Chunnacas na Trì Chalmanan Geala
Contributors
Fieldworkers
Unknown Person
Date
Track ID
81234
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1966.122
Original Tape ID
Summary
A small fragment of an Ossianic lay mentioning Deirdre and Naois of Clan Uisne.
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Chunnacas na trì, na trì, calmana geala, geala,
Leis na trì, na trì, balgama meala, meala, meala nam beul.
'S o Naoise mhic Ùisne, sorchair thusa dhomh dubhar mo sgèil.
Chan eil ann ach bruadal pràmh is lionn-dubh mhnà,
A Dheirdre mo ghaoil.
Chunnacas na trì, na trì, seabhaga dubhailc, dubhailc,
Leis na trì, na trì braona fala fuar-fhuil nan treun.

Chunnacas na trì, na trì, fitheacha dubha, dubha,
Leis na trì, na trì duilleagan dubhach crann-iubhair an èig.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good