Search

Geàrr-iomradh air casg-fala agus tinneas an rìgh.

Track Information

Original Track ID

SA1971.254.B3

Original Tape ID

SA1971.254

Summary

Brief mention of how certain people had the gift of blood-stopping and of curing scrofula.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Tain

Village/Place - Tain

Item Location

County - Ross and Cromarty

Parish - Gairloch

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Dòmhnall Friseal (DF): Bha rud eile aca, casg-fala.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ah seadh, ciamar a bha seo a-nist?

DF: Nise, chan eil mi uabhasach cinnteach ciamar a bha an casg-fala a' dol, ach bha e a' dol... chan eil cuimhn' agam cò mheud mac, agus an e nighean às an dèidh, no an e cò mheud nighean agus mac às an dèidh, agus bha cumhachd aige, gun cuireadh e stad air fuil, nam biodh fèith geàrrte ann an neach, gun cuireadh e stad air... gun robh... 's e casg-fala a theireadh iad ris.

DE: Agus chan eil fhios agaibh ciamar a bha iad a' dèanamh seo?

DF: Chan eil fhios agam. Cha robh ach a dhèanamh... chan eil fhios a'm an robh e ach a' cur a làmhan air. Cha chreid mi gun robh e ach a' cur a làmhan air 's gun sguireadh an fhuil.

DE: Ò tha sin annasach. Agus an cuala sibh riamh mu leigheasan, mu dhuine sam bith eile a dhèanadh leigheas? An cuala sibh riamh feadhainn a dhèanadh leigheas air tinneas an rìgh no ge bith dè chanadh iad ris?

DF: Ò chuala. Chuala.

DE: Ciamar seo a-nist a bha seo?

DF: Bha fear... bha fear shìos ann an Sannda ann a shiud, agus bha iad ag ràdh gun leighiseadh e tinneas an rìgh. Nise, 's e... bha àireamh mhac agus nighean, agus a-rithist am mac, cha chreid nach ann mar sin a bha e a' dol, agus bha tinneas an rìgh, leighiseadh e tinneas an rìgh. Leighiseadh e tinneas an rìgh.

DE: A bheil cuimhn' agaibh fhèin air an duine a bha seo?

DF: Ò tha cuimhn' a'm air... tha cuimhn' a'm air a' ghille. Cha chreid mise nach deach... uill, saoilidh mi gun deach... gur e... char dithis bhràithrean a mharbhadh ann an tram car ann an Glaschu, 's saoilidh mi gur e fear dhiubh, fear aig an robh leigheas tinneas an rìgh a bh' ann.

DE: Agus bha iad a' ràdh, bha na daoine a' ràdh gun dèanadh esan an leigheas?

DF: Bha, agus tha cuimhn' a'm air, iad a thighinn le neacheigin à Loch Carrann thuige. Tha cuimhn' a'm air a sin, nuair a bha mi na mo ghille òg, càr fhaicinn agus thuirt iad rium gur e feadhainn a thàinig à Loch Carran le neacheigin air an robh tinneas an rìgh, 's gur ann a choimhead air... Agus 's e an Dotair a theireadh iad ris an fhear a bha siud. 'S e an Dotair a theireadh iad ris. Gun tàinig iad a choimhead air an Dotair leis an tè air an robh tinneas an rìgh.

DE: Ò tha e iongantach mar a bha... bha rudeigin aig na seann daoine anns an dòigh a bha seo, gun teagamh. Chan eil fhios a'm dè bh' ann, ach bha rudeigin...

DF: Chan eil. Uill, seall... bha rudeigin... feumaidh e bhith gun robh rudeigin a bu choireach iad a bhith a' creidsinn idir ann.

DE: Bha. Bha.

DF: Seall, cha robh... cha robh iad a' dol a chreidsinn... cha robh iad a' dol a chreidsinn ann an... cha robh iad a' creidsinn anns a h-uile seòrsa... Cha robh. Feumaidh e bhith gun robh adhbhar air choreigin, ach 's e sin an rud. Ciamar... ciamar a bha iad... ciamar a thòisich iad a bhith a' creidsinn idir anns na rudan sin?

DE: Ach a rèir coltais bha e a' dèanamh feum air choreigin, an rud a bha siud.

DF: Uill, feumaidh e bhith gun robh, uair no uaireigin.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good