Manaidhean bàis.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
60769
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1966.084
Original Tape ID
Summary
Death omens.
When scissors moved on the table in the home of the contributor, her mother knew that she would need them to make a shroud. If a knife moved, it was a sign that it would be needed in a house where there was a death.
People saw phantom funerals. One man recognised himself at a funeral. People would fall on the road if they walked into a phantom funeral.
Other people saw lights. They could see things before they happened.
Item Location
County - Inverness-shire
Island - South Uist
Parish - South Uist
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Curstaidh NicAoidh (CN): Uill, tha fhios a'm gum biodh mo mhàthair a' fuaigheal lèintean nuair a bhàsaicheadh duine. O chionn fada cha robh lèintean-bàis ann, ach ri a' ceannach an anairt. Agus chuala sinn iomadach uair siosar a' toirt leum às, lathaichean no seachdainean mum falbhadh... agus chanadh i: "Ò, bidh feum ortsa." Agus cheart cho cinnteach 's a thachradh sin, bhiodh i air a h-iarraidh airson lèine a ghearradh.
Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh, 's an cuala sibh fhèin e?
CN: Ò chuala mi. Chuala.
DE: Agus an ann a' tuiteam chun an làir a bha e? No...
CN: Bha, a' gluasad air a' bhòrd, no mar sin. 'S ann.
DE: Seadh, agus e anns an aon rùm ribh, an robh?
CN: Ò seadh, 's ann. Chuala. Ghluaiseadh an siosar. Ò, chuala mi fhìn sin. Chuala, chuala. No sgian no rud sam bith a ghluaiseadh mar sin gum biodh e timcheall air bàs, no gearradh càise no rudeigin mar sin a bhiodh timcheall air tiodhlacadh. Ò, chuala. Chuala mi sin. Chuala. Bha uabhas de mhanaidhean beag mar siud ann, ach... Bha, agus o, bha iad fìor. Ò, bha siud fìor gu leòr.
DE: 'S an cuala sibh riamh daoine a bhith a' faicinn thiodhlacaidhean mus robh iad ann?
CN: Ò Shìorraidh, chuala 's... Is iomadh uair a chuir iad à cochall mo chridhe mi ag innse dhuinn... cha leigeadh an t-eagal leam tighinn dhachaigh far chèilidh. Chuala, gu dearbh fhèin. Chuala mise fear 's chunnaic e e fhèin. Dh'aithnich e e fhèin air an tiodhlacadh.
DE: A' coiseachd...
CN: Seadh.
DE: Seadh. 'S chan e duine a bhuineadh dha fhèin a bhathar a' tiodhlacadh, an e?
CN: Ò chan eil cuimhn' a'm. Chan e. Cha ruigeadh e leas gur e duine a bhuineadh do dhuine e fhèin a chitheadh e. Ach bhiodh feadhainn a' tuiteam air an rathad. Feadhainn nach fhaiceadh... An fheadhainn a chitheadh e, sheachnadh iad an tiodhlacadh. Ach an fheadhainn nach fhaiceadh e, bha iad a' cumail am meadhan an rathaid agus bhiodh iad a' tuiteam 's cha bhiodh fhios aca carson, agus chanadh cuideigin riutha: "Ò feumaidh gun deach thu an lùib tiodhlacadh."
DE: Agus a-nist, an robh aca ri meadhan an rathaid a sheachnadh? An robh daoine a' seachnadh meadhan an rathaid, a' coiseachd air an oidhche?
CN: Cha chreid mi gun robh. Cho fad 's is fhiosrach mise. Cha chreid mi gun robh. Cha do sheachain sinne riamh e co-dhiù. Cha do sheachain. Ach an fheadhainn a bhiodh a' tuiteam mar siud 's a' faighinn damaiste tuiteam gun reusan sam bith, bhiodh iad ag ràdh gun deach iad an lùib tiodhlacadh. Agus bhitheadh tiodhlacadh ann cuideachd.
DE: Agus an ann a' falbh le eich a bhiodh na tiodhlacaidhean a bha sin?
CN: Ò chan ann, ach air ghiùlan. 'S ann. A' falbh air ghiùlan.
DE: Saoil a bheil daoine a' faicinn dad mar sin fhathast, a-niste? An aithne dhuibh duine sam bith?
CN: Ò chan aithnte dhòmhsa duine a chì rud. Ma chì iad an-dràsta e, tha iad cho gleusta, cha leig iad dad orra.
DE: Ò bha na seann daoine a' creidsinn gu làidir ann a shin.
CN: Bha. Bha iad sin air a' chois ge-tà, 's bha e ann. Ò ghiall, bha. Bha iad a' faicinn sholas 's rudan. 'S beag an t-iongnadh ged a bha iad a' faicinn sholas, fhios agaibh, leis na bheil de chàraichean 's a leithid sin.
DE: 'S tha iad a' ràdh gum faiceadh iad solas far an robh rud a' dol a thachairt.
CN: Ò bha. Bha iad a' faicinn solas. Chitheadh iad an rud fhèin a' tachairt cuideachd. Chitheadh iad... nam faiceadh iad duine no rudan mar sin. Bha feadhainn ann a chitheadh sin.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good