Search

An cuimhne a th' aig an fhiosraiche air seanchaidh san sgìre...

Date
Track ID 7370
Part 1

Track Information

Original Track ID

SA1953.70.B1

Original Tape ID

SA1953.070

Summary

The contributor's memories of a local storyteller.

The contributor remembers going to visit Iain Dhonnchaidh's house when he was around seven or eight years old to hear his stories and songs. Iain was always busy making rope out of straw and heather. Most of the houses in the locality were thatched with Iain Dhonnchaidh's heather ropes. Each night the house would be full as it was the cèilidh house of the village. The contributor's aunt would be sitting spinning. Children would sit on peats around the fire in the middle of the floor. Others would tell stories too.

Iain was a small, sturdy man with a big black beard. He had an amazing memory. He died when he was around 50 years old.

Item Subject/Person

Iain Dhonnchaidh

Item Location

County - Inverness-shire

Island - Skye

Language

Gaelic

Genre

Information

Collection

SoSS

Transcription

Calum MacIllEathain (CM): A-nise, an sgeulachd a fhuair... a dh'innis sibh an-dràsta, bha sibh ag ràdh gun cuala sibh i aig seann duine anns an Eilean Sgitheanach, agus am b' urrainn duibh innse cò an duine a bh' ann, 's cò dha a bhuineadh e? Seadh...

Aonghas MacDhòmhnaill (AM): Bha, fear a bha pòsta aig piuthar mo mhàthar. Iain Dhonnchaidh a theireadh iad ris.

CM: Iain Dhonnchaidh.

AM: Seadh.

CM: Seadh.

AM: Agus tha cuimhn' agam nuair a bha mi na mo bhalach beag anns an Eilean Sgitheanach, gum bitheamaid-ne a' dol a dh'ionnsaigh an taighe aige a dh'èisteachd ri na sgeulachdan aige. Cha robh sinne a-mach air... cha robh mise an uair sin co-dhiù a-mach air seachd no ochd a bhliadhnaichean. Ach bha Iain, biodh e an-còmhnaidh ag obair air... a' dèanamh sìoman, sìoman-fraoich, no sìoman-fodair. Agus nuair a bhiodh... nuair a bhiodh am fodar ann bhitheamaid-ne nar creutairean beaga a' dèanamh nan sùgan.

Agus bhiodh Iain na shuidhe aig ceann na sèise agus e an sin ag obair leis na corrain, seann chorrain, fhios agaibh, agus gan cur timcheall agus a' dèanamh nan sùgan. Ach nuair a thigeadh àm a' gheamhraidh, nach biodh sin... nach biodh am fodar cho pailt, bhiodh an sìoman-fraoich ga dhèanamh aige. Agus cha robh taigh anns a' bhaile bheag againn fhèin nach robh air a thughadh le sìoman-fraoich Iain Dhonnchaidh.

Agus cha robh oidhche nach robh an taigh làn bho... bhon doras gus dìreach... bhiodh a' chailleach, piuthar mo mhàthar, bhiodh i na suidhe a' snìomh, srann aig a' chuibhle aice agus ise a' snìomh, agus Iain aig ceann na sèise agus fallas ga dhalladh, agus e ag obair air an t-sìoman-fraoich agus seinn òrain no ag innse nan sgeulachdan.

CM: Seadh dìreach. Bha an dà chuid aige.

AM: Bha an dà chuid aige. Agus na sgeulachdan, mar a dh'innseadh e fhèin iad, mar a bha an sgeulachd a bh' ann an seo, 's chuala mi ceud uair aige i, chan eil uair a dh'innseadh e i nach robh i ùr. Cha b' ann... chan abradh tu riut fhèin gun cuala thu roimhe i idir ach bha thu ag èisteachd dìreach mar gum b' e siud a' chiad uair a chuala thu i.

CM: Seadh dìreach, dìreach. Agus a-nise, 's e... 's e de chinneadh Làmanach a bha e?

AM: Làmanach, 's e. Làmanach a bh' ann. 'S e Nic a' Phearsain a bha am piuthar mo mhàthar.

CM: Dìreach, dìreach. Agus a-nist, an ann an Cille Mhoire a bha iad nan còmhnaidh?

AM: 'S ann, riamh, 's ann.

CM: Dìreach, dìreach. Agus a-nist, a bheil e fada on a chaochail esan?

AM: Ò tha, tha deich bliadhna fichead, tha mi a' creidsinn. Tha.

CM: Deich bliadhna fichead. Agus an d' fhuair e aois mhath mun do...?

AM: Cha d' fhuair e aois mhòr idir. Cha robh e a-mach air leth-cheud bliadhna, tha mi glè chinnteach, nuair a chaochail e. Ach bha sinne an uair sin ann an Glaschu fada... dh'fhàg sinn an t-eilean nuair a bha mise glè òg, mu dheich bliadhna a dh'aois.

CM: Dìreach. 'S e sin an taigh-cèilidh a bhiodh ann sa gheamhradh?

AM: Sin an taigh-cèilidh a bh' aig a' bhaile. Taigh Iain Dhonnchaidh.

CM: 'S bhiodh a h-uile duine a' cruinneachadh ann, na h-oidhcheannan geamhraidh.

AM: Bhiodh a h-uile duine a' cruinneachadh agus bhiodh iad a' faotainn rudeigin ùr agus sean a h-uile h-oidhche.

CM: Agus 's e fhèin an-còmhnaidh a bhiodh na fhear... na sheanchaidh ann, an e?

AM: Ò, 's e.

CM: Mar bu trice...

AM: Bhiodh gu leòr... bhiodh gu leòr eile a' tighinn a-staigh a bha ag innse nan sgeulachdan cuideachd. Agus 's dòcha gur e sgeulachd a dh'innis e fhèin a bh' ann. Ach, bha i a cheart cho ùr dha na cèilichean agus bha i nuair a bha Iain Dhonnchaidh fhèin ga h-innse. Ach cha robh duine a dh'innseadh coltach ris-san i.

CM: Seadh dìreach.

AM: Cha robh duine a dh'innseadh coltach ri Iain Dhonnchaidh i.

CM: Bha an dòigh aige air innse. Agus a-nist, a bheil sìon a chuimhn' agaibh an e duine... dè seòrsa cumadh duine a bh' ann? An e duine beag a bh' ann?

AM: Duine beag a bh' ann. 'S e. Cha robh e mòr idir. Cha bhiodh e... cha bhiodh e a-mach air... theirinn, a-mach a chòig troighean 's sia òirlich no leithid sin, ach bha e dèanta, cumadail. Agus bha feusag... feusag mhòr air... dubh. Cha robh gaoisnean liath na cheann. Feusag mhòr dhubh air. Agus ò, 's e fhèin a sheinneadh na h-òrain.

CM: Sheinneadh e òrain cuideachd, seadh.

AM: Ò, cha chuala sibh duine riamh a sheinneadh seann òrain coltach ris. Cha chuala.

CM: Agus tha mi cinnteach gu bheil beachd agaibh nuair a bhiodh e... gun robh àite sònraichte aige san taigh 's far am bhiodh e na shuidhe an-còmhnaidh?

AM: Bhiodh e aig na shuidhe aig ceann na sèise.

CM: Agus... seadh, dìreach.

AM: Sin far am bitheadh e.

CM: Agus... a-nise, am bhiodh òigridh 's aosta 's meadhan-aosta a' tighinn a chèilidh air?

AM: Bhitheadh. Bhiodh an taigh làn. Bha... bhiodh an t-sèise làn dhe na fir, agus bhiodh cathraichean no sunnagan ann. Agus bhiodh na boireannaich nan suidhe ann, agus bhitheamaid-ne nar rudan beaga nar suidhe air fòidean-mònadh mu choinneamh... mun cuairt don teine mhònadh am meadhan an ùrlair.

CM: Agus can... canaibh na cèileadaran a bhiodh a' tighinn an-còmhnaidh. Am bhiodh iad car a' suidhe san aon àite far an do chleachd iad suidhe?

AM: Ò cha bhitheadh, ach far am biodh àite nuair a thigeadh iad a-staigh.

CM: Far am biodh àite dhaibh.

AM: Nuair rachadh iad a-staigh, dìreach far am biodh àite.

CM: Agus feumaidh a-niste gun robh cuimhne mhath aigesan air rudan mar sin a chuala e?

AM: Ò, cuimhne. Bha cuimhne aige dìreach... bha cuimhne aige air a h-uile càil a thachair 's a h-uile càil a chuala e riamh bhon a bha e na bhalach beag.

CM: Seadh dìreach.

AM: A h-uile ni. Bha cuimhne air leth aige.

CM: Eadar eachdraidh 's a h-uile naidheachd, sgeulachd 's òrain.

AM: A h-uile naidheachd, sgeulachd agus òrain. Agus 's e call... call air leth a bh' ann nach robh duine ann aig an robh suim nuair a bha Iain Dhonnchaidh beò a sgrìobhadh sìos beagan dhe na... dhe na seann sgeulachdan a bh' aige, gu h-àraid agus na seann òrain.

CM: Agus tha sibh ag ràdh gum biodh... car gun cuireadh e fad geamhraidh seachad cha mhòr 's gum biodh rud ùr aige cha mhòr an-còmhnaidh?

AM: Chuireadh e geamhradh seachad... chuireadh e geamhradh seachad... agus cha bhiodh... cha leigeadh sibh leas a ràdh gun do dh'innis e an aon rud dà uair.

CM: Dìreach, dìreach.

AM: Bha a leithid aige dhiubh.

CM: Seadh. Ò uill, feumaidh gun robh e math air an dòigh sin.

AM: Ò bha e math. Duine iongantach.

CM: Uill, bha sibh fortanach gun d' fhuair sibh na th' agaibh bhuaithe co-dhiù mun do dh'fhalbh sin.

AM: Nan robh mi air a bhith na bu ghlice, nuair a bha mi na b' òige, bha mi air barrachd fhaighinn, ach bha e duilich nach robh... nach robh duine eile anns an àite a ghabh beachd air na sgeulachdan a bh' aige.

Source Type

Reel to reel

Audio Quality

Good