Cailleach neònach ann an Hearmatraigh.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
71670
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1978.84.A8
Original Tape ID
Summary
The old hag of Hermetray.
A man was staying in a sheiling on Hermetray overnight with his dog, when a strange old woman came in. She took a hair from her head and asked the man to tie it round the dog's neck. The old woman then began to grow, and when the man commented she had her reply. The dog attacked her and chased her away.
Recording Location
County - Inverness-shire
Island - Berneray
Parish - Harris
Item Location
County - Inverness-shire
Island - Hermetray
Parish - Harris
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Iain Peatarsan (IP): Shin sibh a-nise.
Ceit Dix (CD): Bha iad a' ràdh o chionn fhada, eilean faisg air Beàrnaraigh air a bheil t-Hearmatraigh, agus bhiodh iad a' dol ann a bhuain na mònadh 's a' fuireach ann oidhcheannan ann an àirigh.
Agus bha an duine seo a-staigh na ònrachd, e fhèin 's a chù, agus 's ann a thàinig boireannach caoin truagh beag a-staigh. Agus co-dhiù, bha i... bha i na suidhe aig an teine, agus bha cù mòr aigesan agus bha e a' comhartaich 's a' comhartaich rithe, agus 's ann a thug i aona gaoisnean às a falt, agus dh'iarr i air an duine, air Fearchar, a cheangal air amhaich a' chù, agus a thoir dhi sin na làimh.
Dh'fhalbh Fearchar agus chaidh e sìos. Thug e leis an cù 's coltas an t-Sàtain air, agus cheangail e air pìos maide ceann a' ghaoisnein, agus thug e air a' chù laighe, 's thug e an ceann eile dhan chaillich. Agus cha robh sin fada nuair a sheatlaig an cù, nuair a thàinig... thòisich a' chailleach air fàs mòr, air fàs mòr.
"Ud a chailleach, tha thu a' fàs."
"Chan eil a ghaoil, ach m' iteagan 's m' oiteagan ag èirigh ris a' bhlàths."

Ò, sheall e an uair sin 's bha i uiread ri mart.
"Ud a chailleach, tha thu ag at."
"Biodh a' bhuil 's a' bhlàth dhut."
Agus thòisich i ri [???], bha an cù aice. Tha iad a' ràdh gun do reub e a casan 's gun do rinn dìol uabhasach oirre; gun do dh'fhalbh i. Agus gun robh tè a mhnathan-uasal a' bhaile aig an dotair air a reubadh le cù, gur e bana-bhuistreach a bh' innte.
Sin agad mar a chuala mise.
IP: Agus a bheil dad a chuimhn' agaibh cò aig chuala sibh seo an toiseach?
CD: Uill, nuair a bha sinn òg, bhiodh na seann daoine ag innse sgeulachdan, agus nuair a bhiodh... bha feadhainn ann a bhiodh ag innse sgeulachdan laghach, ach nuair a bhiodh daoine airson eagal a chur oirnn, 's iad sin a dh'innseadh dhuinn e. Agus uaireannan bhiodh iad... bhiodh iad... chluinninn aig m' athair fhèin iad nan robh sinn a-staigh againn fhèin. Bha iad... cha robh mòran am Beàrnaraigh a bhiodh ag innse sgeulachdan. Cha robh mòran. Bhiodh m' athair fhèin glè mhath, ach nuair a bha mise air falbh anns an Apainn, an Ardtur, bhithinn a' cluinntinn barrachd stòiridhean ann a shin.
IP: Bhitheadh, tha mi a' creidsinn.
CD: Bhitheadh. Bhitheadh.
IP: Bhitheadh. Ach an dearbh sgeulachd a bha seo, chan eil fhios agaibh cò an duine sònraichte aig an cuala sibh i?
CD: Chan eil mise a' smaoineachadh... tha mi a' smaoineachadh gur e fear ris an canadh iad MacColla a bh' ann an Ardtur, Eairdsidh MacColla ann an Ardtur. 'S ann aige a chuala mi a h-uile h-aonan bu ghràinde na chèile.
IP: Ò seadh. Glè mhath. Nise, bha sibh a' ràdh, an sgeulachd a bha... a dh'innis sibh ann a shiud mun a' chaillich, agus 's ann air Hearmatraigh bha i air a...?
CD: 'S ann, 's ann.
IP: Agus bha sibh a' smaoineachadh leis a sin gun fheumadh gun cuala sibh...
CD: Chuala mi aig m' athair an toiseach i. Chuala mi a-rithist i aig Bodach Ardtur, a theireamaid ris, agus bha e a' ràdh gur e balach a bha ga chosnadh aca, seirbheiseach, às na h-Eileanan an Iar, a bha ga innse dha.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good