Buaidh na h-eaglaise air cànan, ceòl, òrain, is eile.
Track Information
Original Track ID
SA1982.154
Original Tape ID
Summary
The church's effect on language, music, song, etc.
Sorley MacLean says that the church had a great effect on music and song on Raasay; it was generally against these worldly practices, especially the communicants. On the other hand, the church was beneficial to the Gaelic language. During the communion seasons, visitors with their different dialects would be heard. Mention of 'The Evangelical Revival', and the Reverend MacRae - an upright and kind man.
When Sorley's father was in school, the speaking of Gaelic was not forbidden. The headmaster, Alasdair MacFarlane, spoke to them in Gaelic.
Mention of weddings, piping, dancing and singing. Mention also of waulking: when the custom of waulking the cloth died out, many of the very old Gaelic songs disappeared. Màiri Mhòr nan Òran used to travel the country to attend waulkings. Sorley remembers a man who met her on Raasay.
Recording Location
County - Midlothian
Parish - Edinburgh
Village/Place - Edinburgh
Item Location
County - Inverness-shire
Island - Raasay
Parish - Portree
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Somhairle MacGill-Eain (SM): Uill, tha mi a' smaoineachadh gun robh buaidh mhòr aca an aghaidh ciùil agus an aghaidh òrain, ach bha teaghlaichean ann a chumadh sin a dh'aindeoin.
DE: 'S bha seo ann an Ratharsaigh fhèin?
SM: Ò, bha seo an Ratharsair fhèin. Ach feumaidh tu cuimhneachadh, bha an eaglais, coltach ris an Eaglais Shaor Chlèireach agus an Eaglais Shaor mar a bha iad aig an àm, cha bhiodh còignear às a h-uile ceud a' gabhail comanachaidh, agus mòran dhe na daoine nach robh a' gabhail comanachaidh, ged nach cailleadh iad searmon uair sam bith, uill nuair a bhiodh rudan ann coltach ri bainnsean 's an dèidh beagan deoch, agus fios agad, cha robh an dà eaglais sin riamh ag ràdha nach robh còir aig duine deoch-làidir òl uair sam bith, fios a'd, bha òl fìona sa Bhìoball, agus tha fhios aig a h-uile duine nuair a, fios agad, mar a thèid aon drama gu dà dhrama 's gu trì dramaichean, agus an uair sin, fios agad, bhiodh na h-òrain fhaoine 's na dannsaichean, bhiodh iad dìreach mar gum biodh iad a' tighinn chan eil fhios cò às, agus bha fad a bharrachd eòlais, nuair a bha mi fhìn òg, air rudan sin am measg an t-sluaigh na shaoileadh duine.
Ach bha luchd-aideachaidh glè fhada an aghaidh sin. Tha cuimhn' agamsa, duine dhem aois fhìn ag ràdha mu athair, 's ann anns an Eaglais Shaor a bha an duine seo, gun robh athair anabarrach eòlach air eachdraidh 's rudan mar sin, 's gun robh e na phìobaire, agus nuair a bhiodh a mhac a' faighneachd dheth mu dheidhinn eachdraidh, eachdraidh dhaoine, 's ann a stadadh e agus chanadh e:
"'S e obair fhaoin a tha sin."
Eadhon eachdraidh fhèin, chan e eachdraidh [???] no eachdraidh dìreach, ach eachdraidh, nach robh dad, fios agad, no gur e obair fhaoin a bh' ann. Agus, fios agad, tha e... uill bha feadhainn ag ràdha rium, ged nach cuala... chan eil cuimhn' agamsa gun cuala mi riamh e, seo, ach bha feadhainn ag ràdha gun canadh iad... gum bruidhneadh iad mu àm nuair an thàinig an Soisgeul, agus bhiodh sin a' ciallachadh nuair a thàinig an Dùsgadh Mòr ann an toiseach na 19mh linne, nuair a thàinig... uill, can nuair a thàinig am fear ud MacFhearchair dhan Eilean Sgitheanach. Tha e coltach gun robh rud anns an Eilean Sgitheanach mus robh e ann an Leòdhas 's anns na Hearadh, fios agad, oir tha e coltach gum biodh diadhairean a' tighinn às Leòdhas 's às na Hearadh a choimhead air an Dall Munrotha mar a chanadh iad. Tha iad a' bruidhinn, fios agad, gu bheil Leòdhasach ainmeil ris an canadh iad Murchadh Mòr nan Gràs, gu bheil e air a thiodhlacadh ri taobh an Doill ann an Cladh Shniothasort. Fear a thàinig a choimhead air agus dh'fhàs e tinn nuair a bha e a' coimhead air, agus dh'iarr gum biodh e... Ò bha an Dall beò aig an àm agus, tha fhios agad gun tug Iain Gobha na Hearadh ainm Dhòmhnaill Mhunrotha air a mhac bu shine aige.
DE: Agus seo mar gum bitheadh an Dùsgadh a thàinig toiseach na 19mh linn, an Evangelical Revival mar a chanas iad, nach e? 'S e. Uill, nist ge-tà, dh'fhaodadh e a bhith, nach fhaodadh, cha robh a h-uile duine a bha ag aideachadh, no a' comanachadh mar a chanadh iad, anns an Eaglais Shaor no anns an Eaglais Shaor Chlèireach, cha robh a h-uile duine a bha a' comanachadh buileach cho cumhang sin. Bha gu leòr dhiubh a bhruidhneadh air eachdraidh 's air sloinneadh 's air a leithid sineach.
SM: Bha, ach mar bu trice cha bhruidhneadh. Mar bu trice. Uaireannan dh'fhaodadh iad sin a dhèanamh ach mar bu trice cha dèanadh. Ach bha daoine eile nach robh nan luchd-aideachaidh, agus feumar cuimhneachadh cho ainneamh 's a bha luchd-aideachaidh. Anabarrach ainneamh.
DE: Bha. Nist, bha gu leòr dhen fheadhainn, tha cuimhn' agaibh fhèin air a seo math gu leòr tha mi cinnteach, agus tha cuimhn' agamsa air cuideachd, bha gu leòr ann a bha, abair, mar a thuirt sibh, a' dol dhan eaglais daonnan 's bhiodh iad a' gabhail an Leabhair a-staigh moch 's anmoch, ach cha robh iad nan luchd-aideachaidh.
SM: Ò, a' chuid mhòr. A' chuid mhòr. Agus...
DE: Mar sin, chan e a-mhàin an luchd-aideachaidh a bhiodh a' gabhail an Leabhair a-staigh?
SM: O chan e, ach cha mhòr a h-uile duine. Niste, tha mise a' smaoineachadh seo. Nuair a sguir na luadhaidhean, chailleadh mòran dhe na fìor sheann òrain. Agus mar sin, tha mi a' smaoineachadh nuair a bha mise òg, gun robh mòran òrain am measg an t-sluaigh nach robh cho sean, fios agad, nach biodh ach mu 50 bliadhna no 60 bliadhna 's rud mar sin, oir, fios agad, tha mi a' smaoineachadh gun tàinig seòrsa de lagachadh air cruas na h-eaglaise, fios agad. Uill, fios agad, bha Ratharsair air leth, oir bha naodh... 's ann san Eaglais Shaor Chlèireach a bha barrachd na naodh creutair a-mach às a h-uile deich. 'S ann anns an Eaglais Shaor fhèin a bha càch. Ach tha mi cinnteach gun tuirt sinn mar-thà e, tha mi a' smaoineachadh gun do rinn na searmoin fhada agus na bh' ann, gun do rinn e mòran feum dhan a' chànan air dòigh eile. Ò, anabarrach tha mi a' smaoineachadh. Tha mi a' smaoineachadh gun do rinn.
DE: Ò rinn. Rinn Gàidhlig na searmoin, bha e a' toir mar gum bitheadh... bha e mar gum bitheadh a' toir seòrsa cainnt eile a-staigh dhan a' chànan nach robh ann gu bitheanta.
SM: 'S e, agus cuideachd le bhith aig àm comanachaidhean, 's ministearan 's èildearan a' tighinn à àite eile, bha iad a' faighinn eòlas air gnàthasan Gàidhlig o cheàrnaidhean eile dhen dùthaich. 'S mar a bha mi ag ràdha riut, fios agad, bha m' athair, uill bha am maighstir-sgoile a bha an Ratharsair, 's ann à, aig an àm nuair a bha m' athair òg, 's ann às sìos taobh a deas Siorrachd Earra-Ghàidheal a bha e. Agus bhiodh e a' bruidhinn mòran Gàidhlig. Ris a' chlann san sgoil. Ris a' chloinn san sgoil. Agus cuideachd bhiodh e, tha mi cinnteach gum biodh e... ò bha esan, fios agad, bha e na phearsa-eaglais cuideachd.
DE: Dìreach aon cheist mu dheidhinn sin. Cha robh... nuair a bha ur n-athair a' dol dhan sgoil, an robh e air toirmeasg dhan chloinn a bhith a' bruidhinn Gàidhlig, can timcheall air an sgoil no sìon mar sin?
SM: Uill, cha chreid mi gun robh MacPhàrlain, oir bhiodh e fhèin a' bruidhinn Gàidhlig. Cha chuala mi riamh gun robh MacPhàrlain a' dèanamh sin. Agus 's e duine anabarrach a bha am MacPhàrlain. Alasdair MacPhàrlain an t-ainm a bh' air. 'S e duine anabarrach a bh' ann, an obair a bha an duine a' dèanamh, agus cha chuala mi riamh gun robh e a' toirmeasg Gàidhlig, agus 's ann a bhiodh e a' toirt far-ainmean air cuid dhen a' chloinn, agus far-ainmean Gàidhlig. Ò 's e duine... agus tha e coltach gum biodh feadhainn dhen a' chlann ag argamaid ris ann an Gàidhlig.
DE: Uill, uill. Ach cha bhiodh e a' toir dhaibh leughadh no sgrìobhadh ann an Gàidhlig uair sam bith, am bitheadh?
SM: Ò uill, fhios a'd, sin an rud nach eil fhios a'm. Cha chreid mi gum bitheadh. Cha chreid mi gum bitheadh. Ach fios agad, leis a' Bhìoball 's leis na searmoin bha iad uile math air Gàidhlig a leughadh. Gàidhlig a' Bhìobaill co-dhiù. Agus cuideachd bhiodh leabhraichean aca, fios agad, eadar-theangachaidhean coltach ri 'Turas a' Chrìosdaidh' 's rudan mar sin. Bha sin, fios agad, air an eadar-theangachadh an Gàidhlig. Fios agad, bhiodh sin anns a h-uile taigh.
DE: Bha, dìreach. Nist, saoil an innis sibh dhomh fhathast, an naidheachd bheag a bha sibh ag innse dhomh mu dheidhinn pòsadh a bha siud agus bha... ciamar a bh' ann a-nist?
SM: Ò, an Eaglais Holmain. An Eaglais Holmain. Bha pòsadh an Eaglais Holmain, 's bha latha fliuch ann 's bha còtaichean air daoine a-staigh an eaglais, 's bhiodh iad a' falbh, chan eil fhios a'm an ann dhan Tòrran no a dh'Àrnais chun na bainnse, 's bha am ministear, agus ah, 's e duine anabarrach math a bh' ann. Bha a h-uile duine ag ràdha, bha e... uill, bha e ag ràdha riutha gun robh e an dòchas nach biodh dannsa agus pìobaireachd aig a' bhanais às dèidh an rud, agus bhuail fear am pìobaire, agus bha a' phìob fo chòta agus leig am màla a-mach... uill, leig e a-mach fuaim, leig am màla a-mach co-dhiù, agus thàinig snodha-gàire air aodann a' mhinisteir 's cha tuirt e dad. Fhios agad, bha fhios aca... tha mi cinnteach gun robh fhios aca co-dhiù ged a bhiodh an dannsa agus a' phìobaireachd air an toirmeasg, gun toireadh beagan dhen òl beò iad.
DE: Agus cha robh an t-òl air a thoirmeasg chun na h-aon ìre, bha sibh a' ràdh, idir?
SM: Ah uill, cha robh. Chan e... fios agad, bha iad ag ràdha, cha robh còir duine an deoch a ghabhail, ach fios agad, bha deoch-làidir, bha fìon anns a' Bhìoball agus mar sin cha robh e air a thoirmeasg gu tur.
DE: Agus a bheil sibh... an innis sibh dhomh fhathast a-nist cò am ministear a bha seo? Bha sibh a' ràdh gur e duine gu math ainmeil a bh' ann?
SM: Uill, chan eil fhios a'm an robh e anabarrach ainmeil. 'S e fear MacRath a bh' ann. 'S ann às Srath Charrann a bha e, agus mu àm deireadh a' Chogaidh Mhòir dh'fhàg e an eaglais Shaor Chlèireach 's chaidh e dhan Eaglais Shaor còmhla ri fear ris an canadh iad MacÀidh Mòr. Chrìochnaich e na phroifeasair ann an Colaiste an Eaglais Shaoir. Ach a h-uile dad a chuala mi riamh mu MacRath seo, bha iad ag ràdha gur e duine anabarrach math a bh' ann. Duine anabarrach ceart, còir, coibhneil. Cha chuala mi duine riamh ag ràdha ach gur e duine dìreach air leth a bh' ann air a h-uile dòigh, seòrsa de: "Sin an duine a bha uabhasach math dha feadhainn a bhiodh iad tinn," 's a h-uile dad mar sin a chanadh iad mu dheidhinn.
DE: Agus cuin a-nist a bha a' bhanais seo ann, a Shomhairle?
SM: 'S ann beagan bhliadhnaichean ron a' Chiad Chogadh.
DE: Agus an innis sibh dhomh fhathast cò am pìobaire a bh' ann?
SM: Bha, Seumas Iain Uilleim. Dhe na daoine, dhe na... uill, dhe... Bha e fhèin agus Uilleam, mar a chanadh iad, Uilleam Eairdsidh, Uilleam Chill Chreagain, bha iad... mic an dithis bhràthar.
DE: Bha, dìreach. Nist, bha sibh a' ràdh, ri ur cuimhne fhèin, bha, 's dòcha... bha sibh a' canail gur dòcha gum biodh banais a' dol fad ùineachan 's nach biodh guth air ceòl no dannsa no a leithid sin. Cuin a bha sibh a' ràdh... 's dòcha, dè, suas gu...
SM: Uill, bhiodh e doirbh a ràdha. Bhiodh e doirbh a ràdha, ach ged a... dh'fhaodadh feadhainn a bhith ann nach gabhadh òrain gus an robh an deoch mhath orra. An uair sin thigeadh na h-òrain agus bha e anabarrach na bh' ann dhiubh.
DE: Agus bha sibh a' ràdha gur dòcha gun tòisicheadh a' phìobaireachd 's an dannsa 's na h-òrain 's dòcha mu uair sa mhadainn no às a dhèidh sin 's gun ghuth orra ron sin?
SM: Glè thric. Glè thric.
DE: 'S bha e mar gum biodh an gnothach air a chumail fo thuinn, mar gum bitheadh, 's gun tàinig e an uachdar...
SM: Uill, fios agad, bhiodh an luchd-aideachaidh, cha bhiodh iad an làthair. Cha bhiodh iad an làthair.
DE: Ach bhiodh fhios aca math gu leòr dè bha a' dol air adhart?
SM: Ah uill, bhiodh e doirbh dhaibh gun fhios a bhith aca. Bhiodh e doirbh dhaibh gun fhios a bhith aca.
DE: Niste, aon cheist eile. An robh luadhadh agus a leithid sin, an robh e air sgur ann an Ratharsair mus 'eil cuimhn' agaibhse?
SM: Ò bha. Bha e air sgur mus robh cuimhn' agamsa, ach dìreach, nuair a thàinig mi air ais às an arm, bhithinn ag iasgach glè thric còmhla ri duine ris an canadh iad Eòghann Alasdair Bhig Alasdair [???], agus 's e duine anabarrach fiosrach... Ò, bha e eòlach air mòran rudan, 's bha cuimhn' aigesan air Màiri Mhòr nan Òran a' tighinn gu luadhadh ann an Rònaigh.
DE: An robh gu dearbh?
SM: Ò, tha e coltach gum biodh Màiri Mhòr a' siubhal na dùthcha, o luadhadh gu luadhadh. Chan eil fhios a'm dè an aois a bhiodh i an uair sin, ach bha... Chan eil fhios a'm a-niste cuin a bha an luadhadh mu dheireadh an Ratharsair no an Rònaigh. Ach fhios agad, feumaidh duine cuimhneachadh, chaidh a leithid de dhaoine a chur dhe ceann a deas Ratharsair, 's an fheadhainn nach deachaidh thairis a Chanada no a dh'Astràilia, bha iad shìos ann an ceann shìos Ratharsair 's ann an Rònaigh, agus tha mi a' smaoineachadh, fios agad, gun robh na seann nòsan, mar a thuirt mi roimhe, gun robh iad... gun robh barrachd dhiubh, uill, gun robh seann spiorad co-dhiù, na bu treasa ann an ceann shìos Ratharsair 's ann an Rònaigh na bha iad sa cheann a deas. Fios a'd, bha an Taigh Mòr, air dòigh, mar a bha mi...
DE: Bha. Bha sibh a' ràdh sin.
SM: ...milleadh a' chinn a deas. Ach 's e rud eile a ràdha, bha na daoine sin uile, air a' cheann shìos agus ann an Rònaigh, 's ann dhen Eaglais Shaor Chlèireach a bha iad. Chaidh iadsan cha mhòr uile, ò chaidh, dhan Eaglais Shaor Chlèireach. 'S e glè corra dhuine nach deachaidh.
DE: Saoil a-nist am biodh cuimhn' aig ur màthair fhèin nuair bha i òg, am biodh cuimhn' aicese air an luadhadh a bhith a' dol an Ratharsair? Uill, 's anns a' Bhràighe gun teagamh...
SM: 'S ann. Uill, fios agad, sin an rud nach eil fhios a'm. Chan eil cuimhn' a'm air sin glè mhath. Ach bha cuimhne glè mhath aice air Màiri Mhòr a' tighinn a choimhead oirre, fios agad, bha Màiri Mhòr a' tagairt càirdeas oirre. Niste, fios agad, rugadh mo mhàthair bliadhna Achd nan Croitearan, sin 1886. Agus mar sin, bhiodh i mu cheithir-deug... mu dhusan, a' bhliadhna a chaochail Màiri Mhòr. Bhiodh i mu dhusan nuair a chaochail Màiri Mhòr. Ach fios agad, siud rud nach eil cuimhn' a'm mu dheidhinn, cuin a bha an luadhadh mu dheireadh ann.
DE: Ann an Ratharsaigh?
SM: Dh'fhaodainn am fios ud fhaighinn a-mach, cuin a bha an luadhadh mu dheireadh an Ratharsair.
DE: Agus an robh e a' dol... bha e a' dol ann an àiteachan san Eilean Sgitheanach às a dhèidh sineach, tha fhios? Ann an cuid a dh'àiteachan.
SM: Ah chan eil mi ro chinnteach. Ach fios agad rud a bha mise a' smaoineachadh. 'S ioma... uill, thuirt mi sin, tha mi a' smaoineachadh gun robh mòran de sheann òrain a chaidh atharrachadh. [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good