na bliadhnachan bho dheireadh tha sin air a dhol gu ceithir mìle.
IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach. 'S tha iad a' sìor dhol...
UM: Tha. Chan eil... chan eileas a' marbhadh a' ghuga ach anns an aon àite. Chan fhaodar a mharbhadh ach ann an Sùlaisgeir, le achd pàrlamaid. Agus 's e, man a chanas daoine anns a' Bheurla, na mo bheachd-sa, 's e overflow bho Hiort agus àiteachan eile a tha a' cumail seo cho làn 's a tha e de ghugannan.
IM: Dìreach. Dìreach. Nise, na ròpan a bh' agaibh... a th' agaibh an-diugh, 's e dìreach ròpan a tha sibh a' ceannach a th' ann. Ach a bheil iomradh sam bith gum biodh buill de sheòrsa eile, gaoisid each no dad dhen t-seòrsa sin, aca anns na seann làithean?
UM: Uill chan eil iomradh againne air, ach tha mi a' creidsinn gur e sin a bhiodh aca. Cha bhiodh an còrr ri fhaighinn.
IM: 'S e seo a bh' aig... 'S e seo a bh' aig na Hiortaich, a bheil fhios agaibh, bho chionn fhada.
UM: 'S e, tha mi a' creidsinn nach biodh an còrr ri fhaighinn. Nise, bhiodh e na b' fhasa fhaighinn an seo na bhiodh e ann an Hiort, ceart gu leòr, ach tha mi a' creidsinn gum biodh na buill-acfhainn a' dol a Shùlaisgeir a rèir 's na buill a bhiodh aca ann an seo aig an taigh aig an àm sin.
IM: Bhitheadh, dìreach. Nise, an cuala sibh... uill, na slatan a th' aca 's na glamairean air na slatan, an e rud ùr a tha sin?
UM: 'S e. 'S e mi fhìn a rinn an rud a bha sin. Uaireigin 's e slat agus dul de shreang air a bàrr a bha iad a' cleachdadh.
IM: Seadh. Seadh. Mar a bh' aig na Hiortaich a-rithist.
UM: 'S e a' bhliadhna a dh'fheuch sinne seo agus cha do chòrd e rinn, bhon nam biodh deòthag air a' ghaoith, bha e garbh duilich greimeachadh ri guga. Dh'fheumadh an dul a bha seo a dhol timcheall an amhaich aige, 's bha am fasan aig a' ghuga ri 'g obair le a ghob 's a' breith air an t-sreang 's ga dhùnadh, 's nam biodh a' ghaoth làidir bha e garbh duilich a chur timcheall na h-amhaich aige. Agus 's ann a theann sinn air smaoineachadh, agus tha na... rinn mi fhìn aonan dhe na slatan ud, 's chaidh a feuchainn a-mach an ath-bhliadhn', agus am beachd a h-uile duine a tha a' dol a Shùlaisgeir an-diugh, tha i cho math ri deich dhe na seann slatan.
IM: Seadh, dìreach. Agus na seann slatan leis an dul a bha seo, 's e seann rud, 's e fìor sheann rud a bha sin?
UM: 'S e fìor sheann rud.
IM: Agus an robh ainm sam bith agaibh air an dul? Ainm sònraichte sam bith?
UM: Uill chuala mi aon ainm oirre, 's e slat-riobaich, riobaich, 's e bhiodh aca air an t-slat a bhiodh a' breith air na h-eòin. Slat-riobaich.
IM: Seadh, seadh. Agus cha chuala sibh riamh am facal bainnteal, no beinnteal, no dad mar sin?
UM: Cha chuala mi riamh e.
IM: Sin a chanadh na Hiortaich, tha mi a' smaoineachadh co-dhiù.
UM: Cha robh e air a chleachdadh an seo idir.
IM: Seadh. Seadh, dìreach. Nise, anns na taighean, na leapannan a tha sin... [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.] Uill a-nise, tha na taighean, tha na leapannan a tha sin, tha a' chlach air a togail.
UM: Tha. Tha ceann shuas an taighe air a thogail gu àirde troigh... troigh gu leth le cloich. 'S e sin an leabaidh.
IM: Seadh. Agus a' chonnlach...
UM: Tha a' chonnlach, thathas a' toirt leat... a tha thu a' toirt leat bhon taigh, a' dol air uachdar sin, agus an t-aodach-leapa.
IM: Seadh. Agus 's e connlach a bhite a' toirt... a' toirt a-mach riamh, an e? No anns na seann làithean...
UM: Cho fad 's as aithne dhòmhsa, 's e. Chan eil fhios a'm gu dearbh am biodh iad a' cleachdadh itean no càil dhen t-seòrsa sin. Tha mi a' creidsinn gum bitheadh aig uaireigin. Ach cho fad 's as aithne dhòmhsa 's e connlach. Na mo linn-sa, 's e, co-dhiù. Agus caidlidh duine anabarrach socair innte, ged a tha iad cruaidh, tha mi a' smaoineachdainn gu bheil do chnàmhan tòrr nas socair anns a' mhadainn na tha iad ann an leabaidh nach eil cho cruaidh.
IM: Tha mi a' creidsinn. Agus nise, na taighean a th' ann, bha sibh a' ràdh gur e ur sinn-seanair a thog a' chiad fhear sin a tha sa... dìreach nuair a... nuair a dhìreas sibh a-mach aodann na creige nuair a...
UM: 'S e. 'S e mo shinn-seanair a thog an taigh sin air bàrr... bàrr na geodhaidh, 's e a chanadh sinne ris an taigh a tha bàrr...
IM: Dè an t-ainm a th' air a' gheodha a tha sin, far am bi iad a' dol air tìr?
UM: Am Bara Bàn, 's e bhiodh againne air.
IM: Am Bara Bàn?
UM: Am Bara Bàn. Chan eil fhios a'm carson a thàinig sin air. Tha mi a' smaoineachdainn gur e cho geal 's a bha e le cop, gu h-àraid ann an droch shìde, gur e sin bu choireach gun tàinig an t-ainm sin air. Ach 's e mo shinn-seanair a thog an taigh sin air bàrr na bruaich. Fionnlagh... Taigh Fhionnlaigh, 's e a chanas iad ris. Agus 's e an taigh... an ath thaigh eile a tha shuas, 's e Taigh Muinntir Lìonail, sin am baile a tha shìos an seo, air an taobh sa ann an Nis. Agus Taigh Muinntir Eòrapaidh, 's e an taigh anns a bheil iad a' còcaireachd an-diugh. Agus an dà... bha an dà thaigh sin a-riamh air an cleachdadh airson a bhith a' fuireachd ann. Ach Taigh Fhionnlaigh, taigh mo shinn-seanar, 's ann a chaidh a thogail gu h-àraidh airson a bhith a' spìonadh nan eun ann, ged a tha e an-diugh air a chleachdadh airson àite cadail.
IM: Seadh. An e Fionnlagh MacLeòid a bh' air an duine sin, an e?
UM: Fionnlagh MacLeòid.
IM: Fionnlagh MacLeòid, seadh. Cò mheud taigh a th' ann uile-gu-lèir?
UM: Trì taighean. Tha nàdar de thaigh eile ann a chaidh a thogail, tha iad ag ràdh, do bhodach a bh' ann aon bhliadhna, agus thurchair gun robh an teasach anns an taigh aca aig an taigh, 's cha b' urrainn dha cadal, no chan fhaodadh e cadal còmhla ri càch, 's chaidh an taigh seo... an taigh seo a thogail dha a dh'aon ghnothaich. Tha e ann an cliathaich bruthaich. Chan eil mòran de thaigh ann ach dìreach dhà no thrì chlachan air muin a chèile agus... cliathaich na bruthaich. 'S e Taigh Bodach na Teasaich a bhios againne air.
IM: Seadh, dìreach. Chan eil fhios dè an t-ainm a bh' air, a bheil?
UM: Chan eil. Uill, chan eil càil a dh'fhios agamsa cò an t-ainm a bh' air, ach... Nise, tha an Teampall ann, man a chunna sibh fhèin, a-mach air a sin.
IM: Tha. Nise, a bheil eachdraidh san dùthaich seo fhèin, a bheil eachdraidh sam bith air cò thog an teampall no cuin a chaidh a togail no dad dhen t-seòrsa sin?
UM: Ò tha mi a' smaoineachadh gu bheil eachdraidh an teampaill a' dol garbh fada air ais. Chan eil mòran de dh'fhios agamsa air tòrr mu deidhinn idir. Bha de sheanchasan ann mu deidhinn 's chan eil fhios agad cò an seanchas a chreideas tu, cò tha fìrinneach no...
IM: 'S dè chuala sibh fhèin?
UM: Och chan eil fhios... bha de sheanchasan a' dol mu dheidhinn an t-àite 's... chan eil fhios agamsa dè an seanchas a theannainn ri 'g innse dhut, ach 's e leabhraichean... bhiodh daoine man a tha Martin Martin agus leabhraichean eile, 's iad a b' fheàrr a bheireadh dhuibh eachdraidh an teampaill, bhon tha eachdraidh... tha an eachdraidh ann an leabhraichean gu leòr.
IM: Seadh, tha fhios a'm, ach...
UM: Tòrr nas fheàrr na tha i agamsa.
IM: 'S e a bh' orm, saoil an robh aon eachdraidh shònraichte mu deidhinn ann an Nis, a bheil fhios agaibh, a bharrachd air dad sam bith eile a gheibheadh duine ann an leabhar, no a bha a' dol an aghaidh rud a gheibheadh duine ann an leabhar, no...?
UM: Cha chreid mi gun robh. Cha chreid mi gun robh. Nach ann a... nach ann a bha... gu h-àraid an-diugh, 's ann a bha sinne a' gabhail le eachdraidh an leabhair.
IM: Seadh dìreach. Seadh dìreach.
UM: Bhon cha robh... cha robh eachdraidh sam bith air a thoirt seachad... air a thoirt suas, duine bho dhuine, no linn bho linn, cho fad 's as aithne dhòmhsa, ach na chaidh... a tha a' tighinn tro leabhraichean.
IM: Seadh. Nuair a bha mi a' tighinn air ais anns an eathar, bha iad... bha iad a' ràdh rium gun robh... gum biodh cuid a dhaoine a' ràdh gun robh... ò cha b' e, ach fear dhen an sgioba a chaidh a-mach, bha e a' ràdh rium gun cuala e gum bite a' cumail... gum bite ag adhradh ann, nuair a bhiodh daoine air an t-slighe - (tapadh leibh) - air an t-slighe eadar Leòdhas agus Lochlann. An cuala sibh dad dheth sin a-riamh?
UM: Cha chuala. Cha chreid mi gun cuala mi an tè sin riamh. Cha chreid mi gun cuala.
IM: Nise, ma-thà...
UM: Bha e ri 'g ràdh uaireigin, tha Sùlaisgeir, tha e timcheall air letheach... mu letheach eadar an Carbh agus am Butt Leòdhasach, agus cha robh fhios cò bha a' dol ga dhleasadh, 's bha e ri 'g ràdh gun do dh'fhalbh eathar bhon a' Charbh 's eathar à Leòdhas, agus gur e a' chiad tè a chuireadh teine air tìr, gur e sin an fheadhainn a dhleasadh an t-eilean, agus a rèir eachdraidh, 's e eathar Leòdhais a bh' ann an toiseach. Bha iad glè fhaisg air a chèile. Cho faisg air a chèile, a rèir an t-seanchais, 's gur e sadadh an teine air tìr a rinn eathar... muinntir eathar Leòdhais, agus gur e sin bu choireach gur ann aig Leòdhas a tha an t-eilean.
IM: Seadh, dìreach. Agus am bite... an robh iad ag iarraidh an t-eilean a dhleasadh air sgàth nan eun a bh' ann, saoil sibh, na Caoidhich cho math ri muinntir Leòdhais, no co-dhiù na daoine a bha a' fuireach mun Charbh aig an àm sin, ge brith cò iad?
UM: Tha mi a' creidsinn gun robh. Tha mi a' creidsinn gur e sin an t-adhbhar... bu choireach ris, bhon bhiodh feadhainn à Nis a' dol aig amannan a-nall gun a' Charbh fhèin, gu Eilean Shanndaigh thall an sin a dh'iarraidh eòin.
IM: An robh, a-nise?
UM: Bha.
IM: An robh. Agus an e seo a-nise na h-eòin bheaga...
UM: Na h-eòin bheaga a bha sin.
IM: Cha b' e sulaire a bha sin ann?
UM: Cha b' e sulaire a bha sin ann.
IM: Seadh. Agus chuala sibh iomradh air a seo?
UM: Chuala sinn iomradh air. Cha robh e ri linn againne.
IM: Seadh, dìreach. Chan eil duine beò, canaibh, a chunnaic seo a' dol?
UM: Chan aithne dhomh gu bheil. Chan aithne dhomh gu bheil an-diugh.
IM: Seadh, dìreach. Agus dè na h-eòin bheaga a bhiodh ann? 'S e alcan, an e? No falcan mar a chanas cuid, 's...
UM: Chan e. Tha mi a' smaoineachdainn, an t-eun beag a bhiodh na Nisich a' ruith gur e rud ris an can sinne an t-eun-dubh, 's an gearra-breac, an guillemot.
IM: Nise, an t-eun-dubh, 's e sin... an e sin am black guillemot?
UM: 'S e.
IM: Agus an gearra-breac...
UM: Spotted no ringed...
IM: Spotted no an ringed guillemot.
UM: Yes.
IM: Seadh. Agus cha robh... cha robh... cha chuala sibh eachdraidh air eòin sam bith eile, a bhith gam marbhadh? Am fulmair fhèin, cha robh sibh... cha robh duine a' marbhadh an fhulmaire?
UM: Chan aithne dhomh gun robh muinntir Nis a-riamh a' marbhadh fulmairean.
IM: Agus a bheil càil a dh'fhios agaibh an robh am fulmair a' neadachadh ann an Sùlaisgeir bho chionn... bho chionn fhada [???] no an e rud ùr a tha...
UM: Cha robh. 'S e rud ùr a th' ann. Bhon, even ri mo linn fhìn, cha... cha robh... 's e beagan... a' chiad bhliadhna a bha sinne ann, 's e beagan dhen an fhulmair... an fhulmair. 'S e steafan a chanadh sinne ris.
IM: Ò an e?
UM: Beagan dhen an steafan ann an Sùlaisgeir, agus na bliadhnaichean sa tha timcheall air dà mhìle isean ann.
IM: Tha, gu dearbh. Tha.
UM: Agus tha iad a' leudachadh... tha iad a' leudachadh suas gu... ann an Leòdhas fhèin. Cha robh feadhainn aca ann an Leòdhas fhèin gu bho chionn goirid. A rèir an leabhair a sgrìobh Fisher, 's e na tràlairean iasgaich a tharraing sìos an taobh sa iad, agus chan eil cho fada sin bhuaithe.
IM: 'S tha iad a-nis, tha mi a' faicinn, air sgapadh a-null taobh sear Shùlaisgeir. Chunnaic mi aon nead, fhios agaibh, air an... chan eil fhios a'm dè chanadh sibh ris an sgeir as fhaide a-mach far nach... air an...
UM: Lanndastail. Chan eil eun idir air a sin, ach... chan eil de ghuga.
IM: Chan eil de ghuga. Chan eil. Chan eil.
UM: Bhon tha an guga ag iarraidh creag dhìreach, gus am faigh e air leum dhith, agus tha am pìos creige sin 's ann a tha e air a thogail man sloc bhuntàta, agus chan fhaigh thu càil air ach an fhaoileag mhòr agus sgairbh, agus chan fhaic thu mòran dhen an fhulmair a bharrachd ann.
IM: 'S e aonan a chunnaic mise.
UM: Tha mi a' creidsinn gur e.
IM: 'S e. Aonan a chunnaic mise.
UM: Ach tha iad air sgapadh, agus tha iad a' cumail a-mach gun cuir iad teich air an t-sulaire fhèin. Cuiridh. Bhon tha iadsan gan dìon fhèin, 's ann le ola. Tha iad a' pumpadh no a' spùtadh ola a-mach air am beul. Tilgidh iad sin timcheall air ceithir no còig a throighean a dh'fhad, agus 's ann mar sin... tha e coltach gun cuir iad even teich air a' ghuga.
IM: Air a' ghuga. Agus cha do smaoinich sibh riamh air am marbhadh airson... no feuchainn ri cur às do chuid aca co-dhiù, airson...
UM: Cha do smaoinich fhathast co-dhiù, bhon chun a seo chan eil iad a' neadachadh ann an Sùlaisgeir ann an àite anns an robh mòran dhiubh co-dhiù, ann an àite sam bith anns an robh gugannan. Agus rud eile dheth, cha do chuir sinne umhail sam bith gun robh iad a' cumail a' ghuga air ais. 'S ann tha an guga fhathast a' tighinn air adhart ann an Sùlaisgeir. Le sin dheth cha robh adhbhar sam bith againn fhathast air... càil a dhèanamh mu dheidhinn an t-eun a bha sin.
IM: Seadh. Nise, 's e mòine a th' aca anns na taighean, agus 's e mòine a th' aca a' dàthadh, an e?
UM: 'S e. 'S e glè bheag a mhòine a th' aca a' dàthadh. 'S e closaichean nan gugannan, a' chlosach a thathas a' slaodadh a-mach às nuair a thathas ga spliotadh. 'S e sin a thathas a' cumail a' dol an teine. Tha thu a' cur leac tarsaing bhos cionn an teine, an teine mònach, agus tha thu a' cur timcheall air deich closaichean nan sreath air an leac a tha seo, 's tha an t-saill ri sileadh dhan teine, 's tha seo ri cumail an teine a' dol 's a' dèanamh lasair mhòr, gu h-àraid ma tha neart gaoithe ann, agus le sin dheth, nì aon teine mònach, nì e faisg air dàrna leth an latha a' dàthadh dhut. 'S e closaichean nan gugannan, 's e tha a' cumail a' dol nan teintean dàthaidh.
IM: Seadh. Agus tha na closaichean air an càradh an teis-meadhan an teine?
UM: Chan eil iad anns an teine idir. Tha iad... tha an leac a tha seo bhos cionn an teine, timcheall air troigh bhos cionn an teine.
IM: Seadh. 'S tha iad mar sin...
UM: Tha iadsan nan laighe tarsaing air an leac, 's an t-saill ri sileadh dhan an teine.
IM: Seadh. Agus tha saill a' leantainn ris a' chlosach a tha seo, mar sin?
UM: Tha. Tha a' chlosach sin làn saill.
IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach. Agus mar sin tha... a bheil dà bhalla, a bheil an teine a' dol eadar dà bhalla?
UM: Tha dà bhalla... tha an teine air a thogail eadar dà bhalla, 's leac tarsaing air, airson na closaichean a chur air, agus le neart làidir gaoithe agus teine mhath, dàthadh tu guga, no dàthaidh duine a tha eòlach guga cho aithghearr ri mionaid.
IM: Seadh, dìreach. Ach anns an las, ga chumail le làmhan 's a' cur an las air?
UM: Tha thu ga chumail anns an lasair, ga thomadh 's ga thionndadh 's ga thogail airson a shuathadh, 's ga thomadh ann a-rithist, gu 'm bi e cho lom 's a gheibh thu air a dhèanamh. Tha sin agad an uair sin air a shìneadh gu duine eile airson a sgrìobadh, le sgrìoban-làimhe, agus às dèidh sin tha duine eile a' feitheamh le inneal eile, le blowlamp, airson a ghlanadh gu tur bho itean agus bho shalchar sam bith eile, mus tig na... mus tig na sgiathan a ghearradh dheth. Bhon feumaidh tu na sgiathan a bhith air nuair a tha thu ga dhàthadh, 's tha na... le grèim a ghabhail air bhàrr a dhà sgeith, 's ann a tha thu a' faighinn air an guga a dhàthadh bhos cionn an teine.
IM: Seadh. Agus dè bh' aca mun tàinig na blowlamps, ma bha iad ag iarraidh dìreach a dhèanamh gu dòigheil?
UM: Bha... bha iarainn theth. 'S e teintean mònach a bh' acasan gu h-iomlan. Cha robh iadsan bho chionn bliadhnachan air ais a' cleachdadh closaichean nan gugaichean idir. Càil ach teintean mònach. Agus bhiodh iad a' cur iarainn theth man poker dhan teine 's ga shuathadh 's ga shlìobadh leis an iarann theth anns na h-achlaisean, airson a' chlòimh iteach sin a thoirt dheth.
IM: Seadh. Agus thairngeadh sin ùine mhòr an taca ri...
UM: Ò bha sin a' toirt ùine mhòr a bharrachd air a' bhlowlamp. 'S e blowlamps paireafain a chleachd a bhith againn ach an-diugh 's e gas a th' ann agus tha sin tuilleadh nas fheàrr, 's tuilleadh nas glaine.
IM: Seadh, dìreach. 'S cuin a thòisich iad, ma-thà, air na closaichean a chur dhan teine airson... airson dàthadh a dhèanamh orra?
UM: Uill tha mi a' smaoineachdainn gum biodh iad a' cur pàirt dhen a' ghuga, gum biodh iad glè thric a' cur tòin nan gugannan - bha sin air a ghearradh dhiubh nuair tha thu ri spliotadh - gum biodh iad a' cur sin dhan an teine ceart gu leòr ach cha robh a' chlosach, bhon bha iad a' gleidheadh... anns an latha sin bha iad a' gleidheadh tòrr dhe na closaichean air sgàth gum biodh iad a' toirt leotha dhachaigh amhaichean, a tha ceangailte ris a' chlosaich, agus uaireannan gibean a tha am broinn na closaich, agus 's e sin rud nach eil sinne ag iarraidh ann agus le sin dheth faodaidh sinn a' chlosach gu lèir a chur mun teine. Bha iadsan man gum biodh iad a' caomhnadh na closaich.
IM: Agus am biodh iad a' sailleadh na h-amhaichean aca?
UM: Bhiodh iad a' sailleadh na h-amhaichean agus bidh sinne ag ithe na h-amhaichean aca cuideachd agus tha i anabarrach math. Tha i, nam bheachd-sa, nas fheàrr na an guga fhèin. Ma gheibh thu prais dhith air a bruich mus tig a sailleadh, tha i dìreach man pìos cearc.
IM: Seadh, seadh. Seadh dìreach. Agus aon cheist eile a-nise, dìreach... ò aidh, seadh, an sgrìoban a th' aca, an dèanadh sgian no dad sam bith a' chùis?
UM: Cha dèan. Cha dèan. 'S e sgrìobanan-làimhe, dìreach scrubber a bhios aig bean-taighe. 'S e sin... 's e sgian a chleachd a bhith aca uaireigin ceart gu leòr, ach tha tòrr dhe na cungannan a th' ann an-diugh 's e... 's ann bho às dèidh a' chogaidh mu dheireadh, 's ann a chaidh tionndadh [???] cleachdadh, agus 's e sgrìoban-làimhe càil cho math 's a tha sinne a' faighinn, airson an glanadh gu tur.
IM: Seadh. Agus tha iad gan sailleadh, an ann ann am barailtean no...?
UM: Chan ann ann am baraillean. Chan eil baraillean ann, ach ann an... air palla còmhnard ann an aodann na creige shìos bhos cionn na h-acarsaid. Tha e air a stèidheadh an-àirde man a bha mi ag ràdh, dìreach man chruach-mhònaich ach gu bheil thu mòran nas faiceallaiche, agus nas grinne, agus air a dhòigh 's gun glèidh e a' phicil, le amhaich a' ghuga a bhith air a thilleadh air ais, no bhith air a thionndadh a-steach, air dhòigh agus gur e glè bheag de phicil a tha a' falbh às... às a' phìle ghugannan, 's e seo rud ris an can sinne pìle, agus gun cuir thu timcheall air dà... dà mhìle guga air aon phìle. Nuair a tha sin agad air a dhèanamh, tha thu a' cur canabhas no cover mu h-uachdar 's [???] air tiùrr. Nise, tha tòrr salainn air a chleachdadh anns an t-sailleadh. Tha làn do dhùirn a' dol anns na h-achlaisean, pòcaidean anns na h-achlaisean bhon a h-uile ceathramh. Tha feadhainn ag obair a' dèanamh sin, 's feadhainn a' sailleadh, 's feadhainn eile a' fosgladh nan achlaisean a tha seo nuair a thathas a' sailleadh, agus feadhainn a' càradh a' ghuga air a' phìle. Le sin dheth tha an dà dhuine dheug faisg air an cumail ri dol nuair a thathas a' sailleadh. Ach 's e obair a th' ann a dh'fheumas tu a bhith glè fhaiceallach ann, bhon ma tha ro bheag a shalainn agad tha thu a' dol a mhilleadh do shaothair gu lèir.
IM: Tha dìreach. Tha dìreach. 'S an uair sin nuair a thig... nuair a thig an t-eathar gan iarraidh, feumar a h-uile pìle a tha sin a thoirt sìos chun na laimrig 's a chur air bòrd.
UM: Feumar a h-uile h-aon dhen a sin a thoirt sìos. Bhitheadh iad uaireigin, bhiodh iad gan sadadh sìos, palla bho phalla, no duine bho dhuine, gu bàrr na mara... beul na mara. Ach...
IM: A' tilgeil aon ghuga... guga mu seach, mar gum bitheadh?
UM: Seadh. No dà ghuga mu seach. Ach an-diugh, tha iad a' ruith sìos air... bha chun a seo bha iad air canabhas, air a tharraing eadar dà uèir agus tha iad a' ruith sìos dìreach man chute. Agus am-bliadhna tha iad a' dol a dh'fheuchainn fiodh an àite a' chanabhas a tha seo, agus tha mi a' minigeadh gur mathaid gum bi sin nas fheàrr a-rithist, gus an ruith a h-uile guga bhon a' phìle, fear às dèidh fear, sìos gu beul na mara, far a bheil duine a' feitheamh airson an tilgeil dhan an eathar, dhan eathar bheag.
IM: Dhan eathar bheag, 's an uair sin feumar an togail a-mach às a sin dhan an eathar mhòr?
UM: Gan toirt a-mach an uair sin chun a' bhàta.
IM: Seadh. Agus an ann anns an toll a tha iad a' dol? No a bheil iad gan cur air deic?
UM: 'S ann corra uair a... tearc a chunna mise iad a' dol dhan toll, bhon tha obair mhòr orra, an cur dhan toll agus gu h-àraid an toirt às an toll. Ma bhios droch shìde ann feumaidh tu a dhol dhan toll, bhon chan fhiach e sàl a leigeil ann an sin. Ach ma bhios latha air dhòigh agus gum thu a' minigeadh nach tig muir air bòrd, thig an cur air gach taobh de thaigh na cuibhle air deic.
IM: Seadh. Seadh, dìreach. 'S an uair sin, dè cho fad 's a bheireadh sin, dèanamh sin, a' cur nan gugaichean air bòrd? No bhon an àm a thòisicheadh sibh anns na pìlichean, a' toirt nam pìlichean sin às a chèile gu 'm bi... gu 'm bi am bàta air a luchdachadh leotha?
UM: Uill chanainn gun tug i timcheall air trì uairean a thìde, glè thric.
IM: Ach dh'fheumadh duine a bhith ag obair dian.
UM: Tha tòrr dhen a sin an urra ris dè seòrsa latha a th' ann. Ma tha 's mathaid gu bheil e garbh duilich dhan eathar faighinn faisg air... dhan eathar bheag faighinn faisg air a' chreig. 'S mathaid gu bheil e duilich dhan a' bhàta a thighinn rudeigin faisg air a' chreig cuideachd. Nise, ma tha latha ann nach eil uabhasach... ma tha anfhadh 's gaoth air aghaidh, tha e a' toirt tòrr nas fhaide bhuat. Ach le latha math, bheir e bho dà uair... co-dhiù dà uair a thìde, trì uairean a thìde, faodaidh mi 'g ràdh.
IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach. 'S an uair sin, nuair a thig iad... 's ann chun a' phuirt an seo a tha iad a' tighinn?
UM: Thig iad chun a' phuirt.
IM: Agus feumar an uair sin...
UM: A h-uile càil a tha sin a shadadh air tìr, sadadh gun a' bhreakwater, agus pìle a dhèanamh an sin. Chan eil... chan e pìle man a bh' ann an Sùlaisgeir, ach dìreach càrn a dhèanamh dhiubh, agus cover mu uachdar a-rithist mus tig muir... gu 'n tig an creic làrna-mhàireach agus an còrr nach tig a chreic a roinn.
IM: Seadh. Agus tha iad gan creic aig a' phort fhèin?
UM: Tha iad ga reic aig a' phort. Fad an làrna-mhàireach. An fheadhainn nach tig an creic an latha sin, thathas ga roinn, 's tha a h-uile duine a' falbh le earrann fhèin dhen a' chriutha. Tha e ga thoirt gu a thaigh fhèin, agus gan creic à sin. Agus tha fèill gu leòr orra. Tha glè thric, na bliadhnachan sa, cha bhi guga ri fhaighinn airson a cheannachd ann an trì latha an dèidh dhaibh thighinn à Sùlaisgeir, an dèidh ceithir mìle a thoirt air ais. Bha... bho chionn dhà no thrì bhliadhnachan 's cha robh cho iad buileach furasta an creic, ach an-diugh, tha. Nuair a gheibh duine guga feadh an eilein, 's mathaid gum faigh nàbaidh dha ri thaobh pìos no ceathramh dheth, agus an ath-bhliadhn' bidh am fear sa, an nàbaidh a tha seo, 's ann a bhios e ag iarraidh feadhainn dha fhèin. 'S tha an rud an dèidh a dhol cho mòr agus nach eil gugannan gu leòr ann dhaibh.
IM: Seadh. Seadh. Agus bho chionn fhada, a rèir coltais nuair a bha Taigh Muinntir Eòrapaidh, agus Taigh Muinntir Lìonail, nuair a bha na h-ainmeannan sin ann, saoil sibh an robh iad... an robh iad ga roinn ann an dòigh eadar-dhealaichte? An robh iad ga roinn air na bailtean, mar gum bitheadh, no...?
UM: Cha robh. 'S e bh' ann ach na h-eathraichean. Bha na... bha na taighean... no bha na h-eathraichean air an ainmeachadh air na bailtean às an robh iad. Sin man a bhiodh iad ag obair. 'S e eathar à Lìonail a bhiodh ann, le criutha, no le sgiobadh à Lìonail, 's bhiodh iadsan a' feitheamh... a' fuireach, tha mi a' creidsinn, ann an Taigh Muinntir Lìonail. Agus eathar à... eathar à Eòrapaidh, le sgiobadh à Eòrapaidh. Agus tha mi a' creidsinn gur ann mar sin a thàinig na h-ainmeannan air na taighean.
IM: Tha mi a' tuigsinn. Agus chan eil eachdraidh sam bith cuin a chaidh, canaibh, an dà thaigh sin fhèin, cuin a chaidh an togail? Taigh Muinntir Eòrapaidh 's Taigh Muinntir Lìonail.
UM: Uill, tha na dhà ud, tha iad aon dà cheud bliadhna air ais, ach an fheadhainn a bh' ann romhpa, a bh' anns an aon làraich riutha, cha robh eachdraidh sam bith air cuin a chaidh... bha iad cho aosta 's nach robh eachdraidh sam bith cuin a chaidh an fheadhainn sin, ach bho chaidh an dèanamh air an aon làrach chaidh an dèanamh an-àirde às ùr bho chionn dà cheud bliadhna, tha beagan de dh'eachdraidh air a sin. Gun deach an togail anns an àm sin a-rithist. Ach cuin a chaidh an togail an toiseach, bha iad... tha iad dèante de chloich, de leacan mòra man a chunna tu fhèin, agus na ballachan aca air an togail agus tha iad a' sìor thighinn a-steach gus a bheil iad a' coinneachadh a chèile anns a' mhullach. Tha iad dèante gu h-iomlan de chlach. Càil ach toll beag air fhàgail airson solas a dhèanamh a-staigh agus ceò a leigeil a-mach. Fosgladh air fhàgail anns ceann an taighe, airson faighinn a-steach 's a-mach.
IM: Seadh, dìreach. 'S feumaidh duine a dhol a-staigh air a mhàgan annta.
UM: Feumaidh duine a dhol air a dhà spòig, man a chanas sinne, airson faighinn a-steach agus a-mach às na taighean.
IM: Seadh, dìreach. Agus tha mi cinnteach gur e an aon togail, an aon seòrsa togail a th' orra, mar a tha iad an-diugh 's a bh' orra, a bh' air na seann taighean a bh' ann...?
UM: 'S e an aon seòrsa. Chan eil eadar-dhealachadh sam bith ann. Rud ris an canadh iad anns a' Bheurla, beehive dwellings
IM: Beehive dwellings, seadh, dìreach. Agus... dè bha mi a' dol a ràdh a-nise... an dà cheud bliadhna a tha seo, a bheil seo ann an eachdraidh na dùthcha, no an dèan duine a-mach e tro... tro eachdraidh sam bith mar na daoine a rinn suas... a rinn an-àirde às ùr iad, no dad mar sin?
UM: Man as aithne dhòmhsa e, 's ann le dìreach a bhith a' cluinntinn daoine ag ainmeachadh gur e sinn-seanair a leithid seo a dhuine, gun robh e a' togail an taigh sa. 'S e sin as coireach gun urrainn dhomh a ghràdh gu bheil iad faisg air dà cheud bliadhna.
IM: Seadh, dìreach. Seadh, dìreach. 'S a bheil ainmeannan dhaoine sam bith agaibh, canaibh, air ur teangaidh an-dràsta dhe na daoine sin a rinn suas às ùr iad?
UM: Chan eil an-dràsta. Chan eil mi cho cinnteach asam fhìn.
IM: Ach tha fhios agaibh gu bheil an seanchas seo a' dol anns an... ann an Nis.
UM: Tha a leithid a rud... Tha. Lorgainn a-mach ainm nam bithinn air a shon, agus tha fhios agam gu bheil a leithid a rud ann, ach chan eil... cha bu chaomh leam a dhol a ghràdh gun fhios nach bithinn ceàrr, cò th' ann.
IM: Seadh, dìreach.
UM: Co-dhiù, tha mi a' smaoineachdainn gu bheil mi ag ràdh cus.
IM: Chan eil. Chan eil.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good