Somhairle MacGill-Eain: bàrdachd agus an Dàrna Cogadh.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1982.153
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Somhairle MacGill-Eain: bàrdachd agus an Dàrna Cogadh.
Tha Somhairle MacGill-Eain ag innse mun bhuaidh a bha aig an Dàrna Cogadh air fhèin agus a bhàrdachd, gu h-àraid 'Dàin do Eimhir'. Chaidh a leòn sa chogadh, agus cha robh dùil aige gun tilleadh e às. A bharrachd air seo, tha e ag aideachadh gun robh e airson bàsachadh sa chogadh. Tha luaidh air a dhèanamh air bàrdachd anns a bheil gaol is laigse a' nochdadh, m.e. 'An Ìomhaigh'. Eisimpleirean eile: 'An Cuiltheann'; 'Sgreapadal'; 'Hallaig'. Tha iomradh air a dhèanamh air bàrdachd às dèidh a' chogaidh.
Neach/Cuspair a' Chlàir
MacGill-Eain, Somhairle
Àite Clàraidh
Siorrachd - Meadhan Lodainn
Paraiste - Dùn Èideann
Baile/Àite - Dùn Èideann
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Somhairle MacGill-Eain (SM): Agus gun robh, fios agad, daoine 's [???] mar a bha mise a' smaoineachadh gun robh mo làithean glè ghoirid. Airson dà bhliadhna cha robh dùil sam bith agamsa gun tillinn às a' chogadh, idir idir.
DE: Bha mar gum bitheadh faireachdainn agaibh, gun robh sibh a' dol a bhàsachadh anns a' chogadh, an robh?
SM: Bha barrachd na sin agam. Bha barrachd na sin ann. Bha mi ag iarraidh gum bàsaichinn anns a' chogadh, ach sguir sin mus deachaidh mi thairis. Sguir sin mus deachaidh mi thairis, agus thàinig aithreachas às dèidh amaideis. Agus rinn sin... chaidh pàirt dhe sin ann am bàrdachd cuideachd. Ach, uill, tha mise a' smaoineachadh mi fhìn gun robh fear a sgrìobh mòran mun bhàrdachd agamsa, Iain Mac a' Ghobhainn, aon rud a thuirt e, tha mi a' smaoineachadh gun robh e ceart, nach robh mòran dhe mo bhàrdachd-sa coltach ri rud a thigeadh à mullach cinn duine sam bith, ach o dhuine uile, o bhith uile. Thuirt e sin, uair no dhà, ach chuir e ann am briathran... dh'fhaodadh gum biodh diofar anns na briathran anns an do chuir e e. Tha mi fhìn a' smaoineachadh sin fhathast. Bha mòran dhe mo bhàrdachd nach bu toigh leam. Cha b' urrainn dhomh coimhead oirre airson ioma bliadhna. 'S urrainn a-niste. 'S urrainn a-niste.
DE: Cha mhòr air dòigh, a bheil fhios agad, cha mhòr nach e ìomhaigh a dh'fhaodas tu a thoir dha leithid sin, cha mhòr nach e mar gum biodh an leanabh a thigeadh às do chom, a bheil fhios agad, gun mòran cothrom agad air, air dòigh.
SM: Aidh. Uill, tha mise a' smaoineachadh sin. Fios agad, rinn mi nuair a bha mi òg rudan coltach ris, 's an dàn air an robh 'An Saothach'. Bha sin dìreach... cha robh uiread de charan cumhachd o mo bhith uile air a chùl 's a bha, beagan rudan a thàinig às a dhèidh sin, agus beagan dhe rudan a thàinig ro sin. Ach mar bu trice, 's e rudan a thàinig, tha mi a' smaoineachadh, a chionn 's gum feumadh e tighinn.
Dh'fhaodadh e bhith gun deachaidh an clò dhe mo chuid-sa rudan a bha Dùghlas Young ag iarraidh an clò, oir bha esan ag iarraidh a h-uile lideadh a rinn mi a chur an clò. Mheas... tha e coltach gun robh e a' smaoineachadh ge be ge bith dè bhiodh ann, nan tigeadh e bhuamsa gun robh còir [???]. Agus fios agad, nuair a chaidh a' chiad leabhar, 'Dàin do Eimhir', a-mach fios agad, bha mise... cha robh dùil sam bith agamsa gum biodh e a-mach, agus nuair a thàinig mi air ais cha mhòr nach robh e deiseil, nuair a thàinig mi air ais à Afraga. Agus bha agam ri beagan dhe na mearachdan san eadar-theangachadh a chur ceart, agus cha robh mi airson tuilleadh 's cus dhiubh a chur ceart mus toireadh e oilbheum dhan dithis a rinn an t-eadar-theangachadh. Tha an dithis dhiubh marbh a-niste. Agus, mearachdan anns an sgrìobhadh fhèin. Agus cuideachd, rudan ann nach bithinn air a chur an clò nam biodh e air tighinn gu h-aon 's gu dhà. Bha mi a' smaoineachadh gun robh e coltach gum biodh iad a' dol an clò.
DE: Na dhèidh sin cha chreid mi gum bu chòir aithreachas a bhith oirbh.
SM: Chan eil a-niste. Ach bha airson greis. Bha airson greis, ach chan eil a-niste.
DE: Tha mise a' smaoineachadh rud sam bith a th' ann an 'Dàn do Eimhir', a bheil fhios agad, gur math 's d' fhiach iad a bhith ann. Agus gu dearbh, ma tha an còrr dheth sin aig cùl do làimhe an àite sam bith tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir e tighinn a-mach cuideachd.
SM: Uill, chan eil fhios a'm fhathast. Tha mi... tha mòran ann. Uill, tha rud math ann.
DE: Ah uill, 's math a b' fhiach e. Co-dhiù, a' tilleadh tiotan chun na puing a bha seo. Bha, mar gum bitheadh, gun tug an cogadh, an t-àm a bha sin, gun tug e liuthad rud còmhla agus gun deach iad an altaibh a chèile, 's gun tàinig bàrdachd... gun deach bàrdachd, mar gum bitheadh, fhàsgadh a-mach asaibh gu ìre.
SM: Aidh, agus gnothach sònraichte a thachair dhomh fhìn, agus a bhiodh air tachairt ged nach biodh cogadh ann, ach gun do rinn an cogadh, gun do chuir e, fios agad, gun do chuir e ruith air rudan. Agus cuideachd nach robh, fhios agad, mar gum bitheadh, gum feumainn rud a ràdha ann am bliadhna no dhà, oir cha robh mòran bhliadhnaichean gu bhith ann.
DE: Nist, a bheil e ceart fhaighneachd an e rud a thaobh buintealas pearsanta ri daoine, mar a tha gaol no a leithid sin, no an e rud co-cheangailte ri poilitigs, no...
SM: Ò gaol a bh' ann.
DE: 'S e. 'S e.
SM: Gaol a bh' ann. Ach thachair ann an rudan poilitigeach rium anns a' bhliadhna 1944. An rud a thachair ann am Poland anns a' bhliadhna siud, bha buaidh eagallach aige orm. Ach bha mi air ais, a-mach às an arm an uair sin. Fhios agad, chaidh mo leòn air an dàrna latha dhen t-Samhain 1942, 's bha mi mu naodh mìosan ann an ospadal.
DE: Nist, an e seo an suidheachadh anns an dàn, 'Latha Foghair'? Air neo an e sin... an e fear eile a tha sin? Chaidh do leòn barrachd air aon turas.
SM: Ò, 'Latha Foghair', 's e dìreach dàn cogaidh a bha sin. 'S e batal a bha sin. 'S e batal a bha sin. Batal a bha sin, latha foghair, agus 's ann sin mus deachaidh mo leòn. Ò 's ann. 'S e... thàinig 'Latha Foghair' às batal a bh' ann anns an t-Sultain. Batal ris an canadh iad Alam [el] Halfa. Agus... ach cha deachaidh mo leòn gun an dàrna latha dhen t-Samhain. An latha mu dheireadh dhe Blàr Mòr El Alamein. Ach ghreas an cogadh rudan. Agus chuir iad, mhill iad rudan air mo sgàth. Ach fios agad, bha a' bhàrdachd, bha i air a brùthadh a-mach dìreach mar a thigeadh i, gun tìde coimhead oirre às a dhèidh. 'S bha i a' dol a-mach le mearachdan 's leis a h-uile dad.
DE: Niste, a' bhàrdachd a bha seo, mar a bha sibh ga dèanamh, can nuair a bha sibh thall fairis, an robh sibh ga chur dhachaigh gu Douglas Young?
SM: Ah uill, bha a' chuid mhòr dhith dèante anns an leabhar dìreach mus deachaidh mi, cha mhòr, bha a h-uile dad dèante. Cha do chuir mi dad... Fios agad, cha deachaidh mi thairis gu deireadh... sheòl mi à Glaschu air an ochdamh latha dhen Dùbhlachd 1941, agus bha mi air a h-uile dad ann an 'Dàin do Eimhir' a thoirt dha Dùghlas ro sin. Cha do chuir mi dad... fios a'd, chan eil dàin a' chogaidh ann, fios agad.
Agus cuideachd, bha mi... cha robh fada mus deachaidh mi thairis, choinnich mi ris an Dùn Èideann. Bha mi air fòrladh. Choinnich mi ris an [???] 's bha fhios a'm gun robh mi a' dol thairis. Bha mi a' feitheamh ri dhol thairis on earrach gu 'n Dùbhlachd a' bhliadhna sin. Bha dùil agam gun d' reighinn seachdain bith, 's atharrachadh a' tighinn anns na h-òrdan, 's cha deachaidh mi gu deireadh na bliadhna. Agus mar sin... ach nuair a thàinig an leabhar a-mach, fios agad, greis mus robh esan anns a' phrìosan, agus 's e an fheadhainn a bha a' dèanamh na h-eadar-theangachaidhean, 's e dithis nach maireann, an t-Urramach MacEacharna agus Uilleam Dùghlas MacColla, agus cha robh a' Ghàidhlig aig MacColla glè làidir, agus 's iadsan a bha a' dèanamh na...
DE: An t-eadar-theangachadh.
SM: Ach rinn mi beagan atharrachaidhean nuair a thàinig mi dhachaigh, agus rinn mi e a chionn 's gu... och, bha mòran rudan nach bu toigh leam atharrachadh, far an robh mearachdan.
DE: Tuigidh duine sin cuideachd. Nist, ge-tà, saoil, rudeigin... tha mi a' togail seo o rudeigin a thuirt sibh fhèin dìreach o chionn mionaid no dhà air ais. An e, mar gum bitheadh, na gnothaichean a bha seo aig àm a' chogaidh agus dìreach mun do dh'fhalbh sibh, a bhrùchd a-mach mar gum bitheadh. An e seo a thug oirbh, mar gum bitheadh, beachd a ghabhail oirbh fhèin mar bhàrd, mar dhuine a bha, mar gum bitheadh, cha mhòr... a bha còir a bhith a' dèanamh bàrdachd?
SM: Uill, tha mi a' smaoineachadh gur e. Fhios agad, airson faisg air dà bhliadhna, on an Dùbhlachd ann an 1939 gu Lùnastal anns a' bhliadhna 1941, bha fhios agamsa gun robh mi a' dol dhan arm, agus cha robh ann dìreach uair sam... agus bha mi san arm mòran dhen àm. Agus cha robh dùil sam bith agam ri tilleadh às an arm. Cha robh dùil sam bith agam ri tilleadh. Agus cha robh... fios agad... nuair a sgrìobh mise siud, 'Tha Aodann ga mo Thathaich', 's ann anns an... tha mi a' smaoineachadh gur ann anns an Iuchar a chaidh sin a dhèanamh, 1941, bha dùil agamsa gun robh an gnothach seachad dhuinn uile. Bha na Gearmailtich, mura robh iad aig an Dnieper, bha iad glè fhaisg air. Bha mi a' dol thairis. Cha robh dùil sam bith agam, aig an àm sin, ri tilleadh às a' chogadh, 's bha dùil agam... bha dùil agam, fhios agad... cha robh Ameireaga anns a' chogadh, agus nam faigheadh Hitler buaidh air Ruisia, dè bha air fhàgail? Bha an Roinn Eòrpa deiseil, na mo bharail-sa. Fios agad, bha gun deach iadsan cho luath tro Ruisia 's gun do ràinig iad an Dnieper aig an àm sin, no bha iad glè fhaisg air, bha dùil a'm gun robh a h-uile dad... gum biodh a' bhuaidh gu tur aig Hitler, agus gum maireadh e. Gum maireadh an rud. Agus bha mise anabarrach buailteach, aig an àm sin, air caran droch shealladh a thoirt orm fhìn. Agus nan nochdadh e do dhaoine gur e laigead a bh' annam, nuair nach b' e, mar a thuirt mi ann an dàn às dèidh sin, chan eil mise càirdeach idir dha Uilleam Ros, idir, idir, idir. Agus, fios agad, bha dàin a' dèanamh sin soilleir, ach cha robh iad a' dol a thighinn follais gu sìorraidh, bha mi a' smaoineachadh an uair sin. Uill, 's fheàrr dhut ceist eile a chur orm.
DE: Ò Dhia, tha seo anabarrach math. Tha seo anabarrach math. An robh thu, mar gum bitheadh, a' feuchainn ri taobh dhìot fhèin a dhiùltadh aig an àm a bha sin? Air neo an e, mar gum bitheadh, nach robh thu airson taobh àraid dhìot a leigeil an làthair dhaoine?
SM: Tha a' cheist sin air a freagairt ann an dàn beag. [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]
DE: A' cheist a chuir mi mu dheidhinn a bhith a' dubhadh às no ag àicheadh... a' dol às àicheadh rudeigin, dè...
SM: Uill, tha a' cheist sin air a freagairt anns an dàn... ann an corra dhàn a chuir mi a-mach às dèidh a' chogaidh. Am fear ris an can iad 'An Ìomhaigh', fear mu dheidhinn, chan eil mise càirdeach idir dha Uilleam Ros, fear eile ris an can iad 'Aithreachas', agus dhà no trì eile, tha a' cheist sin air a freagairt ann. Bha mise ann an suidheachadh... chaidh mo chur ann an suidheachadh, agus anns an t-suidheachadh anns an robh mi, leig mi ris an t-saoghal laig annam fhèin nach robh annam. Uill, chan e laig a th' annam a bh' innte co-dhiù. Bheil thu a' tuigsinn?
DE: Tha, tha mi a' smaoineachadh.
SM: Chan e laig a bh' air Uilleam Ros a bh' innte. No air Yeats. Ged a leig mi ris an t-saoghal uair gum b' e. Ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin gu leòr mun an rud sin, dè?
DE: Glè mhath. Glè mhath. Tha mi dìreach... tha mi a' fàgail sin agaibh fhèin, dìreach dè an ìre aig a bheil sibh ag iarraidh cumail air cuspair sam bith. Thoradh, chan eil mi a' smaoineachadh gum biodh e ceart... air dòigh tha mi ag iarraidh a bhith gur tarraing, ach air dòigh eile...
SM: Uill, air do sgàth fhèin bha dùil agamsa nach b' urrainn am boireannach a bha sin mise a phòsadh, no duine eile air an t-saoghal. 'S bha dùil agam sin cha mhòr gus an deachaidh mi thairis. 'S chaidh mi thairis ann an droch staid, oir am measg rudan eile bha uabhar mòr Chlann 'IllEathain air bualadh gu dìol. Agus cha b' ann a chionn gun robh mi lag, ach a chionn gun robh mi na mo sheòrsa de dh'amadan, ann an sùilean an t-saoghail co-dhiù. Uill, a bheil ceist eile agad?
DE: Am faod e a bhith, ged nach biodh na gnothaichean sin air tachairt buileach anns an dòigh a bha seo, ged nach robh na gnothaichean a bha seo a thaobh gaoil, ged nach robh an cogadh air tighinn buileach mar a thàinig e, a bheil sibh a' smaoineachadh, a dh'aindeoin sin, gum biodh sibh ri bàrdachd, ged 's dòcha nach b' e an aon seòrsa bàrdachd a bhiodh ann?
SM: Uill, tha e uabhasach doirbh dhomh sin a ràdha. Fios agad, tha mi a' smaoineachadh air dòigh gum bitheadh. Tha mi a' smaoineachadh air dòigh gum bitheadh, gum biodh, fios agad... ò uill, tha mi a' smaoineachadh gum bitheadh. Ach, tha mi a' smaoineachadh gum biodh mòran... nam bitheadh mòran bàrdachd ann, gum biodh mòran nach cuirinn an clò, nam biodh iad coltach ris na thachair, tha mi a' smaoineachadh. Tha mi a' smaoineachadh gur e an cogadh a bhith ann, agus na rudan eile a bhith ann mar a bha iad, gun tug iad seòrsa de thogail. Agus cuideachd bha rud ann, gun robh Dùghlas Young, gun robh e dìreach, mar gum biodh e dìreach na bhoil airson a h-uile dad a dhèanainn a chur a-mach, eadar-theangachadh 's a h-uile dad. Bha e, fios a'd, bha Dùghlas, 's ioma argamaid a bh' agam ris mu dheidhinn rudan poilitigeach, ach feumaidh mi ràdha, fios agad, dìreach gun tug e orm [???].
DE: Ò uill 's math gun tug.
SM: Uill, ò tha mi a' smaoineachadh.
DE: Agus a-nist, rud eile. A' bhàrdachd a rinn sibh às dèidh a' chogaidh, a' bhàrdachd a tha sibh a' dèanamh suas chun an latha an-diugh, a bheil i mar gum bitheadh a' leantail na h-aon stèidh? A bheil i a' tighinn às na h-aon gluasadan sin? A bheil i a' tighinn às na h-aon aignidhean mar gum bitheadh?
SM: Air dòigh, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil barrachd dhen a' cheann innte a-niste, fios agad. Gu bheil barrachd dhen an, mar gun canadh tu, dhen an reusan shuidhichte innte, na bh' anns a' chiad rud. Agus cuideachd, tha mi a' fàs sean, agus...
DE: Chan eil anns na h-aignidhean ge-tà, gu ìre.
SM: Uill, chan eil fhios a'm. Tha e glè dhoirbh sin a ràdha. Ach a-niste, fios agad, bu thoigh leam barrachd de seòrsa de dh'fheallsanachd a chur innte, ach tha mi a' faicinn cuideachd, fios agad, nach dèan feallsanachd fhèin bàrdachd mura h-eil buaireadh air choreigin eile ann. Sin an rud.
DE: Sin agad an rud.
SM: Feumaidh buaireadh eile a bhith ann. Agus chan eil am buaireadh cho làidir a-nist. Air dòigh. Chan eil am buaireadh pearsanta ann, mar a bh' ann. Ach, fios agad, uill 's e am buaireadh a-niste dìreach cor an t-saoghail.
DE: 'S e. Uill, abair anns a' Chuiltheann, na chunna mise dheth, a bheil fhios agad, tha seo... tha cor an t-saoghail a' tighinn a-staigh ann a shin, nach eil? 'S tha am buaireadh gu math làidir.
SM: Bha 'An Cuiltheann' uile deiseil mus do... Bha 'An Cuiltheann', cha robh dad air a chur ris a' Chuiltheann às dèidh na Dùbhlachd 1939.
DE: Nach robh gu dearbh?
SM: Ò cha robh. Bha e... tha mòran ann an 'Dàin do Eimhir' nas... a thàinig às dèidh a' Chuiltheann. A h-uile dad a th' anns a' Chuiltheann, chaidh a' chiad dà earrann dheth a dhèanamh mus do thòisich an cogadh, agus chaidh na h-earrannan mu dheireadh a dhèanamh uile ro deireadh na Dùbhlachd 1939.
DE: Cha robh fhios a'm air a sin.
SM: Ò bha. Bha uile, uile, uile. Agus 's e an rud a thachair dhomh anns an Dùbhlachd sin a chuir crìoch obann air a' Chuiltheann. Ach nuair a chunnaic feadhainn coltach ri Dùghlas agus Mac a' Ghrèidheir na rinn mi, ò bha iad dìreach air bhoil le seo - chaidh mòran ceàrr, thod! Fhios agad, bha sin... rinn mi... bha mi ann an staid neònach anns a' bhliadhna, a' bhliadhna a thàinig mi air ais à Afraga, 1943. Bha mi air a bhith ann an ospadail, 's bha mi ann an... 's ann an luingeas-ospadail, agus ann an ospadail - trì san Èipheit, 's sìos ann an long-ospadail, ann an luing-ospadail gu Afraga mu Dheas, agus an uair sin suas faisg air Johannesburg, 's an uair sin a' tighinn dhachaigh ann an luing-ospadail eile, 's an uair sin ann an ospadal an Sasainn, 's mu dheireadh ann an ospadal an Inbhir Nis. Agus... ach a h-uile dad a chaidh a dhèanamh on uair sin cha robh e ann an 'Dàin do Eimhir'. Cha robh dad ann an 'Dàin do Eimhir' a rinneadh às dèidh Lùnastail 1941.
DE: Agus, ge-tà, nach robh sibh fhèin a' coimhead air a' Chuiltheann mar rud a bha gun chrìochnachadh, mar gum bitheadh?
SM: Ò bha, bha. Ach gun tàinig sgiorrach... cha b' urrainn dhomh a dhol air adhart leis. Agus air dòigh, 's e an rud a lean e 's e 'Coilltean Ratharsair'. Chaidh 'Coilltean Ratharsair' a dhèanamh as t-samhradh 1940, mus deachaidh mi dhan arm. Cha robh dad a dh'atharrachadh. Fios agad, tha e anns a' chiad leabhar. Tha mi a' smaoineachadh, fios agad, gur e sin... bha e dìreach on a sguir 'An Cuiltheann' 's nach b' urrainn dhomh a dhol air adhart leis. Siud an dèidh beag... siud a rudan. Fhios agad, tha cuimhn' agam air sin ceart gu o chionn greis, thuig mi, agus thàinig a' chuimhne air ais dhomh, gun robh mi a' smaoineachadh aig an àm, o nach b' urrainn dhomh a dhol air adhart leis. Ò, sgaran a chaidh a dhèanamh rium, nuair a thàinig mi air ais airson 'An Cuiltheann' a chur an clò mar a bha e, 's ò, a' chuid mhòr dheth chan eil e math idir, idir. Fios agad, a' chuid mhòr dheth chan eil na samhlaidhean a rèir a' chuspair. A' chuid mhòr dheth. Ach gu bheil beagan dheth, pìosan a chaidh a chur an clò, fada fada nas fheàrr na... mar a tha e, mar a tha a' chuid mhòr dheth. Tha a' chuid mhòr dheth uabhasach dona.
DE: Agus tha a' chuid mhath dheth nach deach a chur an clò?
SM: Ò, a' chuid mhòr dheth. Cha deachaidh a' chuid mhòr a chur an clò. Ach chan eil e math, chan eil e math. Ged a bha feadhainn eile a' smaoineachadh gun robh. Fhios a'd, bha Dùghlas Young, ge bith dè dhèanainn-sa, bha e dhen a' bheachd gun robh e anabarrach, agus bha MacDiarmaid dhen a' bheachd sin cuideachd. Uill, mun a' Chuiltheann.
DE: Uill gu ìre, bheil fhios agad, gu ìre bha iad ceart.
SM: Chan eil fhios a'm. Tha mi fhìn a' smaoineachadh gu bheil an rud a chuir mi... a' chrìoch a thàinig air, gu bheil sin math, agus pìos an siud 's an seo. Pìos an siud 's an seo.
DE: Co-dhiù, a' tilleadh gu, fios a'd, barrachd dhen fheallsanachd, barrachd dhen a' cheann a' tighinn a-staigh, barrachd dhen an dòigh anns a bheil sibh a' gabhail beachd air an t-saoghal, 's dòcha. Seo an dòigh anns a bheil sibh gur faicinn fhèin a' sgrìobhadh a-niste?
SM: 'S ann, air dòigh, ach gu bheil mi a' faicinn gum feum am buaireadh a bhith ann, am passion a bhith ann, mus tig e beò gu ceart.
DE: Am biodh, abair, am bitheadh 'Uamh an Òir', am biodh e na eisimpleir air a seo?
SM: Uill, tha mi a' smaoineachadh, 'Uamh an Òir', gun do dh'fheuch mi rud anabarrach doirbh. Gun do dh'fheuch mi rud tuilleadh 's doirbh dhomh. Gum faodadh e dhol air adhart, fios agad, gu sìorraidh, gun chrìch. Sin an rud. Sin an rud, fios agad, tha leithid de... gum faodadh e dhol air adhart, 's chan eil fhios a'm ciamar as urrainn crìoch a dhol air.
DE: Ge-tà, tha an dà chuid, an ceann agus an anam a' tighinn a-staigh ann a shin, nach eil?
SM: Tha. Tha. Niste, an dàn mu dheireadh a chuir mi an clò, tha e a' feuchainn mar gum biodh rud nach do rinn mi riamh roimhe, seòrsa de... feuchainn ri ath-dealbh a dhèanamh dhe àite.
DE: Cò an dàn a tha seo, Shomhairle?
SM: Fear ris an can iad 'Sgreapadal'. Am faca tu e?
DE: Chunnaic.
SM: A' feuchainn ri dealbh a dhèanamh dhe àite, agus às dèidh sin an eachdraidh, eachdraidh an àite, agus mar a tha e an-diugh, 's mar a tha an saoghal ùr a' bualadh air an-diugh.
DE: Ge-tà, tha a-rithist an dà chuid a' tighinn a-staigh. Tha an t-anam a' tighinn a-staigh gu làidir dhan a' ghnothach a tha seo.
SM: Uill, dh'fhaodadh gu bheil, ach... Tha mi a' smaoineachadh, fios agad, nach eil am buaireadh fa chomhair cor an t-saoghail. Tha mi a' smaoineachadh airson a' bhàrdachd as fheàrr, gum feum buaireadh eile a bhith ann cuideachd.
DE: Gum feum e rud nas pearsanta na sin?
SM: A bhith ann cuideachd. Sin a tha mise a' smaoineachadh co-dhiù. Dh'fhaodadh gu bheil mise, fios agad, a' dèanamh... ag argamaid o mo thaobh fhìn.
DE: Tha mi a' smaoineachadh gum faod e a bhith gu bheil sibh glè cheart. Agus, niste, càite... tha fhios a'm ceist a bhios daoine a chur oirbh tric, ach càite... chan eil fhios a'm a bheil iad a' cur na ceist anns an dòigh a tha seo. Càit a-nist a bheil seo a' fàgail rud mar a tha 'Hallaig'?
SM: Uill, tha 'Hallaig', uill tha mi a' smaoineachadh, rud mar a tha 'Hallaig' gu bheil e sin rud nach eil caran ann an tìm sam bith. Cuid de dhaoine, tha iad a' faireachadh mar a tha tìm a' ruith, ach aig an aon àm ma tha rud ann, ma tha bith aig rud uair sam bith, gu bheil e sìorraidh air dòigh. Ach tha fhios a'm, agus sin an rud a tha 'Hallaig', fios agad, a' cur an cèill, fios agad. Seòrsa de chòmhstri eadar an fhaireachaidh gu bheil rudan, rud a bha ann gu bheil e ann fhathast air dòigh, ach gu bheil tìm a' ruith cuideachd 's a' falbh. Agus, mar sin, tha an dàn seo, 'Sgreapadal', air dòigh, air a chur mu choinneimh 'Hallaig', a' dèanamh seòrsa de dealbh eile air an aon rud, ach cuideachd ga dhèanamh nas saoghalta, co-dhiù dhen t-saoghal ùr. Barrachd dhen t-saoghal ùr ann.
DE: Tha, ach tuigidh duine mar a tha iad a' tighinn mar gum bitheadh às an aon fhreumh, gu ìre. 'Hallaig', tha mise a' smaoineachadh gur e rud mìorbhailteach a th' ann an 'Hallaig', 's cha do... cha chreid mi gun aithne dhomh dad a tha buileach coltach ris idir, idir, idir. Bheil fhios agad, tha e... Chan eil mi a' ràdh gu bheil mi ga thuigsinn ceart, ach tha leithid de rudan air tighinn an uachdar ann an 'Hallaig' a tha a' ciallachadh mòran dhòmhsa.
SM: Uill, 's ioma duine... tha mòran dhaoine ag ràdh sin rium.
DE: Tha mise a' smaoineachadh gur dòcha gur e seo, air dòigh, gur dòcha gur e seo... a' bruidhinn air bàrdachd an latha againn, na linn againn fhèin, bàrdachd an latha an-diugh, a' bhàrdachd ùr ann an Gàidhlig, gur dòcha gur e, air mo shon-sa co-dhiù, 's dòcha gur e 'Hallaig' an gràinne mullaich, a bheil fhios agad. Tha e damaite math. Tha e iongantach math. Agus 's e seo...ma tha... nam biodh tu a' dol a dh'fhaighneachd do dhuine, nam biodh tu a' dol a dh'fhaighneachd dhòmhsa, "Smaoinich air dàn a dh'fheumadh fìor bhàrd a bhith air a dhèanamh," tha sin tha mi a' smaoineachadh, tha sin, bheil fhios agad, siud agad aonan dhiubh co-dhiù.
SM: Uill.
DE: 'S e rud a tha a' cur an iongnaidh ormsa, ciamar a tha rud mar a tha 'Hallaig' a' tachairt? Ciamar a tha e a' tighinn gu bhith? 'S e, fios agad, air cruthachadh.
SM: Uill... [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math