Search

Bàta a sheòladh air muir agus air tìr.

Date 1971
Track ID 65361
Part 1
Part 2

Track Information

Original Track ID

SA1971.54.B2+55.A1

Original Tape ID

SA1971.054

Summary

A ship which could sail on land and sea.

A king had one son when his queen died. He married again and had two more sons. The King of Ireland died, leaving a daughter, but the Cailleach Ruadh said she would marry only a man who could build a ship which could sail on land and sea. The king's younger sons set off to try, but refused to share their food with an old man they met on the road, and failed. The oldest son set off, and shared his food with the man, who opened a tussock of rushes and took him to an underground room. He set people to work, and in three days they had a ship which would sail on land and sea and in the air.

They set off for Ireland, taking with them three men they met on the way: one who could hear the Cailleach Ruadh speaking if he laid his ear against a rock, one who could break rocks with his hard bottom, and one who could empty a loch in three mouthfuls. When they got to Ireland, the Cailleach Ruadh asked the king's son to sit on a chair made of blades, but the hard-bottomed man sat on it and smashed it. She asked the other to drain a loch, which he did, but threatened to drown her if she didn't agree to the marriage. She agreed, and they married. The king's son asked the old man how he could thank him, and he asked for his first son. When he returned to collect the child and saw the parents willing to hand it over, he let them keep it.

Recording Location

County - Inverness-shire

Island - South Uist

Parish - South Uist

Village/Place - Ardmore

Language

Gaelic

Genre

Story

Collection

SoSS

Classification

AT513B

Transcription

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, bha siudach ann rìgh ma-thà, agus bha e pòsta 's bha aona mhac aige. Agus cha robh an gille ach na chnapach suas nuair a bhàsaich a mhàthair, a' bhan-righinn. Agus ann an ceann ùine mhath às a dhèidh sin co-dhiù phòs an rìgh air ais. Agus bha dithis ghillean aige, on bhean... bhean mu dheireadh.

Uill, dh'fhàs na gillean suas nan daoine 's bha iad air fàs nan... suas nan gillean mòra. Agus bha rìgh air Èirinn agus chan eil mi a' smaointinn... chan eil... tha mi a' smaointinn gur e... gur e piuthar dha a bha a' fuireach còmhla ris no... no co-dhiù... Ach bha an nighean aige 's bhàsaich e fhèin.

Agus chuir an uair sin... chaidh brath a chur a-mach. Bha feadhainn ag iarraidh na h-ighinn airson a pòsadh. Agus chuir e brath a-mach... chuir a' Chailleach Ruadh, 's e a theireadh iad rithe, chuir i brath a-mach nach fhaigheadh duine brà-... gu bràth an nighean ri pòsadh ach fear a dhèanadh bàta a dh'fhalbhadh air tìr mar a dh'fhalbhadh i air muir.

Uill, bha... thòisich clann an rìgh, an fheadhainn a bh' aig a' bhean mu dheireadh, air iarraidh airgead air an athair 's gun robh iadsan a' dol a dh'fhalbh airson sin a dhèanamh, airson nighean an rìgh, gum faigheadh iad nighean an rìgh ri pòsadh.

Uill, thug e sin dhaibh co-dhiù. Agus dh'fhalbh e, a' chiad... a' chiad fhear aca. Ghabh e air falbh co-dhiù agus thug e leis biadh a bhiodh aige air an rathad. Cha robh... coltach leam gun robh na bailtean fada o chèile, agus thug e leis biadh. Agus an latha a dh'fhalbh e dìreach suas mun mheadhan-latha an sineach shuidh e air taobh gleann a bh' ann agus thug e a-mach biadh agus e a' dol a ghabhail grèim dhen bhiadh. Cha robh e sìon dhen t-saoghal ach air am parsail a bh' aige a sgaoileadh nuair a thàinig leth-sheann duine far an robh e. Agus:

"An-tà b' fheàrr leam fhìn," arsa... ars an leth-sheann duine, ars esan, "gun toireadh tu dhomh," ars esan, "rud beag dhen bhiadh," ars esan. "Tha mi glè fheumach air," ars esan.

"An-tà," ars a... ars an gille, ars esan, "chan eil fhios a'm gum bi e ach beag gu leòr dhomh fhìn," ars esan, "mu... mun ruig mi," ars esan. "Agus chan eil mi a' dol a thoirt gearradh dhutsa dheth," ars esan.

"Ò seadh," ars esan. "An-tà," ars esan, "far a bheil thusa a' dol," ars esan, "faodaidh tu cumail romhad ann," ars esan, "ach cha tèid do ghnothach leat."

Agus dh'fhalbh am bodach.

Uill, nuair a dh'fhalbh mac an rìgh seothach co-dhiù, chùm.... nuair a ghabh e a bhiadh dh'fhalbh e, 's chùm e roimhe.

Ach co-dhiù, ann an ceann na bliadhna cha tàinig... bha an t-offer a-mach aig a' Chaillich Ruaidh, cha... cha... tha e coltach nach do rinneadh bàta.

"Uill," ars am fear a b' òige dhiubh, a bhràthair, "tha e coltach," ars esan, "nach d' fhuair... nach do rinn mo bhràthair e co-dhiù," ars esan, "an tè a dh'fhalbhadh air tìr mar a dh'fhalbhadh i air muir," ars esan, "agus bheireadh sibh dhòmhsa a-nist," ars esan, "rud an uair sin agus tha mi fhìn a' falbh," ars esan.

Ò thug athair dha e co-dhiù 's dh'fhalbh e. Agus mar a dh'èirich dha a bhràthair dh'èirich e dhàsan. Nuair a thug e a làmh air a bhiadh suas an dèidh mheadhan-latha an sineach air aodann glinne thàinig an seann duine bha seothach, an leth sheann-duine bha seothach, far an robh e.

"Uill," ars esan, "b' fheàrr leam," ars esan, an t-seann duine, ars esan, "gun toireadh tu dhòmhsa rud dhe sineach," ars esan. "Tha mi," ars esan, "glè fheumach air," ars esan.

"Ò cha toir," arsa mac an rìgh, ars esan. "Cha bhi e ach beag gu leòr dhomh fhìn," ars esan, "math dh'fhaodte, mun ruig mi far a bheil dùil a'm a dhol," ars esan.

"Ò seadh," ars esan. "Uill, faodaidh tu sin," ars esan, "cumail romhad," ars esan, "ach cha tèid do ghnothach leat," ars esan.

Cha robh air seothach ach seo fhèin co-dhiù. Dh'fhalbh mac an rìgh, 's cha chualas an còrr mu dheidhinn. Ach co-dhiù ann an ceann na bliadhna bha an t-offer a-mach aig a' Chaillich Ruaidh mar a bha e reimhid. Cha robh duine a' dol a dh'fhaighinn nighean an rìgh ri pòsadh no a' dol a dh'fhaighinn na rìoghachd, na rìgh oirre, ach an duine a dhèanadh bàta a dh'fhalbhadh air tìr mar a dh'fhalbhadh i air muir.

Thuirt an uair sin an gille a bh' aige on chiad bhean, thuirt e ri athair:

"An toir sibhse... an toir sibhse a-nist dhòmhsa rud," ars esan, "mar a thug sibh a chàch," ars esan, "agus tha dùil a'm fhìn falbh," ars esan.

"An-tà," ars athair ris, ars esan, "Cò," ars esan, "a tha a' dol a choimhead às a dhèidh seo?" ars esan. "Agus," ars esan, "cha deach sia-... cha deach gu math le do bhràithrean," ars esan. "Tha mi... a rèir choltais," ars esan. "Agus," ars esan, "math dh'fhaodte gum bi thusa a cheart cho dona ris."

"Chan eil e gu diofar," ars an gille. "Bheireadh sibhse dhòmhsa," ars esan, "rud mar a thug sibh a chàch," ars esan. "Cha robh mise a' faighinn," ars esan, "mòran an seo co-dhiù," ars esan, "de dh'uachdaran 's air sìon sam bith," ars esan. "Agus leis a sin," ars esan, "math dh'fhaodte gum bi mi fada nas fheàrr a bhith às aonais."

Ò thug athair seothach dha e, agus dh'fhalbh e, mac an rìgh.

Agus mar a thachair dha a bhràithrean, thachair e dhàsan, nuair a bha e a' gabhail a bhìdh, ge brith cà 'n do ghabh e e. Bha e faisg air gleann a bh' ann co-dhiù. Agus 's e car de dh'àite coi-... coillteach a bh' ann, far an robh coille gu leòr. Agus shuidh e shìos... shuidh e a' gabhail grèim bìdh agus chunnaic e an leth-sheann duine a bha seothach a' tighinn a-nuas. Agus shuidh am bodach... shuidh... thàinig am bodach a-nuas.

"Teannaibh a-nall," arsa mac an rìgh ris. "Teannaibh a-nall, a dhuine," ars esan, "'s gum faigh sibh pàirt dhe na bheil agamsa ann a sheo."

Agus:

"An-tà gu dearbh teannaidh," ars esan, "agus tha mi feumach air," ars esan.

Agus thàinig e a-nall co-dhiù 's sgaoil mac an rìgh a-mach am biadh agus fhuair an duine a share.

Agus nuair a ghabh iad am biadh an seothach, an dithis aca, thuirt... thuirt am bodach, thuirt am bodach ri mac an rìgh:

"Tha fhios a'm," ars esan, "a-nist cà 'il thu a' dol," ars esan.

"Chan eil fhios a'm," arsa mac an rìgh, "nach eil. Tha mi cinnteach," ars esan, "cà 'il mi a' dol," ars esan, "ged nach tèid e dhomh ach mar a chaidh e a chàch. Dh'fhalbh," ars esan, "dithis dhe mo bhràithrean reimhid," ars esan, "agus tha e coltach," ars esan, "nach do... nach do rinn iad an rud a bh' aca ri dhèanamh," ars esan.

"Ò cha do rinn," ars esan. Agus: "Ò cha do rinn," ars esan. "Ach thugainn thusa còmhla riumsa," ars esan, "agus lean thusa mise," ars esan.

Agus dh'fhalbh mac an rìgh agus lean e an seann duine a bha seothach. Agus ghabh iad suas ùrlar a' ghlinne ann a shineach, agus ràinig e suas tom de bhadan luachair a bha sineach, agus dh'fhalbh e agus rug e air an tom luachair agus dh'fhosgail e an t-àite agus bha àite ann a shineach a' dol sìos fon talamh.

Agus chaidh iad sìos agus bha an rùm a b' àille ann a shineach shìos aig a... fon talamh. Agus fhuair iad am biadh suipeir co-dhiù mun deach iad a chadal. Agus chaidh iad a chadal le chèile.

Agus làrna-mhàireach an seo dhùisg am bodach.

"Seo, seo," ars esan, "a mhic an rìgh," ars esan, "bidh air do bhonn, bidh air do bhonn," ars esan. "Tha obair mhòr agad," ars esan, "ri dhèanamh," ars esan, "mu... mun dèan thu," ars esan, "an rud a tha thu a' falbh air a shon," ars esan. "Agus tha mise a' falbh," ars esan, "a-mach. Agus bi a-mach," ars esan, "anns a' mhionaid nuair a gheibh thu air dòigh."

Uill, chaidh... nuair a fhuair mac an rìgh air dòigh, dh'fhalbh e 's dhìrich e suas 's chaidh e a-mach. Bha an uair sin a leithid a dhaoine timcheall agus ag obair air leagail coille, a' gearradh coille, feadhainn ga sàbhadh agus feadhainn ga gearradh. Agus thachair mac an rìgh suas far an robh iad agus thòisich iad air obair.

Uill, mun tàinig beul na h-oidhche bha clàraibh na... a' bhàta air a chur na chèile. Bha seip air a chur oirre 's gur e bàta a bhiodh ann. Agus:

"Uill," ars am bodach, ars esan, nuair a bha e a' teannadh air an anmoch, "gabhaidh sinn ris a siud fhèin a-nochd," ars esan. "Gabhaidh sinn ris a siud fhèin a-nochd," ars esan, "agus... agus," ars esan, "a-màireach," ars esan, "cuiridh sinn air aghaidh an còrr dhith," ars esan.

Ach co-dhiù seothach chaidh iad a-staigh. Chaidh iad sìos, e fhèin 's am bodach sìos fon talamh. Agus bha... ghabh iad an seothach an suipear agus chaidh iad a chadal. Agus gu math tràth an làrna-mhàireach dh'èirich am bodach.

"Seo, seo," ars esan, "a mhic an rìgh," ars esan. "Bidh air do bhonn, bidh air do bhonn," ars esan. "Ged a rinn sinn obair mhòr an-dè," ars esan, "tha obair mhòr romhainn an-diugh fhathast," ars esan. "Agus tha mise," ars esan, "a' falbh a-mach."

Dh'fhalbh am bodach, 's dh'fhàg e mac an rìgh a' faighinn deiseil. Agus nuair a fhuair mac an rìgh deiseil co-dhiù dh'fhalbh e.

Bha iad ag obair an sin, a' cheatharn dhaoine a bha sineach ag obair air a' bhàta.

Ach co-dhiù seothach am feasgar sin mun do sguir iad... mun do sguir iad bha... bha... bha am bàta air a deiceadh 's air a h-uile sìon 's na cruinn 's a h-uile sìon rithe... innte.

"Uill," ars am bodach," ars esan, "bidh sinn ga fàgail aice a-nochd," ars esan. "Agus bidh sinn," ars esan... "tha mi a' smaointinn gun tèid sinn glè fhaisg oirre a-màireach," ars esan. "Agus bidh sinn a' gearradh dheth a-nist," ars esan.

Agus dh'fhalbh e fhèin agus mac an rìgh agus chaidh iad dhan uaimh a bha fon talamh. Agus fhuair iad an suipear agus chaidh iad a chadal. Agus làrna-mhàireach dh'èirich am bo-... am bodach gu math tràth agus:

"Seo, seo," ars esan, "a mhic an rìgh," ars esan. "Bidh air do bhonn, bidh air do bhonn. Ged a rinn sinn obair mhòr," ars esan, "o chionn lathaichean," ars esan, "tha obair fhathast againn ri dhèanamh," ars esan. "Agus bi a-mach anns a' mhionaid," ars esan.

Dh'èirich mac an rìgh co-dhiù 's nuair a dh'èirich e bha am bodach air falbh. Agus fhuair e... dh'fhalbh e. Nuair a fhuair e air dòigh, dh'fhalbh e 's chaidh e a-mach. Agus bha iad a' rig-adh a' bhàta a-mach an uair sin leis a h-uile sìon a dh'fheumadh i. Agus am feasgar an oidhche sin co-dhiù dh'fheuchadh cuairt air a... air an luing feuch dè dhèanadh i. Agus dh'fheuchadh air tìr an toiseach i agus dh'fhalbhadh... dh'fheuchadh air tìr an toiseach i agus dh'fhalbhadh i cho math. Agus dh'fheuchadh an uair sin air muir i agus bha i coingeis cò an trac air am feuchadh i. Agus rachadh i... dh'fhalbhadh i bhon talamh dhan iarmailt agus...

"Ò uill, ma-thà," ars am bodach," ars esan, "bidh sinn a' gabhail leatha a-nist," ars esan. "Agus bidh sinn a' falbh," ars esan, "a-màireach," ars esan.

Uill, chaidh iad dhachaigh. Chuir iad seachad an oidhche an sin. Agus:

"Nist," ars... ars esan, "a-màireach, bidh sinn a-nist a' falbh," ars esan, "mi fhìn 's tu fhèin," ars esan.

Agus dh'fhalbhadh 's chaidheadh dhan luing co-dhiù 's dh'fheuchadh air falbh leatha. Dh'fhalbh i. Dh'fheuchadh an uair sin gu muir i. Bha i cho coingeis air muir.

Ach co-dhiù, bha iad air tilleadh agus bha iad air falbh, agus treis a bhiodh iad air a' chnoc 's treis a bhiodh iad anns an iarmailt. Agus chunnaic iad an seo fear ann a shineach agus e na shìneadh air sgallaidh agus a chluas ris an sgallaidh.

"A bheil thu a' faicinn an fhir ud?" ars am bodach.

"Tha," arsa mac an rìgh.

"Dèan dìreach air," ars esan.

Dh'fhalbh mac an rìgh 's rinn e dìreach air a' bhodach 's thàinig e... thàinig iad a-nuas faisg air a' bhodach.

"Seadh," ars am bodach a bha san luing. "Dè tha thu a' dèanamh an sin?" ars esan.

"Tha mi," ars esan, "a' cluinntinn 's ag èisteachd an seo," ars esan.

"Dè," ars esan, "a tha thu a' cluinntinn an sin?"

"Tha mi a' cluinntinn," ars esan, "a' Chailleach Ruadh an Èirinn," ars esan, "ag ràdh," ars esan, "ged a tha an long air a dèanamh nach fhaigh e nighean a... ri pòsadh fhathast."

"Ah uill," ars esan, "bidh fhios againn air a sin," ars esan. "Ach a bheil thu airson muinntireas?" arsa... ars am bodach.

"Tha," ars am fear a bha ag èisteachd ris a... air an sgallaidh.

Agus:

"Ò ma tha," ars esan, "bi air bòrd anns a' mhionaid."

Uill, thàinig e innte còmhla riutha 's dh'fhalbh iad. Agus bha... thàinig iad an seothach air... bha iad a' falbh agus chunnaic iad an seo fear bhuapa agus e ag obair air cloich mhòir a bh' ann agus e a' feuchainn... a' feuchainn a thòine air a' chloich.

"A bheil thu a' faicinn siud?" ars am bodach.

"Tha," ars an gille, arsa mac an rìgh.

"Uill," ars esan, "dèan dìreach air," ars esan.

Agus chaidh... rinn e dìreach air an fhear seo agus thàinig iad a-nuas faisg air agus chaidh am bodach a-null.

"Dè," ars esan, "a tha thu ag obair mar sin?" ars esan.

"Tha mi," ars esan, "feuch am bris... am brist mi a' chlach seo," ars esan, "le mo thòin," ars esan.

"Ò," ars am bodach, ars esan, "bheil thu airson muinntireas a ghabhail?" ars esan.

"Ò tha," ars esan.

"Ò ma tha," ars esan, "mach à seo," ars esan, "còmhla rinne."

Agus thàinig e air bòrd còmhla riutha.

Dh'fhalbh iad a-nist. Bha seo dithis aca dhen chriutha. Agus thug iad seo sùil bhuapa agus iad a' dol seachad air àite a bh' ann agus bha fear ann a shin aig locha agus a dhà làimh aig... òrdaig an ceannaibh a shlios agus e a' gorradaich os cionn an locha.

"A bheil thu a' faicinn an duine a tha siud?" ars am bodach ri mac...

"Tha," arsa mac an rìgh.

"Ma tha," ars esan, "dèan dìreach air," ars esan.

Agus rinn iad dìreach air co-dhiù. Agus ràinig iad e. Chaidh am bodach far an robh e.

"Dè," ars esan, "tha thu... an obair ghòrach a th' agad mar sin?" ars esan.

"Ò chan e obair ghòrach a th' agam idir," arsa... ars an duine, ars esan. "Bha mi latha dhe mo lathaichean," ars esan, "a thaomainn an locha sin," ars esan, "le trì srùbagan," ars esan.

"Ò seadh," ars am bodach, ars esan. "'S a bheil thu airson muinntireas?" ars esan.

"Ò tha," ars esan.

"Ò ma tha," ars esan, "bidh... thugainn còmhla rinne."

Uill, dh'fhalbh e còmhla riutha.

"Nist," ars am bodach, ars esan. "Tha... tha an criutha againn," ars esan. "Agus thèid sinn a-nist," ars esan, "gu Èirinn," ars esan, "far... far a bheil a' Chailleach Ruadh feuch gu dè tha i ag ràdh."

Agus cha robh latha a dh'èireadh iad an seothach a bha iad air falbh leis an luing, latha a dh'èireadh iad nach robh Cluas Mhòr ri Deic agus a chluas ris an deic. Agus bhiodh e ag innse dhaibh a h-uile sìon a bha e a' cluinntinn. Agus an latha a bh' ann a sheothach chaidh iad... chaidh iad a dh'Èirinn co-dhiù. Tha... nuair a dh'èirich iad bha Cluas Mhòr ri Deic bha e air an deic agus a chluas ris an deic.

"Seadh," ars am bodach, "dè tha thu a' cluinntinn an-diugh?"

"Tha mi a' cluinntinn," ars esan, "a' Chailleach Èireannach ag ràdh," ars esan, "ged a tha am bàta air tighinn an seo nach fhaigh e an nighean aigesan, nach fhaigh e nighean... nach fhaigh e nighean an rìgh ri pòsadh. Agus... gus an suidh e anns an t-sèithear a th' ann a shiudach a-staigh aca agus... agus gum faigh e an uair sin i."

Uill:

"Ò ma-thà," ars am bodach, "chì sinn sin."

Agus nuair a fhuair iad a-nist air dòigh chaidh iad gu pàileas an rìgh. Agus rugadh air mac an rìgh agus bha... bhathar a' dol ga... thuirt a' Chailleach Ruadh ris:

"Seo a-nist an sèithear," ars ise, "anns am feum thu suidhe," ars ise, "agus mum faigh thu," ars ise, "an nighean ri pòsadh."

Agus cha robh sìon anns an t-sèithear a bha sin ach lannsachan, agus leum fear na tòine cruaidhe a bha a' dol a bhristeadh na cloiche.

"Chan e," ars esan, "a thèid an sin ach mise," ars esan.

Agus leum e a-null agus bhuail e a thòn anns an t-sèithear agus rinneadh smodal dhith chun an ùrlair. Agus nuair a chunnaic iad sin dh'fhalbh iad an uair sin agus dh'fhalbh iad a-mach. Dh'fhàg iad a' Chailleach Ruadh an siud.

Agus an làrna-mhàireach an seothach nuair a dh'èirich am bodach, bha Cluas Mhòr ri Deic bha e agus a chluas ris an deic. Agus:

"Seadh," ars am bodach ris, ars esan, "dè," ars esan, "a tha thu a' cluinntinn an-diugh?"

"Tha mi a' cluinntinn," arsa... ars esan, "a' Chailleach Ruadh ag ràdh," ars esan, "ged a rinn iad siud 's ged a bhrist iad an sèithear, nach fhaigh e fhathast an nighean ri pòsadh gus an taom e a leithid seo a locha le trì srùbagan."

Agus:

"Glè cheart," ars esan.

Uill, dh'fhalbh iad 's chaidh iad gu... gu taigh an rìgh. 'S dh'fhaighneachd am bodach, seadh an robh e a' dol a dh'fhaighinn na h-ighinn a-nist. Cha robh. Chan fhaigheadh e an nighean gus an taomadh e an locha a bh' ann a sheothach le trì srùbagan.

"Uill," arsa... ars am fear a bha a' gorradaich os cionn an locha, "chan e," ars esan, "a nì sin ach mise," ars esan. "Ach feumaidh tusa," ars esan, "falbh còmhla rium," ars esan, "agus gum faiceadh tu gun taom mi e, gun tràigh mi e," ars esan ris a' Chaillich Ruaidh.

Uill, dh'fhalbh i, 's dh'fhalbh iad chun an locha.

"Seallaidh... seallaidh tu dhòmhsa," ars esan, "an locha a th' agam ri thaomadh... ri thràghadh," ars esan.

Agus ràinig iad... ràinig iad an locha. Agus thuirt am fear a bha a' dol a thaomadh an locha, thuirt e rithese:

"Thig thusa a-nist a-nuas," ars esan, "ann a sheothach ri mo thaobh-sa," ars esan, "agus gum faiceadh tu a h-uile sìon," ars esan.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Thàinig i a-nuas, a-nuas ri taobh a' ghille 's chaidh e ann a... chuir e e fhèin ann an triom airson an locha...

[Stad sa chlàradh an seo agus an teip air teireachdainn.]

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Chuir e e fhèin ann an triom airson a taomadh.

DA: Chuir e airson an locha a thaomadh. Agus:

"Fanaidh tusa a-nist," ars esan, "ann a shineach ri mo thaobh-sa," ars esan.

Uill, tharraing e a' chiad shrùbag às an locha agus chuir e a-mach air an taobh e agus bha... bha e fhèin agus a' Chailleach Ruadh ann an eilean. Agus:

"Ò," ars ise, "leig mise air falbh às a seo," ars ise.

"Ò cha leig," ars esan. "Fanaidh tu ann a shin," ars esan, "gus am bi mise ullamh a thaomadh an locha."

Agus tharraing e seothach an ath tè.

"Ò," ars ise...

Nuair a chuir e a-mach i, bha i... cha robh sìon ach gun robh bìdeag de thalamh air fhàgail aice airson fuireach ann.

"Ò," ars ise, "leigeadh mise air falbh," ars ise.

"Nì mi sin," ars esan, "do leigeil air falbh," ars esan, "ma gheallas tu dìreach anns an t-seasamh bonn," ars esan, "gum faigh," ars esan, "an duine" ars esan, "nighean an rìgh ri pòsadh. Mura faigh," ars esan, "air an ath shrùbag," ars esan, "bidh thu fhèin anns an locha còmhla rithe."

"Ò," ars ise, "bidh e... togadh e leis i," ars ise. "Leig thusa... ach leig leamsa," ars ise, "leig mise a-mach às a seo," ars ise.

Uill, co-dhiù a thill e an t-uisge dhan locha cha chuala mise no... no gu [???]. Ach leigeadh air falbh a' Chailleach Ruadh agus fhuair mac an rìgh an uair sin cead nighean an rìgh a phòsadh agus an t-àite a bhith aige.

Uill, 's e seo an rud a rinn iad a-nist. Rinneadh... bha iad deiseil co-dhiù. Rinn iad... phòs mac an rìgh agus nighean... nighean Rìgh Èireann. Agus nuair a phòs iad 's a fhuaradh seachad a' bhanais 's a h-uile sìon thuirt an duine a bha aig an luing.

"A-nist," ars esan, "tha mise a' falbh," ars esan, "mi fhìn 's an criutha a' falbh," ars esan.

"Ò," arsa mac an rìgh, ars esan, "dè rud... dè na tha mise a' dol a thoirt dhut," ars esan, "airson na rinn thu rium?" ars esan.

"Chan eil mi ag iarraidh sìon," ars esan, "ach a' chiad leanabh a bhios agad," ars esan.

Agus:

"Ò ma-thà," arsa mac an rìgh, "gheibh thu sin," ars esan, "ma bhios leanabh agam."

"Ò bithidh," ars esan.

Uill, dh'fhàg am bodach 's Cluas Mhòr ri Deic 's dh'fhalbh iad leis a' bhàta, agus Fear na Tòine Cruaidhe agus am fear a bha... a thràigh an locha, dh'fhalbh iad leis a' bhàta agus dh'fhàgadh slàn aig mac an rìgh.

Uill, bha mac an rìgh a-nist, e fhèin 's a bhean, nighean Rìgh Èireann, bha iad glè dhòigheil 's bha iad còrdte cuideachd 's bha iad toilichte gun robh iad còmhla. Bha a' Chailleach Ruadh còmhla riutha.

Ach co-dhiù seothach dh'fhàs nighean an rìgh trom. Agus cha robh air seothach ach seo fhèin. Bha an gnothach a' dol air aghaidh gus an tàinig an gnothach oir 's gun deach an dàrna taobh dhithse air leanabh gille.

Agus bha a-nist an leanabh aca ann a shiud 's bha e... bha e lathaichean aca. Ach an oidhche a bh' ann a sheothach, bha iad a-staigh, e fhèin 's a bhean, agus chuala iad bualadh anns an doras. Agus chaidh esan sìos. 'S e a chaidh e chun an dorais ga fhosgladh. Bha ise 's am pàiste aice. Agus cò bh' ann ach fear na saothaich, bodach... bodach a' ghlinne.

"Ò dhuine," arsa mac an rìgh, "an sibh a th' agam an seo?"

"Ò 's mi," ars esan. "A bheil thu a-nist," ars esan, "cho math 's do ghealltanas?" ars esan.

"Ò tha," arsa mac an rìgh.

"'S a bheil a' bhean," ars esan, "toilichte?" ars esan.

"Ò tha cuideachd," ars esan, "a' bhean," ars esan, "deònach gu leòr."

Agus dh'èigh e oirrese a-nuas, i thighinn a-nuas agus am pàiste a thoirt leatha. Thàinig ise a-nuas agus thuirt e... thuirt i ris... dh'fhaighneachd e dhith an robh i deònach dealachadh ris a' phàiste, 's thuirt i gun robh, gun robh ise deònach gu leòr, gun d' fhuair i deagh dhuine ri linn-san agus gun robh i deònach gu leòr, gum faodadh gum biodh pàiste eile acasan fhathast, agus gun robh i deònach gu leòr am pàiste a thoirt dhàsan, agus gum bu shuarach an rud dha airson an duine a chuir e na lùib. Agus shìn i dha am pàiste agus rug e air a' phàiste. Agus bha e a' coimhead treis air.

"Uill," ars esan, 's e a' sìneadh a' phàiste, "seo dhutsa," ars esan, "do phàiste," ars esan. "Agus," ars esan, "tha mi glè thoilichte," ars esan, "gun robh sibh deònach a thoirt seachad," ars esan. "Agus biodh do phàiste agad," ars esan, "agus guma," ars esan, "a thèid dhut fhèin," ars esan, "agus dha do chompanach agus dha do phàiste," ars esan. "Agus bidh mise a' falbh," ars esan, "agus chan fhaic sibh gu bràth tuilleadh mi."

Agus dh'fhalbh am bodach agus dh'fhàg e am pàiste aca agus mac an rìgh agus a bhean còmhla.

Agus dh'fhalbh mise mi fhìn cuideachd còmhla ris a' bhodach a' tighinn air an rathad. Agus thàinig mi dhachaigh.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good