Prògram Choinnich
Track Information
Original Tape ID
Summary
Kenna Moffat talks about her childhood days in Stilligarry.
Kenna Moffat remembers back to her childhood days in Stilligarry, South Uist. Her father was a blacksmith and she talks about the busy life at the smithy and the equipment which her father used there, such as the anvil, bellows and grindstone. There were other blacksmiths as well, who were all MacRurys. Kenna made up a dresser which is over a hundred years old that they had in the old house. She has a photo of the old thatched house, and tells how she didn't like going out to the peat stack at night. She has a great interest in the songs of Donald Allan MacDonald, especially 'Gruagach Òg an Fhuilt Bhàin'.
Item Subject/Person
Moffat, Kenna
Recording Location
County - Ross and Cromarty
Island - Lewis
Parish - Stornoway
Village/Place - Stornoway
Item Location
County - Inverness-shire
Island - South Uist
Parish - South Uist
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Ceanag Moffat (KM): Tha gu math, a Choinnich. Ciamar a tha thu fhèin?
CM: Ò, chan eil adhbhar ghearain idir. Gaisean no dhà liath bho chiad turas a chunna mi thusa. Chan e gur e thusa a dh'adhbharaich iad.
KM: Ò, tha greis on uair sin.
CM: Dè do chor an-diugh?
KM: Ò, tha deagh chor. Tha i caran robach, fliuch às dèidh na deagh shìde a bh' againn, ach feumaidh sinn cur suas ris.
CM: Sin agad e, gu dearbha. Tòrr cheistean agamsa ann an seo. An seòrsa ceist a chòrdadh e rium a bhith air a chur ort bho chionn fhada, ach nach bu dùraig dhomh. Dè a' chiad chuimhne a th' agad, a Cheanag?
KM: Ò, tha mo chuimhne... tha mi a' smaointinn gu bheil mo chuimhne a' dol air ais gus nuair a bha mi anns a' phram, cha mhòr. Bhiodh iad a' ràdh rium gun robh mi a' bruidhinn mun robh mi a' coiseachd, tha mi a' smaointinn. Ach tha mi a' smaointinn gur e a' chuimhne as fheàrr a th' agam gur e... 's e gobha a bha nam athair, agus bha sinn a' fuireach ann an taigh-tughaidh ann an Stadhlaigearraidh, agus a' chuimhne a th' agam gum biodh mòran bhodaich daonnan a' tighinn dhan cheàrdaich, agus bhiodh eich ceangailte taobh a-muigh an taighe, 's tha cuimhn' a'm na bodaich a tha sin, bhiodh iad daonnan a' tighinn a-staigh gu tì, 's mar bu trice bhiodh oilisginean mòra dubh orra, 's tha cuimhn' a'm mo mhàthair, bhiodh i trang a' fuine, 's dh'fheumadh i stad 's tì a thoirt dha na bodaich an sineach. Agus tha cuimhn' a'm cuideachd nuair a bhiodh lathaichean fliuch ann, na bhiodh de dhaoine a' cruinneachadh sa cheàrdaich. Fhios agad, 's e àite blàth a bh' ann, 's am balg a' dol, 's deagh theine guail air. Agus tha na rudan a tha sineach, tha iad uabhasach... saoilidh mi fhathast gum faigh mi am fàileadh nuair a bhiodh m' athair ag obair air na cruidhean a chur air na h-eich, agus saoilidh mi gun cluinn mi am fuaim, fhios agad, nuair a bhiodh e a' cur an t-iarann teth dhan uisge. Tha na rudan a tha sineach uabhasach fhèin... tha cuimhne mhath agam air a sineach air fad.
CM: Ò uill, dòigh-beatha a bha sin nach eil idir ann a-nise.
KM: Ò, 's e. Chan eil eich ann a-nist.
CM: Càit an deach a h-uile càil a bh' aige anns a' cheàrdaich?
KM: Tha pàirt dheth ann fhathast. Tha an t-innean 's tha am balg 's tha... och, tha pàirt dheth air chall, ach tha, tha a' chuid as motha dhe na gnothaichean an siud fhathast. Tha a' chlach... clach-lìomhaidh taobh a-muigh na ceàrdaich, 's tha... tha mi a' smaointinn nach eil crudha air fhàgail idir ge-tà. Bhiodh a h-uile duine a' tighinn 's a' toirt leotha crudha eich airson a chur air an doras aca.
CM: 'S e tha dìreach a' tighinn a-steach gu m' inntinn ann a shiud, gum bu chòir sin a bhith air a chumail, dìreach... tha e mar-thà... agus cuimhn' agad fhèin air, tha e na phàirt cudromach de dh'eachdraidh an àite, nach eil?
KM: Ò, tha. Ach bha... 's e... bha triùir no cheathrar dhe na goibhnean iad siudach ann. Clann 'ic Ruairidh. Bha iad uile càirdeach, agus tha ceàrdaich no dhà eile anns an eilean cuideachd.
CM: An aon rud a bha mi a' dol a chantainn riut, na tilg às idir e.
KM: Ò, cha tilg.
CM: Tha sinn cho dualach a bhith a' tilgeil rudan às, nach eil?
KM: Ò tha, tha.
CM: Agus tuigidh sinn an uair sin cho prìseil 's a bha cuid dhiubh.
KM: An uair sin bidh an t-aithreachas oirnn.
CM: Sin agad e. A bheil rud pearsanta agad am broinn an taighe nach dealaicheadh tu ris?
KM: Ò, 's ioma rud sineach. Tha mise uabhasach gus a bhith a' cruinneachadh smodal. 'S fìor thoigh leam seann dealbhan, seann lampaichean, ach tha mi a' smaointinn gur e an rud as fheàrr leam a th' agam, gur e seann dreasair air a dhèanamh le fiodh daraich. Bha e anns an t-seann taigh an Stadhlaigearraidh, ach gun tuirt mo phiuthar bheag rium gun robh còir agam a chaitheadh dhan a... ann an làraidh an sgudail. Thug mise air ais e 's sgrìob mi 's ghlan mi e, 's tha mi uabhasach measail air an dreasair a tha sin.
CM: A bheil càil a dh'fhios agad cò às a thàinig e, no...?
KM: M' athair a fhuair an Glaschu e uaireigin o chionn fada, agus... ach chan eil fhios a'm, tha mi cinnteach gu bheil e còrr 's ceud bliadhna co-dhiù a dh'aois.
CM: Dè bhios tu a' cumail ann?
KM: Ò, soithichean 's... na bi a' faighneachd dhomh dè th' anns na dràthraichean. Tha a h-uile rud annta.
CM: Pàirt dhen an smodal a bhios tu a' cumail.
KM: 'S e.
CM: Dè mu dheidhinn deilbh a-nise? An tè-chruinneachaidh deilbh a th' annad?
KM: 'S e, a chionn 's bidh an duine agam a' dèanamh dhealbhan, agus tha mòran dhealbhan agam, ach tha mi a' smaointinn gur e an tè as fheàrr leam a th' agam, gur e... nuair a bha sinn a' fuireach an Glaschu, tha mi cinnteach, 's bhiodh beagan cianalas orm, tha dealbh mhòr... nuair a bha sinn a' fuireach ann am flat, fhios agad, leis na ballachan àrda, àrda, 's tha dealbh agam de Stadhlaigearraidh 's tha an seann taigh againn fhìn ann a bha brèagha 's tughadh air, 's anns an dealbh a tha sin tha taighean ann nach eile idir ann a-nist, agus ballachan 's feansaichean far nach robh feansaichean roimhe 's gnothaichean, agus 's fìor thoigh leam an dealbh a tha sin. Cha dealaichinn idir leatha.
CM: Nise, a bheil sgil nach eil agad a bu toigh leat a bhitheadh agad, no a bu toigh leat ionnsachadh?
KM: Tha. Saorsainneachd. Bu fhìor... chòrdadh e rium math, math a bhith nam shaor, agus gum faighinn gach sgeilp 's gach rud a tha feumach air a chur suas a-staigh agam 's gun dèanainn fhèin e seach a' feitheamh air an fhear a tha an aon taigh rium.
CM: A bheil e... a bheil e a' cluinntinn seo?
KM: Ò chan eil, chan eil. Tha e a' teagasg an-dràsta 's tha mi sàbhailte gu leòr.
CM: Ma-thà, tha mi an dòchas gun innis cuideigin dha. Dè, a Cheanag, a bu mhotha a chuir eagal ort a-riamh?
KM: Tha mi a' smaointinn gur e... ò, tha mi cinnteach gu bheil còrr 's fichead bliadhna ann 's mi a-staigh air làithean-saora, agus ma tha e ag èisteachd bidh fhios aig an fhear a th' ann gur e as coireach ris a seo, gur e a dh'fhàg nach eil mo chridhe-sa ro mhath. Bha mi a' cèilidh an Togh Mòr, agus nuair a bha an t-àm agam falbh dhachaigh bha fear an taighe, bha e a' dol a thoirt dhomh lioft dhachaigh anns a' chàr. Ach co-dhiù, nuair a chaidh sinn a-mach, bha... san taigh mhòr a bh' ann an uair sin, bhiodh luchd-turais a' fuireach ann, agus nuair a thàinig e a-mach, bha làraidh mhòr aig gach ceann dhen chàr 's chan fhaigheadh e an càr a-mach. Agus bha e ri ràdh aig an àm gun robh bòcan ri fhaicinn sìos pìos o na caileithean a tha siud sìos mu na... mu na cuaraidhean. 'S co-dhiù, nuair a bha mise a' falbh... bha an uair ud, bha e meadhan-oidhche no suas gu uair sa mhadainn, agus thuirt e rium:
"Uill, tha mi an dòchas nach tachair am fear a tha seo riut."
Uill, dh'fhalbh mise agus cha robh mi fad sam bith - tha mi cinnteach nach robh mi cairteal a mhìle - nuair a dh'fhairich mi an aon sporghail a bha seo an dìg an rathaid, agus dh'fhalbh mi, agus tha mi a' smaointinn dìreach gun robh mo chridhe nam sgròban nuair a ruig mi Stadhlaigearraidh. Bha mi dìreach, cha robh leithid de dh'eagal riamh nam bheatha orm. Ach chan eil fhios a'm fhathast dè a chuala mi. Tha mi cinnteach nach robh ann ach eòin no caora no rudeigineach, ach chuir e eagal mo bheatha ormsa co-dhiù.
CM: Nach àraid sin. Tha cuimhn' agam a bhith a' bruidhinn ri fear ann an Taigh Uibhist uaireigin 's bha sinn... bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn sin, man a bha anns na seann làithean, mar a bhiodh daoine a' cluinntinn 's a' faicinn rudan dhen t-seòrsa sin, 's bha mi a' faighneachd dha, an dùil dè as coireach nach bi daoine a' cluinntinn 's a' faicinn na rudan sin an-diugh? Tha, a' dol seachad anns na càraichean. Tha na rudan ann fhathast, ach dìreach, tha sinn air gluasad air falbh bho nàdar 's chan eil sinn cho faisg air.
KM: Chan eil. Ò ,.bha mi fhìn riamh eagallach ron dorchadas. Tha cuimhn' a'm nuair a bha mi beag 's a' dol a-mach dhan chruach-mhònaidh, bhithinn dìreach, bha mi air mo chlisgeadh. Dh'fheumainn an doras fhàgail fosgailte, no cuideigin seasamh san doras. Bha mi... chan eil fhios a'm dè... chan urrainn dhut a chuideachadh. Dìreach, chan eil... b' fheàrr leam cus coiseachd air sràid thrang sa bhaile mhòr, am baile Ghlaschu, na coiseachd dà mhìle anns an dorchadas ann an Uibhist.
CM: Cha b' e buileach an aon rud a bhiodh a' cur eagal ort, ge-tà.
KM: Chan e.
CM: Nise, an do rinn thu, no an do thachair càil dhut a-riamh, a dh'fhàg d' aodann gu math dearg, a mhaslaich thu?
KM: Ò, 's ioma rud sin, 's tha mi cinnteach gur ioma triop a mhaslaich mi daoine eile cuideachd, ach tha mi a' smaointinn gur ann ann am Port-adhair Ghlaschu - seo mun do phòs mi - 's cha robh mi uabhasach eòlach air... 's e an duine agam a bha gam choinneachadh - tha mi pòsta aige a-nist. Tha o chionn iomadach bliadhna. Ach cha robh mi uabhasach eòlach aig an àm, 's bha e gam choinneachadh. Co-dhiù, nuair a thàinig am baga agamsa, nuair a bha e a' dol mu chuairt air a' ghnothach a tha sineach anns a' phort-adhair, nach do spreadh e, 's chan fhaca tu leithid de ghnothaichean riamh a' falbh air ach... Maragan an siud 's an seo, 's pìos muilt, 's aran-buidhe, 's drathaisean, 's gach iomadach rud eile a bhios ann am baga boireannach, 's dh'fhalbh sin air fad air feadh an ùrlair, 's cha robh againne ach a chruinneachadh. Ò, bha mi air mo dhearg nàrachadh. Chan eil fhios a'm ciamar nach do ruith e air falbh bhuam.
CM: Uill, fhuair e eòlas gu math cabhagach air dè bh' agad anns a' bhaga.
KM: Ò uill, tha mi cinnteach gun d' fhuair e e fhèin a share dheth.
CM: Na maragan.
KM: Sin e.
CM: Dè an t-aithreachas a bu mhotha a ghabh thu a-riamh?
KM: Tha mi... chan eil fìor... aon rud air an urrainn dhomh... rud sònraichte sam bith air an urrainn dhomh smaointinn, ach tha mi a' smaointinn gur e an t-aithreachas as motha a th' orm nach do dh'èist mi barrachd ri daoine nach eil ann an-diugh, mar a tha m' athair agus nàbaidhean a bh' againn 's daoine aig an robh mòran eòlas 's eachdraidh an àite, 's fiosrachadh. B' fheàrr leam gun robh mi air barrachd ùidh a chur annta nuair a bha mi òg. Agus tha an t-aithreachas orm a-nist nach do dh'ionnsaich mi barrachd bhuapa.
CM: Cò againne nach can an aon rud, tha mi cinnteach. Chan eil luach againn orra nuair a tha iad ann, agus chan eil tuigse againn 's dòcha gur e sgeulachd beatha nan daoine sin eachdraidh an latha an-diugh.
KM: 'S e. Tha sin ceart.
CM: A bheil aon rud ann air a bheil fìor ghràin agad?
KM: Tha. Daoine a bhios a' ceasnachadh mu ghnothaichean agus fhios agad gu bheil fios acasan air barrachd mu dheidhinn na th' agadsa. Sin aon rud nach eil mi air a shon idir. Mar a chanas iad, 'Faighneachd 's fios, nas miosa na a' mhèirle', nach eil?
CM: Carson a tha thu ag ràdh sin mar gum biodh tu ga ràdh riumsa?
KM: Ò, na gabh thugad fhèin idir e, a Choinnich.
CM: Dè seòrsa suidheachadh mu bheil thu a' ciallachadh a-rèiste? Dè... tha thu a' ciallachadh, tha fhios aca glè mhath air an rud ach tha iad gad cheasnachadh airson dìreach feuchainn ri dhèanamh a-mach ciamar a tha fhios agad?
KM: 'S e, a' feuchainn ri dhèanamh a-mach, 's dòcha gu bheil fios agadsa air beagan a bharrachd, no tha iad 's dòcha gu bheil iad airson fhaighinn a-mach dè dìreach a bheil agadsa... no a bheil fhios agad idir air dad mu dheidhinn. Tha mi a' smaointinn gu bheil thu a' tuigsinn dè tha mi a' ciallachadh.
CM: Tha mi a' tuigse glè mhath. Nam b' urrainn dhut a bhith air òran a sgrìobhadh, dè an t-òran a bhiodh ann?
KM: Uill, tha ùidh mhòr agam anns a' bhàrdachd aig Dòmhnall Ailean Dhòmhnaill na Bainich, agus tha mi a' smaointinn nam bithinn-sa... tha mi a' smaointinn gur e 'Maighdeann Òg an Fhuilt Bhàin', gur e sin òran cho brèagha 's a chaidh riamh a sgrìobhadh.
CM: Am bi thu a' seinn?
KM: Cha bhi. Ò, chan eil... chan eil guth seinn agam idir. Ò, dh'fhalbhadh a h-uile duine a-mach às an rùm nam bithinn-sa a' dol a sheinn.
CM: Ò uill, chan eil mi ag iarraidh gun cuir iad dheth an rèidio buileach fhathast a bharrachd a-rèiste. Nam b' urrainn dhut àite chuideigin eile ann an eachdraidh a ghabhail, cò bhiodh ann?
KM: Ò, 's e ceist uabhasach dhuilich a tha sineach, ach tha mi a' smaointinn... cuideigin mar a tha Kate Adey a th' air a bhith ann an suidheachaidhean cunnartach air feadh an t-saoghail. Cuideigin mar sineach, no 's dòcha Marie Curie, a thug suas a beatha airson leigheas aillse fhaighinn. Cuideigin mar sineach. Ach tha a leithid de dhaoine ann a bheirinn urram mòr dhaibh. Ach tha mi a' smaointinn gur e Marie Curie, gur i... cuideigin mar sineach.
CM: Ach a-rithist, daoine mar sin, 's dòcha nach eil iadsan gam faicinn fhèin mar dhaoine dìreach cho luachmhor ann an seagh idir. 'S dòcha gur e na ginealaichean às an dèidh a tha gam faicinn luachmhor, agus...
KM: Sin agad e. 'S ann ann am bliadhnachan a-rithist, 's dòcha gur ann anns an ath linn a tha daoine a' faicinn na rinn na daoine a bha sin airson daoine eile.
CM: Sin a bhios mi a' smaoineachadh mu dheidhinn cuid dhe na daoine air am bi sinn a' dèanamh tàir an-diugh airson na seòrsa beachdan a th' aca 's na seòrsa rudan a bhios iad a' sgrìobhadh, agus bidh sinne dìreach gu math cruaidh orra, 's bidh mi ag ràdh rium fhìn uairean, 'Uill, an dùil anns na làithean a tha romhainn an e seo an seòrsa beachd a bhios aig daoine, no an e gun robh iadsan fada air thoiseach air a' chòrr againn?'
KM: Uill, bidh cuimhn' aig daoine ortsa co-dhiù, a Choinnich.
CM: Carson?
KM: Uill, tha thu... thathar gad chluinntinn a h-uile latha againn.
CM: Tha. Sin carson a tha switch air - faodaidh iad a chur dheth. Nam biodh cothrom agad aon rud sònraichte nach do rinn thu a dhèanamh le do bheatha, dè bhiodh ann?
KM: Barrachd siubhail. B' fheàrr leam gun robh mi air barrachd dhen t-saoghal fhaicinn, 's chòrd e rium dùthchannan mar a tha Sìona 's Ruisia 's Astràilia fhaicinn, ach tha mi cinnteach nach eil cus teansa air sin.
CM: Carson?
KM: Uill...
CM: Boireannach òg.
KM: Cion airgid. 'S dòcha latha brèagha air choreigin, ma gheibh sinn an lottery, no ma tha duine ag èisteachd aig a bheil dìleab a tha iad airson a chur nam rathad...
CM: Ò, ma-thà, cuireadh iad an dàrna leth thugam fhèin cuideachd.
KM: Chòrdadh e rium tuilleadh siubhail a dhèanamh.
CM: Uill, a Cheanag, tha... bha e uabhasach dhut a thighinn a-steach dhan an stiùidio a Lìonacleit an-diugh, a bhith a' freagairt mo cheistean, a bhith ann an seo agamsa mar chèiliche. Tapadh leatsa gu dearbha.
KM: Mòran taing dhut fhèin, a Choinnich.
CM: Ceanag Moffat ann an sin, cèiliche na seachdain sa, ann an Lìonacleit.
Source Type
Dat
Audio Quality
Good