Search

Prògram Choinnich

Date
Track ID 7018
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 30.08.1995

Summary

Opining on the success of the 1995 Edinburgh International Festival.

Edinburgh International Festival has had an exceptionally successful year with visitor numbers and ticket sales increasing to record levels. Aonghas MacNeacail gives his opinions on the Festival and the Fringe's success this year and discusses how the Festival has grown. He would like to see the individual festivals which form the Festival as a whole spread out over the whole summer.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Parish - Stornoway

Village/Place - Stornoway

Item Location

County - Midlothian

Parish - Edinburgh

Village/Place - Edinburgh

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha na h-àireamhan a th' air tiogaidean a cheannach aig Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann suas gu mòr air a' bhliadhna a tha seo. Thug iad a-steach barrachd sa chiad dà sheachdain 's a thug iad anns na trì seachdainean an-uiridh. Tha sin aig an fhèis fhèin. Tha e a' dol a cheart cho math dhan an Iomall. Tha iadsan air tiogaidean luach millean not a reic airson a' chiad turas. Chan eil sin a' cunntadh na tha a' tighinn a-steach aig na dorsan fhèin. Ma chunntas duine sin, bidh còrr agus trì millean gu leth not ga thoirt a-steach aig an Iomall. Mar sin, tha an fhèis a' soirbheachadh a thaobh airgead a tha a' tighinn a-steach, ach a bheil a thaobh cho math 's a tha na tha ri fhaicinn? Sin a tha mi airson fhaighinn a-mach an-dràsta bhon an sgrìobhadair Aonghas MacNeacail, a tha còmhla rium ann an Dùn Èideann. Madainn mhath, Aonghais.

Aonghas MacNeacail (AM): Madainn mhath, a Choinnich. Uill, tha mi ann a sheo agus tha pàipear an fhèis fhèin, tha roinn dhe na Scotsman agam mu mo choinneimh 's tha mi dìreach a' coimhead troimhe feuch dè... càit an tèid mi aig deich uairean, agus tha mi a' faicinn eadar deich 's meadhan-latha tha cha mhòr deich air fhichead àite anns am faodainn a dhol, agus bho mheadhan-latha gu dà uair tha leth-cheud. 'S dòcha gur e a' chiad rud a tha ann bu chòir dhomh smaoineachadh air, 's e poetry writing workshops. 'S dòcha gun dèanadh e feum dhomh, agus gu dearbh tha mi a' faicinn gur e...

CM: Haoi, Aonghais.

AM: 'S e am BBC fhèin a tha ga chur air... a tha ga chur air...

CM: Aonghais.

AM: Co-dhiù. Uh-huh?

CM: Na cuir thu fhèin troimh-a-chèile. Suidh sìos an-dràsta airson dhà no thrì mhionaidean.

AM: Cuiridh mi siud gu taobh an-dràsta. Agus 's ann mar sin tha e a' dol air adhart fad... fad an latha, faodaidh tu ràdh.

CM: Och uill, tha mi a' creidse gu bheil siud... gu bheil siud fair gu leòr. 'S e dìreach, chuireadh e tuathal duine sam bith a dheigheadh a Dhùn Èideann 's a chanadh ris fhèin, tha mi a' dol chun an fhèis, nach cuireadh?

AM: Ciamar a tha thu a' dol a dhèanamh taghadh?

CM: Chan eil fhios agam. Sin...

AM: Tha e do-dhèante.

CM: Chan eil fhios agamsa. Bha mise an dòchas gun cuireadh tusa beagan solas air a sin.

AM: Uill, innsidh mise dhut, a bhalaich, am fèis a b' fheàrr a bh' agamsa fhìn riamh, 's e fèis anns an robh mi, agus 's ann taobh a-mach Dhùn Èideann a bha mi. Bha mi a-muigh air eilean air an abhainn, ann an dealbh-chluich le Shakespeare, MacBeatha. Bha mise nam fhàidh Gàidhlig ann, agus...

CM: Ò, tha cuimhn' agam air a sin.

AM: Chòrd e rium a h-uile latha a bhith a' togail orm a-mach à Dùn Èideann agus mi a' smaoineachadh, tha mi a' dol a dhèanamh rudeigin feumail, 's bha mi nam phàirt den fhèis, ach...

CM: Uill, sin aon rud a tha air a bhith a' tachairt a-nise, agus anns an dol-seachad, ged nach ann airson mu... mu dheidhinn sin a tha mi airson bruidhinn, tha Fèis Dhùn Èideann a' dol a-mach a-nis, oir mar eisimpleir, mar... mar phàirt dhen an fhèis film a tha co-cheangailte ri seo, bha cuid dhen a sin air a bhith air fhaicinn ann an Glaschu am-bliadhna sa, nach robh? Agus...

AM: Bha. Bha, ceart gu leòr. Ach, uill, bha sin, bha film Fèis Dhùn Èideann air a leudachadh a-mach fiù 's air feadh Dhùn Èideann fhèin. B' àbhaist gun robh e gu ìre mhòr dìreach ri fhaicinn anns a' Film House agus Cameo, dà cinema a tha gu math faisg air a chèile air Rathad Lowdie. Ach am-bliadhna bha e a-muigh air, fhios a'd, sna... a h-uile ionad-film mòr air feadh a' bhaile, agus mar sin, tha mi a' smaoineachadh gu bheil an fheadhainn a tha ga riaghladh a-nise, uill, tha iad ga fhaicinn mar rud a bu chòir dhan a' mhòr-shluagh a bhith a' smaoineachadh air 's a' faicinn. Tha cuideachd Fèis Dhùn Èideann... Fèis Dràma Dhùn Èideann no Iomall an Fhèis, no pàirt de dh'Iomall an Fhèis, air a dhol ma sgaoil cuideachd. Tha Risky Demarco air dèanamh air Dùn Dè. Agus gu dearbh, tha mi dìreach... sùil agam air a' Herald an-diugh 's bha... tha am prògram aig Ricky air fad, bha ceithir fichead taisbeanadh agus dràma agus eile ri fhaicinn às fichead diofar dùthaich.

CM: Uill, tha barrachd airgead, a-rèiste, air a thighinn a-steach dha na diofar àitichean na thàinig a-riamh. A bheil sinn dha-rìribh air an ìre a ruighinn, a-rèiste, agus gur dòcha nach eil Dùn Èideann mòr gu leòr airson an fhèis a tha seo?

AM: Uill, tha mi a' smaoineachadh, ge-tà, tha trioblaidean ron an fhèis, ro na fèisean gu dearbha. An ath-bhliadhna 's dòcha gur ann nach bi e cho furasta dhaibh fuireach cho mòr, fhios a'd, leis gu bheil na roinnean air falbh agus gu bheil gnothaichean gu bhith an urra ris na sgìrean ionadail... uill, na sgìrean ionadail ùr. Chan eil na sgìrean mun cuairt air a bhith cho toilichte airgead... taic-airgid a thoirt do Dhùn Èideann, 's mar sin, dh'fhaodadh e bhith gum biodh e gu math duilich dhaibh bho seo a-mach. Ach nam bitheadh 's gun tèid e air adhart mar a tha e, bhithinn fhìn fada na bu toilichte gu dearbh nan sgaoileadh iad an fhèis a-mach air feadh... uill, gu h-àraid air feadh an t-samhraidh. Fhios a'd, nan tòisicheadh iad na bu tràithe. Tha... cò meud fèis... chan urrainn mi cunntas cò meud buileach fèis a tha a' tachairt aig an aon àm, ach tha am fèis fhèin...

CM: Tha Fèis nan leabhraichean.

AM: Tha an Iomall. Fèis Leabhraichean a h-uile dà bhliadhna. Seo a' bhliadhna a bha e air. Tha fèis film, fèis jazz, tha fèis dràma òigridh, 's tha dìreach... tha roinnean dheth a dh'fhaodadh a bhith air an toirt a-mach às na trì seachdainean a tha seo, saoilidh mise, agus dh'fhaodadh deagh fhèis a bhith ann cha mhòr cho mòr gach... gach seachdain 's gach latha 's a th' ann an-dràsta, nam biodh e air sgaoileadh a-mach beagan 's gun robh e a' tòiseachadh 's dòcha mìos nas tràithe agus fiù 's a' dol air adhart seachdain no dhà nas fhaide. Ged a tha... 's dòcha... tha na h-oidhcheannan a' tighinn a-staigh oirnn a-nise. 'S e àm 's dòcha iomchaidh tighinn gu crìoch a th' ann an-dràsta, ach saoilidh mise nam biodh e a' dol a' mhòr-chuid dhen t-samhradh gur e deagh rud a bhiodh ann.

CM: Uill, dè as coireach, na do bheachd-sa, gu bheil iad air a bhith a' reic barrachd thiogaidean am-bliadhna 's na tha iad air a bhith a-riamh roimhe. Dè as coireach ri sin? A bheil càil a bheachd agad? An e gu bheil, mar a dh'fhaighnich mi aig an toiseach, a bheil na nithean a tha rim faicinn, a bheil iad nas fheàrr air a' bhliadhna seo? No a bheil adhbhar eile air?

AM: Cha b' urrainn dhomh fhìn a ràdh, gu dearbh, a Choinnich, oir tha a cheart uiread de bhuidhnean fhathast am-bliadhna. Bha mi fhìn a' faighinn daoine a' fònadh thugam aig an robh eòlas air buidheann a bha a' dol a-mach air an àrd-ùrlar a h-uile h-oidhche agus gun èisteachd idir aca. Tha seo a' tachairt a h-uile bliadhna. 'S mar sin, dh'fhaodadh gur e gu... uill, tha rudan iongantach air a bhith air an fhèis a h-uile bliadhna. 'S dòcha gu bheil barrachd dhiubh air a bhith ann am-bliadhna - chan eil fhios agamsa - 's gu bheil daoine a' tighinn a-mach, no... Uill, tha rud eile ann cuideachd, ge-tà, am-bliadhna. Tha daoine ag ràdh gu bheil... tha samhradh math air a bhith againn, chan eil uiread de mhuinntir na dùthcha air a bhith a' dol a-null thairis. 'S dòcha gu bheil gnothach aige sin ris. Cò aige tha fios. 'S dòcha nach fhaigh sinn a-mach gu bliadhnaichean às dèidh seo.

CM: Anns an dol-seachad a-rithist - tha uiread de dhol-seachadan ann an seo agus a th' ann de dh'fhèisean fhèin - ach anns dol seachad, a bheil càil a bheachd agad ciamar a th' air a bhith a' dol dha na h-oidhirpean Gàidhlig a th' air a bhith a' dol aig an fhèis air a' bhliadhna seo? A bheil thu air guth a chluinntinn?

AM: Cha chuala mi guth fhathast. Chan eil fhios agamsa a bheil iad air a bhith... 's ann... an ann an t-seachdain sa a tha iad gu bhith...

CM: Tha mi a' smaoineachadh gur ann.

AM: Air an àrd-ùrlar.

CM: Bha cuideigin a' faighneachd dhòmhsa an-dè an robh miotagan bogsaigeadh agam airson... airson aon dhe na deilbh-chluich, ach cha robh.

AM: Shaoilinn... shaoilinn fhìn... tha iadsan a' dol a tharraing èisteachd bho na Gàidheil fhèin...

CM: Cha bhi iadsan air am fàgail mar a bha feadhainn dhen a sin, ge-tà, gun duine a' dol gam faicinn, am bi.

AM: Uill, cha bhi, cha bhi. Tha an èisteachd aca fad na bliadhna, agus thig, uill, cuibhreann math dhen èisteachd sin a-mach co-dhiù, agus a-nise cuideachd leis na sgoiltean a bhith air ais, tha pàrantan mun cuairt, tha muinntir a... muinntir a' bhaile fhèin uile air ais anns a' bhaile.

CM: A bheil càil sònraichte... càil sònraichte air a bhith a' tarraing aire dhaoine anns an Iomall air a' bhliadhna a tha seo? Oir 's ann ri sin a tha daoine a' coimhead. Tha na ceudan a' tighinn 's na ceudan bhuidheannan, ach an-dràsta 's a-rithist bidh... nochdaidh rudeigin gu sònraichte mu... os uachdar... os cionn chàich.

AM: Uill, tha grunn rudan math air a bhith ann. Tha deilbh-chluich Albannach fhèin gu math taitneach air a bhith ann. Bondagers, tha sinn air mòran a tharraing a-staigh, tha mi a' tuigsinn, aig an Traverse. 'S e dealbh-chluich le tè Sue Glover stèidhichte air boireannaich anns na Crìochan, agus tha e air a bhith air an àrd-ùrlar grunn thursan ron a seo. 'S e deagh rud gu bheil a leithid sin air a chur air an fhèis. Tha leabhar aig Alasdair Gray Lanark, chaidh sin a chur ann an cruth dealbh-chluich 's tha mi a smaointinn gu bheil e air èisteachd a tharraing cuideachd. 'S ann air an fhèis oifigeil a bha sin. Ach tha e tòrr gearain fhaighinn nach do dh'obraich e. Uill, tha cuid dhen an luchd-beachdachadh air a bhith a' gearan air nach do dh'obraich e idir 's cuid eile ag ràdh gur e oidhirp mhìorbhaileach a bh' ann. Cha d' fhuair mi fhìn cothrom fhaicinn. Mar a thuirt mi, cha d' fhuair... cha b' urrainn dhòmhsa m' inntinn a dhèanamh suas càit an deachainn 's chan fhaca mi càil fhathast. Uill, chunnaic mi rud no dhà, ach 's e glè bheag.

CM: Uill, nach e seo an cunnart a th' ann. Can an-dràsta, thug thusa a-mach pàipear ann an sin aig an toiseach agus thòisich thu a' dol troimhe. Bheireadh tu cho fada a' leughadh a h-uile càil a tha sin 's nach biodh tìde agad a dhol gu gin dhe na rudan.

AM: Uill, mun àm a ruigeas tu crìoch an duilleag, tha thu a' dol air ais gu an toiseach 's tha thu a' feuchainn, uill, dè an rud as fheàrr dhomh fhaicinn, dè an rud a b' fhìor thoigh leam fhaicinn, agus 's dòcha gu bheil dà rud a' dol a-mach aig an aon àm.

CM: Dìreach bheir dhuinn eisimpleir. A bheil am pàipear a tha siud agad fhathast, faisg air làimh?

AM: Uill, tha dhà no trì phàipearan agam faisg air làimh.

CM: Uill, nì aon a' chùis. Theirig air ais gu far an do thòisich thu ann an siud agus tu a' feuchainn ri innse dhomh... Dè seòrsa rudan a tha a' dol anns a' mhadainn an-diugh ann an sin?

AM: Uill, tha iad a' tòiseachadh aig leth-uair an dèidh naoi. Tha sin... dh'fhaodainn a bhith aig the only first floor cellar bar on the fringe. Talks and events. Chan eil fhios a'm càit a bheil... venue H seven, ge be càit a bheil sin. An uair sin tha... 's dòcha gu bheil e rud beag caran tràth airson scotch whisky talks and events aig an Scotch Whisky Heritage Centre. Tha sin... 's e sin rud a tha a' dol air adhart fad na h-ùine. Tha an uair sin a' chiad rud 's dòcha a tha gu tur ceangailte ris an fhèis, 's e pìos dràma, 's ann aig venue H seven, ge be càit a bheil sin a-rithist, When Housewives had the Choice, Burnt Bacon Theatre Company. Saoilidh mi gur e comadaidh a bhiodh ann a shin, 's dh'fheumadh e a bhith fìor tharraingeach airson daoine a tharraing a-mach aig cairteal gu deich sa mhadainn.

CM: Ò, gu dearbha.

AM: 'S an uair sin, tha... tha... mar a thuirt mi, tha poetry writing workshops. Tha an uair sin, tha dealbh-chluich do chlann. Uill, 's e pupaidean. The Enchanted Mermaid, aig cairteal gu aon uair deug anns a' Chafe Royal. Chan eil sin cho fada air falbh bhon a' BhBC.

CM: Cha tug... cha tug sinn iomradh air a sin, a dh'innse na fìrinn, oir a bheil tòrr nithean ann do dh'òigridh?

AM: Tha gu dearbh. Ò, tha. Tha an uair sin, tha theatre... uill, fuirich, gabh mo leisgeul, 's e circus workshop a-rithist aig deich mionaidean an dèidh deich. Tha... leth-uair an dèidh deich, Tickle, children's show. Ò, tha grunn de rudan dìreach an-diugh fhèin. Children's show, the Star Child, Pause for Stories, Clown Town. Tha grunn rudan a' dol a-mach, agus 's e an rud a tha 's dòcha iongantach, gu bheil iad fhathast a' dol a-mach agus a' mhòr-chuid dhen a' chlann... uill, bu chòir gum biodh a' mhòr-chuid dhen chloinn co-dhiù air ais anns an sgoil.

CM: Cha chan sinn a' chòrr mus fhaigh sinn cuideigin ann an trioblaid. Aonghais, anns a... anns an dealachadh, dè seòrsa faireachdainn a tha timcheall Dhùn Èideann aig an àm a tha seo, am-bliadhna sa? A bheil...

AM: Uill, mar a tha nàdarra dhan an Albannach, tha mi a' smaoineachadh, air fad, bidh sinn a' gearan. Bidh sinn a' gearan na th' ann de chàraichean 's na th' ann de dhaoine 's a h-uile seòrsa, ach mura bitheadh e ann, bhiodh sinn, tha mi a' smaoineachadh, bhiodh am baile gu math suarach. Fhios a'd, thig thu a-nuas, coisichidh tu tarsainn air na cluaintean, tha mise a' fuireach ann am Marchmont, 's coisich tarsainn air na cluaintean, tha circus mòr ann a shin, tha daoine air ais 's air adhart, tha thu a' tighinn a-nuas gu... gun a' Mheall, am Mound, agus aig bonn a' Mhill tha an t-àite loma-làn de gach seòrsa luchd-ciùil, actaran, daoine le pupaidean, tha juggler-an, a h-uile seòrsa, 's tha daoine a' reic stuth ann a shin cuideachd, agus 's e... 's e, fhios a'd, tha fèis agad dhut fhèin an-asgaidh ann a shin, fad an latha, agus cha robh... cha robh... bha e gu math sàmhach nuair a thàinig mi tarsainn an-dràsta, ach cuiridh mi geall gum bi iad a' dol. Bha feadhainn mar-thà a' deasachadh uidheaman-ciùil 's uidheaman-leasachaidh fuaim 's eile. Bha iad a' dèanamh deiseil airson tòiseachadh aig, fhios a'd, ro naoi uairean sa mhadainn.

CM: Aonghais, tapadh leat gu dearbh airson a thighinn a-steach cho tràth thu fhèin anns a' mhadainn. Na cuir thu fhèin troimh-a-chèile leis na pàipearan a tha sin idir. Thalla 's gabh copan cofaidh am badeigin.

AM: Nì mi sin, a bhalaich.

CM: Tapadh leatsa gu dearbha.

AM: Tapadh leat fhèin.

CM: Aonghas MacNeacail ann an sin ann an Dùn Èideann a' toirt a bheachd air mar a tha e a' faicinn an fhèis air a bhith a' dol air a' bhliadhna a tha seo, agus a' toirt rabhadh gur dòcha nach bi cùisean buileach cho furasta air an ath-bhliadhna.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good